Padruig Moireasdan 2

GW00.05: So, fhuair thu ceum ann an Dùn Èideann, ann an ceòl agus Scottish Ethnology, an e, an chuid, no. .. ?
PM00.15: Aidh gu teignigeach, ’s e ceòl am prìomh rud, ach bha tòrr dhen Scottish Ethnology na lùib.

GW00.25: So sin agad MA, an e?

PM00.29: ’S e B. .. a bhann? ’S e BA a bhann, BA a bha sin. Agus an uair sin tha, can sa bhliadhna mu dheireadh, bha mi air na trì cuspairean a dhèanamh. Ceòlcluicheadh. Ceòl a sgrìobhadh. Agus an tràchdas, ’s e tràchdas ethnology a bhann, really, acoimhead air an ceangal san fhiceadamh linn eadar an eaglais agus ceòl is bàrdachd ann an Uibhist a Tuath.

Ach, an uair sin, bha agam, caran, ri rudeigin a thaghadh. Agus roghnaich mi a dhol sìos slighe sgrìobhadh. Agus chaidh mi a dhèanamh MA, agus bha daoine air moladh rium, “Tha bliadhna agad airson maighstireachd a dhèanamh. Chan eil ann ach bliadhna. ’S e deagh chothrom a thann a dhol a dhàiteigineach eile.” Agus chaidh mi a dhÈirinn airson bliadhna.

Agus bha mi, chan ann sa Ghàidhealtachd an Èirinn, ach gu math faisg air BailAth Cliath ann an àite air a bheil Maigh Nuad, no Maynooth. Aguss e baile beag eachdraidheil a thann, gu math sean. Seann oilthigh aca ann an shin, agus rinn mi bliadhna, afuireach ann an shin, agus adèanamh maighstireachd ann an, ann an composition. Agus an uair sin, aig deireadh na bliadhna a bha sin, bha iadam fear a bhann, ann an shin - ’s ann a chaidh mi ann an shin air sàilleabh an neach-teagaisg a bha ann, agus bha esan amoladh gun dèanainn an uair sin ceum dotaireachdPhDann an Composition fhathast, agus bha e ag ràdh, ’s dòcha gum biodh airgead ri fhaighinn air a shon, ’s chaidh mi tron sin, ’s gu fortanach, gu fàbharach, fhuair mi an taic-airgid airson ceum ceithir bliadhna dotaireachd a dhèanamh, ’s tha sin ann an, ann an Composition. Aguss ann acoimhead air mar a tha ceòl tradaiseanta agus ceòl clasaigeach atighinn còmhladh. Agus tha, tha mi adèanamh beagan studaigeadh air mar a tha sgrìobhadairean ciùil ann an Alba air ceòl tradaiseanta a chleachdadh nan cuid ciùil, ach cuideachd dhomhsa, ’s e rud air an robh mi ag amas fad bhliadhnaicheanrud a bha, caran, gu math nàdarra dhomh - ’s e a bhith afeuchainn ris an rud a chur còmhladh.

Agus afeuchainn ris an rud a chur còmhladh ann an dòigh far a bheil co-ionnanachd ann eadar an ghnè chiùil. Dhfhaodadh nach e rud cho furasta a thann, ’s uaireannan tha làmh an uachdair aig aon seòrsa seach am fear eile. Ach - ’s mar sin an-dràsta tha mi letheach-slighe tron cheum a tha sin.

GW03.32: Agus tha thu adèanamh sin aig an taigh.

PM03.35: Aig an taigh, air astar. Thòisich mi ga dhèanamh air astar, agus tha e a-nis comasach a dhol a bhith afuireach air ais ann an Griomasaigh làn ùine gus crìoch a chur air acheum a tha sin.

GW03.48: Glè mhath. Ach inntinneach gun deach thu a dhÈirinn airson sin a dhèanamh an toiseach. Ann an dòigh, leis gu bheilwell, o thaobh na Gàidhlig, ’s dòcha gum biodh e inntinneach an diofar fhaicinn, mar gum biodh, eadar mar a thathas adèiligeadh leis a.. .leis aGhaeilge ann an Èirinn agus mar a tha sinne adèiligeadh le Gàidhlig ann an sheo. A bheil sin aira bheil thu air dad a mhothachadh mu dheidhinn sineach no.. .?

PM04.17: Well, bha, bha mi gu math faisg air BailAth Cliath, agus bhiodh e air a bhith math a bhith na bfhaide dhan, dhan Ghàidhealtachd, dhan.. .dhan iar, ach, well, cha burrainn dhomh an rud a dhèanamh.

Mar sin chan e sgìre Gàidhealach a bhann, ach gun teagamh tha tòrr dhen òigridh adol tron Ghàidhlig, ’s tha, tha inbhe nas àirde aig achànan air feadh na dùthcha ann an Èirinn, ’s mar sin bha clasaichean oidhche ann, agus chaidh mi gu cuid, ach tha mi asmaointinnbha an chànan cho faisg gun robh e ro dhoirbh.

Agus well bha tòrr adol aig an àm co-dhiù. Dhfhaodadh e, ’s dòcha, air a bhith na bfhasa nam bithinn air an cànan a chleachdadh ann an suidheachaidhean nas nàdarra, ach cha, cha do shoirbhich leam ro mhath dìreach sna clasaichean oidhche a bha sin.

Ach thabha, bha rudan ann ri mothachadh a thaobh achiùilsa cheòl a thaca thall ann an Èirinn. Agus bha tòrrbha e, bha e inntinneach, ann an Èirinn, mar a tha na sgoilear.. .na, na h-oileanaich atighinn às an dùthaich. Agus tòrr de.. .dhan òigridh a bha an sàs ann an ceòl tradaiseanta ann an Èirinn, ’s ann às an, às an dùthaich, às na sgìrean iomallach a tha iad atighinn. Agus tha iad uileadh gu math pròiseil às na sgìrean acasiorrachd Mayo no Kerry no rud sam bith.

Agus tha iad uileadh atilleadh dhachaidh air na deireadh-seachdainnean, ’s chan eil iad ach anns a.. .sa bhaile oilthigh o Diluain gu Diardaoin no Dihaoine. Ach òigridh ann an shin a bha airson a bhith acluiche ann an dòigh gu math seann-fhàsanta. ’S ann an dòigh, chuir sin iongnadh orm, thoradh ann an sheo, agus bha mi fhìn na lùib nuair a bha mi òg, tha thu airson a bhith acluiche luath agus snasail. Sin agad. ..

GW06.37: Thuirt thu sin san, san agallamh mu dheireadh a rinn sinn. ..

PM06.42: Sin agad mar a tha, nuair a tha thu òg, gun teagamh. Ach bha iad seo, bha iad uileadh sna bliadhnaichean oilthigh aca, ach bha iad airson a bhith acluiche cianail fhèin steady, agus mar a chanas sinn sa, sa chànan eiletòrr de swing sa chluich aca. Agus ann an dòighs e an cluich seann nòs a bha iad uileadh ag iarraidh. Agus cha robh ùine sam bith aca do dhaoine a bha acluiche fada ro luath.

Agus ann an dòigh, bha sin inntinneach, thoradh thug e orm smaoineachadh gu bheil fada a bharrachd ann a tha gu math faisg eadar ceòl an t-seann nòs aca ann an Èirinn, ceòl an taobh an iar, ceòl cho Gàidhealach, agus mar a tha sinne acluiche sna h-eileanan ann an sheoan t-seann nòs againn fhìn ann an sheo. Tha iad gu math gu math coltach, agus tha, tha mi asmaointinn ann an dòigh, ’s dòcha an aon rud san dhùthaich, tha sinn buailteach a bhith acoimhead air acheòl a tha iad acluiche às BailAth Cliath, ann an Dublin, no ann an Glaschu, ach ann an dòigh, tha an ceòl Gàidhealach, an t-seann nòs aig gach dùthaich gu math nas coltaiche na tha an ceòl ùr-nòsach atachairt sna, na bailtean mòra sin. So bha sin gu math inntinneach.

GW08.10: Yeah, bhitheadh, tha mi cinnteach.

PM08.14: Tha mi asmaointinn cuideachd tha, bhon a bha mi san oilthighs chun an latha an-diugh, bidh mi afeuchainn ri, ri slighe, caran, a threabhadh leis achuid chiùil agam. ’S e aona slighe, ’s e abhith acumail an t-seann nòs adol, agus a bhith dlùth is daingeann ris an dòigh a bhann agus a thagainn ri, ri glèidheadh. Ach, air an làimh eile, tha, tha rud annam, ’s tha ionnsachadh annam, bho bha mi gu math òg a bhith ag ùrachadh rudans ma tha rudan ùr atachairt, gum bu chòir dhaibh a bhith gu math àrd-amasail anns na tha iad afeuchainn ri bhith ùr is ùr-nòsach.

Agus sin a tha caran an lùib acheòl ùr a bhios mi asgrìobhadh. Agus, aig an aon àm tha mi ga fhaireachdainn gu math cudromach gu bheil cas agad san t-seann nòs, san t-seann thobar, agus nach caill thu sin.

GW09.23: ’S ann, ’s ann às an sin a tha an t-ughdarras atighinn, mar gum biodh.

PM09.25: ’S ann, agus tha rud ann an shin a thagainn ri chumail beò, ’s a ghlèidheadhs a tha prìseil, ’s a bha prìseil do ghinealaicheans do, do dhaoine thar linntean. Ach, air an làimh eile, chan eil tradaisean no dualchas sam bith, chan eil e uair sam bith afuireach aig an aon ìre. Tha e daonnan ag ùrachadh. Agus tha e math a bhith afeuchainn ri rudan a phutadh.
S mar sin tha mi air mo shlaodadh gu thaobh.

GW10.03: Ach ann an àite snog còmhfhurtail aig an taigh agad fhèin, agus tha cruit agad cuideachd.

PM10.09: Tha. Fhuair mi an cruit bho mathair, mus do.. .do bhàsaich e. Agus bha, bha caoraich air a bhith aigesan, ach cha robh mise ach nas òige na bliadhna, agus bhrist rùda glùn mathar. Agus cha do rinn e riamh na h-uidhir de chruitearachd on uair sin. Agus ged a bha sin air tachairt, fhuair mise fhathast mionnsachadh a thaobh caoraich nuair a bhi mi òg.

An uair sin bha mi fortanach nuair a bha mi san àrd-sgoil bha cùrsa cruitearachd aca san sgoil ann an Lìonacleit, agus. ..

GW10.50: Rinn sinn film ma dheidhinn.

PM10.51: Rinn, rinn. Agus, ’s e rud uabhasach fhèin math a bha sa chùrsa sin, ’s ged a bhiodh cuid, ’s dòcha, ag ràdh bhithinn air a bhith na bfheàrrs dòcha Biology a dhèanamhs e, ’s e Biology a tha thu adèanamh sa chùrsa sin, ach tha e, tha e ceangailte barrachd ri na rudan a tha thu.. .a tha romhad, agus a tha a-muigh anns a.. .sa phàirce còmhla riut.

So mar sin, bha sin na chuideachadh cuideachd, a bhith ag ionnsachadh sin is tha a-nist, leis gu bheil mi air a bhith air ais ann an sheo làn-ùine, tha, tha cothrom agam tòrr a bharrachd a dhèanamh, a thaobh obair cruiteadh. Tha. .. ’s toil leam an obair gu mòr, agus tha, feumaidh mi ràdh, tha mi afaighinn tòrr tlachd às, agus chan eil, chan eil mi ga fhaighinn na, na dhùbhlan ged a bhiodh an t-sìde dona, no ged a bhiodh tòrr uairean na lùib.

Agus tha mi asmaointinn an dearbh rudwell, bfheàrr leam mìle uair gum biodh cruit air a chleachdadh seach air fhàgail. Tha sinn aig ìre nist far a bheil tòrr de, de chruitean air am fàgail bàn, ’s chan eil annta ach luachair, ’s tha na feansaichean agrodadhs atuiteams chan eil, chan eil an talamh sin a cheart cho maths a bha e bho chionn leth-cheud bliadhna. ’S ann an, ann an dòigh tha e riatanach gu cor na talmhainn gun cùm sinn adol a thaobh a bhith acleachdadh, ’s ged nach biodh ann ach beagan chaorach tha e ga chumail nas fheàrr na gun a bhith idir acleachdadh achruit a tha sin.

Mar sin, tha, tha tòrrwell, tha, tha caoraich ann an sheo, ’s tha, tha mi, can, afàs na thagam de chaoraich an-dràstas tha, tha mi afaighinn bheothach cuideachd nas anmoiche air abhliadhna seo, ’s chì mi mar a thèid leam leis an sin. ’S tha, tha mi cuideachd air a bhith an sàs bho chionn ceithir no còig de bhliadhnaichean, nuair a bhithinn air ais sna samhraidheans fhathast chun an latha an-diugh a bhith adèanamh beagan silage air, air na cruitean air an taobh an ear. Tha amhòr-chuid de silage ga dhèanamh ann an Uibhist air amhachaire. Achs etha, tha tòrr math de chruitean math air an taobh an ear cuideachd, agus bha iad, bha mathair atreabhadh achruit a bha seothachs afàs coirce mòr ann agus arbhar. Agus mar sin, ’s e talamh glè mhath a bhann, agus bha iad ga threabhadh aig aon àm.

Agus, mar sin, tha, tha mi air a bhith ag obair gus silage fhaighinn às achruit a tha seos tha sin acuideachadh, thoradh thèid agam an uair sin air abhiadh agam fhìn a dhèanamh dha na caoraich sa gheamhradh. ’S chan fheum mi na h-uidhir a cheannach a-staigh.

Agus tha buidheann beag againn a-nist adèanamh sin a h-uile samhradh, agus sinn ag obair air còig no sia de chruitean, agus tha sin acuideachadh leis an fheur a thann. Tha e math a bhith afaicinn cuid de phàirceannan feòir afàs beagan nas fheàrr.

GW14.12: So tha thu acumail adol, mar gum biodh, na, na sgilean tradaiseanta a bhanns achoimhearsnachd.

PM14.18: Tha, tha agus. ..

GW14.20: Nach robh rudeigin agad a thaobh buain na mònadh as t-samhradh sa chaidh?

PM14.28: Bha, am bliadhna-sa. Am bliadhna, aidh. Bha, bha sreath de thachartasan againn le comhairle choimhearsnachd Ghriomasaigh acoimhead airbliadhna na mònadh”, a thug sinn air. Bha, bha seisean againn ag ionnsachadh do dhaoine mar a dhèanadh buain na mònadh. Agus bha cuideachd farpais againnan smuain a bhagam gum biodh e, gum biodh spòrs na lùib nam biodh farpais buain mhònadh ann, agus gum brosnaicheadh e beagan pròis sa ghnothach. Bha, bha coinneamh bheag laghach againn, ’s Deasaich ann a bha cianail fhèin dèidheil air buain na mònadh, ’ss iad a bhuannaich an fharpais. Cha robh farpais ann, ach. ..

Ach bha sin, bha e laghach, agus rinn mi clas beag do dhòigridh air mar a dhèanadh iad sin.

Tha, tha mi cinnteach, fios agad, chan eils dòcha an t-uamhas a fhuair ionnsachadh cruiteadh mar a fhuair mise o mathair. Dhionnsaich e mar a dhèanainn buain na mònadh leis an treisgeir, ’s mar a dhèanainn feannagan bhuntàta agus mar am faighinn a-staigh feamainn, ball feamad air cùl agheòla, agus na rudan sin. Is tha, tha e math a bhith gan cumail adol.

Agus tha mi asmaointinn a-nist, sa bhliadhna sa bheil sinn a-nist, tha an saoghal air atharrachadh gu mòr. Agus tha saoghal againn a-nist far am feum sinn a bhith astudaigeadh air tha adol a thachairt dhan àrainneachd. Agus tha mi asmaointinn gu bheil cothroman math an lùib cruitearachd an sin. Tha na, na tha thu acur a-staigh do chruitearachd - ’s dòcha gu bheil e barrachd a thaobh uairean a thìde, ach chan eil, ’s dòcha, an t-uamhas, no chan eil an, an aon uidhir de chemicals no de rudan mar sin adol a-staigh anns a tha air tuathanasan mòra air Tìr Mòr.
S mar sin, tha cruitearachdchan eil e cho trom air an talamh, ann an dòigh, aguss dòcha gu bheil e beagan nas socraiche. Agus bidh sinn cuideachd a-nist asmaoineachadh, well tha e nas fheàrr mas urrainn dhuinn tòrr dhen bhiadh againn fhìn a dhèanamh. Agus dhfhaodadhso, chòrdadh e rium sna bliadhnaichean ri thighinn a bhith afaicinn suidheachadh far a bheil sinn ag ithe ann an sheo am feòil a tha sinn atogail ann an sheo, nach fheum sinn feòil fhaighinn o ceann a deas Sasainn, an Roinn Eòrpa, no fiùs New Zealand. Tha, ma tha mìltean de chaoraich againn ann an Uibhist, carson nach dèan sin an gnothach dhuinn, ’s tha crodh an aon rud, agus uigheans a h-uile sìon mar sin.
S tha, tha cuideachd, tha sinn abruidhinn barrachd a-nist mu dheidhinn a bhith afaighinn daoine air ais dhan, dha na h-eileanan, agus tha barrachd òigridh atilleadh an-dràsta, agus, tha mi asmaointinn, do, do chuid aca tha cruitearachd acuideachadh. Tha cruit acuideachadh mar, mar cheum air ais.
S dòcha gum faigheadh tu beagan, well, beagan biadh às, beagan airgidcha bhiodh an t-uamhas às, achs dòcha rud beag, aguss dòcha nan, nan togadh tu obair pàirt-ùine aig an aon àm, tha an cruit ann an shin gad chuideachadh. Cuideachd, ’s e, ’s e ceist a thann a thaobh dòigh-beatha. Agus ma tha a bhith a-muigh air an talamhs adèanamh obair, obair talmhainn mar sin acòrdadh riut tha, tha sin gu bhith nas, nas tlachdmhor dhut a thaobh dòigh-beatha na tha a bhith afuireach ann am flat sa bhaile mhòr.

Is mar sin, ’s e an aon rud a tha duilich an-dràsta, ’s e mar a tha e cianail fhèin doirbh cruit fhaighinn. Agus ma tha cruit atighinn air amhargaidhs ann a tha e cianail fhèin daor. Dìreach an- bha pìos sa phàipear, sa Ghazette, mu dheidhinn cruit air taobh an iar na Hearadh, ’s iad ag iarraidh barrachd na cheud mìle not air a shon. Agus tha, tha am pàipear afaighneachd nan ceisteantha a h-uile duine a thann afaighneachd ceisteancha, cha.. .chan urrainn seo cumail adol, leis nach eil sin adol a thoirt cothrom do chuideigin òg tighinn a-staigh. Cha bheir e cothrom do chuideigin às an eilean fhèin an cruit fhaighinn, agus tha, mar as trice, tha suidheachadh mar sin ag adhbhrachadh briseadh suas dhan chruit, ga ghearradh na pìosan beaga gus an reic air sites do thaighean. Aguss dòcha nach e a-rithist daoine òga, no daoine ionadail, no daoine le Gàidhlig a gheibh na taighean a tha sin.

Mar sin, tha, tha còmhraidhean gu leòr adol a thaobh a dhfhaodamaid a dhèanamh a thaobh cruiteans. ..

GW19.56: Agus thu fhèin an-sàs annta!

PM19.58: Well, tha, tha. Tha mi a-nist, tha mi adèanamh beagan obair le Caidreachas nan Cruitearan, agus sinn afeuchainn gum biodh barrachd òigridh afaighinn cothroman cruitean fhaighinn, agus gum biodh cruitean gan, gan leigeil a-mach às an suidheachadh far a bheil iad, gun daoine adèanamh sìon leotha, ’s tha iad caran glaiste air falbh, mar gum biodh.
S tha, tha mi tric air a bhith ag ràdh gu bheil, gu bheil e nas fheàrr gum bi daoine atoirt cothrom do dhòigridh rudeigin a dhèanamh leis achruit seach fhàgail gun sìon ga dhèanamh air idir. ’S mar sin, bu chòir dhuinn a bhith ann an suidheachadh, mholainn-sa co-dhiù, sna bliadhnaichean ri thighinn, far a bheil turnover nas luaithe ann a thaobh chruitean, ’s gum, gum faighma tha daoine afàs suas ann am bliadhnaichean, gun, gun smaoinicheadh iads dòcha, ged nach reiceadh iad an cruit, ’s dòcha aig an ìre sin, cha bhiodh iad airson an cruit fhèin no an taigh a chall idir idir, ach dìreach gum bheireadh e achothrom do chuideigin òg an talamh a chleachdadh gus gum biodh e air a chleachdadhs gun cùm e aig ìre math e.

GW21.16: Agus a bheil thu asmaoineachadh gun dèanadh sin diofar do staid na Gàidhlig ann an sheo?

PM21.26: Dhèanadh.

GW21.27: A bheil, a bheil buaidh sam bith gu bhith ann air?

PM21.30: Well, tha, tha rud ann, tha mi asmaointinn. Tha aon rud, ’s e gu bheiltha e, tha e fìor a ràdh gu bheil cruitearachd an lùib na sgilean tradaiseanta anns a bheil aGhàidhlig gu math làidir. Mar eisimpleir, achùrsa chruitearachd a bha sin a rinn mi fhìn san sgoil, bha tòrr Gàidhlig na lùib. ’S e Nìall Mac aPhearsain à Beinn na Faoghla a bha ateagasg, agus bha esan tric eadar an chànan anns gach clas, ged nach robh a h-uile duine sa chlas fileanta. Bha e uabhasach fhèin math gun do rinn e sin, ’s briathrachas cho, cho beartach a thann a thaobh gnothaichean cruite. ’S mar sin, daoine a tha air. .. a tha air an togail ann an, ann an teaghlaichean, teaghlaichean agus iad air an togail le Gàidhlig, bidh cuid dhiubh air an togail air cruit. Agus airson sin a chumail adol, ann an dòigh, tha e gu bhith cuideachail dhaibh agus nàdarra dhaibh gum biodh iadsan acumail adol leis an, an aon chleachdadh, agus le cruitearachd.

Air an, air an làimh eile bidh sinn cuideachd airsontha, tha sinn cuideachd airson cothroman a thoirt do dhaoine a tha atighinn a-staigh dhan àite agus ag ionnsachadh na Gàidhlig. Agus tha sin cho riatanachs a ghabhas dhan, dhan chànan cuideachd agus dhan eilean. Agus tha, tha cuid dhiubh sin afaicinn cruitearachd mar phàirt dhen dealbh slàngu bheil e na phàirt dhen dualchas fhèin, agus dhan dòigh-beatha, agus tha iadsan ag iarraidh cruit agus gun dèan iad beagan obair air, agus gu bheil sin mar, mar gum biodh, gu bheil iadsan acumail an dualchas adol, chan ann a-mhàin leis achànan a-mhàin ach leis achruitearachd cuideachd.
S mar sin, chumadh e taic ris aGhàidhlig, gun teagamh.

Ach tha, tha dìreach an-dràsta iomadach duilgheadas ann air, air gach taobh. Agus tha, tha iomadach freagairt ann airson gach rud, agus mar sins e, ’s e ceumannan beaga airson gach . Tha na cruitean ann, agus bidh sinn an dòchas gun tig atharrachadh air an sin. Tha, tha taic ann a dhìth a thaobh coimhearsnachdan Gàidhealach, airson, caran, aGhàidhlig a ghlèidheadh anns achoimhearsnachd mar cànan coimhearsnachd. ’S tha, tha cruitearachd of course atoirt buaidh air an sin. Agus cho dlùth ris an sin cuideachd, tha na taighean.

Agus tha na taighean uaireannan air cruitean, ach uaireannan eile tha iad fa leth o chruitearachdis tha dìreach na taighean ann fa leth. Agus tha mi-fhìn cuideachd air a bhith an sàs ann an iomairtean taigheadais sa bhliadhna mu dheireadh. Tha, bha, bha còmhraidhean gu leòr adol co-dhiù bho chionns dòcha trì bliadhna. Bha mi air mothachadh, abruidhinn ri caraidean, caraidean a bha, ’s dòcha beagan bhliadhnaichean air thoiseach ormsa, agus iad ag ràdhs e“ ’S e, taigheadas an duilgheadas as motha a thann”, agus bha.. .bha cuid againn abruidhinn mu dheidhinn seo, agus amothachadh mar a bha na prìsean gu math daor agus cha robh mòran taighean dìreach ri fhaighinn.

Agus an dèidh an.. .an glasadh do Chovid ann am ficheads fichead, am foghar sin, chaidh margaidh taigheadais na dùthcha dìreach às a chiall, agus gun teagamh, bha e cho follaiseach agus bha, bha an t-atharrachadh nas motha sna h-eileanans sa Ghàidhealtachd. Aguss ann anns na h-Eileanan an Iar a chaidh àrdachadh prìs nan taighean suas as motha sa Rìoghachd Aonaichte air fad, thairis air fichead is naoi-deug gu fichead is ficheads a h-aon.

So chaidh e suas barrachd na àite sam bith eile san Rìoghachd Aonaichte an seo. Agus tha sin fìor leis achruit a tha sin adol air amhargaidh airson cheud mìle not, taighean ann an Losgaintìr air an cur air amhargaidh airson barrachd na trì cheud mìle not, agus iad ag ràdh gu bheil e cho math airson taigh dàrna dachaigh, no airson taigh a thu leatadh leis. Agus tha taighean gu leòr air a.. .air a dhol air amhargaidh, fiùs an Griomasaigh fhèin sa.. .sa bhliadhna mu dheireadh, agus tha, tha daoine òga ag amas orra, ach tha, tha am prìs a tha e comasach do chuideigin a tha, ’s dòcha, air an dreuchd a leigeil seachad, agus, mar as trice, a thair tighinn à àite nas.. .àite eileglè thric tha sinn, tha sinn afaicinn daoine atighinn o ceann adeas Shasainnsin dìreach mar a tha sinn ga fhaicinn, tha daoine atighinn às an sin - ’s tha, tha barrachd airgid ri fhaighinn airson taigh a tha iadsan areic ann an shin.

Agus, well, an eisimpleir as miosa a chuala mi gu ruige seo, ’s e taigh is cruit air aGhàidhealtachd a chaidh air, air amhargaidh airson trì cheud mìle not, ach chaidh a cheannach airson ceithir cheud mìle not. Bha e comasach dhan, dhan neach a cheannaich e ceud mìle not a bharrachd a chur ris. Chan eile mise ag ràdh do dhuine sam bith nach, nach bu chòir dhaibh prìs amhargaidh fhaighinn, achs e dìreach nach eil co-ionnanachd ann a thaobh an cothrom a thaig cuideigin òg fhaighinn nuair a tha daoine eile comasach air na h-uimhir a bharrachd de dhairgead a chur air.

Agus tha, tha.. .tha sin acurtha sin atoirt buaidh dìreach air aGhàidhlig an uair sin, thoradh sa bhitheantas tha e fìor a ràdh nach e daoine le Gàidhlig a tha sin. Agus gle thric ma tha iad air an dreuchd a leigeil seachad chan e gu bheil clann gu bhith acas iad ann an sheo. ’S mar sin chan eil sin acuideachadh le na bun-sgoiltean a bhith fosgailte, chan eil coimhearsnachd ann a thaobh clann, chan eil ginealach ùr ann. Agus ma tha, ma tha barrachd is barrachd de sheann daoine sa choimhearsnachd tha sin atoirt buaidh air na seirbheisean slàinte, agus gainnead de dhaoine òga a na h-obraichean dha na seirbheisean slàinte agus dhan a h-uile obair eile a tha riatanach do choimhearsnachd.

Mar sin, thatha sinn a.. .aig iarraidh gum biodh casg ga chur air an àireamh de dhàrna taighean a tha sna sgìrean ann an sheo, casg a chur air an àireamh de lets de taighean air màl ùine-ghoirid, is AirBnBs a leithid. Chan eil sinn.. .tha e, tha e ceart gu leòr ma tha cuid ann, ach dìreach nach bi tuilleadhs a chòrr.

An-dràsta tha pìosan de Thiriodh, agus taobh an iar na Hearadh, aguss dòcha sgìrean do thaobh an iar Leòdhais agus chan eil ach mu leth dhan na taighean le daoine afuireach annta bho aon cheann dhen bhliadhna chun an ceann eile. Mar sin, chanainn gum bu chòir sinn a bhith ag ràdh bu chòir do 60%, 70%, trì chairteal de thaighean a bhith le daoine afuireach annta fad na bliadhna. Agus, a bharrachd air an sin, faodaidh cuid de lets a bhith ann, cuid de dhàrna taighean, ach nam bheachdsa sin an dòighs a sinn cinnteach gu bheil sinn glèidheadh coimhearsnachd.

A bharrachd air an sin, chanainn-sa, an seo sna h-eileanan sna sgìrean dùthchasail a thaobh aGhàidhligmar a, mar a tha sinn uileadh ag ràdh a-nist, amvernacular community” – sna.. .sna sgìrean aGhàidhealtachd, gu h-àraidh na h-eileanan a-muigh, ceann a tuath an Eilein Sgitheanach is Tiriodh, tha sinn feumach air taighean ann an shin, chanainn-sa, a tha do dhaoine le Gàidhlig. Agus, chanainn-sa gu bheil e furasta gu leòr mìneachadh, le mar a tha na.. .an dealbh a thaobh achànain agus dealbh a thaobh aois an t-sluaigh, gun can sinn, tha e riatanach gus beagan do bhacadh a chur air sin, gum bi sinn acur taic ri òigridh agus taic ri daoine le Gàidhlig, ’s gum biodh taighean air a thogail a bhios airson daoine, cupalan, teaghlaichean òga le Gàidhlig. Agus nam biodh barrachd dhe sineach ann, bhitheadh sinn cinnteach às na coimhearsnachdan againns òigridh le Gàidhlig a bhith ann.

Na.. .na dhèidh sin tha daoine òga atilleadh dhachaidh an-dràstas tha barrachd òigridh sna sgoiltean ann an sheo na bha bho chionn còig no deich bliadhna air ais. Tha barrachd ann a-nist, agus tha sin asealltainn, ged a bhiodh e doirbh agus daor, tha daoine òga still airson tighinn dhachaigh. Agus, ’s e a chanainn-sa, ’s e nan dèanamaid an oidhirps gun cuireamaid gu leòr de, de cheistean ris achomhairle, ’s ris an riaghaltas, co mheud a bharrachd a thigeadh dhachaigh? Aguss dòcha san t-suidheachadh sin gum biodh na bliadhnaichean ri thighinn gu math gu math fallain a thaobh tòrr òigridh agus teaghlaichean agus Gàidhlig agus ceòls an dualchas ann an sheo.

GW31.58: Seadh, well tha agenda fada romhad.

PM32.02: Ah well. ..

GW32.05: Ach tha, tha tòrr againn ann an sheo, a Phàdruig, a tha math fhèin. Chan eil fhios agam a bheil thu airson dad a bharrachd a ràdh no. ..

PM32.12: ’S e an rud mu dheireadh a chanainn, dìreach mar a bha mi ag ràdh ann an shin, tha tòrr math dòchas agam do dhUibhist, ann an dòigh, ’s dha na sgìrean Gàidhealach. Agus tha mi cianail fhèin toilichte a bhith air ais ann an Uibhist, agus afaicinn gu bheil tha.. .iarrtas ann bho dhaoine òga eile a bhith ann an sheo. Agus tha, tha rudan mar a tha Cnoc Soilleir ga thogail aig deas. Tha luchd-ciùil afuireach an seo. Tha daoine òg eile, a tha nan luchd-ciùil, airson gluasad an seo, agus mar sin tha mi afaicinn suidheachadh gu math dòchasach ann an còig, deich bliadhna far a dhfhaodadh tòrr math de, de Ghàidheil òga, de luchd-ciùil a bhith atilleadh ann an sheo. Agus mar sin tha, cha bheireadh e mòran, ach tha beagan taic a dhith, ach tha suidheachadh glè mhath romhainn, chanainn. Agus tha mi an dòchas dìreach gur e sin a thachras.

GW33.20: Glè mhath. Gur math a thèid leat, agus leinn uileadh.

PM33.24: Agus leinn uileadh. Shin e dìreach.

GW33.27: Taing mhòr!

PM33.28: Taing, a Ghòrdain.

title2
internal date2021.0
display date2021
publication date2021
level
parent textPadruig Moireasdan
<< please select a word
<< please select a page