Calum Alasdair Friseil

Calum Alasdair Friseal (CAF) ―00 :05: Well, ’s mise Calum Alasdair Friseal aguss ann le Dòmhnall Friseal agus Annchris a tha mi. Agus rugadh agus thogadh mi ann an Tolastadh aChaolais air taobh siar Leòdhais.

Magaih Nic a' Ghobhainn (MN) ―00 :19: Glè mhath agus. .. tha. .. agus cho fad’ ’s a bha an teaghlach agaibh anns an sgìre sin?

CAF―00 :28: Well, cha robh sinn ann cho fada sin. Eh, ’S e mo sheanair agus mo sheanmhair, pàrantan mathar, a ghluais a Bhreascleit. Bha iadsan agluasad air feadh Alba nuair a bha. .. nuair a bha mathair òg. Ach, mu dheireadh, fhuair mo sheanair obair na. .. na teacher aig Sgoil MhicNeacail agus bha iad afuireach ann an Breascleit an uair sin fad am beathanan agus thog an teaghlach air fad taighean nas lugha na. .. na còig mìle air falbh bhon taigh a tha sin.

MN―01 :06: Well, tha sin iongantach. Cia meud a bha anns an teaghlach. .. teaghlach dathar?

CAF―01 :10: Bha, oh, nise, mathair, Ùisdean, Alasdair, Caroline agus Simon. Tha còignear ann. Ged a tha Ùisdean a-nis tha esan air an tìr-mhòr, tha h-uile duine eile, tha na teaghlaichean fhathast eadar Tolastadh aChaolais agus Calanais.

MN―01 :26: Oh, feumaidh geil càirdean gu leòr agad as an sgìre a-rèiste.

CAF―01 :34: Tha tòrr againn ann.

MN―01 :36: Agus an ann an Tolastadh aChaolais a chaidh thu dhan sgoil?

CAF―01 :41: Eh, cha bann ach ann am Breascleit. Eh, chan eil. .. chan eil sgoil againn ann an Tolastadh aChaolais. Bàbhaist dha muinntir Tholastaidh a bhith adol gu Sgoil Chàrlabhaigh agus tha iad. .. tha fhathast tha cuid adol an sin agus cuid adol a Bhreascleit ach chaidh sinn uile gu Sgoil Bhreascleit.

MN―01 :58: Agus cho fads tha e eadar Breascleit agus Tolastadh aChaolais?

CAF―02 :02: Eh, well, eadar. .eadar Sgoil Bhreascleit agus an taigh agam-sdòchtrì mìle.

MN―02 :11: Oh, chan eil sin fad às. Agus seòrsa baile a thann an Tolastadh aChaolais do dhaoine nach eil eòlach air?

CAF―02 :15: Well, ’s e. .. ’s e baile beag grinn a thann ach chanainn-se sin co-dhiù. Tha. .. cha mhòr nach e. .. nach e cearcall a thann ma tha thu. .. ma tha thu air an rathad eadar. .. eadar Breascleit agus Càrlabhaigh bidh thu tighinn far aphrìomh rathas aguss e dìreach cearcall a thann. Aguss e. .. le sin air sgàths gu bheil e air falbh bhon phrìomh rathad. .. rathad, tha e gu math sàmhach agus ann am meadhan achearcaill, mar gum biodh, tha loch againn, loch abhaile, agus gu taobh siar abhaile tha amhuir againn. Agus le sin bha sinn an-còmhnaidh faisg air. .. air bùrn no sàl agus bha sinn an-còmhnaidh ag iasgach agus rudan dhan t-seòrsa sin.

MN―02 :58: Am biodh tu acur seachad ùine ag iasgach a-rèiste nuair a bha thu nad bhalach?

CAF―03 :02: Bhiodh, bhiodh, ged a bhiodh sinn ri breacadh, no creagach no poidsigeadh, bhiodh sinn adèanamh iasgach air choreigin.

MN―03 :11: Seadh. .. tha. .. am pàirt dhan chladach a tha sin far a bheil Tolastadh aChaolais, an e Loch an Ròg a thann?

CAF―03 :18: Loch an Ròg a thann, ’s e, ’s e. Eh, agus tha e agabhail ainm bhon chaolas eadar Tolastadh aChaolais agus Beàrnaraigh.

MN―03 :26: Ò, seadh, seadh. Agus a bheil. .. thuirt thu gun robh loch am meadhan abhaile ann a shin. Feumaidh gur h-e baile gu math aosda thann, gun robh daoine ann bho chionn fhada an t-saoghail.

CAF―03 :40: Baile. .. baile gu math math aosda thann. Tha tòrr dhe na cnuic is rudan, ’s e ainmean. .. ainmean Lochlannach a thorra, tha fhios agad, Allt Eallagro, agus Tealabhal, agus, bheil fhios agad, ainmean dhan t-seòrsa sin. Bha. .. bha. .. tha e coltach gun robh. .. gun robh na Lochlannaich ann aig àm air choreigin.

MN―04 :04: Agus seòrsa baile a bhann nuair a bha thu afàs suas nuair a bha thu nad bhalach bheag. seòrsa baile a bhann, bhiodh iad adèanamh as abhaile?

CAF―04 :15: Eh, well, nuair tha thu acoimhead air ais tha thu an-còmhnaidh asmaoineachadh gun robh, fhios agad, gun robh aghrian adeàrrsadh fad an t-siubhail agus. .. achs e rud. .. tha mi asmaoineachadh nan deidhinn air ais a-nis, ’s e achiad rud a mhothachainn gur h-e. .. gun robh cèol na beairt adol fad an t-siubhail, ’eil fhios agad, tha mi asmaoineachadh gun robh còrr is fichead fhathast afighe nuair a bha sinne beag ann an Tolastadh aChaolais ann am baile gu math beag, baile le nas lugha na. .. na leth-cheud thaighean ann, ’eil fhios agad, bha còrr is fichead neach ri fighe. Agus bha. .. bha am fuaim a tha sin dìreach adol fad an t-siubhail.

MN―04 :55: Tha sin smaoineachail. Bha muilleann faisg orra ann a shin, tha mi cinnteach gur e sin bu choireach gun robh iad air an cumail adol air na beairtean, nach robh?

CAF―05 :05: Uh. .. mm, tha muilleann ann an, ann an Càrlabhagh agus ann an Siabost.

MN―05 :10: Agus na cur-seachdan a bhiodh agaibh a thuilleadh air iasgach agus.. .?

CAF―05 :16: Well, bha mi gu math fortanach, bha. .. bha caraidean agam mun aon aois rium as abhaile agus mo dheagh charaid Pòl, bha esan afuireach gu math faisg, dhfhaodadh tu clach a shadail eadar an thaigh againn. Agus fhathast chun an latha an-diugh, tha sinn afaicinn a chèile cha mhòr a h-uile. .. a h-uile latha agus fhuair sinn dìreach.. .ged a bhiodh sin ag iasgadh no acluiche ball-coise no dìreach sìos an lot no streap nan cnuic, ’eil fhios agad, bha sinn a-mach. .. bhiodh sin an-còmhnaidh a-muigh adèanamh rudeigin. Bha sinn an-còmhnaidh, sin dìreach mar a bha sinn, cha robh sin ag iarraidh a bhith as an taigh idir. Bha tòrr lùths againn airson fealla-dhà.

MN―06 :02: An robh. .. an robh tòrr bheathaichean ann an Tolastadh an uair sin nuair a bha thu òg?

CAF―06 :05: Eh, bha e nas motha na tha ann an latha an-diugh. Bha gu leòr ann le caoraich. Agus bha, bha crodh againn fhìn, crodh agus cearcan, ged nach robh caoraich.

MN―06 :20: Agus seòrsa. .. an robh tòrr de sheann daoine as abhaile mar caractaran?

CAF―06 :31: Bha tòrr. Agus far-ainm. .. far-ainmean air a h-uile duine cha mhòr. Tha mi dìreach tàmailteach nach robh mi. .. nach robh mi rud beag nas sine aig an àm, gum faighinn na sgeulachdan aca. Bhon amhòr-chuid aca, dhfhalbh iad nuair a bha mi fhathast rudeigin òg. Ach an nàbaidh a thagainn ann an Tolastadh aChaolais, well, chan eil mi fuireach ann an Tolastadh a-nis ach am fear a tha an ath-dhoras dhuinn, tha esan. .. bha e ceithir ficheads sias dòchrudeigin mar sin. .. no bheil e. .. ’s dòchgu bheil e ceithir ficheads a deich actually. .. agus tha esan dìreach làn sgeulachdan. .. so tha sinn gu math fortanach gun robh. .. gun robh esan an ath-dhoras acumail. .. acumail seanchas adol.

MN―07 :24: Agus. .. tha. .. nuair a dhfhàg thu an sgoil, rinn thu an uair sin?

CAF―07 :31: Eh, well, nuair a dhfhàg mi an sgoil ghabh mi bliadhna bha mi dìreach ag obair siuds an seo agus an dèidh sin chaidh mi dhan oilthigh ann an Glaschu. Agus rinn mi mechanical engineering airson bliadhna agus cha do chòrd e rium idir. Agus an uair sin, fhuair mi scholarship a bhith na mo philot còmhla ri Bristow helicopters, agus bha mi ann an Dùn airson sin far an do dhionnsaich mi a bhith na mo, na mo phìleat air. .. air itealan beag bìodach. Agus bha iad an uair sin an dùil mo chuir gu Amearagaidh airson achòrr den trèanadh a dhèanamh. Ach bann an uair sin a thuit prìs an òla agus stad a h-uile càil dhen sin, agus ghluais mi dhachaigh agus thòisich mi ag obair dhan a’. . .bhùth abhuidseir, MacLeod and MacLeod, agus bha mi an sin airson ceithir bliadhna agus an uair sin ghabh mi obair aig An Lanntair far a bheil mi fhathast.

MN―08 :33: Agus seòrsa obair a thagad aig An Lanntair?

CAF―08 :36: Eh, an obair a fhuair mi an toiseach, ’s e. .. man. .. chanadh tu ris. .. traineeship no rudeigin a bhann a thaobh tachartasan beò. Agus a-nis tha mi adèanamh barrachd obair a thaobh na Gàidhlig.

MN―08 :57: Glè mhath. Chan eil rian nach eil e ag.. .tha tòrr atachairt nuair a bhios tu ann an meadhan àite mar An Lanntair far a bheil iomadh seòrsa ealain le deilbh-chluiche, is deilbh agus bùithtean-obrach de.. .de dhiomadach seòrsa rud. .. chan eil rian nach eil a h-uile, a h-uile latha eadar-dhealaichtadol gu dobair, tha mi cinnteach.

CAF―09 :21: Tha, tha. .. cha mhòr nach eil mi air dìochuimhneachadh thairis air a’ . .. air abhliadhna a chaidh seachad, tha ùine ann bho. .. bho. .. bho bha tachartas sam bith ann. Ach, aidh, tha tòrr an-còmhnaidh adol aguss e, ’s e obair glè mhath a thann.

MN―09 :37: Agus mu dheidhinn. .. seòrsa baile a thann an Tolastadh an-diugh? mar a tha e air atharrachadh a thuilleadh nach eil. .. nach eil beairtean adol?

CAF―09 :50: Tha, tha e tòrr nas sàmhaich’ . .. nas sàmhaichan latha an-diugh. Tha mi asmaoineachadh gu bheil. .. gu bheil. .. tha tòrr thaighean falamh ann ach cuideachd gu bheil tòrr thaighean ann a tha air an cleachdadh mar. .. mar thaighean airson làithean-saora agus dàrna dachaigheans rudan dhan t-seòrsa sin . Agus tha tòrr. .. tòrr dhaoine air ghluasad air falbh agus daoine a thair an dreuchdan a leigeil às agluasad a-steach, ’eil fhios agad, so. .. chan eil an uimhir.. .uimhir adols a bha nuair a bha sinn beag ach fhathast. .. tha fhathast faireachdainn de. .. de choimhearsnachd ann.

MN―10 :36: Glè mhath, math dha-rìribh. Tha. .. agus do bheachd air cultar agus dualchainnt ionadail an latha. .. anns an latha an-diugh?

CAF―10 :48: Eh, well, dhfhaodainn bruidhinn air sin fad na h-oidhche. ’S e. .. ’s e rud as a bheil ùidh agam aguss e rud a tha gu math cudromach dhomh a thann. Gu dearbh, ’s e sin as coireach gu bheil mi ag obair a thaobh na Gàidhlig. Aguss e. .. tha e doirbh a ràdh carson a tha e cudromach, ’s e dìreach, ’eil fhios agad, tha. .. tha do chànan, agus do chultar agus do fèin-aithne, tha na rudan a tha sin, tha iad uile co-cheangailt’. ’Eil fhios ad, bha mi asmaoineachadh an latha eile, nuair a bha mi a-mach air amhòintich agus mura an. .. mura an robh mi eòlach air.. .air abhriathrachas, chanadh tu. .. chanadh tu gur e dìreach gur e fàsach a thann. Ach nuair a tha thu eòlach air, air abhriathrachas a tha sin, tha thu afaicinn feartan agus, ’eil fhios ad, rudan air a bheil ainmean as aGhàidhlig nach eil as aBheurla. Agus le sin, tha. .. tha. .. an saoghal mu thimcheall ort atighinn beò cha mhòr agus chan e fàsach a thann. Aguss e, ’s e sin as coireach dhomh-sa dheth co-dhiù, ’s e sin as coireach gu bheil mise afaireachdainn gu bheil e cho cudromach.

MN―12 :07: Agus cuine a bha thu mothachail air an sin, cuine a bhuail e thu cho cudromachs a bha aGhàidhlig dhut?

CAF―12 :15: Chan eil e cho fada ann, feumaidh mi aideachadh bhon nuair a bha sinn anns an sgoil, cha robh sinn adèanamh mòran dheth. Cha robh. .. cha robh sinne abruidhinn na Gàidhlig anns an sgoil. .. fiùs an latha an-diugh. Na daoine a bha ann an Addison còmhla rium an taigh Gàidhlig anns an sgoil, cha bhruidhneadh duine acrium anns aGhàidhlig cha mhòr achs dòchaonan no dithis. Agus le sin, cha bann gu, gun tàinig mi air ais a Leòdhas as dèidh dhomh a bhith fuireach air an tìr-mhòr, a bha. .. a bha mi afaireachdainn cho dlùth ris an eilean agus cho dlùth ris achultar.

MN―12 :59: Agus an deach thu fhèin tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig?

CAF―13 :02: Chaidh. Cha robh. .. cha robh Gàidhlig againn anns an taigh. Chan eil Gàidhlig aig mo phàrantan ann. Ach chaidh sinne dhan chròileagan ann am Breascleit agus chaidh sinn gu Bun-sgoil Bhreascleit agus rinn mi.. .rinn mi aGhàidhlig gu h-àrd ìre anns an sgoil agus tha, tha Gàidhlig aig mo bhràthairs mo phiuthar agus na co-oghaichean agam agus. .. agus cuid de na h-aunties is uncles agam cuideachd.

MN―13 :28: Agus am bi thu tric abruidhinn riuthasan anns aGhàidhlig nuair a chì thu iad?

CAF―13 :31: Och, bidh, aidh, bidh yeah. Tha mi fhìns mo bhràthair adèanamh oidhirp a bhith. .. a bhith bruidhinn anns aGhàidhlig a-mhàin.

MN―13 :40: Ò, glè mhàth. Tha mi toilichte a chluinntinn, ma tha e cho fileanta riut fhèin, cha bhi trioblaid sam bith an sin a-rèiste. Agus man a ghabhadh an dualchas a thoirt gu aire daoine òga na do bheachd-sa. A bheil. .. a bheil càil ann a tha thu afaicinn a ghabhadh a dhèanamh?

CAF―14 :00: Rud a bhiodh feumail am measg rudan eile, ’s e nam biodh. .. nam biodh an curricul. .. an curriculum anns an sgoil abeantainn ri dualchas na Gàidhlig, ’eil fhios agad, bhon tha sinn ga h-ionnsachadh dìreach mar. .. mar chànan agus mar chuspair, ach nam biodh e abeantainn ris achultar, ’eil fhios agad san dòigh a bha mi ag ràdh mu dheidhinn ag ionnsachadh nam facal airson rudan air amhòintich rudan dhan t-seòrsa sin. Tha thu an uair sin, tha thu adèanamh ceangal eadar an cànan agus an cultar agus an arainneachd agad. Agus tha mi asmaoineachadh gun dèanadh sin feum mhòrrinn e feum. .. feum mhòr dhomh-sa co-dhiù.

MN―14 :44: Tha fhios am gu bheil beachdan gu math làidir agad mu dheidhinn achànain. .. ach. .. tha. .. bheil. .. a bheil thu afaireachdainn gu bheil cùisean rudeigin nas dòchasaicha-nise seach gu bheileas abruidhinn air leasachadh agus gun deach fios a thoirt do dhaoine gu bheil an cànan gu dearbh ann an cunnart?

CAF―15 :10: Cha chan mi fhathast gu bheil sinn ann an suidheachadh nas fhèarr. ’S e rud math a thann gu bheil sinn abruidhinn mu dheidhinn ach cha dèan. .. cha dèan bruidhinn mu dheidhinn piseach air a’ . .. air achùis idir. Agus feumaidh sinn. .. feumaidh sinn taic airson sin. Feumaidh sinn an riaghaltas a ghluasad gu. .. gu gnìomh air choreigin agus saoilidh mi gu bheil sinn feumach air tòrr a bharrachd smachd thairis air a’ . .. air achànan agus achultar againn fhìn.

MN―15 :44: Agus tha taghadh atighinn an-àirdea bheil thu faicinn cothroman ann a shin, na dòighean as am faodadh sinn a thoirt gu aire nan daoine a tha aseasasmh airson na Pàrlamaid?

CAF―15 :54: Well, tha mi afeuchainn ri. .. ri. .. ris aGhàidhlig a chumail air aire nam ball-pàrlamaid ach an dèan e feum chan eil fhios am, chì sinn. Leanaidh mi orm co-dhiù.

MN―16 :14: Glè mhath. Math dha-rìribh. Chan eil fhios am an do ruith sinn air na cuspairean gu lèir air an robh sinn air aontachadh. Am bi thu acluiche spòrs no acluiche ionnsramaid sam bith?

CAF―16 :27: Cha bhi mi acluiche mòran spòrs. ’S toigh leam a bhith. .. a bhith acoiseachd anns na beanntan. Agus tha mi. .. tha mi acluiche, tha mi acluiche na pìoba agus tha mi acluiche aghiòtair.

MN―16 :41: Ò, a bhalaich ort. Ò, cuin a thòisich thu acluiche na pìob’?

CAF―16 :45: Well, thòisich mi as abhun-sgoil ach cha drinn mi mòran adhartais a-riamh agus sguir mi nuair a bha mi mu thimcheall air còig bliadhndeugcha robh ùidh sam bith agam. Ach thog mi a-rithist is dòchtrì no ceithir bliadhnaichean air ais agus tha mi dìreach air mo, air mo bheò. .. bheò-ghlacadh leis a-nis, tha mi acluiche na pìoba fad an t-siubhail cha mhòr a h-uile h-oidhche.

MN―17 :15: Agus a bheil e furastcuideachadh fhaighinn airson a bhith acluiche na pìoba?

CAF―17 :21: Well, fhuair mi. .. fhuair mi cuideachadh airson greiseag le. .. le balach a tha afuireach ann an SteòrnabhaghCrìsdean, Uibhisteach a thann. Ach nuair a stad mi an uair sin. .. well, air sgàths gun robh mi air. .. air rud beag a dhèanamh anns abhun-sgoil bha mi eòlach air man, man a bha e ag obair co-dhiù, ’eil fhios agad, sos e dìreach rud beag cuideachaidh afaighinn adol a-rithist a bha mi feumachdainn.

MN―17 :50: Agus bha aphìob agad a-rèiste bho bha thu òg. .. an e an aon a thann?

CAF―17 :57: Eh, well, cha robh, ’s e dìreach. .. ’s e dìreach feadan a bhagam nuair a bha mi òg. Ach fhuair mi. .. fhuair mi aphìob mhòrs dòchmar a bha mi ag ràdh ceithir bliadhna air ais.

MN―18 :07: Agus mu dheidhinn aghiòtair, cuin a thòisich thu acluiche giòtair?

CAF―18 :12: Nuair a bha mi. .. ò. .. ’s dòchnaoidh bliadhna a dhaois, nuair a bha mi gu math òg.

MN―18 :21: ’S na chùm thu ri sin fad nan ceum?

CAF―18 :24: Chùm, yeah, chùm. Cha do chuir. .. cha do chuir mi sìos an giòtar a-riamh.

MN―18 :28: Agus a bheil thu acluiche ann an còmhlan?

CAF―18 :29: Tha, tha mi fhìns balach eile à Lacasdal agus balach à.. .bhon Eilean Sgitheanach.

MN―18 :39: Agus n t-ainm a thair achòmhlan?

CAF―18 :42: Well, One Big Fuse. ’S e. .. ’s e òrain Beurla a bhios sinn adèanamh an-dràstach tha mi air. .. tha mi air a bhith afeuchainn ri. .. ri òrain Ghàidhlig a sgrìobhadh as.. .as am beagan ùine a chaidh seachad, o thòisich mi anns an oilthigh. Tha mi afeuchainn air rud beag a bharrachd sgrìobhadh sa Ghàidhlig a dhèanamh.

MN―19 :03: Ò, seadh, ’s tha thu adèanamh cùrsa a-rèiste as an oilthigh, a bheil?

CAF―19 :07: Uh-um. Tha mi adèanamh sin pàirt-ùine fhads a tha mi ag obair.

MN―19 :11: Ò, ceart, Càita bheil thu adèanamh an cùrsa?

CAF―19 :16: Tha aig Oilthigh na Gàidhealtachds nan Eilean an seo fhèin, Cànan agus Cultur na Gàidhlig.

MN―19 :24: Plug math. Agus bha thu ag ràdh gun robh. .. gun robh thu asmaoineachadh air a bhith.. .gun robh thu ag obair air sgrìobhadh amhrain. An robh bàrdachd as an teaghlach agaibh?

CAF―19 :39: Eh, cha chreid mi gun robh. .. cha chreid mi gun robh. No ma bha, cha chuala mise gun robh. Bha. .. ’s e, bha mo bhràthair, bha esan asgrìobhadh nuair a bha sinn òg agus tha mi asmaoineachadh gur e dìreach rud a thog mi. .. a thog mi nòisean a bhann.

MN―19 :59: An ann asgrìobhadh amhrain anns aBheurla a bha esan?

CAF―20 :03: Um-hmm.

MN―20 :03: Seadh, oh, well, bidh sinn acumail ar sùil a-mach airson One Big Fuse a-rèiste. Agus chan eil rian gu bheil e furasta a bhith acluiche ann an còmhlan an-dràsta leis aghlasadh. A bheil sibh acleachdadh fear de na prògramman air-loidhne airson a bhith atighinn còmhladh?

CAF―20 :28: Eh, chan eil sinn air mòran a dhèanamh, feumaidh mi ri ràdh. Rinn sinn rud beag aig toiseach aghlasaidh dìreach airson. .. airson fealla-dhà. Ach chan eil sinn air mòran a dhèanamh bhon uair sin, ach, aidh, rinn sinn. .. rinn sinn clàraidhean aig an taigh agus chuir sinn sin air na meadhanan sòisealta.

MN―20 :49: Tha, tha cothroman ann an-dràsta a tha mìorbhaileach airson a bhith acur stuth air-loidhne oir tha mise an lùib cèilidh cuideachd, agus tha sinn dìreach acoimhead ri na, na platforms a thann airson gum bi daoine acluiche còmhla gun time-lapse ann so sin, sin bu choireach gun robh mi afaighneachd an robh sibh air a bhith acleachdadh càil dhan sin.

CAF―21 :12: Och, chan eil sinn air mòran, mòran dhen sin a dhèanamh, no.

MN―21 :16: Well, tapadh leat-sa, a Chaluim, tha. .. bha siud inntinneach dha-rìribh agus fhuair mi a-mach tòrr a-mach mu do dheidhinn nach robh fhios am. Ceud taing airson a bhith deònach a thighinn a chlàradh à Stòras Beò.

CAF―21 :28: ’S e do bheatha, a Mhagaidh. Bha mi adol à ràdh aon rud eile actually. Air sgàths. .. .
MN―21 :31: Ò, glè mhath.

CAF―21 :32: Air sgàths gun tuirt mi nach robh an teaghlach agam air a bhith ann glè fhada. .. air taobh mo mhàthartha. ’S ann às an Òb a bha mo sheanmhair, rugadh agus thogadh ise ann an taigh-tughaidh as an Òb.

MN―21 :47: As an Òb, as na Hearadh?

CAF―21 :49: Um-hmm.

MN―21 :50: Ò, seadh, seadh. Agus na cuimhneachain a bhiodh aice-se mu dheidhinn sin ann an.. .as an Òb?

CAF―21 :58: Well, tha i. .. tha i ag ràdh gun robh. .. nach robh iad a-riamh fuar as an taigh-tughaidh co-dhiù. Cha robh gearan sam bith aice mu dheidhinn sin. Bha iad gu math blàth agus bha iad. .. bha iad toilichtgu leòr. Tha cuimhn’ . .. tha cuimhnfhathast aice air. .. air a h-athair asguab. .. asguabadh an làir, ’eil fhios agad, làr poll a bhann le sguab fraoich. Agus tha sin. .. tha sin gu math inntinneach agus doirbh a chreidsinn an latha an-diugh. Tha mi air. .. air faighneachd oirre an deidheadh i air ais, ’eil fhios agad, an robh cùisean na bfheàrr an uair sin no, ’eil fhios agad, agus. .. agus. .bidh i ag ràdh ann an cuid de dhòighean bha e na bfheàrr, ’eil fhios agad, bha an. .. bha achoimh. .. achoimhearsnachd gu math làidir agus bhiodh a h-uile duine acuideachadh ri chèile nuair a bhiodh iad tughadh mullach an taighe, no buain na mòine, na rusgadh nan caorach. Bhiodh a h-uile duine acuideachadh ri chèile. Ach bidh. .. bidh i cuideachd ag ràdh. .. chan eil. .. chan eil. .. thu atuigsinn dìreach cho duilichs a bha e. ’S e beatha gu math cruaidh a bhann. Agus le sin chan eil freagairt aice.

MN―23 :24: Cha burrainn dhi a h-inntinn aice a dhèanamh an-àirde gu dearbha. Tha mi cinnteach gu bheil e duilich. Well, dìreach mar a bha thu fhèin ag ràdh ann a shiud, nuair a bha sinn òg bha sinn asmaoineachadh gun robh, gun robh aghrian ann a h-uile latha agus achs e beatha chruaidh a bhann gu dearbha. Tha cùisean air atharrachadh ach nuair a smaoineachas tu mu dheidhinn chan eil. .. chan eil an dòigh-beatha sin cho fada bhuainne, ’eil fhios agad, as na ginealachan.

CAF―23 :47: Chan eil. ’S e sin an rud a chuir iongnadh orm-s’ , ’s e. .. chan eil daoine sam bith ann really. .. bho na làithean a tha sin, fiùs ma thèid thu air ais, ò, chan eil fhios am, trì fichead bliadhna, bha daoine fhathast ann, bhas dòch’, ceithir teaghlaichean ann an Tolstadh aChaolais ann an.. .ann an taighean-tughaidh.

MN―24 :12: An robh gu dearbha? Is bha teaghlaichean mòra ann cuideachd as na taighean sin uaireannan.

CAF―24 :19: Yeah, ’s dòcha seachdad bliadhna. Ach fhathast chan eil, chan eil ùine sam bith ann.

MN―24 :23: Rud a bhios acur iongnadh ormsa cho maths a bha iad air rudan mar a chanas iad an-diugh ath-chleachdadh agus ath-chuairteachadh. Cha robh càil adol a dhìth agus cha robh plastaig ann.

CAF―24 :35: Well, ’s e sin an rud. .. ’s e sin an rud. .. cha, cha robh càil ann nach. .. nach tàinig on, on t-saoghal nàdarrach co-dhiù. Agus bha a h-uile càil mar a tha thu ag ràdh, bha a h-uile càil adol gu feum.

MN―24 :46: Well, tha mi taingeil.

CAF―24 :47: ’S math gun robh. .. mura, mura robh, cha bhiodh maragan againn.

MN―24 :56: Cha robh. Chunnaic mi cuidegin abruidhinn air a bhith adèanamh maragan air Facebook an-dràsta dìreach mus do thòisich mi abruidhinn riut, chuir e iongnadh orm. Tha. .. well, tha mi taingeil gun do chuimhnich thu bruidhinn air teaghlach do mhàthar. Cha robh fhios am an robh ceangal aca ris an eilean no nach robh. A bheil càil eile ann a tha thu amiannachadh a ràdh?

CAF―25 :16: Eh, chan eil fhios am a bheil. ’S cinnteach gun tig a h-uile càil thugam a-nochd nuair a tha mi alaighe na mo leabaidh.

MN―25 :25: Well, ceud taing, a Chaluim.

CAF―25 :28: ’S e do bheatha.

MN―25 :30: Tapadh leat-sa.

titleCalum Alasdair Friseal
internal date2021.0
display date2021
publication date2021
level
parent textStòras-beò nan Gàidheal
<< please select a word
<< please select a page