Eairdsidh Caimbeul
Fàilte, a Mhàiri, agus mòran taing airson ar faicinn an-diugh as an taigh agaibh fhèin air latha brèagha, an latha.. .an latha as fhaide den.. .den a’ bhliadhna.
M[àiri R[obasdan]―00 .13: Uill, fear de na làithean.
EC―00 :14: Fear de na làithean co-dhiù. Sin agad e, tha.. .tha e math a’ ghrian fhaicinn.
MR―00 :17: Nach eil? Math fhèin.
EC―00 :18: Gu dearbha fhèin e. Am b’ urrainn dhuibh rud beag innse dhuinn dìreach mur deidhinn fhèin agus ur teaghlach, ciamar a tha iad gur sloinneadh as a’ choimhearsnachd is.. .?
MR―00 :25: Tha mi dìreach.. .tha mòran ainmean orm, ach ’s e Màiri Dhòmhnaill Iain Anndra a chanas mise leam fhìn, nuair dh’fhaighnicheas iad cò às.. .dè chanas iad ribh? Dìreach Màiri. Ach tha e coltach nuair a bha mi a’ dol dhan sgoil ’s e Màiri Bheag a’ Gheamair a bhiodh aca orm son bha m’ athair na.. .na gheamair aig an àm.
EC―00 :41: Tha cuimhn’ a’m air.. .air sineach. Agus cà’ am biodh e ag obair? Am biodh e ag obair air oighreachd Uibhist a Deas, Beinn na Faoghla?
MR―00 :46: Uibhist a Deas, ’s ann, ’s ann, ’s ann.
EC―00 :49: Agus sin an t-àm a bhasyndicateann.
MR―00 :51: ’S ann, yeah. Chan e.. .uill, ronsyndicatecuideachd, chan eil mi buileach cinnteach dè an t-ainm a bh’ air na daoine, ach an e Bensons a bh’ ann, ach ’s ann às deaghaidh sineach ghabh ansyndicatee an.. .nuair a bha e ann. Bha mòran theaghlaichean as an.. .ach ’s ann à shìos taobh.. .an ann àKilmarnocka bha e no na taobhan sin, ’s ann a bha am fear a bha os cionn ansyndicate, David Greig, Còirneal, Còirneal Greig. ..
EC―01 :24: Chuala mi an t-ainm sin, Còirneal Greig. Agus cò ris.. .agus dè an obair a bh’ aige mar gum biodh, an robh e.. .am biodh.. .an robh aige ri bhith a-muigh air an oidhche a’ cumail sùil no.. .?
MR―01 :35: O, cha bhiodh.. .cha bhiodh esan.. .uill dìreach a’ geamaireachd. Bhiodh e a’ falbh sa mhadainn nam biodh.. .as a’ gheamhradh ’s ann a bhiodh iad a’ falbh a shealg, cha robh esan a’ gabhail turas ris an iasgach no ri na h-aibhnichean.
EC―01 :47: Seadh dìreach.
MR―01 :50: Bha, bha sin a’ tachairt barrachd aig Uibhist a Deas na bha e ann am Beinn na Faoghla, is dìreach bhiodh e.. .nuair a thigeadh na daoine sineach is iad ag iarraidh cuideigin a’ falbh còmhla riutha uill ’s e m’ athair is bhiodh iad a’ falbh gu math tràth madainn cuideachd leis an doillearachd, bhiodh iad.. .mun dèanadh iad ammorning flight, bhiodh iad a’ falbh is i fhathast gu math dorcha, bhiodh e a’ falbh às an taigh. Is bhiodh.. .bhiodh aige dìreach a’ coimhead às dèidh na sgàthan. .. na sgàthan a chanadh iad air an t-àite, bhiodh iad air a dhèanamh le fiodh, is a’ dol a-staigh ann a shineach a’ dol am falach air na. ..
EC―02 :30: Agus bhiodh iad a’ sealg a-mach às a.. .a- mach às an sin.
MR―02 :31: Bhiodh, bhiodh, uh - huh.
EC―02 :33: Agus an e geàdh glas a bh’ ann.. .gabh mo leisgeul.. .no an e an naosg.. .an robh.. .an robh diofar seòrsa eun ann aig diofar amannan den bhliadhna?
MR―02 :38: Bha, aig diofar amannan. Bhiodh an naosg car a’ tòiseachadh a-null nuair a thòisicheadh iad, airson a’ gheamhradh ron an t-seusan sin bhiodh naoisg is sineach is lachain is geòidh, saoilidh mi nach robh na geòidh cho pailte ’s a tha iad an-diugh.
EC―02 :57: Agus a thaobh foghlaim is sgoileadh, càite, càite an deach thu dhan sgoil?
MR―03 :01: Uill, cha robh aca aig an àm ach Cnoc na Mònadh.
EC―03 :04: Cnoc na Mònadh, seadh.
MR―03 :05: Mar a chanadh iad ann am Beurla, Torlum Junior Secondary School.
EC―03 :09: An e sin a bh’ ann aig an àm, an robh.. .an robh.. .an robh àrd-sgoil ann cuideachd aig an àm sin?
MR―03 :12: Bha, dìreach suas chun an treas bliadhna, agus dhùin sin a’ bhliadhna a bha mise shuas san sgoil, ann an naoi ceud deug trì fichead ’s a trì, agus an uair sin ’s ann a dh’fhosgladh Sgoil an Ìochdair.
EC―03 :25: Tha mi a’ tuigsinn. Agus cò ris a bha e coltach a bhith san sgoil ann an Cnoc na Mònadh, an robh rudan ann a bha a’ còrdadh riut as an sgoil agus rudan nach robh is.. .?
MR―03 :34: Bha, tha mi cinnteach.. .uill, aig an àm bhitheamaid dìreach a’ coiseachd dhan sgoil cuideachd, ach thòisich an uair sin.. .bhitheamaid a’ faighinn am bus, chan eil fhios a’m an robh còir againn ach nam biodh droch thìde ann bhitheamaid a’ falbh air.. .air a’ bhus, son a shioft sinn sìos gu ceann shìos a.. .a’ bhaile.
EC―03 :48: Seadh, cà’ an robh sibh a’ fuireach. .. cà’ an robh sibh a’ fuireach an toiseach, an robh sibh a’ fuireach ann an Grìm.. .ann an Grìminis?
MR―03 :52: Grìminis.
EC―03 :52: Grìminis fhèin, tha mi a’ tuigsinn.
MR―03 :56: ’S ann. Agus dè na rudan a chòrd rium chan eil cuimhn a’m. . .bu toil leam.. .dè chanas sibh airsonGeography, a bheil.. .?
EC―04 :04: Tha am facal ann Cruinn-eòlas ged nach eil mi eòlas.. .eòlach air mi-fhìn ach Cruinn-eòlas.
MR―04 :09: Uill, bu toil leam sineach.
EC―04 :11: Ùidh, ùidh agad ann an dùthchannan eile is cleachdaidhean daoine eile is. ..
MR―04 :16: Bha, ach a bharrachd air an sin, cha robhreallyuimhir ghnothaichean ann airson a bhith ag ionnsachadh seach mar a tha an-diugh.. .chì mise.. .uill, nuair a bhios mi timcheall an àrd-sgoil.. .uill chan e an àrd-sgoil ach a’ dol a-staigh dhan.. .can sgoil Bhaile a’ Mhanaich tha iad.. .gnothaichean air na ballaichean ann a shineach, chan eil fhios a’m ciamar a dh’ionnsaich sinn dad idir, nuair a chì thu rudan a tha air a dhèanamh agus rudan a tha iad ag ionnsachadh an-diugh.
EC―04 :42: Gun teagamh, ach an canadh tu gun robh deagh fhoghlam ann aig an àm, gun robhyou know.. .gun robh.. .gun robh sibh a’ faighinn rudan a bha.. .you knowa bha, bha riatanach co-dhiù airson.. .?
MR―04 :49: Bha, tha mi cinnteach.. .mar a bha mi ag ràdh tha.. .uill bha sinn.. .tha mi cinnteach car air an iomall, cha robh e mar a tha iad an-diugh a’ dol.. .na sgoiltean a’ dol an lùib a chèile, uill chan eil ann ach an aon tè Lìonacleit a-nist ach, can an taca ri tìr-mòr cha bhiodh. ..
EC―05 :04: An robh tòrr sgoiltean ann am Beinn na Faoghla aig an àm sin?
MR―05 :08: Uill, nuair a bha mise sa bhun-sgoil, bha Cìlearabhagh fhathast fosgailte agus bha Baile a’ Mhanaich ann agus Cnoc na Mònadh noTorlummar a chanadh, Cnoc na Mònadh chanadh sinne, yeah.
EC―05 :25: Agus cò.. .cò bha os cionn na sgoileadh aig an àm sin?
MR―05 :28: Fear à Barraigh a bh’ ann, DòmhnallMacLean.. .Dòmhnall MacIlleathain.
EC―05 :30: O, Dòmhnall.. .bha Dòmhnall MacIlleathain ann an.. .ann an.. .ann an Cnoc na Mònadh?
MR―05 :33: Bha, bha, gus an do dhùin i.
EC―05 :36: Agus an uair sin chaidh e dhan Ìochdar.
MR―05 :39: Dhan Ìochdar. Chan eil fhios a’m an deach esan dhan Ìochdar no chan urrainn dhomh a ràdh.
EC―05 :44: Bha e agamsa san Ìochdar, Dòmhnall, nuair a bha mise ann as.. .as na seachdadan bha.. .bha Dòmhnall na.. .na cheann-sgoileadh aig an àm sin.
MR―05 :52: Ach an uair sin chaidh Cnoc na Mònadh a dhèanamh na bun-sgoil nuair a dhùin. ..
EC―05 :58: Agus cia mheud sgoilear a bh’ ann can aig an àm sin is tu fhèin ann, an robh.. .an robh deannan math ann?
MR―06 :04: Chan eil fhios a’m, bhiodh.. .chan eil fhios a’m am biodh ceud ann, son ’s e còig rumannan a bh’ ann. ’S e bha trì gu h-àrd. ..
EC―06 :11: ’S e sgoil glè mhòr.. . ’s e sgoil glè mhòr a bh’ ann.
MR―06 :13: Bha trì seòmaran gu h-àrd is bha a dhà gu h-ìosal, is cha chanainn gun robh cus as na rumannan eadar.. .shin e.
EC―06 :24: Agus am biodh clann a’ tighinn à. .à Cnoc na Mònadh fhèin is Grìminis is Creag Goraidh is Lìonacleit is cuideachd agus ’s dòcha an t-Uachdar Beinn a’ Bhaoghla cuideachd is Gramasdal is.. .?
MR―06 :36: Bha, bha. Ach cha robh gin de clann saighdearain againn an uair sin, bha an t-arm ’s dòcha gun tighinn ceart an uair sin, cha robh. ..
EC―06 :43: ’S dòcha gun robh iad à Baile a’ Mhanaich cuideachd.
MR―06 :44: Bha iad ann am Baile a’ Mhanaich ach cha robh.. .cha robh duine.. .is mise ann an Cnoc na Mònadh, tha. ..
EC―06 :51: Agus a bheil cuimhn’ agaibh a bhith a’ cluiche geamaichean nuair a bha sibh a’ faighinn rud beag fois bhon na.. .bho na leasain no an robh.. .?
MR―06 :57: Cha robh. Bhitheamaid a-muigh nam biodh deagh latha ann, bhitheamaid a’ cluiche rud a chanadh iadrounders, mar gum biodh ball againn is bhiodh pìos maide, sin nuair a bhiodh.. .tha cuimhn’ agam sa gheamhradh nuair a, nuair a bhiodh reothadh ann - saoilidh mi gun robh barrachd reothadh againn na tha sinn a’ faighinn a-nist – bhiodh na.. .na gillean air bocsaicheancardboarda’ slaighdeadh sìos an. ..
EC―07 :22: O, tha leathad.. .tha leathad car cas ann, nach eil ann an.. .ann an Cnoc na Mònadh?
MR―07 :26: A’ dol sìos air an sin. Ach a bharrachd air an sin chan eil fhios a’m. . .bha cuideachd air an taobh-a- muigh den togalach, bha caranstepàrd ann, agus bhitheamaid a’ feuchainn ri coiseachd air an.. .air an sineach agus nuair a bha thu a’ tighinn dheth is bha an uair sin bha thu a’ dol timcheall is bha thu coiseachd air a’ dol timcheall a-rithist, cha robh goireasan againn.
EC―07 :46: Ach bha sibh fhèin gan dèanamh.
MR―07 :47: Bha, bha.
EC―07 :50: Agus an uair sin dhùin Cnoc na Mònadh mar.. .mar àrd-sgoil is bha agaibh ri gluasad gu.. .gu sgoil eile mar gum biodh.
MR―07 :59: Chaidh mise an uair sin gu tìr-mòr, chaidh mi dhan cholaiste ann amPlockton.
EC―08 :04: So dè rinn sibh eadar.. .eadar Cnoc na Mònadh agus.. .agus sin a dhèanamh mar gum biodh, an robh.. .?
MR―08 :09: Tha e doirbh a ràdh an uair sin bha mi ullamh bhon a dhùinear deireadh na bliadhna san Òg-mhìos.
EC―08 :14: Tha mi a’ tuigsinn so bha sibh.. .bha sibh air àrd-sgoil.. .foghlam àrd-sgoil a dhèanamh.. .a dhèanamh ann an Cnoc na Mònadh?
MR―08 :18: Bha, chun an.. .chun an treas bliadhna, bha thu a’ fàgail aig còig deug an uair ud. Tha e air atharrachadh on uair sin. An uair sin chaidh mi dhan.. .a- mach as a’ Phloc.
EC―08 :28: An e sin Caisteal. ..
MR―08 :29: CaistealDuncraig.
EC―08 :30: Duncraig. Agus cò ris a bha sin coltach a bhith ann.. .an robh.. .?
MR―08 :34: Bha, a-rithist bha e gu math eagalach, cha robh.. .oir aig an àm ud bha thu a’ falbh, cha robh fhios agad dè bha romhad, a’ dol ann gun duine còmhla rium, an aon rud bha dìreach thachair mi ri dithist a bha a’ falbh aig an aon latha.. .san aon latha leam, thachair mi orra Loch nam Madadh, m’ athair aig Locha nam Madadh is bha fhios aigesan no dh’aithnicheadh e an teaghlaichean aig feadhainn aca, is cha robh agam ach à-san a leantail. Is an uair sin a dhol air trèana às an sineach is bha.. .fhathast thaDuncraigtha e.. .bidh an trèana a’ stad son an àite sin fhèin. Chan eil.. .chan eil ann ach bocsa beag, chan eil.. .uill, tha gnothaichean aig an trèana air atharrachadh cho mòr a-nis co-dhiù chan eil iad mar a chanas iadmanned.
EC―09 :24: Agus ’s e.. .an e seann chaisteal.. . ’s e caisteal a bh’ ann mar gum biodh, no, no taigh aig duin’ uasal no rudeigin.
MR―09 :30: ’S e, feareigin Matheson tha e coltach gun e thog e, is tha e coltach gun do rinn esan airgead thall-thairis airopium.
EC―09 :38: An e sin am fear a bha ann an Steòrnabhagh cuideachd, am fear a thog Caisteal.. .Caisteal Leòdhais? ’S e.. .an e.. .an eSirJames Matheson, rudeig.. .rudeigin mar sineach co-dhiù.
MR―09 :45: ’S e, ’s e tha e coltach.
EC―09 :47: Bha e ann an Hong Kong is sineach.
MR―09 :48: Bha.
EC―09 :49: Seo nist. Agus cò ris a bha e coltach a bhith ann a shin? Àite car iomallach tha mi. ..
MR―09 :56: ’S e, tha mi cinnteach uill gun robh beagan cianalais orm aig toiseach gnothach, bha.. . ’s ann.. .a bhith ann an taigh mòr, bha na seòmaran cho mòr is bha craobhan timcheall air, cha robh mi eòlach air craobhan.
EC―10 :08: Cha bhiodh.
MR―10 :09: Cha bhiodh.
EC―10 :11: Agus an e.. .an e boireannaich a bh’ ann a-mhàin, an robh.. .cha robh fir sam bith mar gum biodh nan oileanaich as a’ cholaiste?
MR―10 :17: Uill, bha dàjanitorann.
EC―10 :19: Bha ag obair ann, ach.. .ach cha robh.. .cha robh duine sam bith ag ionnsachadh.. .cha robh fireannaich sam bith ag ionnsachadh ann, mar gum biodh.
MR―10 :23: Cha robh, cha robh.
EC―10 :24: Agus ciamar a thàinig e gu bhith na cholaiste mar gum biodh, an taigh sin? An robh.. .dè thachair is gun do.. .an do dh’fhàg Sir Seumas e aig.. .aig a’ choimhearsnachd?
MR―10 :33: Dh’fhàg, dh’fhàg aig Siorrachd Rois.
EC―10 :35: Siorrachd.. .Siorrachd Rois. Agus am biodh boireannaich òga à eileanan eile.. .eile ann is tìr-mòr cuideachd?
MR―10 :42: Bha, o bha son is ann às na h-eileanan bu mhotha a bha.. .uill chan ann, bha deannan às Leòdhas agus bha.. .chan eil cuimhn’ a’m, feadhainn às Na Hearadh is bha iad.. .na h-eileanan, an robh eileanan eile ann, chan aithne dhomh. Cha robh duine à Barraigh ann, is mise ann. Dìreach Leòdhas is Na Hearadh is an t-Eilean Sgitheanach, bha an còrr à tìr-mòr, an t-Eilean Dubh is Inbhir Nis.
EC―11 :13: Siorrachd Rois tha mi a’ creidsinn, timcheall.. .timcheall na sgìrean sineach.
MR―11 :14: Siorrachd Rois ’s e. Bha is suas a tuath, Cataibh bha iad às an sin.
EC―11 :20: Agus an e.. .an robh.. .an e àite spòrsail a bh’ ann? An robh. .. an robh.. .an robh cothrom agaibh faighinn a-mach às an àite airson beagan.. .beagan dibhearsan mar gum biodh?
MR―11 :26: Bha air Disathairne, dìreach Disathairne, cha robh mòran.. .aidh, nuair.. .tha.. .dìreach air Disathairne bhitheamaid a’ dol a-staigh dhan Chaol air an.. .air an trèan’. Agus cha bhiodh againn ach beagan airgid airson a chosg, chan fhaigheadh tu mòran co-dhiù agus bha agad an uair sin ri a bhith air ais a-rithist ann an àm airson. ..
EC―11 :47: Bha e car coltach ri sgoil seach colaiste, ’s dòcha?
MR―11 :49: Bha, tha mi cinnteach, bha.
EC―11 :51: Mar a chitheamaid an sgoil san latha an-diugh. Agus innis dhuinn mu dheidhinn latha as a’ cholaiste, dè.. .dè an seòrsa latha a bhiodh ann mar gum biodh, an robh sibh a’ tòiseachadh gu math tràth air leasain is. ..
MR―12 :00: Bha, dìreach mar gum biodh an sgoil faodadh, faodadh tu a ràdh, bha sin ann. Bha an uair sin feasgaran às dèidh sineach bha agad pàirt a ghabhail de naduties, bhiodh tu a’ cur a-staigh na bùird no a’ toirt air falbh na soithichean is gan dèanamh deiseil airson na, na madainn is. ..
EC―12 :19: Agus ’s e trèanadh a bh’ ann ann an còcaireachd is rudan mar sin.. .?
MR―12 :21: ’S e, is fuaigheal, bha fuaigheal ann cuideachd, bha, agus dè na rudan eile a bh’ ann.. .dìreach bha.. .mar gum biodh latha-sgoile, bhiodhte a’ faighinn angym teacherbhiodh i a’ tighinn, is bhitheamaid a’ cluichenetballis.. .chan eil cuimhn a’m dè na rudan eile a bh’ againn an uair sin.. .tha, tha deagh ghreis on a bha mise san àite is.. .tha.
EC―12 :44: Gun teagamh, gun teagamh. Agus dè mu dheidhinn faighinn dhachaigh, an robh sin aig.. .aig ’s dòcha aig àm na Càisge no samhradh no. ..
MR―12 :51: ’S e, dìreach aig amannan.. .dìreach trì tursan sa bhliadhna faodaidh tu a ràdh. Cha bhiodh tric. Ach bhiodh.. . ’s dòcha gum biodh deireadh-seachdain againn dheth, chan eil cuimhn’ a’m an-dràsta dìreach cuin, ach bhithinn a’ dol suas, bhitheamaid a’ dol air.. .air an trèan’ a dh’Inbhir Nis is bhithinn a’ dol a-null gu Ceasag, bha tè a bhuineadh dha mo sheanmhair thall ann a shineach is bhithinn a’ cur seachad. ..
EC―13 :12: Nam biodh càirdean agaibh dh’fhaodamaid.. .dh’fhaodadh sibh a dhol a-mach ùine a chur seachad còmhla riutha.
MR―13 :19: Is aig an uair ud cuideachd bha againn a h-uile oidhche Sàbaid no.. .bha againn litir a sgrìobhadh dhachaigh, cha robh, bha.. .agus. ..
EC―13 :29: An e sin rud a bha a’ cholaiste fhèin ag ràdh mar gum biodh, cha robh.. .?
MR―13 :32: ’S e, ’s e bha agad ri.. .ri dhèanamh, yeah. Is bhiodh tu a’ faighinn.. .na bh’ agad de dh’airgead ’s ann tron phost a bhiodh e a’ tighinn is bha sin a’ dèanamh a’ ghnothaich, yeah. Is cuideachd bha.. .dh’fhaodadh tu fònadh aon oidhche as t-seachdain, bha sin ann am bocsa le puta.. .putain.
EC―13 :52: An robh A agus B ann?
MR―13 :53: Bha.
EC―13 :54: Tha mi cinn.. .tha cuimhn’ am air an seòrsa fòn.
MR―13 :56: Tha.. .bha.. .dud eile a bh’ againn ri dhèanamh? Bha.. .o, uill, bhiodh againn ri suidhe as an rùm a tha seo, san rùm a chanadh iadrecreation roomair oidhche na Sàbaid ag èisteachd le Alistair Cooke agus nuair a chluinneas mise fhathast air Alistair Cooke bidh mi a’ cuimhneachadh, ’s e, ’s e rud an can iad an-diugh ’s edetentiona bh’ ann, yeah.
EC―14 :20: Alistair Cooke, an e sin am fear a bha a’ dèanamh Litir bho.. .Litir.. .Litir bho Ameireaga?
MR―14 :23: Ameireaga, ’s e, ’s e.
EC―14 :24: Seadh is tha.. .tha thu, tha thu, bha thu air do.. .do leamhachadh leis tha mi a’ smaointinn.
MR―14 :30: Feumaidh gun robh e air gràin a chur orm.
EC―14 :36: Agus uill àite.. .àite iomallach co-dhiù gun mòran chothroman faighinn air falbh. Agus dè cho fad ’s a bha sibh an.. .?
MR―14 :42: Bha mi dìr.. .bha mi dà bhliadhna nam oileanach air.. .cha robh ann ach uimhir seo a dh’àite ann airson faighinn air an dàrna bliadhna is dh’fheumadh tu uimhir seo demarksfhaighinn airson gum faigheadh tu an dàrna bliadhna a dhèanamh, is mura do r.. .mura an robh iad math gu leòr chan fhaigheadh tu an dàrna bliadhna a dhèanamh. Ach an uair sin ghabh mi bliadhna is bha mi ag obair as a’ chidsin a bha.. .cidsin air leth ann cuideachd airson dèanamh am biadh dha na h-oileanaich air feasgar agus deireadh na seachdaine, Disathairne.
EC―15 :11: An robh am biadh ceart gu leòr agaibh is.. .?
MR―15 :12: Bha, bha sinn.. .bha.
EC―15 :13: Is.. .is. .is gu leòr dheth?
MR―15 :15: Gu leòr dheth, is bha rudan nach fhaca mise a-riamh roimhe gus an. ..
EC―15 :19: So bha sibh a’ faighinn cothrom a bhith a’ gabhail blasad de rudan a bha.. .?
MR―15 :21: Bha, is a’ cur cuideam orm, aidh, so sin.. ..
EC―15 :26: Agus an robh thu a’ faighinn cothrom.. .tha fhios a’m gu bheil thu measail air a bhith a’ coiseachd san latha an-diugh, an biodh tu a’ coiseachd nuair a bha thu a’ fuireach.. .a’ fuireach ann a shineach, bha cothr.. . ’s e sgìre àlainn a th’ ann, nach e?
MR―15 :31: Bha, bha cuideachd. Aidh, a-rithist dh’fheumamaid a dhol a choiseachd feasgar na Sàbaid is tu..
EC―15 :37: Dh’fheumamaid a dhol a choiseachd?
MR―15 :39: Uill, faodaidh mi ràdh gum feumadh, mura robh thu as ansick bay. Aon turas chaidh mi ann a shineach, nuair a ghabh mi.. .an e an t-at-busach, so. ..
EC―15 :51: Seadh. Ach a bharrachd air sin bha thu.. .bha thu gu math fallain.
MR―15 :56: Bha, cha robh mi ann idir, cha robh.
EC―15 :58: Agus an e.. .an e àite Gàidhealach a bh’ ann timcheall, an robh sibh a’ cluinntinn Gàidhlig timcheall air.. .air.. .air a’ cholaiste?
MR―16 :06: Chan urrainn dhomh a ràdh gun robh, dìreach bha Gàidhlig gu leòr eadar sinn, dìreach bhiodh Mòd ann, Mòd a’ Chaoil againn pàirt a ghabhail anns an sin, bha. Tha cuimhn’ agam gun e Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain fear de na.. .an fheadhainn a bha air mo bheulaibh turas.
EC―16 :21: Sin an tidsear is craoladair is iomadach rud eile.
MR―16 :22: ’S e, ’s e. Taigh a’ Ghearraidh a bha e.
EC―16 :26: Taigh a’ Ghearraidh, seadh. Agus dè bha esan a’ dèanamh, an robh.. .an robh esan mar bhritheamh aig a’ Mhòd, no bha.. .?
MR―16 :31: Bha. Tha mi a’ smaointinn gur ann h-ann am Port Rìgh a bha esan a’ teagasg aig an àm.
EC―16 :36: Bha e a’ teagasg thall is a-bhos, nach robh, air a’ Ghàidhealtachd? So sin agad, sin agad Caisteal Dhùin Chrathaig co-dhiù.
MR―16 :44: ’S e, ach bha deannan aig na gillean ann an.. .chan e gun robh mise a-riamh ann am Balmacara, ach bha e caran. ..
EC―16 :50: Agus dè bhiodh iad a’ dèanamh an sin?
MR―16 :51: Bha à-san mar gum biodh ag obair.. .na cruitearachd agus an robhforestryann, shin agad an rud, craobhan is sin. Chan e gun robh mi.. .cha deach mise a-riamh thall an sineach aig an àm, ach an uair sin aig.. .aig Nollaig bhiodh iad a’ tighinn a-nall is gu pàrtaidh ann an.. .gu Duncraig, bhiodh iad a’ fiathachadh.. .saoilidh mi nach robh uimhir acasan anns a bha againn.. .bha againn an toiseach. Bha àite ann airson trì fichead, ach aig an àm sin bha rud an cantedormsann, is bha iad diofar meudachd. Fear.. .as a’ chiad fhear san robh mise bha sianar againn ann.. .o sin tè eile, bha.. .bha iad a’ tighinn àOrkneycuideachd.
EC―17 :32: O, ceart.
MR―17 :33: Orkney, bha. Tha cuimhn’ agam dìreach bha tè. ..
EC―17 :37: Agus an robh gnothaichean a’ fàs beagan na bu chofhurtaile mar a bha thu a’ dol air adhart? An robh.. .an robh thu a’ faighinndormbeagan nas lugha ’s dòcha no.. .?
MR―17 :42: Cha robh, cha do rinn e diofar. Is bha an uair sin nuair a rachadh tu dhan an dàrna bliadhna bha thu a’ coimhead às deaghaidh an fheadhainn a thàinig a-staigh air a’ chiad bhliadhna ’s dòcha, shin e. Bha aon rùm tha mi a’ smaointinn gun robh deichnear ann, agus bha diofar.. .bha ainmean, ’s e ainm na.. .na h-eileanan a bh’ orra, bha. ..
EC―17 :59: Air na rumannan?
MR―17 :59: Na rumannan, isScalpayisRonais.. .chan eil cuimhn’ am dìreach.. .Eriskay, Barraigh, bha Uibhist ann is bha.. .chan eil cuimhn’ a’m de na rudan.. .dè na h-ainmean eile a bh’ aca.
EC―18 :15: Agus a bheil fios.. .fios cuin.. .cuin a dhùin e mar cholaiste, Dùn.. .? ’S e.. .chan eil e mar cholaiste san latha an-diugh a bheil?
MR―18 :20: Chan eil, chan eil. Chan eil mi a’ dol a ràdh le cinnt dìreach an ann anns an ochd.. .an anneighty - nineno. ..
EC―18 :28: Chan eil e cho fìor fhada.
MR―18 :29: Chan eil e cho fìor fhada. Tha cuimhn’ a’m thog iad pìos leis cuideachd thug mi an aire, bha e air a dhèanamh leblocksis bha e a’ coimhead cho eadar.. .a- mach à àite taobh an.. .an t-seann chaisteil ann a shin.
EC―18 :41: ’S e togalach brèagha a th’ ann, nach e? Chì thu.. .chì thu.. .is chì thu e bho astar cuideachd, nach fhaic, air an, air an trèana an sineach. So sin agad Caisteal Dhùin Chrathaig co-dhiù agus dè.. .dè rinn sibh an uair sin? An robh.. .an robh.. .an robh cothroman a’ fosgladh a-mach, mar gum biodh?
MR―18 :55: Uill, bha mi aig an taigh, bha mi a’ chiad.. .an aon turas a-riamh a bha mi air andole, bha mi air andoleeadar mu dh’fhaoidte trì mìosan a’ gheamhraidh a bha sineach, an uair sin toiseach trì fichead ’s a seachd chaidh mi a Dhùn Èideann dìreach an deaghaidh na Bliadhn’ Ùire, bha mi ag obair ann an sgoil ann a shineach airson gillean, gillean a-mhàin eadar aois a h-ochd is trì deug, bha mi sa chidsin ann a shineach, is thug mi dà bhliadhna ann a shin.
EC―19 :27: An e sin sgoil is mar gum biodh.. .prìobhaideach mar gum biodh?
MR―19 :31: ’S e, ’s, ’s e. Sgoil phriòbhaideach son gillean a bh’ innte. Bha i a-muigh ri taobh Barnton, Cramond.
EC―19 :39: Ciamar a chòrd sin riut a bhith sa bhaile mhòr, uill baile reusanta mòr co-dhiù?
MR―19 :41: Uill, bha math gu leòr ach chan eil fhios a’m an e.. . ’s ann.. .san àite san robh mi bha e bìdeag.. .bha e a-mach às a’ bhaile agus bha mi ag ionndrainn na.. .na Gàidhealtachd faodaidh mi a ràdh, agus rinn mi dìreach dà bhliadhna is chaidh mi an uair sin. ..
EC―19 :54: Bhiodh sin gu math diofraichte, agus an robh thu a’ fuireach as an sgoil fhèin, an robh àite.. .an robh àite-fuirich agad as an sgoil?
MR―19 :58: Bha, shuas gu h-àrd, bha.
EC―20 :02: Agus an robh.. .am biodh tu a’ dol dhan bhaile uair sam bith an robh.. .an robh.. .?
MR―20 :04: Bhiodh, nuair a bha latha dheth agam, bhiodh. Bha an uair sin, an ceann dà bhliadhna chaidh mi.. .ghluais mi dhan Ghearasdan. Bha mi aig obair eile a-rithist is bha mi ceangailte ri biadh, ’s ann as na taighean-òsta a bha mi, sin e.
EC―20 :18: Ag.. .agus cò ris a bha e coltach as a’ Ghearasdan aig an àm sin, an e.. .an e àite trang a bh’ ann, mar gum biodh?
MR―20 :23: Bha e trang gu leòr, yeah, leis a’ Phulp Mill.
EC―20 :26: Sin nuair a.. .nuair a dh’fhosgail.. .bha mi a’ smaointeachadh air a’ Phulp Millagus. ..
MR―20 :28: Bha, bha amPulp Milla’ dol. Uill, bha e a’ dol treis mus deach mise ann, gun teagamh.
EC―20 :32: Agus tha fios gun tu.. .gun tug sin tòrr a-staigh dhan bhaile mar gum biodh, feadhainn às a h-uile àite tha mi a’ creidsinn.
MR―20 :35: Thug. Bha iad a’ tighinn à Glaschu agus mu na.. . ’eil fhios ’ad na.. .na meadhanan shìos an sin de dh’Alba.
EC―20 :45: Agus cò ris a bha an latha coltach, latha-obrach ann an taigh-òsta mar sineach, tha fios gun robh obair mhòr?
MR―20 :50: Uill, bha, nuair.. .nuair a bha.. .a h-uile samhradh bhiodh iad.. .bhitheamaid a’ dèanamh sioftaichean, bhiodh tu air tràth gu.. .tha mi.. .teannadh aig a seachd gu leth-uair an dèidh dhà no bha thu a’ dol air aig dà uair agus bha thu air gu ’s dòcha deich uairean, a rèir ’s cuin a gheibheadh tu a huile sian.. .crìoch a chur air, sgioblachadh air falbh is glanadh às do dhèidh, yeah.
EC―21 :12: Seadh. Agus an robh thusa ag obair ann fad na bliadhna? Chan e.. .chan e rud mar gum biodh obair.. .chan e obair-shamraidh a bh’ ann, bha.. .bha e agad?
MR―21 :16: Bha, chan e.
EC―21 :20: Agus am biodh tòrr a’ tighinn a dh’obair ann as t-samhradh, ’s dòcha feadhainn às na h-eileanan?
MR―21 :23: Bha, aig an àm sin bha, bha, bha.
EC―21 :28: Agus.. .agus ’s e sgìre gu math brèagha a th’ ann an Loch Abar is An Gearasdan, an robh.. .an robh thu.. .an robh thu a’ dol a-mach, a’ coiseachd is.. .?
MR―21 :35: Bhiodh, is coiseachd dìreach deireadh na seachdaine, Dihaoine bhiodh.. .bhitheamaid a’ dol chun na, na dannsaichean, bhiodh diofarbandsa’ tighinn a chluiche nuair.. .tha cuimhn’ a’m Wallochmor is. .. bha is Fergie.
EC―21 :54: Bha Fergie as an sgìre co-dhiù, nach robh?
MR―21 :55: Bha, yeah. Cha robh e cho fada sin air falbh. The Wick Scottish, bha. Chan eil cuimhn’ a’m an-dràsta cò an fheadhainn a bha.. .dh’fhalbh an latha sin aidh is leithid an rud a’ dol a-nist ann.
EC―22 :07: So ’s e àite beòthail a bh’ ann co-dhiù, a bhith a’ fuireach as a’ Ghearasdan, le measgachadh dhaoine ann is. ..
MR―22 :08: ’S e, ’s e. Bha, is bha iad às na h-eileanan eile.
EC―22 :15: Agus an robh coimhearsnachd làidir bho na h-eileanan as a’ Ghearasdan mar gum biodh, an robh tòrr eileanaich.. .?
MR―22 :21: Bha, bha deannan, bha.
EC―22 :23: Agus dè bha gan tarraing mar gum biodh, an e.. .an e obair a’ Phulp Millis.. .?
MR―22 :26: ’S e, ’s e, chanainns’ gun e sin bu mhotha a bh’ ann, gan toirt ann.
EC―22 :31: Agus an robh àiteachan far an robh am barrachd dhiubh ann mar gum biodh, an robh.. .an robh.. .an robh sgìrean far am biodh am barrachd Ghàidheil mar gum biodh, an robh.. .?
MR―22 :40: Chan eil fhios a’m. . .is mi fhìn?
EC―22 :46: An robh tòrr as a’ Chaol mar eiseimpleir, Cao.. .Caol a’ Ghearasdain?
MR―22 :48: Bha, bha deannan math ann, bha.
EC―22 :49: Bha deannan math sa Chaol.
MR―22 :50: Bha, bha.. . ’s ann bhaInverlochybha an.. .uill toiseach nuair a theann BA ’s ann a bha sineach air a chur suas, bha na teaghlaichean gan cur ann a shin is bha iad.. .lean iad orra.. .is bha feadhainn a.. .chan eil fhios a’m an robh aig an àm ud a’ ceannach nan taighean is cha robh.. .is bha e caran mun àm seo san robh mise.. .nuair a dh’fhàg mi An Gearasdan ’s ann a bha iad a’ tòiseachadh a’ ceannach nan taighean, bha iad a’ faighinn an cothrom so bha iad a’ gabhail brath air an sin.
EC―23 :23: Agus cuideachd aig an àm sin tha mi cinnteach gum biodh.. .gum biodh clann à Uibhist a’ tighinn dhan.. .dhan Ghearasdan dhan sgoil nach biodh, bhiodh deannan. ..
MR―23 :28: Dhan sgoil, bha, bha. Is bha mo phiuthar treis bha i a’ fuireach ann anInverlochy, bha i a’ fuireach còmhla ri teaghlach ann a shin. Tha cuimhn’ a’m bha triùir aca ann an.. .dithist pheathraichean à Lùdag bha iad an sin san.. .san aon taigh, bha.
EC―23 :48: So bha iad.. .bha iad a’ loidseadh as.. .as a’ Ghearasdan.
MR―23 :49: Bha, bha.
EC―23 :50: Agus am faodadh iad taghadh eadar a bhith ann an loidseadh no a bhith as an ostail? Bha.. .bha ostail ann cuideachd, nach robh, bha.. .?
MR―23 :56: Tha e coltach, chan e gun.. .chan fhaca mise a-riamh anhostelach chan aithne dhomh gun robh mo phiuthar idir ann, bha ise.. .an toiseach bha i thall Caol a’ Ghearasdain agus shioft i an uair sin guInverlochy, cha chreid mi gun robh a’ chiad àite a’ còrdadh leatha, yeah.
title | 1 |
internal date | 2020.0 |
display date | 2020 |
publication date | 2020 |
level | |
parent text | Màiri Robasdan |