Eairdsidh Caimbeul

So bha sibh as a’ Ghearasdan poidhle ùine, agus an ath-cheum mar gum biodh?

MR―00 :13: Uill, ’s ann fhads a bha mi as aGhearasdans ann a phòs mi, ach gu -fhortanach chaidh an duine agam a mharbhadh ann a shineach aig obair aigBritish Alcan. Agus an uair sin às dèidh sineach thàinig mi air ais a Bheinn na Faoghla, air ais cuin.. .ceithir ficheads a ceithir, deireadh ceithir ficheads a ceithir.

EC―00 :35: Ceithir ficheads a ceithir. Agus ris a bha e coltach tilleadh an dèidhs a bhith air falbh poidhle ùine?

MR―00 :44: Bha mi treiseag uill.. .fàs eòlach air na daoine son bha mise air falbh agus bha.. .bha aon linn ann air fàs suas nach.. .air nach aithnichinn. Can.. .can tarsainn on an dachaigh agam ann an Grìminis bha teaghlaichean ann a shineach triùir aca agus bha iad as na ficheadan mum faca mise iad airson achiad turas!

EC―01 :08: Agus am faca.. .am faca tu atharrachadh mòr nuair a thill thu ann am Beinn na Faoghla, an dèidhs a bhith air falbh greiseag? An robh barrachd taighean is rudan mar siud?

MR―01 :19: Bha, bha barrachd taighean adol suas, bha an t-arm gu math na bu trainge, chitheadh tu na h-innealan ged a.. .atighinn à aon taobh, bhiodh iad atighinn a-nuas an rathad an iar adol a Ghèirinis, agus bha iad atòisea.. .an rathad an ears e bhann, an rathad an ear adol a Ghèirinis agus an rathad an iar air an.. .adol dhachaigh.. .atighinn a-nuas air ais feasgar.

EC―01 :38: Sin a chuala sibh, gum, gum biodh iad agabhail rathad eile tilleadh dhachaigh feasgar, an deach innse dhaibh sin a dhèanamh?

MR―01 :43: Tha mi cinnteach, yeah. Agus a bharrachd air an sin, chan.. . na rudan eile a bhann.. .bha barrachd ga dhèanamh nuair a bha an obair ann an.. . ’s e glè bheag a bha na thàmh ann, rud an canadh iad an IDP ann an e, bha iad ag obair adèanamh rathaidean, na mòintich is. ..

EC―02 :05: Is.. .is faighinn seadaichean a thogail is rudan mar sineach is.. .yeah. Agus an robh thu fhèin acumail cruit cuideachd, an robh, an robh. .?

MR―02 :14: Cha robh, cha robh agamsa idir, no. An aon chruit a thagamsas e achruit ann a sheo, chan eil e ach tòrr bogaich rudan ann. O, bhaJob Creationa bhann cuideachd, bhaJob Creation, sin am facal a bha mi ag iarraidh, bha.

EC―02 :29: Bha tòrr rudan, nach robh? Bha iad ato.. .togail chabhsairean nach robh is rudan mar.. .gu Eilean Fhlodaigh is a h-uile rud mar sineach is. ..

MR―02 :35: Uill, a-mach.. .na mòin.. .a- mach rathad na mòintichs e an I.. .Job Creationa bha sineach. No an ann aig aChomhairle, an e iadsan a bha.. .?

EC―02 :47: Tha mi asmaoineachadh gun robh aChomhairle an-sàs ann, achs dòcha gun robh.. .gun robh buidheann no dhà mar gum biodh. Ach tha fios am, tha fios am gun robh.. .gun robh aChomhairle.. .gun robh gnothach aca ris co-dhiù. Agus an dfhuair thu obair nuair a thàinig thu an seo cuideachd, an do thòisich thu air.. .?

MR―03 :02: Cha do thòisich san fhìor mhionaid idir, is bha.. .bha mi adèanamh treiseag.. .bha mi adèanamh beagan de.. .uill, cha robhcontactagam a chionn.. .nam biodh na.. .gann de chuideachadh leis an.. .rud ris an can iadHome Care, achs ann.. . ’s ann an nuair a dhfhosgail Sgoil Lìonacleit an uair sin fhuair mi obair làn-ùine sineach. Agus.. .agus bhliadhna ron siudach thòisich mia gabhail daoine airson fuireach an seo, bhiodh iad adèan.. .bha mi adèanamh leabaidh is bracaist cuideachd.

EC―03 :39: Agus an e luchd-turais a bhann no feadhainn a bha ag obair an seo mar gum bio.. .? An robh an chuid ann?

MR―03 :43: Bha an chuid ann. ’S e an fheadhainn a bha ag obairs dòcha sa gheamhradh aig an àm. ..

EC―03 :48: Bha e car.. .bha e.. .seadh.. .bhiodh an fheadhainn.. .bidh e bea.. .agus bhiodh iad afuireachs dòcha beagan nas fhaide na an fheadhainn.. .na an luchd-turais is.. .agus am biodh iadsan ag iarraidh a h-uile rud beag, am biodh iad ag iarraidh bracaist agus biadh-feasgair, bhiodh iad ag iarraidh a h-uile.. .a h-uile rud mar gum biodh, yah , yeah, yeah.

MR―03 :57: Bhiodh, bhiodh, bhiodh. A h-uile rud.

EC―04 :03: Agus thòisich thu obair, obair as an.. .as an sgoil. An e.. .an e.. .an e as achidsin.. .as achidsin a bha. .?

MR―04 :08: Sa chidsin a bha mi, ’s ann. Bha mi fichead bliadhna ann a shineach, gus an do leig mi dheth.. .mo dhreuchd nuair a bha mi. ..

EC―04 :17: ’S e facal mòr a tha sin, nach e? Agus tha fios gun e àite gu math trang a bha sineach aig an àm sin, clann.. .clann às a h-uile.. .Barraigh is. ..

MR―04 :26: Bha an toiseach, bha iad à.. .bha iad à Beàrnaraigh agus shìos gu.. .gu Barraigh, ach bha iad.. .bhahostelann an uair sin agus bha muinntir Bharraigh ann gus an dfhuair iad an sgoil aca fhèin a dhèanamh gun an àrd-sgoil.

EC―04 :41: Agus am biodh agaibhse ri biadh a dhèanamh an chuid dhan ostail agus dhan.. .dhan a.. .dhan amhòr-chuid den.. .den sgoilearan?

MR―04 :44: Bhiodh, is aig deireadh na seachdaine cuideachd oir bha iad.. .thigeadh iad ann uaireannan mura.. .nam biodh droch thìde ann is nach fhaigheadh iad a-null air an. ..

EC―04 :55: Bhiodh iad afaighinn dhachaigh gach Dihaoine mar as àbhaist agus tilleadh?

MR―04 :57: Bhiodh. Bhiodh iad atilleadhs dòcha madainn Diluain, ach nam biodh droch thìde anns nach biodh dòighean faighinn.. .dhfheumamaid a bhith air, agus biadh a thoirt dhaibh an uair sin, ach.. .is muinntir Bheàrnaraigh chan aithne dhomh nach dfhuair iad dhachaigh aig àm sam bith deireadh na seachdaine.

EC―05 :15: Ach bhiodh iad afuireach tron t-seachdain, mar gum biodh?

MR―05 :17: O, bhiodh, bhiodh, bhiodh iad a. ..

EC―05 :19: Airson cha robh drochaid ann, uill cha robh.. .cha robh cabhsair ann an toiseach an robh nuair a.. .nuair a dhfhosgail an sgoil?

MR―05 :24: Agus cuideachd bha taigh-sgoile ann, bha suas ri còig ceud ann.

EC―05 :28: Bha na h-àireamhan mòr aig an àm sin.

MR―05 :29: Bha. Is bha clann saighdearain, bha tòrr dhiubh ann.

EC―05 :35: Tha sin air.. .tha sin air.. .air lùghdachadh gu mòr.

MR―05 :37: Tha, tha e air beagachadh, tha, chan eil ann a-nist ach mu thrì cheud, ma tha sin fhèin aca.

EC―05 :41: Rudeigin, rudeigin.. .rudeigin mar sin co-dhiù. A bheil thu afaireachdainn gu bheil e air diofar mòr a dhèanamh dha, dha na h-eileanan gu bheil.. .gu bheil àrd-sgoil againn fhìn an seo fhèin, gun.. .gun clann a bhith afalbh gu na.. .na sgoiltean air tìr-mòr?

MR―05 :54: Tha mi cinnteach gu bheil, uill aon nighean ach, chaidh ise.. .dhfhosgail an sgoil dìreach nuair a bha ise deiseil son a dhol.. .dhùin Cnoc na Mònadh cuideachd na bun-sgoil nuair a bha ise ullamh air a.. ... .clas a seachd so dhfhosgail Sgoil Lìonacleit dhise an uair sin, dhfhaodadh tu a ràdh dìreach aig an.. .aig an àm a ràinig i an aois, so tha e doirbh a ràdh tha mi cinnteach gu pearsanta, ach dìreach gum feumadh i falbh nuair a ruigeadh i ceithir deugs dòcha mar a bha feadhainn adèanamh.

EC―06 :26: Sin a bha cumanta nach e, a bhith afalbh aig ceithir.. .ach dhfhalbh. .ach dhfhalbh.. .dhfhalbh feadhainn fiùs.. .fiùs na bòige na sin, feadhainn.. .feadhainn aig dusan no aona bliadhna deug is tha fios gun e ùpraid a bhann dhaibh a bhith afàgail an taighe is sineach ach.. .ach chanadh tu gun e. .. gun do rinn e feum dhan àite, gum faod, gum faod iad uileadh am foghlam a dhèanamh aig an taigh, aig an taigh a-nist. Agus a bheil thu asmaointinn gu bheil.. .gu bheil cothrom ann, cothroman gu leòr ann dhan òigridh ann an Uibhist fhèin no a bheil.. .a bheil obraichean gann, a bheil?

MR―06 :57: Tha mi asmaointinn tha e doirbh a ràdh gun an nighean agam faisg air làimh ach tha e math gu leòr nuair a dhfhalbhas iad ge bith tha iad ag ionnsachadh, ’s e glè bheag a tha atilleadh.

EC―07 :08: Ach saoil nam biodh na cothroman ann dhaibh gun tilleadh iads dòcha?

MR―07 :11: ’S dòcha, bhiodh cuideachd, àite-fuireach, taighean.

EC―07 :16: Taighean, taighean aig prìs reusanta, nach e? Tha sin.. .tha sin.. .tha sin air feadh na Gàidhealtachd, nach eil, nach eil na taighean ann airson.. .airson teaghlaichean òga is. ..

MR―07 :24: Àite-fuireach.

EC―07 :26: Agus a bharrachd air.. .air obair is sineach, tha mi cinnteach gu bheil ùidh agaibh ann an tòrr rudan eile cuideachd, tòrr rudan as toil leibh a bhith adèanamh sa choimhearsnachd an sineach. Am burrainn dhuibh beagan innse dhuinn mu dheidhinn na rudan a tha thu air a bhith an sàs ann thar nam bliadhnaichean?

MR―07 :41: Uill, thar nam bliadhnaichean bha mi car ceangailte ris a.. .Mac.. .buidheann-aillse Mac aMhaoilein, bha mi seachd bliadhna fichead an sàs ann a shin is chuir mi bhuam e am bliadhna. ..

EC―07 :57: Agus bha an lùib sin mar gum biodh, an e atogail airgid is.. .?

MR―08 :00: ’S e is bhitheamaid acur air dòigh cruinneachaidheans dòcha thuras sa bhliadhna na barrachd. Dhfhàg mi sin so a-nist tha.. .chan eil mi.. .uill, an rud mu dheireadh bha mi aiges ann aig.. .aig a’ whist, bha sineach as t-earrach, is an rud eile bha mi.. .a- mach aig. .. [unclear] . .. tron gheamhradh, adèanamh dhan an.. .Uibhist is Beinn na Faoghla thaAccordion and Fiddle Clubaca.

EC―08 :32: Ceart, agus a bheil thu adol gu sineach caran tric thu fhèin?

MR―08 :35: Bithidh, gu math tric, cha bhi a h-uile turas ach bidh mi afeuchainn ri bhith ann. Agus an uair sin timcheall. ..

EC―08 :42: A bheil.. .a bheil thu fhèin acluiche rud sam bith, a bheil thu acluiche ionnsramaid?

MR―08 :43: Chan eil, chan eil.

EC―08 :44: Ach dìreach gu bheil e acòrdadh riut.

MR―08 :45: Cluichidh mi CDs!

EC―08 :47: Math gu leòr, math gu leòr.

MR―08 :49: So bha, bha sinn an uair sin ceangailte ris an eaglais bidh.. .bidh anGuildis. ..

EC―08 :56: Agus bhios atachairt as a’ Ghuildma-thà, .. .am bi sibh adol a-mach a ghabhail biadh, agus am bi sibh adèanamh rudan.. .?

MR―09 :00: Bithidh, aon uair sa.. .sa bhliadhna is bidh sinn.. .uill, bidh sinn dìreach adol guhallfhèin is ag èisteachd le daoine no. ..

EC―09 :09: Bidh cuideigin abruidhinn air cuspair air choreigin is. ..

MR―09 :11: Bithidh, bithidh, uair sa mhìos bidh sinn.. .tha sinn dìreach tha.. . an ath rud a thagainn.. .a- null air mhìos eile bidh rud againn airson nam flùraichean, bidh a h-uile.. .uill bidh feadhainn againn adèanamh suas vàsaichean à rud air choreigin le.. .le flùraichean. Chan eil cuimhnam. . .is bidh againn agus is bithear acruinneachadh airgead airson nighean a tha thall fairis cuideachd a tha.. .tro rud an can iadDwelling Placeairson acur fichead not sa mhìos air adhart airson foghlam aicese, ga cumail thall. Son tha i, tha i dall, tha e coltach. Agus. ..

EC―09 :58: Bha thu.. .bha thu ag innse dhomh gu bheil thu adol a ghabhail turas iongantach ann am beagan is seachdain.

MR―10 :05: Seachdain eile adol a-null aKhenya, tha còignear againn gus afalbh an sin. Tha sinn afalbh air an treasamh latha den ath-mhìos son.. .bidh sinn air falbh mu cheala-deug uile gu lèir.

EC―10 :20: Agus tha adol ann còmhla riut?

MR―10 :23: Tha dithis nigheanan gu math nas òige na mise agus am ministear againn Drew Kusma is ainm dha, agus ministear eile locum a thinnte, Ishie MacDonald. Tha ise afuireach ann an Càirinis.

EC―10 :42: ’S e ministear a thann an Ishie cuideachd.

MR―10 :43: ’S e, ’s e.

EC―10 :48: Agus tha sibh adol a dhèanamh thall an sin?

MR―10 :50: Uill, bidh sinn atadhal air na sgoiltean, ’s dòcha adol gu.. .atadhal air na seann daoine as achoimhearsnachd, is tha sinn an dèidh a bhith afighe is adaichean is sgarfaichean is gnothaichean, so ge bith sùimeil, gum fàg sinn rudeigin aca.

EC―11 :04: Agus an sgoil.. .an sgoil seo, a bheil ceangal aig an sgoil leis.. .leis an eaglais agaibh fhèin mar gum biodh?

MR―11 :09: Tha, tha.

EC―11 :10: ’S e, ’s e sgoil. ..

MR―11 :11: Agus leis an eaglais againn thatwinning, chaidh a dhèanamh chan eil fhios am an ùine a tha e a-nist, tha e ochd bliadhna co-dhiù chanainn on a chaidh a stèideachadh an seo.

EC―11 :24: An robh thu a-riamh ann an leithid de dhàite roimhe seo? An e.. .an e.. .an e rud mòr a thann.. . ’s e rud mòr a thann, nach e?

MR―11 :27: Cha robh. ’S e, uill nam biodh againn ach na b.. .na b.. .na fhuair mi de snàthadan airson.. .son falbh.

EC―11 :37: Bidh thu gach dath tha mi acreidsinn an dèidhs gach snàthad.

MR―11 :39: Chan eil an fheadhainn seo dona idir, tha.. .tha iad air leigheas a-nist.

EC―11 :43: An robh iad gort am faighinn?

MR―11 :44: Cha robh, cha robh.

EC―11 :45: Ach dìreach gun robh tòrr mòr dhiubh ann. Agus tha thu afaireachdainn mu dheidhinn an turais seo, a bheil thu adèanamh fiughar ris no a bheil thu beagan eagail no an chuid no.. .?

MR―11 :55: Car an chuid an uair.. .dìreach am biadh tha e coltach gum bi iad ag ithe tòrrriceagus mi acantails dòcha gum bi mi a-muigh mar ceann-taighe atighinn air ais, dìreach no chan ith mi e is bi mi caol, cha dèanadh sin cron sam bith orm. Aon rud dìreach cluinnidh tu cuideachd. . . [unclear] . .. tha iad aruighinn thall gun am baga aca aruighinn aig an aon àm, so tha mi atoirt leam baga beag airson gun dèan mi an gnothach aon oidhche co-dhiù a bhith às. ..

EC―12 :25: Tha mi atuigsinn, le siof.. .sioft mar a chanas iad. Och tha mi cinnteach gum bi a h-uile rud.. .agus .. .ciamar a tha sibh adol.. .a bheil sibh agabhail plèana à Glaschu a Lunnainn is an uair sin adol a dhAfraga no a bheil sibh dìreach adol.. .?

MR―12 :38: Chan eil, tha sinn adolKLMis tha sinn adol dhan Òlaind.

EC―12 :43: An toiseach.

MR―12 :43: Uh - huh, air an rathad. Is an uair sin gu Nairobi.

EC―12 :51: Agus am bi sibh afuireach nuair a.. .nuair a bhios sibh.. .?

MR―12 :53: Tha sinn gus a bhith aig diofar teaghlaichean.

EC―12 :56: Afuireach aig teaghlaichean. Agus a bheil thu air a bhith asiubhal gu dùthchannan eile nad.. .nad.. .nad.. .?

MR―13 :05: Bha, bha sinn.. .cia mheud bliadhna a thann.. .feuchainn ri cuimhneachadh.. .tha treis mhath ann co-dhiù tha.. .an e naoi.. .cuin a bhann.. .uill bha sinn thall ann anHungaryco-dhiù, bha a h-aon deug againn nuair a dhfhalbh e an uair sin.

EC―13 :22: An e gnothach-eaglaise a bha an sin cuideachd?

MR―13 :23: ’S e, aig acholaiste, ’s e.

EC―13 :24: Agus .. .de.. . dhfhàg an eaglais agaibh thall ann anHungarymar.. .mar gum biodh? An e, an e dachaigh-cloinne no rud.. .?

MR―13 :29: Chan e ach dìreach colaiste a bhann, colaiste. Is bha an fheadhainn a bha ateagasg as an sgoil Shàbaid ann a sheo.. .aidh uill a bharrachd air an sin bha iad acuideachadh, bha na h-oileanaich acasan sheall iad.. .asealltainn ciamar a bhathar ga dhèanamh a-bhos ann a sheo. Yeah. Agus a-rithist bha sinn afuireach aig diofar teaghlaichean thall an sin.

EC―13 :51: Agus ciamar a bha sibh ag obair a thaobh cànain, an robh Beurla acasan no.. .?

MR―13 :54: Bha. Bha aon teaghlach, uill an nighean aig an robh sinne afuireach as an taigh san robh sinn, bha Beurla ach cha robh dad idir aig na pàrantan aice. On uair sin tha a màthair air caochladh ach tha a h-athair beò fhathast, agus tha ise airson achiad turas atighinn a dhAlba na làithean a tha mise gus a bhith thall ann anKenya, so chan fhaic mi idir i.

EC―14 :19: So bha sibh ann anHungary, is an robh sibh ann an dùthchannan sam bith eile, an robh.. .?

MR―14 :23: Sin an aon àite eile san robh mi adol leis an eaglais, dhfhalbh mi cuin a bhann.. .abhliadhna a dhfhàg mi.. .mus do dhfhàg mi mobair ann an sgoil Lìonacleit bha mi ann an Astràlia agus. ..

EC―14 :36: A bheil teaghlach agaibh thall an sineach?

MR―14 :38: Tha. Tha, nighean aig piuthar mo mhàthar. So bha mi seachdain ann a shineach agus chaidh sinn an uair sin seachdain sìos guNew Zealandis air ais gu Astràlia a-rithist.

EC―14 :50: Ciamar a fhuair thu Astràlia, an e àite gu math blàth a bhann no.. .?

MR―14 :54: ’S e, uill, bha e blàth leamsa ach bha iad ag èigheachd gun e an geamhradh a bhann thall ann an shiudach. Cha dfhuair mise fuar e idirbha aon mhadainn a dhfhairich mi fuar e, bfheudar dhomh seacaid aotrom a chur orm a-staigh, ach a bharrachd air an sin.. .is bha aon fheasgar chaidh mi a-mach air chuairt timcheall, bha, bha seòrsa de bhodach adol timcheall ann an cearcall is nuair a thill mi air ais thuirt eSeadh, is chunnaic thu a-muigh an sin?’ Thuirt miChan eil sian a dhfhios am, bha cuideigin ag èigheachd orm’. Thuirt eChan iongnadh ged a bhiodh, geamhradh an seo is tusa afalbh isshortsort’. Thuirt mi, well, cha bu toigh leam geamhradh ceart fhaighinn!

EC―15 :40: An robh thu a-riamh asmaoineachadh air a bhith afuireach ann an dùthaich eile, an còrdadh sin riuts dòcha no.. .?

MR―15 :45: ’S dòcha nan robh mi na bòige ach tha.. .tha mi ro shean a-nist airson falbh às an seo.

EC―15 :51: Bha sibh air falbh tric gu leòr.

MR―15 :54: Bha, cuideachd bha mi ann an Canada is. ..

EC―15 :56: Bha sibh ann an Canada cuideachd?

MR―15 :58: Bha. O chionn trì bliadhna an taobh a.. .fada thall an iar, uill ann an Vancouver fhèin, cha robh mi idir air an eilean.

EC―16 :07: Air.. .air tìr-mòr ann am Vancouver?

MR―16 :09: Uh - huh. Agus an ath-bhliadhna a-rithist, as t-fhoghar bha mi thall ann an Alba Nuadh son. ..

EC―16 :17: Agus .. . chuir an sin. ..

MR―16 :19: Rudeigin.. .Celtic Colours.

EC―16 :22: Ann an Ceap.. .ann an Ceap.. .ann an Alba Nuadh, seadh. Agus ciamar.. .tha fios gu.. .gun robh sin gu math, gu math spòrsail is. ..

MR―16 :30: Bha, bha.

EC―16 :31: Daoine gasta agus. ..

MR―16 :32: Yeah. Bha sinn timcheall air.. .bha sinn mu dheich latha thall an sineach, bha.

EC―16 :40: An robh e coltach ri Uibhist ann an dòigh sam bith no.. .?

MR―16 :42: Och, uill bha.. .bha pàirt dheth is bha pàirt dheth a bha sgapte.

EC―16 :48: Agus an robh.. .an robh sibh acluinntinn Gàidhlig thall an sineach, an robh.. .an robh.. .? An robh thu afaireachdainn gun robh aGhàidhlig beò mar gum biodh is.. .?

MR―16 :50: Bha, bha e dìreach.. .an robh sinn.. .Iona, an e Ì a chanas iad.. .bha ann a shineach bha duine no dithis thachair sinn ann an sineach, bha.. .bha fear dhiubh bha buinteanas aige le Barraigh, is thachair sinn air. ..

EC―17 :06: Agus an robh.. .an robh blas Bharraigh orra fhathast, na daoine abruidhinn, an robh.. .?

MR―17 :10: Cha chanainn gun robh.

EC―07 :11: Seadh dìreach. Tha cuimhnam a bhith ag èisteachd ri.. .ri bodaich uaireigin aguss ann à Barraigh a thàinig na daoine aca agus bha iad cho Barrachs.. . ’s a bha iad ann am Barraigh, mar gum biodh.

MR―07 :19: Thachair sinn ri fear eile, uill chan fhaca sinn idir athair Seumas Watson, ach chunnaic sinn a ghille, Cailean.

EC―17 :26: O, Seumas Watson, chuala mi gun do chaochail Seumas.

MR―17 :29: Chaochail esan, tha, bha e meadhanach an sin thall, bha.. .chan fhaca sinn idir e.

EC―17 :33: Achs e duine iongantach a bhann nach e? Na rudan.. .rudan a rinn e airson.. .airson.. .son.. .son dualchas is taighean-tasgaidh is aGhàidhlig is. ..

MR―17 :42: Bha, bha sinn shìos ann a shineach, bha.

EC―17 :46: An do dhfheuch thu air an dannsa aca, dannsa-ceum, an do.. .an dèan.. .an dèan thu stem air?

MR―17 :49: Uill, tha mo thòin ro throm! Dhfheuch mi e aig Ceòlas tur.. .dhfheuch mi e ron Ceòlas e cuideachd, tha cuimhnam bha Màiri Belle Nic an t-Saoir aig aon àm, seann sgoil Bhaile aManaich bha i atoirt.. .uh - huh.. .bha mi ann a shineach ach dhfheumadh tu a bhith gu math aotrom.

EC―18 :11: ’S e obai.. . ’s e obair chruaidh a thann nach e, an dannsa sineach? Agu.. .bha thu abruidhinn mu dheidhinn ur club bocsa.. .bocsa.. .bocsa is fìdheall. A bheil thu adannsa cuideachd, a bheil thu adol.. .abheil thu adol gu na dannsai.. .a bheil thu adol gu na clubaichean-dannsa is.. .?

MR―18 :22: Bithidh. Uill, dìreach air.. .air.. .as agheamhradh, bidh sinn afeuchainn air a dhol ann air oidhche Mhàirt.

EC―18 :28 Aguss e rud mòr a thann an dannsa, nach e ann an Uibhist, tha tòrr an sàs ann?

MR―18 :32: ’S e ach dhfhaodadh am barrachd a bhith ga dhèanamh, dìreach ma tha iad ag obair is nach eil de lùths ann an.. .annta a thig a-mach air an oidhche.

EC―18 :40: Aguss e club-dannsa a thann.

MR―18 :42: ’S e, ’s e.

EC―18 :43: Seadh dìreach, agus seòrsa dannsa a bhios sibh adèanamh an sineach?

MR―18 :46: Uill, tha a h-uile seòrsa, a h-uile seòrsa.

EC―18 :49: Agus tha.. . tha ga.. .ga ruith?

MR―18 :52: Mòrag is Niall Mac aPhearsain, ’s iad as motha a tha timcheall air an fhear aig.. .ann an Càirinis.

EC―18 :57: Càirinis.. .agus sin oidhche.. .oidhche Mhàirt ann an Càirinis.

MR―19 :00: Oidhche Mhàirt sa gheamhradh.

EC―19 :01: Agus a bheil deannan math adol.. .adol an sin?

MR―19 :03: Bithidh. Bidh uaireannan bidh eadar dusan is dhusan, ’s dòcha trì dusan air deagh oidhche, bidh.. .a- rèir tha adol no seòrsa oidhche a thann.

EC―19 :13: A bheil buaidh aig agheamhradh air a.. .uill aig an tìde air aghnothach tha mi.. .tha mi. ..

MR―19 :16: Aidh ma tha gaoth is uisge anns e rud mu dheireadh adol tarsainn achabhsair, shin an rud, ma bhios làn àrd ann chan eil e na thlachd.

EC―19 :23: Uill dhfheumadh tu.. .dhfheumadh tu a bhith faiceallach tha mi asmaoineachadh air oidhche mar sineach, bhiodh. Agus a bheil sibh.. .a bheil sibh adol gu feadhainn sam bith eile, ’s dòcha ann an Dalabrog no.. .?

MR―19 :32: Bithidh, corra uair, cha bhi ro thric. Bu math leam a dhol an sin air sàilleibh gu bheil.. . ’s e.. .uill.. .bha treiseag sa gheamhradh ach chaidh i seachad. Bha Calum Iain acluiche abhocsa, rinn esan glè mhath nuair a bhios e ann, ach uaireannan tha e afaighinn a ghualann a bhith acur dragh air is.. .so. ..

EC―19 :50: Ach tha mi asmaointinn ann an Dalabrog gur e ceòl beò a thann, nach e mar gum biodh? Bidh cuideigin acluiche abhocsa mar gum biodh, ach mas math mo chuimhnes e.. . ’s e CD aca an Càirinis, ’s e dìreach.. .ach tha rudeigin mu dheidhinn rud.. .ceòl beò nach eil?

MR―20 :02: Tha nach eil, tha.

EC―20 :03: Tha, tha, gad.. .agus tha mi asmaointinn gu bheil.. .a bheil.. .a bheil buidheann ùr ann an Solas cuideachd? A bheil buidheann. ..

MR―20 :11: An ann an samhradh.. .as t-samhradh tha mi asmaointinn gur h-ann an sin a thann.. .tha e adol.. .chan eil fhios am a bheil iad.. . cho trangs a tha sineach, cia mheud a tha ationndadh suas, chan urrainn dhomh a ràdh.

EC―20 :24: Agus tha an samhradh air tòiseachadh agus tha romhad, tha romhad a bharrachd.. .a bharrachd air turasKhenya, a bheil rud sam bith eile romhad?

MR―20 :30: Chan.. .chan aithne dhomh gu bheil, tha rudan is.. .rudan is.. .bhithinn adol thuige is bidh iad ann is mi air falbh, tha mi cinnteach.

EC―20 :39: Am bi thu adol a Cheòlas nuair a bhios.. .nuair a bhios sin ann?

MR―20 :41: Uill, tha.. .chan fhaigh mi ach aon oidhche, ’s dòcha gum faigh mi oidhche Luain chun aphìobaireachd, chì mi dìreach nuair a bhios mi. ..

EC―20 :49: Am bi thu air falbh nuair a bhios amhòr-chuid dheth ann?

MR―20 :51: Bithidh, bithidh. Tha mi falbh air Dimàirt is tha e ateannadh. ..

EC―20 :54: Tha e ateannadh dìreach nuair a tha sibh.. .o tha sin.. .tha sin.. .tha sin duilich, aidh. Am bi thu adol ann gu rudan eile mar as àbhaist, am bi thu adol gu na.. .na cèilidhean-seinn is na rudan sin?

MR―21 :03: Bithidh, cuideachd agus. ..

EC―21 :04: ’S e seachdain gu math tlachdmhor a thann, nach e?

MR―21 :06: An uair sin uill.. .cuin a tha an rud aig.. . chanas iad.. .symposium?

EC―21 :11: Symposium. Tha mi asmaointinn gu bheil sin mar.. .mar an treas seachdain dhan an.. .dhan an. ..

MR―21 :16: Chì mi bhios de lùths annam nuair a thilleas mi son.. ..

EC―21 :19: Tha mi cinnteach. ’S dòcha gum bi rud beagjetlagach bidh.. .agus an cuspair air ansymposiumam bliadhna, an e rud.. .?

MR―21 :25: Rudeigin.. .an e mu dheidhinn. ..

EC―21 :28: Rudeigin mar. ..

MR―21 :30: An e uisgeachain no. ..

EC―21 :31: Uisgeachain Uibhist no rudeigin mar sineach.

MR―21 :33: No lìgidhean.

EC―21 :34: Na lìgidhean is na h-aibhnichean is a h-uile rud a bhuineas. ..

MR―21 :39: Bha mi dìreach, bha mi shìos aig àite fear nam fiaclans ann a chunnaic mi e an t-seachdain seo chaidh.

EC―21 :46: ’S e àm gu math trang a thanns an Iuchar nach e, Julyas.. .as na h-eileanan agus uill cuideachdAugust, tha.. .tha tòrr atachairt.

MR―21 :48: ’S e cuideachd, tha. An uair sin an Iuchar bidh tòrr de na teaghlaichean atighinn dhachaigh dhan àite, gu math trang leotha leis an.. .bidh iad afuireach còmhla ris an teaghlaichean an fheadhainn a tha atighinn à tìr-mòr.

EC―22 :04: Canaidh.. .a bheil daoine.. .a bheil dòcha gu bheil cus ann aig aon àm is nach eil gu leòr ann aig amannan eile, mar gum biodh!

MR―22 :10: Ach nuair a tha thu afaighinn an tìde agus daoine ag obair, gheibh iad dheth so. ..

EC―22 :14: An canadh tu gur.. .gun robh gu leòr ann airson daoine a dhèanamh ann an Uibhist, can air an oidhche is sin, a bheil.. .a bheil.. .ma tha daoine ag iarraidh rud a dhèanamh a bheil cothroman ann dhaibh, faighinn a-mach às an taigh is rudan mar sineach?

MR―22 :23: Tha, ach a-rithist a-rèir an t-astar a thann, can mar Dalabrog is droch oidhche ann, oidhche Shathairne an Dalabrog. ..

EC―22 :29: Chan eil toil agad gluasad.

MR―22 :30: Chan eil, chan eil.

EC―22 :33: Agus nuair a tha thu asmaoineachadh air deagh oidhche, is.. . is toil leat fhèin a bhith adèanamh mar gum biodh? .. . an rud as fheàrr leat a bhith adèanamh air an oidhche, an e.. .an e a bhith a-muigh no a bhith aleughadh leabhar aig an teine no.. .stòbha beag laghach agad an ath-dhoras no.. .!

MR―22 :47: Uill, a-rèir seòrsa tìde a thann cuideachd ach. ..

EC―22 :50: Tha e acrochadh.. .tha e acrochadh gu mòr air an tìde.

MR―22 :52: Tha, tha.

EC―22 :54: Agus a bharrachd air a bhith.. .air a bhith adol gu dùthchannan cèin, a bheil àiteachan eile ann an Alba is toil leat mar gum biodh, airson coiseachd is rudan?

MR―23 :01: Tha fhios am. . .shuas a tuath mar gum biodh.. .an robh mi.. .Scourie.

EC―23 :05: Scourie.

MR―23 :06: Ann anScouriea tha sineach, glè inntinn. .. chì thu.. .chì thu na beanntan as na.. .Leòdhas is Na Hearadh tarsainn air an sineach, yeah.

EC―23 :14: Agus a bheil duine as aithne dhut shuas as an.. .shuas as.. .shuas as na h-àiteachan sineach?

MR―23 :16: Chan eil, chan eil.

EC―23 :19: Agus am bi thu acoinneachadh ri feadhainn eile as aithne dhutsa bho.. .am bi sibh acoiseachd ann am buidheann no.. .?

MR―23 :23: No, bidh gu math tric bidh mi dìreach.. .ma bhios mi shiudach.. .tha mi ga dhèanamh leam fhìn, ach an uair sin nuair a.. .nuair a chaidh mi gu taigh as aithne dhomh ann an.. .ann anGairlochis chan eil i acumail cho math sineach so sineach cha burrainn dhi falbh còmhla rium, so chaidh mi ann leam fhìn, yeah.

EC―23 :39: Tha thu.. .tha thu math gu leòr coiseachd nad aonar ann an àiteachan uaignidh iomallach is. ..

MR―23 :42: Tha, tha ach cha rachainn fad an latha leam fhìn gu dearbh, cha rachainn, dìreach pìosan, yeah, pìosan gun a bhith sgràthail fada uaireigin air.

EC―23 :54: An robh thu ag innse dhomh uaireigin gun robh thu ann an Cnoìdeart cuideachd? An robh.. .a bheil.. .a bheil.. .?

MR―23 :58: Bha.

EC―23 :59: Seadh, àite iongantach a tha sineach.

MR―24 :01: Uill, tha.. .tha e sin gu math iomallach.

EC―24 :04: Tha e nas.. .nas iomallaiche na Uibhist ann an iomadach dòigh, nach eil?

MR―24 :06: Tha, tha e gu math, gu math.. . ’s ann.. .ma tha thu thall ann a shineach ann an.. .chan eil mòran innealaneil fhios agad ged a bhiodh iad agad dhfheumadh tu a dhol fada co-dhiù.. .chan eil na rathaidean aca is.. .na h-innealan a thaca tha iad afalbh às chèile tha iad meirgeach is tha iad. ..

EC―24 :21: Agus chuir a Chnòideart thu, an e dìreach.. .?

MR―24 :14: Tha.. .dìreach bha mi airson fhaicinn dhomh.. .dhomh fhìn. Bha mi ann oidhche, bha.

EC―24 :29: Agus ciamar a fhuair thu.. .fhuair thu ann? An deach thu air bàta no an deach thu.. .?

MR―24 :32: Aidh chaidh mi dìreach air a.. .bàta a tha adol. ..

EC―24 :34: Adol à Malaig, bàta.

MR―24 :35: À Malaig, yeah.

EC―24 :38: Agus an robh thu adèanamh beagan coiseachd timcheall na sgìre?

MR―24 :40: Bha, ann a shineach agus chitheadh tu na, na h-eileanan, an t-Eilean Sgitheanach is.. .an e Canaigh is.. .?

EC―24 :46: Chì thu Canaigh.

MR―24 :47: Yeah.

EC―24 :50: ’S e.. .agus an deach thu dhanOld Forgean sineach airson grèim a ghabhail no.. .bha.. .?

MR―24 :53: Chaidh, aidh. O bha e èibhinn an.. .an oidhche a bha mi ann, bha nacadetsan dèidh a bhith ann, no bha iad aig biadhs e bhann agus bha iad dìreach aig biadh, agus bha na bagaichean aca taobh a-muigh na.. .nakitsisof coursecha robh solais-sràidean aca ann a shineach is bha aninstructor, fear a bha os an cionn bha e ag èigheachd orra, ’eil fhios agad, gum feumadh iad a h-uile sian a sgioblachadh air falbh, gum biodh e dorch an ceartuair is bha e ann a shineach is nach robh e gus a bhith agabhail.. .gum feumamaid feart a ghabhail agus dhfhalbh an uair ud fhèin mus faigheadh iad am biadh is a h-uile sian a sgioblachadh air falbh mar a bha còir aca a bhith, is nakits.. .bagaichean aca a dhùnadh suas, chan e rudan.. .rudan sgaoilte a-mach às.. .tha cuimhnam air sineach dìreach, ’eil fhiosad, bha e afeuchainn a shealltainn dha.. .gun e andisciplineaigesan a bha.. .a bha os an cionn. So dhfhalbh triùir no ceathrar aca bha fhios aige taghta .. . ris a bha e abruidhinn.

EC―26 :01: Agus an robh thu afuireach thall an sineach, an robh thu afuireach ann an.. .ann an loidseadh nohostel?

MR―26 :04: Bha, bha mi dìreach ann an àite B&B mar a chanas duine, leabaidh is bracaist, uh - huh.

EC―26 :10: Agus an robh thu ann an àite sam bith eile mar sineach, dìreach.. .an robh thu shuas air aChomraich no àiteachan eile?

MR―26 :14: Cha robh, cha robh, cha robh. Cha robh aig.. .aig an àm ud, aig an latha ud, cha robh.

EC―26 :21: Agus bidh thu atilleadh air ais bhon a.. .bhon a.. .bhon turas aKhenyaan sineach, tha romhad airson agheamhradh, a bheil.. .a bheil fhios agad bhios tu adèanamh?

MR―26 :27: Tha mi dìreach, chan eil fhios am, tha mi.. .chì sinn tha. ..

EC―26 :32: tha atachairt.

MR―26 :33: tha atachairt.

EC―26 :33: So sin agad e, uill tha mi asmaointinn gu bheil.. .gu bheil do bheatha gu math slàn is farsaing is inntinneach is.. .ceud taing a-rithist agus chòrd sin riumsa gu mòr.

title2
internal date2020.0
display date2020
publication date2020
level
parent textMàiri Robasdan
<< please select a word
<< please select a page