Eairdsidh Caimbeul

Fàilte, a Sheonag, agus mòran taing airson bruidhinn rinn an-diugh air latha brèagha, ann an Hàcleit co-dhiù. Am burrainn dhu.. .am burrainn dhuibh tòiseachadh le rud beag innse dhuinn mur deidhinn fhèin agus an teaghlach agus ciamar a thàinig sibh a bhith.. .a bhith ann a sheo?

S[eonag] S[mith]―00 :05: Uill, tha mi à teaghlach mòr, is mi an duine bu shine de sheachdnar as an teaghlach againne, dithis pheathraichean agus ceathrar bhràithrean a bhagam, agus bha sinne.. .bha mise air falbh ag obair fad mo bheatha agus thill sinn air ais an seo o chionn.. .mu chòig bliadhna fichead o thill sinn agus.. . ’s dòcha deich bliadhna fichead nas fhaisge air, thog sinn an taigh agus tha sinn afuireach ann a sheo on uair sin. Thug mathair dhomh achruit a bha seo son taigh a thogail oirre, agus tha mi dìreach cha mhòr.. .cho faisgs a ghabhas air far.. .far an.. .far an do.. .far an deach mo thogail. Agus chan eil an còrr den teaghlach agam afuireach an seo ach mi fhìn san latha a thann an-diugh.

EC―01 :07: Agus ciamar a tha iad gur sloinneadh? .. . an t-ainm.. . chanas iad ribh ann a sheo?

SS―01 :12: Seonag Aonghais Iain Eòghainn.

EC―01 :13: Agus an robh sibh ag innse dhomh gu bheil.. .gu bheil càirdean agaibh ann an diofar eileanan a bharrachd air Beinn na Faoghla, à Uibhist a Tuath is Barraigh is.. .?

SS―01 :22: Tha, uills ann à Barraigh a bha mo mhàthair agus ged a tha càirdean agam an seo air taobh mo mhàthar cuideachdbha piuthar mo mhàthar i fhèin bha i pòsta ann a sheo. Agus mo sheanmhair air taobh Bharraighs ann às.. .à Uibhist a Tuath a dhfhalbh a sinn-seanair saoilidh mi, tha mi air a dhìochuimhneachadh an-dràsta gu , ach aidh tha càirdean agam air taobh mo mhàthar an seo, a bharrachd air.. .air taobh mathar.

EC―01 :52: Seadh, agus a thaobh sgoileadh agus foghlaim, an deach sibh dhan sgoil?

SS―01 :58: Chaidh sinn.. .uill, chan e sgoil a thinnte an-diugh, sgoil bheag shìos an rathad ann a shin, Sgoil Chill Eireabhaigh agus an uair sin bha mi bliadhna ann an Sgoil Dhalibroig ach cha do chòrd e rium so thill mi, chaidh mi dha Sgoil an Ìochdair an uair sin.

EC―02 :11: Seadh dìreach agus ciamar a bha e ann an Sgoil Chill Eireabhaigh, ris a bha e coltach a bhith ann an sgoil bheag mar sineach, an robh e.. .?

SS―02 :19: Bha e glè laghach a chionns bha fhios ag.. .baithne dhut a h-uile duine a bhann.. .a bhinnte, is cha robh againn mar bu trice ach an aon tidsear, uaireannan bhiodh na dhà againn nam biodh na.. .na h-àireamhan adol suas. Agus cha robh.. .tha an tidsear a bhagam, achiad tidsear a bhagam nuair a.. .nuair a chaidh mi dhan sgoil tha i beò fhathast ann an Staoinibrig, Annag Beaton. Agus.. .cha robh i ach.. .feumaidh ach nach robh i ach na fhèin òg nuair a chaidh mise dhan sgoil, ach an uair sin bha i agam gus an do.. .gus an do.. .gus an do.. .gu abhliadhna bho dheireadh dìreach, bha tidsear eile agam an uair sin, agus.. .Màiri Ulph so bha.. .bha.. .bha Sgoil Chill Eireabhaigh uabhasach laghach, bhiodh sinn.. .bha i.. .cha.. .cha robh na tidsearan nuair a.. .nuair a bha.. .nuair a bha mo pheathraichean is mo bhràithrean innte is mi.. .gu math na bòige na mise, cha robh an tidsear ach mar gum biodh seanmhair dhaibh, bha i.. .bha iad air am milleadh as an sgoil aice, so bhiodh a. ..

EC―03 :23: Bha sibh gu math dàn ri chèile mar gum biodh.

SS―03 :25: O, bha, bha, bha. Bha, is bhiodh aig àm nuair a bhiodhholidaysna, na.. .an t-samhraidh adol a thighinn, làithean-saora an t-samhraidh bhiodh an tidsear adèanamh picnic dhuinn agus rudan mar sin, taobh a-muigh ann an gàrradh na sgoileadh, a-muigh.. .a- muigh sa mhòintich, bhiodh sinn adol a-mach air picnic.

EC―03 :41: Agus as an latha an-diughs e taigh-còmhnaidh a thanns an sgoil, an e?

SS―03 :44: ’S e. thaigh-còmhnaidh, tha an aig aChomhairle, agus tha.. .tha taigh.. .far an robh taigh na tidseir agus far an robh an sgoil fhèin tha iad air an dèanamh suas nan taighean, thaigh. So tha e math gu bheil.. .gu bheil an sgoil air a ùisig.. . ’eil fhios agad, nach do leig iad leatha a dhol a dholaidh.

EC―03 :59: Seadh, agus an uair sin bfheudar dhuibh a dhol a Dhalabrog, tha e coltach?

SS―04 :04: O, dhan sgoil, aidh bha mi bliadhna an sin is bhiodh tu aloidseadh an sin, chan fhaigheadh tu dhachaigh ach. ..

EC―04 :09: Cha robh guth air bus no dad sam bith?

SS―04 :10: Cha robh an uair sin.

EC―04 :11: Agus an robh sibh afaighinn dhachaigh aig a’ weekendno.. .?

SS―04 :14: A h-uile deireadh-sheachdain.

EC―04 :15: A h-uile deireadh-sheachdain bhiodh.. .bhiodh sibh afaighinn dhachaigh an uair sin. Bhiodh tu adol dhachaigh feasgar Dihaoine is. ..

SS―04 :19: Feasgar Dihaoine is tilleadh madainn Diluain. Bha e gu math doirbh sin a dhèanamh aig aona bliadhna deug.

EC―04 :24: Rud beag tràth son a bhith. ..

SS―04 :25: Bha an uair sin, aidh, bha. Shaoileadh tus dòcha na h-uimhir dheth an-diugh.

EC―04 :28: Agus bha thu ag ionndrainn bhon dachaigh nuair a bha thu ann an Dalabrog?

SS―04 :31: Bha mi dìreach ag ionndrainn an còrr den teaghlach is bha.. . ’eil fhios agad bha iad uileadh na bòige na mise is na feadhainn bheaga is sin.. .ag ionndrainn a h-uile sian a bhann.

EC―04 :37: Seadh, agus ris a bha e coltach a bhith afuireach ann an àite mar seo ann an taobh.. .taobh an ear Bheinn na Faoghla, an e saoghal beag dha fhèin a bhann ann an dòigh?

SS―04 :44: Cha mhòr nach e, ’s e, gu.. .gu cinnteachs e a chionns cha biodh tuevenadol a Bhaile aMhanaich ach.. .cha robh càraichean aig daoine an uair sin ann, cha robh.. .cha bhiodh tu adol a Bhaile aMhanaich.. .cha bhiodh sinne adol a Bhaile aMhanaich ach LathaSportsna Sgoileadh, aon latha as t-samhradh. Bha mathair ag obair ann am Baile aMhanaich achs e saoghal eile a bhann dhuinne, agus bha sinne uabhasach fortanach nuair a bha sinn beag, cha robh ann de chloinn ach sinn fhìn tha.. .an toiseachd, thàinig aon teaghlach eile an uair sin nuair a chaidh mise dhan sgoil, bha an teaghlach sin air tighinn faisg oirnn, achs e seann daoine a bha mu chuairt oirnn uileadh, is cha robh iad ach mar gum biodh seanairean is seanmhairean dhuinn uileadh, bha iad.. .is bha sinn uabhasach fortanach, bha.. . .bha tòrr dhiubh.. .in factbha, bha dithis no triùir.. .bha ceathrar a bhiodh atoirt an uabhais de stòiridhean is de dhòrain do.. .do Sgoil Eòlais na h-Alba.

EC―05 :41: A bheil cuimhnagaibh air gin dhiubh?

SS―05 :42: Chan eil. Gheibhear iad.. .gheibhear iad air Tobar an Dualchais a h-uile gin dhiubh, tha iad.. .tha iad ann. Ach cha robh sinn agabhail mòran ùidh san.. .rudan mar sin.

EC―05 :54: Dìreach mar òigridh nach. ..

SS―05 :55: ’S e, ’s e. Cha robh.. .rud a tha an t-aithreachas air a h-uile duine againn mu dheidhinn a-nist, nach do dhfhaighnich sinn barrachd do na seann daoine, ach bha e uabhasach math.

EC―06 :04: Agus na caractairean a bha timcheall oirbh nuair a bha sibh òg? An robh.. .am biodh daoine atadhal a-staigh?

SS―06 :09: Bhiodh daoine adol air chèilidh fad an t-siubhail an uair sin, a chionns cha robh telebhisean nuair a bha mise beag, bha mise ochd bliadhna mun dfhuair sinnelectricity.

EC―06 :17: Agus bha agaibh ron sin, an e.. .an egennya bhagaibh no.. .?

SS―06 :21: Cha robh leithid adol, bhiodh.. .bhiodhTilleyaig daoine son solas is bhiodh gas agad airson.. .is bha stòbhof courseas a h-uile taigh co-dhiù. Tha iad air tilleadh air ais thuige sin a-nist, ach aidh cha robh.. .cha robh.. .bha an saoghal gu math sìmplidh. Bha.. .bha mathair adèanamh obair-cruite a bharrachd air a bhith ag obair aig obair fhèin, ’s eelectriciana bhann am mathair, is bha e ag obair shìos aig a.. .as achampa. ’S e.. . ’s e ginealach uabhasach fortanach a bhann an.. .a bhann an uair sin, ginealach mathar, a chionns fhuair e an obair a bha sin abhliadhna a phòs e, abhliadhna mun do rugadh mise agus bha e as an aon obair gus an doretiree. So chan e a h-uile duine a chanas sinevenan uair sin fhèin idir idir, agus gu seachd àraid an-diugh. So bha iad uabhasach fortanach na daoine a bha sin, bha.. .bha obair ann dhan h-uile duine an uair sin, mar a bha air feadh na rìoghachd. Gheibheadh tu obair ge bith càite am biodh tu. Is ged a.. .barrachd mòr obair as an eilean an uair sins a tha ann an-diugh. Thoradh chan eil obair ann an-diugh do dhuine. Ach bha, ’s e saoghal gu, gu math beag a bhagainn ach dìreach mar a bha thu ag ràdh bhiodh daoine a-mach is a-staigh às an taigh fad an t-siubhail. Fad an latha bhiodh dithis no triùir de sheann bhodaich afalbhs atighinn is cailleachan is bhiodh.. .bhiodh an uair sin bha.. .bha pìos.. .bha abhùth pìos air falbh bhuainn agus bhiodh bhanaichean atighinn mu chuairt, so bhiodh na cailleachan a bha pìos air falbh is adol seachad air an taigh againne thadhladh iad a-staigh mun tigeadh iad chun abhan is bhiodh iad greis air chèilidh is dhfhalbhadh iad an uair sin, ’eil fhios agad, chun abhan, bhan aCho-op no rudan mar sin.

EC―08 :03: Agus am biodh feadhainn ag iasgach a-muigh an seo, am biodh.. .am biodh iad.. .?

SS―08 :06: O, bha sgoth aig mathair a-riamh.

EC―08 :07: An robh gu dearbh?

SS―08 :18: Bha is bhiodh, bhiodh sinn uileadh adol a-mach is bhiodh sinn as t-samhradh, bhitheamaid adol a-mach air Didòmhnaich thigeamaid a-mach air picnic dha na h-eileanan, tha eileanan.. .tòrr de dheileanan. ..

EC―08 :18: ’S e.. . ’s e mar Fuidheigh is na h-eileanan sin?

SS―08 :21: Cha bhiodh sinn adol a dhFhuidheigh cho tric sin a chionns bhiodh caoraich is rudan aig daoine eile ann am Fuidheigh is cha bhiodh tu acur dragh orra, ach bha eileanan snog eile ann. Bha Eilean nan Gamhna is bhiodh an t-uamhas de flùraichean afàs an a shin, so bhitheamaid airson a dhol sin fhaicinn, mi fhìn is mo. ..

EC―08 :40: Is bha iad falamh de chaorach no dad is.. .cha robh.. .cha robh. ..

SS―08 :41: O, cha robh an sin, Fuidheig an aon àite as am biodh.. ..

EC―08 :43: Dìreach Fuidheigh fhèin.

SS―08 :45: Agus bha eilean eile ann às dèidh sin is bha uamh ann a shin, so bhitheamaid adol a choimead a-steach, bhiodh an uamh an sin bhiodh e làn chalmain is bhiodh e caran salach so cha tigeadh tu ro fhaisg air, ach na dhèidh sin bhitheamaid airson a dhol ann. So bha Fodragaigh ann cuideachd is bha.. .bha.. .bàbhaist uaireigin den t-saoghal taigh-stòr a bhith an sin, taigh-stòr Fhodragaigh agus bhiodh bàtaichean afàgail bathar is rudan sin airson na.. .bhiodh daoine an dèidhs rud òrdachadh is bhiodh iad ga fhàgail an sin is thigeadh iad fhèin a-mach leis an sgothaidh ga iarraidh. So bha.. .bha an tobhta a bha sin ann a shin, so gu math tric air an rathad air ais bhitheamaid adèanamh pic.. . eile ann a shin, bhiodh tu, ’eil fhios agad, bhiodh fasgadh na.. .na tobhtaidh agad airson teine beag a dhèanamh is rudan mar sin. So bhitheamaid air falbh fad finn fuainn an latha. Cho luaths a thilleadh sinn às an eaglais sa mhadainn Didòmhnaich bhiodh sinn afalbh a-mach air picnic.

EC―09 :37: Is an robh àite làidir aig an eaglais cuideachd nur.. .nur n-òige, an robh.. .an robh.. .bha.. .adol.. .adol gu aifreann mar gum biodh agus.. .?

SS―09 :41: Bha, bha. O a h-uile.. .bha thu adol dhan eaglais a h-uile Didòmhnaich is a h-uile Latha Fèille is a. ..

EC―09 :48: Ach, ach nuair a bha e seachad dhfhaodadh sibh rud sam bith a dhèanamh mar gum biodh, bha.. .bha sibh.. .?

SS―09 :51: Uill cha bhiodh duine ag obair an uair sin.

EC―09 :52: Cha.. .cha bhiodh.. .ag obair, ach, ach a thaobh. ..

SS―09 :54: Idir idir idir, seach mar a tha iad an-diugh.

EC―09 :56: Ach a thaobh cur-seachad, dhfhaodadh tu a dhol a-mach is rudan a dhèanamh is. ..

SS―09 :58: Aidh, aidh cha robh.. .bhiodh sinn acluiche fad an latha mura bitheamaid adol.. . ’eil fhios agad afalbh san sgothaidh na sian mar sin as t-samhradh. Cha tigeadh tu sin ach corra Dhòmhnach a bhiodh snog, a-mach le sgothaidh na sian mar sin, ach bhitheamaid adol a dhiasgach cuideachd air feasgar còmhla ri mathair nuair a thigeadh e a-mach a dhiasgach, nas dòcha air Disathairne, uill mar bu trice Disathairnes ann ag obair a bhitheamaid. Bhiodh mathair ag obair na cruiteadh agus bhitheamaid adèanamh arbhar is feur is bha beothaichean againn daonnan, bha crodh aig mathair, is caoraich. So bhitheamaid adèanamh tòrr dhe sin, bhiodh sinn ableoghann nam beothaichean is gam biadhadh nuair a thigeamaid dhachaigh às an sgoil agus bhiodh againn.. .bhiodh mo mhàthair chanadh i dhfheumamaid a dhol dhan bhùthFhalbh sìos dhan bhùth agus air do rathadh dhachaigh biadhaich nam beothaichean’, so bhiodh mi fhìn is mo dhithist bhràithrean adèanamh sin, an dithist bhràithrean a bha às mo dheaghaidh, dithist a bfhaisge dhomh ann an aois, bhiodh sinn adèanamh sin.

EC―10 :48: Bha sibh gu math trang eadar a h-uile. ..

SS―10 :49: Trang fad an t-siubhail.

EC―10 :51: Gu dearbh. Agus dathair acumail sgothaidh, an robh.. .an robh e areic ghiomach gu.. .?

SS―10 :55: Cha robh cha robh, cha robh cha robh. Cha robh e adèanamh sian den sin, ach bha obair fhèin aige so bha, bha an obair aige fad an latha agus cha robh as an sgothaidh ach cur-seachad.

EC―11 :05: Tha mi atuigsinn.

SS―11 :05: Agus bhiodh e.. .nuair a.. .nuair a.. .nuair a gheibheadh e iasg bhiodh e ga thoirt seachad dha na nàbaidhean gun teagamh sam bith, sin rud mar sin, ach no cha robh e. ..

EC―11 :14: Chan ann airson a bhith acosnadh a bha e ga dhèanamh.

SS―11 :16: Chan ann, chan ann, cha robh ann ach cur-seachad fad an t-siubhail, ’s e.

EC―11 :19: Tha mi atuigsinn. Sos e saoghal.. .tha coltas gu math brèagha air ur saoghal.

SS―11 :23: Uills e.. . ’s e saoghal toilichte a bhann mar bu trice, chan eil cuimhne.. . ’eil fhios agad, nuair a choimheadas tu air ais air.. .air.. . ’s e saoghal toilichte a bhann co-dhiùeil fhios agad cha bhi cuimhnagad air sian ach cha do.. .cha robh sian eile atachairt dhuinn co-dhiù.

EC―11 :37: Agus am biodh sibh adol a-mach uaireigin gu.. .an robh.. .an robh rudan atachairt thalls a-bhoss dòcha lathagamesnoshowno rudeigin no.. .?

SS―11 :46: Cha bhitheamaid idir adol chun nagames. Bha.. .no, cha robh cusinterest. Cha bhiodh duine againn an uair ud cha robh duine adannsa no sian mar sin den teaghlach againne. Cha robh.. .cha robh teagasg sam bith dheth sin adol, a-mach an taobh againne. So cha bhiodh, cha bhiodh sinn ach dìreach fad làithean-saora na sgoile bhitheamaid atogail na mònadh is adèanamh feur is adèanamh arbhar is adèanamh mar sin.

EC―12 :08: bheil na puill agaibh, ’. . .’. . .?

SS―12 :10: Gu math faisg oirnn, gu math faisg oirnn. Cha robh againn ri astar a dhol idir.

EC―12 :14: Deagh mhòinteach agaibh timcheall, ceart.

SS―12 :16: Tha.. .aidh, ’eil fhios agad, dheigheadh agad air coiseachd ann. So.. .soof course, am feur is an t-arbhar bha iad sin ri taobh an taighe.

EC―12 :24: Agus an e latha mòr a bhann buain na mòine, am biodh.. .am biodh.. .am biodh.. .?

SS―12 :27: O, bhiodh an uair sin, nuair a bha sinne nar cloinn bhiodh fir eile atighinn còmhla ri mathair.

EC―12 :32: Agus an e fir a-mhàin a bhiodh abuain mar gum biodh?

SS―12 :33: ’S e, ’s e.

EC―12 :34: An e, an e mar gum biodh obair nam fear a thann mar gum biodh?

SS―12 :36: O, ’s e ann an.. .ann an Uibhist is ann am Beinn na Faoghlas e. Cha bhi iad adèan.. .cha bhi na boireannaich ga dhèanamh ach ann an Leòdhas, tha.. .fhads is fhiosrach leam. Tha.. .bhiodh fir eile atighinn.. .bhiodh iarann co-dhiù ann so bhiodh.. .bhiodh triùir eile mar bu trice còmhla ri mathair, bha seo mun do dhfhàs mo bhràithrean sean gu leòr gus a bhith ga chuideachadh. Is an uair sin bhiodh iad ga dhèanamh air Disathairne.

EC―12 :59: Is an robh.. .an robh aois ann nuair a bhiodh na balaich atòiseachadh air buain, mar gum biodh?

SS―13 :02: Cha robh ach dìreach nuair a bha iad comasach air a dhèanamh.

EC―13 :05: Comasach air a dhèanamh mar gum biodh, is bhiodh iad.. .bhiodh iad acoimhead iss dòcha afaighinn cothrom beag ann is an uair sin adèanamh am barrachds dòcha, am biodh?

SS―13 :12: Uill cha bhiodh, bhiodh iad.. .bhiodh iad dìreach ga dhèanamh, ach bhiodh iad.. .cha bhiodh iad achs dòcha ga buain, tha.. .tha ga cur a-mach nas.. .nas truimort agus.. .an do.. .an do bhuain thu mòine a-riamh thu fhèin?

EC―13 :27: Bhuain ann an.. .de sheòrsa ach chan eil mi ro mhath air a dhèanamh ach.. .ach mi an gnothach.

SS―13 :33: ’Eil fhios agad so tha cur a-mach gu math nas truimort na tha e a bhith ga buain, ach na dheaghaidh sins e mathair bu trice a bhiodh ga buain gus.. .a chionns bha e cho mionaideach mu dheidhinn gum biodh e air a dhèanamh ceart agus gum biodh e air a dhèanamh cothrom is a h-uile sian, a chionns thig agad air a dhol ceàrr is thig agad a dhol cam as a h-uile dòigh. Bhiodh an toiseachd bhiodhte ga.. .ga feannadh achiad fheasgar. Can nam biodh fir eile atighinn còmhla ri mathair, ’s ann daonnan air Disathairne a bhiodh e atachairt a chionns cha bhiodh duine ag obair Disathairne, so feasgar Dihaoine bhiodh e fhèin afeannadh aphuill.

EC―14 :00: Deiseil dhaibh dìreach tòiseachadh.

SS―14 :01: Agus atòiseachadh achiad char sa mhadainn. Bhiodh iad atighinn an toiseach is bhiodh iad afaighinnbreakfastmhòr nan gabhadh iad e, gu leòr aca bhiodh iad air a ghabhail mum falbhadh iad achs e, ’s e sinne.. .an cleachdadh a bhann, bhiodh iad afaighinnbreakfastmhòr is dhfhalbhadh iad an uai.. .chan eil fhios am ciamar a dheigheadh aca air obair às a dèidh, ach co-dhiù dhfhalbhadh iad an uair sin a bhuain na mònadh agus thigeadh iad a-nall gu mar bu trice, cha bhiodh sinne ga.. .a chionns bha e cho faisg oirnn is gun ruigeadh iad a-nall. Bha e.. .bha e na bfheàrr dhaibh nan tigeadh iad chun na taighe a ghabhail na seach a bhith ga toirt thuca, gheibheadh iad na bfheàrr a-staigh. Agus an uair sin nuair a bhiodh iad deiseil aig.. .air deireadh an latha bha iad afaighinn an dìnnear, ach gheibheadh iad drama agus an dìnnear airson pàigheadh.

EC―14 :39: Sos edealmath a bhann, ma tha biadh is drama is. ..

SS―14 :42: Uills e obair throm a bhann ge-. Fìor obair throm a thann an.. .a thann an buain mhònadh.

EC―14 :46: Ach.. .ach le iarann chan eil e cho, cho dona, mar gum biodh.

SS―14 :50: Uill tha e.. .tha e cheart cho trom ort ach gu bheil thu ga dhèanamh nas cliobhaire, tha thu ga fhaighinn seachad ann an aon latha. Tha, tha an obair cheart cho, cho cruaidh ach dìreach gu bheil thu ga fhaighinn air a dhèanamh. Aguss dòcha an uair sin gum biodh pìos eile de pholl fhathast gun dèanamh is gun dèanadh e fhèin is a nàbaidh e no cuideigin mar sin, ’eil fhios agad.

EC―15 :09: So.. .bhiodh, bhiodh daoine acuideachadh a chèile gu ìre mar gum biodh.

SS―15 :11: O bhiodh, daonnan, daonnan, daonnan. A chionns bhiodh sinne mar a bha mi ag ràdh roimhids e seann daoine a bha.. .a bha mu chuairt oirnne agus bhiodh sinn daonnnan adèanamh na mònadh dhaibhga togail, gu seachd àraid nur cloinn, bhiodh sinn adèanamh an fheòir is an arbhair còmhla ris abhodach a bhann an ath-doras, agus bhiodh mathair daonnan abuain na mònadh còmhla riutha is na.. .mo.. .mo bhràithrean nuair a dhfhàs iad suas bhiodh iad daonnan abuain na mònadh dhaibh is bhiodh iad adèanamh na mònadh uileadh dhaibh an uair sin, nuair a bha iad fhèin cho sean is nach robh iad comasach air.

EC―15 :40: Adèanamh buain is togail is. ..

SS―15 :42: Air rud sam bith a dhèanamh dheth sin, bhiodh mo bhràithrean daonnan.. .agus cha bhiodhte ach dìreach ga dhèanamh, cha robh thu afaighinn pàigheadh no sian air a shoneil fhios agad, cha robh thu ach ga dhèanamh dhaibh, ’eil fhios agad.

EC―15 :51: Ach a thaobh togail, am biodh duine sam bith ga dhèanamh, nighnean cuideachd, bhiodh.. .?

SS―15 :55: O, chiall bhiodh. A h-uile duine a bha a-staigh. Dhfheumadh tu agus och.. .bha mo chuimhne cho gràineach air. Mar bu trice mar a bha mi ag ràdh mise bu shine a bha a-staigh agus bhiodh pàiste beag air choreigin a-staigh dhfheumadh.. .dhfheumainn fuireach a-staigh còmhla ris sos e deagh leisgeul a bha sin!

EC―16 :08: So bha.. .bha thusa ann an dòigh mar phàrant thu fhèins dòcha ann an dòigh gun robh thu beagan na bu shine na càch is bha.. .bha thu. ..

SS―16 :13: Bha, uill is mi bu shine den teaghlach.

EC―16 :15: Bhiodh tu acoimhead às deaghaidh an fheadhainn bheaga, mar gum biodh.

SS―16 :17: Agus bhiodh tu adèanamh dìnnearach is dhfheumadh an còrr afalbh chun na mònadh is cha robh iad.. .cha robh iad toilichte mu dheidhinn sin ach bha mise gu math toilichte!

EC―16 :23: ’S e, ’s e car de leisgeul a bhann dhut.

SS―16 :24: Cha robh mi idir idir gu mathkeenair a bhith adol gu mònadh no.. .bfheàrr leam feur is arbhar, cha robh sin cho dona, achs e obair ghrod a thann a bhith atogail na mònadh a chionns tha thu crom fad an t-siubhail. Tha e trom air an druim agad.

EC―16 :37: Tha e salach nach eil, bidh e adol fo dìnean.

SS―16 :39: Och cha.. .chan eil cuimhnam gun do chuir sin dragh sam bith.. .mòr sam bith oirnn ach cha.. .chan e obair thlachdail a bhann is bhiodh na meanbh-chuileagan ann mar bu trice air an fheasgar, a chionns nuair a thigeamaid dhachaigh às an sgoil bhiodh againn ri dhol an sin. ’S dòcha gum biodh caran eile ri dhèanamh an toiseachd mun tigeadh mathair dhachaigh à obair, is cho luaths a ghabhadh esan a dhìnnear bhitheamaid afalbhcho luaths a ghabhadh sinn uileadh ar dìnnear, bhitheamaid afalbh chun na mònadh, gan togail an uair sin is gan toirt dhachaigh. Nuair a bhiodh i tioram bhiodh mathair, bhiodh sinn alìonadh an tractair is bhiodh.. .gan toirt dhachaigh. ’S e e fhèin a bhiodh ga cruachadh an uair sin a chionns bha e cho mionaideach mun chruaiche.

EC―17 :15: ’S e obair.. . ’s e obair mhionaideach a thann nach e, cruach cheart a bhith ann?

SS―17 :18: O, uill cuid de dhaoine! Ach bha esan bha e gu.. .gu seachd àraid dhfheumadh e a bhith.. .cha dèanadh duine ceart e ach e fhèin, sos e fhèin a bhiodh ga dèanamh. Bhiodh mo bhràithrean ga dèanamh an uair sin, ach bhiodh esan adèanamh can balla na.. .na cruaiche is dhfheumamaid a bhith ga lìonadh, ’eil fhios agad, acaitheamh na mòine a-staigh innte. Bha, bha sin math gu leòr dhuinne gus an deigheadh a dhèanamh, achs e e fhèin a dhfheumadh a bhith. ..

EC―17 :40: An obair fhèins ann.. .gun teagamh.. .gun teagamh. Uills e adhbhar-pròise.. .pròis a bhann nach e, deagh chruach?

SS―17 :45: Tha teansa! ’S e iss e fhathast, bidh cuid de dhaoine, chan e a h-uile duine ach cuid de dhaoine.

EC―17 :49: Ach tha coltas math nach eil air deagh chruach, nach eil, tha coltas.. .tha coltas sgiobalta math air.

SS―17 :53: Tha fhios am, ’s e.

EC―17 :54: Agus co-dhiù, bhristan saoghal rud.. . .rud beag dhut le bhith afàgail na sgoile agus adol a Dhalabrog an uair sin. Nach.. .am bfheudar dhut.. .?

SS―18 :01: Uill, cha robh mi ach bliadhna an sin cha do chòrd e rium, is cha do dhfhuirich mi ann ach bliadhna.

EC―18 :05: Agus .. . an seòrsa adhbhar a bhiodh.. .a bhiodh clann adol a Dhalabrog, an ann.. .?

SS―18 :09: Uill, nam passadh tu aneleven - plus.

EC―18 :11: Seadh.

SS―18 :12: Bha thu adol a Dhalabrog. Mura passadh bha thu adol dhan Ìochdar.

EC―18 :14: Bha thu adol dhan Ìochdar. Agus. ..

SS―18 :16: So bha do bheatha air a.. .air a.. .dìreach air a chur a-mach dhut an uair sin aig aona bliadhna deug.

EC―18 :21: Agus .. .an robh thu adol a bhith ùine ann an Dalabrog agus an uair sins dòcha adol gu tìr-mòr no.. .?

SS―18 :25: Bhiodh tu trì bliadhna ann an Dalabrog co-dhiù agus an uair sin bhiodh tu adol a.. .dhan Ghearasdan.

EC―18 :30: Dhan Ghearasdan mar a.. . ’s ann a.. .so, so bhiodh clann às.. .às an seo adol dhan Ghearasdan airson.. .airson amhòrchuid.

SS―18 :34: O, ’s ann, ’s ann, an taobh againne co-dhiù.

EC―18 :38: Agus an robh thu fhèin ag amas air sin? Nam biodh e acòrdadh riut a bhith ann an Dalabrog, am biodh tu toilichte gu leòr a dhol dhan Ghearasdan is.. .?

SS―18 :45: Tha mi cinnteach gun robh cleas air choireig.. .bhiodh tu dìreach afalbh còmhla ris a h-uile duine eile is bha a h-uile duine air an aon ràmh co-dhiù.

EC―18 :51: Is ciamar a bha.. .ciamar a bha e a bhith.. .a bhith ann an Dalabrog? An robh agaibh ri bhith ann an loidseadh aig an àm?

SS―18 :56: Bha, dhfheumadh tu a bhith ann an taigh-loidsidh agus bha thu air falbh bhon teaghlach, sin an rud nach robh acòrdadh riumsa, afalbh bho mo pheathraichean.

EC―19 :02: An robh e rud beag neònachs dòcha a bhith ann an loidseadh ann an àite nach eil cho fada air falbh ann an dòigh?

SS―19 :06: Tha, saoilidh tu gu bheil an-diugh, cha robh thu asaoilsinn sian dheth an uair sin a chionns bha Dalabrog gu math fada air falbh an uair sin, ’eil fhios agad, agus cha robh na rathaideanevencho math, ged a bhiodh càr aig duine.

EC―19 :16: Tha mi atuigsinn, tha mi atuigsinn.

SS―19 :17: Agus cha.. .cha robh e math idir idir a bhith air falbh bhon dachaigh an uair sin.

EC―19 :23: Mar sin bha thu bliadhna ann an Dalabrog agus thill thu air ais dhan. ..

SS―19 :26: Dhan Ìochdar is bha thu a-staigh an uair sin a h-uile feasgar.

EC―19 :28: A h-uile feasgar. Agus, agus ris a bha e coltach a bhith as an Ìochdar, bha sibh adèanamh as an.. .as an Ìochdar, .. . an sgoileadh a fhuair sibh?

SS―19 :37: Car den aon rud ach nach robh mi adèanamh Laideann idir as an Ìochdar, sin an aon diofar. Bha thu adèanamh a h-uile sian eile, ’eil fhios agad, bha.. .bha.. .bha thu air do dheagh ionnsachadh as an Ìochdar aig amhaighstir-sgoile.

EC―19 :48: Agus bhagaibh aig an àm sin?

SS―19 :50: Maighstir MacLean, ’s ann à Barraigh a bha esan, agus bha e gu math.. .bu thoil leamsa e. Bha e gu math cruaidh air feadhainn ach bha e gu mathclannishriumsa air sàilleibh. ..

EC―20 :03: An robh.. .an robh buinteanas.. .an e.. .an e a thaobh.. .a thaobh Barraighs dòcha?

SS―20 :05: Sin a bha.. .bha mise ag ràdh, ach bha mo bhràthair ag ràdhCha robh e fada gus an do dhìochuimhnich e sineach gus an do.. .nuair a thàinig e thugamsa’. Ach bu thoil leis mise tha mi asmaointinn, agus bu thoil leamsa esan.

EC―20 :16: Seadh, seadh bha sibh afaighinn air adhart.

SS―20 :18: Uill, bha mi afaighinn air adhart a chionns nuair a bha mi ann an Dalabrog leig mi orm nach burrainn dhomh car a dhèanamh is bha mi air deireadh achlas agus thill iad dhan Ìochdar mi.

EC―20 :26: So bha deplanagad mar sineach, an robh?

SS―20 :28: Bha. So nuair a bha mi as an Ìochdar bha mi air.. .os cionn a h-uile duine eile air achlas agam so.. .bu thoil leis.. . ’eil fhios agad.. .san sgoileil fhios agad bha.. .bha barail aiges dòcha gun robh mi dìcheallach no rudeigin, chan eil fhios am ach bha sinn afaighinn air adhart co-dhiù ged a bha.. .’ s e maighstir-sgoile cruaidh a bhann.

EC―20 :44: Sin mar a bha iad aig an àm.

SS―20 :45: Bha an uair sin, a h-uile tidsear a bhann, bha. Uill bha.. .bha strap is a h-uile sian mu chuairt an uair sin.

EC―20 :52: Agus an robh e atighinn a-mach tric an strap no an robh.. .an robh.. .?

SS―20 :54: Cha dfhuair mise a-riamh e, cha dfhuair a-riamh, no.

EC―20 :57: Feumaidh gun robh sin gu math.. .gu mathtifmar a chanas iad!

SS―20 :59: Chan eil fhios am, uill bha barrachd airsan, a chionn bha a h-uile tidsear a bhann ann bha iad uileadh laghach, tidsearan uabhasach laghach a bhagainn san Ìochdar agus bha a h-uile sian. .. bha.. .bha a h-uile duine a bha ag obair as an sgoil laghach. Bha na feadhainn a bha ag obair as a’ chanteen, boireannaich laghach agus bhitheamaid adol a-staigh air chèilidh orra agus gan cuideachadh aig àm a’ phlayis gnothaichean mar sin. So aidhs e sgoil laghach a bhann, friendly.

EC―21 :20: Agus an robh cothrom ann an uair sin deuchainnean a dhèanamh, an robh.. .am burrainn dhutO Gradesa dhèanamh no dad.. .an robh.. .?

SS―21 :26: Cha robh an uair sin idir, cha robh. Cha robh ach afàgail na sgoile. Bhiodh.. .gheibheadh tu.. .dhfhaodadh tu a dhol dhan cholaiste a dhInbhir Nis nam biodh tu adol a dhèanamh rudeigin mar sin.

EC―21 :37: Agus cho fads a bha thu as an Ìochdar? An e. .. an e.. .?

SS―21 :40: Uill, bha gus an do dhfhàg mi an sgoil.

EC―21 :41: Agus cuin a.. .cuin a bha.. .cuin a bha sin, mar gum biodh?

SS―21 :44: Bha mi sia bliadhna deug.

EC―21 :45: Sia bliadhna deug. Seadh dìreach, agus rinn thu nuair a bha thu sia bliadhna deug?

SS―21 :50: Cha robh mi ach.. .bha mi ag obair as achampa agus dhfhalbh mi. ..

EC―21 :56: Campa an.. .campa an airm?

SS―21 :58: Aidh, ’s e. Agus dhfhalbh mi an uair sin gu tìr-mòr.

EC―22 :01: Seadh dìr.. .an innse thu beagan.. .beagan mun champa nuair a.. .aig an àm sin, .. .an robh.. .tha mi cinnteach gun e àite gu math gu math trang a bhann le tòrr shaighdearan ann is. ..

SS―22 :08: Bha, bha an uair sin, bha e gu math mòr.

EC―22 :11: Agus.. .agus tha mi cinnteach.. .an robh.. .an robh tòrr às an seo fhèin ag obair as achampa, tòrr de, de mhuinntir an àite?

SS―22 :16: Bha. A h-uile duine a bha ag obair anns ann.. . ’s e muinntir an àite a bhann, so.. .bha mise ag obair as antea bar.

EC―22 :22: As antea bar. Agus .. .agus bh.. . bha.. . bhagad ri dhèanamh an sineach, an e.. .an robh.. .an robh thu adèanamh còcaireachd is.. .?

SS―22 :29: Bha mar gum biodh tu ag obair ann an cafaidh, ’s e dìreachs e sin an rud a bhann, cafaidhactually, so dìreach atoirt seachad.. ..

EC―22 :35: Agus an robh sibh afaighinn trèanadh cuideachd son.. .son na h-obrach is.. .an robh.. .an robh sibh.. .?

SS―22 :39: Beagan trèanadh air choireigin, chan fheumadh tu na h-uimhir sin ma bha thu.. . ’eil fhios agad car deideaagad bhagad ri dhèanamh co-dhiù.

EC―22 :44: Seadh dìreach agus an robh obraichean eile agad shìos as achampa mar gum bio.. .an robh cothroman eile obrach ann, ’s dòcha a bhith as achidsin no ann an.. .an robh.. .?

SS―22 :53: Bhiodh tha mi cinnteach, a chionns ann aig anNAAFIa bha mise ag obair, chan ann aig an arm idir.

EC―22 :57: Aig anNAAF.. .o tha mi atuigsinn, tha mi atuigsinn so.. .sos e buidheann air leth a thanns anNAAFImar gum.. .ged a tha ceangal aca, ’s e buidheann.. ..

SS―23 :03: Navy Army and Air Force Institutesin a thaNAAFIsin an rud a tha e aminigeadh so tha thu ag obair dhaibh.

EC―23 :08: Agus tha fios am gum biodh anNAAFI ’s dòcha aig an àm sin aruith diofar rudan mar gum biodh, bhiodh bàr ann nach biodh is bùithtean is bha. ..

SS―23 :13: Bha, bha.. .bha sin ann.

EC―23 :17: Agus an robh.. .an robh.. .an robh thusa thall as achampa an ear mar gum biodh no.. .?

SS―23 :20: San t-seann champa. A chionns an uair sin cha robh ann ach an t-seann champa, bha.. .cha robh an campa a thann an-diugh ann gu na seachdadan, tràth sna seachdadan, bha mise air pòsadh an uair sin. Achiad thogalach a bhann as achampa ùrs eMedical Centrefar an robh an duine agamsa ag obair, is cha robh ann ach sin an uair sin.

EC―23 :38: Seadh agus bha tòrr shaighdearan às a h-uile ceàrnaidh còmhla tha mi acreidsinn, is.. .is ciamar.. .ciamar.. .ciamar a bha iad fhèin agus muinntir an àite atighinn.. .atighinn ri chèile? An robh.. .an robh.. .?

SS―23 :49: Bha math gu leòr, bha sinne air iarraidh orra gun fheumadh iad faighinn air adhart leis na daoine, muinntir an àite agus bha e mar fhiachadh orra, ’eil fhios agad, faighinn air adhart isevenair an rathad mhòr na.. .navehiclesdhfheumadh tu leigeil leothasan falbheil fhios agad, na.. .dhfheumadh tu.. .nam be saighdear a bhannad dhfheumadh tu a dhol dhanphassing placenam biodh duine às an àite ga.. . ’eil fhios agad, bha.. .bhaevenadol chu.. .chun an ìre a bha sin, bha sinn air iarraidh oirre is bhiodh iad.. .nuair a bhiodh iad afalbh a dhobair suas a Ghèirinis dhfheumadh iad an rathad.. .chan eil cuimhnam, an-dràsta an rathad an iar no an ear bhiodh iad air an rathad an iar a ghabhail adol.. .adol a dhobair agus an rathad an ear a ghabhail atilleadh, airson gum biodh.. .nach biodh iad adol as an rathad air muinntir an àite is gum biodh fhios aca, ’eil fhios agad, gum biodh.. .chan e gun robh mòrantraffic jamsan uair sin ach bha iad fhèin.. .bha an t-uabhas de rudan neònach mar sin air a chur mar fhiachadh orra gus faighinn air adhart, nach biodh gearranan sam bith aig muinntir an àite. Is cha robh sin aig muinntir Bheinn na Faoghla idir idir, a chionns bha iad.. .bha leithid a chothroman aca, bhio.. .bha a h-uile duine a bhann ag obair dhan arm so bha leithid de dhobraichean adol an uair sin.

EC―24 :50: Agus an robh tòrr fealla-dhà adol, an e.. .an robh.. .an robh e spòrsail a bhith ag obair aig.. .aig achampa, an robh daoine.. .?

SS―24 :55: Bha, uill dhfheumadh tu dìreach dobair a dhèanamh. Bha.. .bha ammanageressagainne bha i gu mathstrictso dhfheumadh tu dìreach dobair a dhèanamh is. ..

EC―25 :02: Ach a bharrachd air sin bha.. .bha.. .bha beagan.. .bha beagan plòigh ann.

SS―25 :04: Uill, bha, ’s e.. . ’s e nighnean às an àite seo fhèin a bha ag obair còmhla rium is bha iad uabhasach laghach so.. .bha, cha robh thu ach dìreach adèanamh dobair is bhiodh a h-uile sian adùnadh an uair ud.. .chan eil cuimhnam, saoilidh mi gur h-ann aig naoi uairean a bha antea baradùnadh is.. .air an oidhche.

EC―25 :20: Agus an ann airson.. .airson òigridh as an arm a bha antea barmar gum biodh, son an fheadhainn.. .?

SS―25 :15: Saighdearan sam bith, duine sam bith a thigeadh ann, dìreach na saighdearan fhèin, chan ann dha na teaghlaichean aca idir ach dha na saighdearan fhèin.

EC―25 :30: Dìreach.. .dìreach a dhaona ghnothach dha na saighdearan fhèin? Agus an robh àite ann cuideachd airson teaghlaichean cuideachd, an robh.. .an robh cothroman sòisealta dha.. .dha na teaghlaichean? An robh.. .an robh.. .an robh àite ann dhaibhsan mar gum biodh, an robh.. .?

SS―25 :43: Bhiodh tha mi cinnteach, chan e gu bheil cuimhnag.. .mhòr agamsa air an sin, bha mise cho òg is cha bhithinn, cha robh.. .acur cus. ..

EC―25 :47: Tha mi asmaointinn uaireigin gun.. .gun robhFamilies Clubaca, nach robh uaireigin?

SS―25 :50: Saoilidh mi às a dheaghaidh sin bha. Ach cha robh ùidh sam bith agamsann a shin an uair sin aig ochd bliadhna deug, cha robh. So chan eil cus cuimhnagam air, ’eil fhios agad.

title1
internal date2020.0
display date2020
publication date2020
level
parent textSeonag Smith
<< please select a word
<< please select a page