Eairdsidh Caimbeul

Agus airson cothroman sòisealta airson boireannach òg ann am Beinn a’ Bhaoghla aig an àm sin, na rudan a bhiodh ann dhuibh mar.. .an robh na dannsaichean is na.. .?

SS―00 :11: O, bha dannsa ann cha mhòr a h-uile oidhche den t-seachdain, bhiodh dannsaichean.. .bhiodh dannsaichean ann as a h-uilehall, bhiodh dannsann an Grìminis is bhiodh dannsann angymann am Baile aMhanaich is dannsann an Grìminis is dannsann am Bòrnais is bhiodh dannsaichean mu thuath cuideachd is bhiodh dannsann mar bu.. .gu math tric ann an Grìminis air oidhche Ardaoin is bhiodh dannsas angymair oidhche Haoine is o bhiodh tu adol gun a h-uile gin dhiubh sin. Tha.. .agus adannsa fad na h-oidhcheadh agus an uair sin adol a dhobair an làrna-mhàireach. O cha leigeadh an nàire leat a ràdh gun robh thu.. .cha bhiodh tu sgìth co-dhiù, cha bhiodh tu afaireachdainn sgìths an uair sin aig an aois ud ann. Ach.. .is bha na dannsaichean, ’s e.. . ’s e dannsaichean Gàidhealach a bhann an uair sin, ’eil fhios agad, cha robh.. .bha.. .an toiseach, ’eil fhios ag.. .bha seo sna seachdadan.. .no, late sixties ’s e bhann an uair sin bha.. .cha robh dannsaicheandisco dancessin air tòiseachadh an uair sin. Achiad dhà no trì bhliadhnaichean a thòisich mise adol gu dannsaichean bha.. .cha robhdisco dancescha robh iad.. ..

EC―01 :10: Dìreach am bocsa is. ..

SS―01 :11: Cha robh iadinvented! MacLachlainn mar bu trice, so bha sinn uabhasach fhèin fortanach nuair a thòisich mise air a dhol gu dannsaicheans e Iain MacLachlainn a bha.. .a bhiodh acluiche so bha an ceòl a bfheàrr againn, a bfheàrr a bha aig feadhainn.

EC―01 :27: Agus am biodh na balaich bhon achampa atighinn gu na dannsaichean, na.. .na.. .na saighdearan òga sineach is.. .?

SS―01 :29: Bhiodh, bhiodh, bhiodh, bhiodh, a h-uile duine a bhann cha robh an còrr àite dhan tigeadh tu, cha robh an còrr, cha robh an còrr adol.

EC―01 :35: Dìreach. Agus phòs thu fhèin fear às an arm, Malcolm. Ciamar.. .ciamar a.. .ciamar a fhuair sibh eòlach air a chèile?

SS―01 :42: Thachair mi ris aig pàrtaidhso that was it.

EC―01 :46: Bha am pàrtaidh anns.. .aig.. .mun.. .mun achampa no. ..

SS―01 :48: ’S ann, ’s eChristmas Partya bhann, thachair mi ris ann a shin so.. .tha.. .bhiodh esan bhiodh e adol a Hiort gu math tric cuideachd an seòrsa obair a bhaige, bha esan ag obair as a’. .. ’s ann as aMhedical Corpsa bha e is bhiodh e adol a Hiort sia seachdainnean co-dhiù aig.. . ’s dòcha mar sin gum biodh iad na bfhaide na sia seachdainnean ann cuideachd, a-rèir ciamar a bhiodh an tìde. Mura.. .mura fhaigheadh iad air aiss dòcha gum biodh iad mhìos thall is rudan mar sin, so.. .aidh bha, bha, bhiodh.. .bha diofar buidhnean ann dhan arm, ’eil fhios agad, bha muinntir a’ Mhedical Corpsis bha muinntir feadhainn a bhiodh adràibheadh istransportis bha feadhainn as naSignals, bha fhios agad, bhiodh diofar obraichean aca uileadh, ach bhiodh namedicsdaonnan adol a Hiort agus muinntir.. .muinntir anTransportbhiodh iad sin.. .muinntir naREMEcuideachd bhiodh iad adol a Hiort. Cha bhiodh a h-uile duine de na saighdearan adol a Hiort idir, ach bhiodh esan trì tursan sa bhliadhnas dòcha no mar sin.

EC―02 :43: Seo nist. Agus an robh thu fhèin a-riamh thall an Hiort? An dfhuair.. .an dfhuair thu cothrom a dhol.. .a dhol ann?

SS―02 :48: O, bha is a dhèidh sin nuair a bha mi.. .uill, bha seo as na.. .aig deireadh, nuair a bha mi ag obair tha.. .as na h-ochdadan nuair a bha.. .bhithinn adol a Hiort a dhobair, a chòchaireachd, is bhithinn adol ann mìos, uaireannan cola-deug agus bha sin uabhasach fhèin math, bu thoil leamsa.. .o chòrd Hiort uabhasach math leam, bfheàrr leam a bhith ag obair an sin nam faighinn dhachaigh a h-uile feasgar. Bfheàrr leam a bhith ag obair ann an Hiort na bhith ag obair ann am Baile aMhanaich aig an àm ud. Bha e uabhasach fhèin math, uabhasach inntinneach. Chan e a h-uile duine ris an còrdadh e, bha thu.. . ’eil fhios agad, bhiodh cuid de dhaoine nach robh.. .nach robh e acòrdadh riutha a bhith cho.. .air an geàrradh dheth on a h-uile sian eile, ach bu thoil leamsa e. Is, of course, gheibheadh tu fònadh dhachaigh co-dhiù so cha robh sin cho dona. Aidh, bha cothrom agad fònadh dhachaigh is bha mi na bu shine is bha.. .bha an nighean againn air falbh bhon taigh, ’eil fhios agad, cha robh.. .cha robh duine.. .cha bhiodh.. .cha robh a-staigh ach an duine agam so bha thu na bu shine is cha bhiodh.. .cha robh uallach teaghlach ort na sin an uair sin. Ach bhiodh e diofrach nam biodh duine na bòige, bha feadhainn ann a bha na boige is bha teaghlach òg aca is cha robh e cho math dhaibh, dhaibhsan ach bha gam fhreagair.. .bha e afreagairt ormsa aig an àm aig an robh mi ann.

EC―04 :06: Seadh, is an dfhuair thu cothrom a dhol air feadh Hiort, beagan coiseachd a dhèanamh?

SS―04 :10: Air a.. .a h-uile oisean dheth nam biodh tu ag iarraidh. Cha robh mise uabhasach math idir air a bhith astreap, agus cha do thuig mi cho fìor dhonas a bha mi, ach bha fhios am nach robh mi a-riamh math air a bhith adol suas a dhàite àrd. Ach cha do thuig mi cho donas a bha mi gus an deach mi a Hiort. O.. .agus tha e gu math oillteil agus eagalach pìo.. .pìosan dheth, ma tha thu.. .ma tha thu eagalach ro àiteachan àrda. Achs e àite air leth a thann, tha.. .an robh thu fhèin a-riamh ann?

EC―04 :37: Cha robh mi a-riamh ann, bu toil leam a dhol ann.

SS―04 :39: Och, o feumaidh tu fheuchainn ri dhol ann a chionns chan eil àite eile air an t-saoghal coltach ris. Tha e uabhasach fhèin math. Agus bha.. .bha thu.. .bha e a-rèir, of course, am buidheann a bhiodh thall còmhla riut, is bha mise gu math fortanach, bha.. .bhiodh, bhiodh daonnan bhiodh feadhainn mhatha còmhla rium air so a chionnss e saoghal beag a thann agus feumaidh tu faighinn air adhart leis na feadhainn a thann. Agus bhiodh feadhainn ann nach biodh afaighinn air adhart ri feadhainn a bha ag obair còmhla riutha is bhiodh sinne.. .ach dhfheumadh tu do dhìcheall a dhèanamh. Ach mar a bha mise nuair a bha mi acòcaireachd bha a h-uile duine.. .a h-uile duine measail air achòcaire agus a h-uile duine acumail a-staigh air achòcaire.

EC―05 :13: A h-uile duine acumail a-staigh air achòcaire!

SS―05 :15: Agus an toiseach a-nist bhithinn adol ann bhiodh.. .bhiodh còcaire eile còmhla riut, bhiodh dithis ann daonnan. Ach aig deireadh gnothaich, an turas bho dheireadh a bha mi ann bha mi leam fhìn ann. Agus cha robh sin cho math a chionns cha robh.. .cha robh ùine dheth agad co-dhiùevennuair a bhiodh dithis ann, gheibheadh.. .bha thu afaighinn aon latha san t-seachdain dheth agus mar bu trice bhithinnsaleigeil leis.. .leis na balaich mar bu trice còmhla rium, bhithinnsaleigeil na balaich dheth Disathairne a chionns bhiodh ball-coise is gnothach air an telebhisean, cha robh ùidh sam bith agamsan sin so bhithinnsdheth Didòmhnaich. Ach nuair a bha mi thall leam fhìn, is cha robh mi thall ann ach aon turas leam fhìn aig deireadh gnothaich.. .uill bhaactually.. . thuras no trì, trì tursan, tha.. .cha robh thu afaighinn ùine dheth idir idir idir, is bha an còcaire air fad an latha. Is tu bu trainge a bha ag obair, a chionnsbha thu adèanamhbreakfastis bha thu air gus am biodh an dìnnear seachad. Bha thu air fad an latha so cha robh ùine dheth idir idir idir agad. Is cha burrainn dhut.. .nuair a bha dithis agad còmhladh, dhfhaodadh tu a dhol greiseag sìos dhan bhàr air an oidhche agus a bhith an lùib na feadhainn eile is acabadaich is ableidrig. Ach nam biodh tu leat fhèin, bha agad ri èirigh cho tràth sa mhadainn agus bha uallach ort so cha tigeadh tu.. .cha robh thu afaighinn, ’eil fhios agad, sian dheth sin a dhèanamh. Thigeadh tu suas air chèilidh air an nurs, bha aon nurs ann aig aon àm agus thigeadh tu.. .is tu.. .mar bu trices e sin an dithist bhoireannach a bhiodh air, thu fhèin agus an nurs so bhiodh tu greis air chèilidh so.. .is an uair sin dhfheumadh tu a dhol dhan leabaidh tràth oir chan fhaigheadh tu èirigh tràth son a.. .a chionns bha thu ag obair trang fad finn fuainn an latha. Agus bhiodh deich duine fichead co-dhiù air a char bu lugha agad, acòcaireachd dhaibh so bha thu adèanamh a h-uile.. .a h-uile grèim a bha iad ag ithe bha thusa ga dhèanamh. Agus chan fhaigheadh tusuppliesach uair sa chola-deug nas dòcha.. . ’s docha uair san t-seachdain. As t-samhradh bhiodh tòrr mòrsuppliesadol a-null le.. .le bàta, ach bhiodh an uair sin heileacoptair cuideachd ann a h-uile seachdain, a h-uile Dimàirt gheibheadh tu heileacoptair. Is gheibheadh tu beagan, gheibheadh tu bainne is gnothach mar sin. Is dhfheumadh tu cuimhneachadh air a h-uile sian òrdachadh, gum biodh a h-uile sian agad, no cha burrainn dhut a bhith gun aran no gun bhainne no gun ge bith gu a biodh tu.. .a dhfheumadh tu airson na.. .na daoine a bhiathadh. Is dhfheumadh tu cuideachd, ’eil fhios agad, a dhèanamh cinnteach nach biodh iad afaighinn an aon bhiadh fad an t-siubhail is gnothach mar sin a chionnss e sin an aon toileachadh a bhaca, ti.. .deagh bhiadh fhaighinn. So bhiodh tu cinnteach gum biodh tu atoirt dhaibh deagh bhiadh so.. .ach bha e uabhasach inntinneach a bhith ag obair anna bharrachd air an obair inntinneach, a bharrachd air a bhith as an àite fhèin. Bu thoil leam e uabhasach.

EC―07 :52: Seo a-nist. Agus phòs thu fhèin agus Malcolm co-dhiù, agus an robh sibh ùine bheag afuireach ann an sheo?

SS―07 :57: Bha.

EC―07 :58: Agus an uair sin bha sibh afàgail?

SS―07 :59: Chaidh sinn an uair sin dhan Ghearmailt.

EC―08 :01: Seadh dìreach agus ciamar a bha sin? Ciamar a bha e afuireach sa Ghearmailt?

SS―08 :04: O, bu thoil leamsa aGhearmailt. Bha mi uabhasach measail air aGhearmailt agus air na daoine agus air a h-uile sian mu dheidhinn, a h-uile sian mu chuairt air a bhith as aGhearmailt. Achiad turas bha an nighean againn gu math òg nuair a chaidh sinn ann, bha i gun a dhol dhan sgoil. So bu thoil leam e, bha.. .bha e uabhasach.. .chan e gun dfhuair mi mòran cothrom air Gearmailtionnsachadh mar chànan a chionns bhiodh esan air falbh cho tric.. .an duine agam, bhiodh Malcolm air falbh fad an t-siubhail. Air sàilleibhs gun robh e saMhedical Corpsbhiodh iad daonnan air falbh airexercisesagus gu seachd àraid achiad turas a chaidh sinn a-null dhan Ghearmailt. ’S e àite a bhann far am biodh iad adol airexercises, na saighdearan, bhiodh feadhainn eile atighinn ann. So a bharrachd air na h-exercisesa bhiodh iad. .. aca fhèin bhiodh iad adèanamhmedical coverdo dhaoine eile a bhiodh airexercisecuideachd, so bhiodh e air falbh tric. Bhiodh e air falbhs dòcha sia seachdainnean an siud is cola-deug.. .mar.. .bhiodh e.. .nan cuireadh tu uile còmhla e, bhiodh es dòcha sia mìosan den bhliadhna air falbh bhon taigh. So bhithinn.. .bha mi leam fhìn, mi fhìn is an bheag. Ach na dheaghaidh sin bha e acòrdadh rium a chionns bha thu.. .mar gum biodh.. .bhiodh tu còmhla ris. . .cha robh e.. .bhiodh pàirt dhiubh.. . .bha, bha an rèisimid uileadh adol a-null còmhla so baithne dhaoibh uileadh a chèile ach mar a bha thusa cha robh thu ach thu fhèin is an duine adol a-null is cha baithne dhut duine eile a bha as a.. .a bhanns anunitagad. So dhfheumadh tu caraidean a dhèanamh is dhfheumadh tu thu fhèin a chur mu chuairt gus am bruidhneadh tu ri daoine is gnothach mar sin. Agus.. .ach na dheaghaidh sin bha thustillmar gum biodh tu ann an teaghlach. Dhfheumadh tu a bhith mar sin. Is bha iad acoimhead às do dheaghaidh glè mhatheil fhios agad. Uill, fhuair mi fhìn sin a-mach mar a bu.. . ’eil fhios agad mar a bàirde a bha esan ag èirigh suas as an arm. Dhfheumadh tu.. . ’eil fhios agad.. .ca.. .can nuair a bhiodh tu nad.. .bean an RSM dhfheumadh tu a bhith acoimhead às deaghaidh na nighnean beag òga agus na feadhainn òga a bhiodh atighinn agus bean.. .bean ùr gun for aice ris a bha e coltach pòsta aig saighdear is gnothach, a chionns tha diofrach seach a bhith.. .agus gu seachd àraid ann an dùthaich eile.

EC―10 :07: Tha mi atuigsinn so a bharrachd.. .a bharrachd air an dreuchd a bhaig Malcolm fhèin bha.. .bha thusa cuideachd atoirt taic dha as an obair sineach?

SS―10 :13: Uill, bha nuair a.. .nuair a fhuair e suas as an arm, bha sin aig deireadh gnothaich ach dhfheumadh tu.. .uill bha e mar fhiachadh ort a dhèanamh co-dhiù ach na dhèidh sin bha e acòrdadh rium fhìneil fhios agad is bha.. .bha.. .bha thu adèanamh caraidean eile is rudan mar sin.

EC―10 :28: Mar can de.. .de teaghlach ann an dòigh mar gum biodh, seadh dìreach. Agus mu dheidhinn acur seachad na h-ùine, an robh.. .an robh cothroman agaibh airson rudan ionnsachadh no clasaichean adol no.. .?

SS―10 :36: Bhiodh sin adol, ach cha dfhuair mise gu mòran dheth sin, mar a bha mi ag ràdh bha.. .an toiseach gu seachd àraid bha an nighean againn cho òg agus chan fhaigheadh tu.. .is nam biodh esan air falbh chan fhaigheadh tu gu sian mar sin dheth. ’S dòcha gheibheadh tu ann air an t-seachdain seo ach bhiodh esan air falbh an ath-sheachdain is chan fhaigheadh tu idir anneil fhios agad rudan mar sin, so cha bfhiach dhut.

EC―10 :55: Am biodh tu aleughadh tòrr is rudan mar.. .am biodh tu.. .?

SS―10 :57: Leugh mi an t-uabhas, bha mi a-riamh aleughadh co-dhiù, ach aleughadh is afuaigheal is adèanamh rudan mar sin, cur.. .cur-seachadan mar sin agus dìreach sin e. Cha.. .cha.. .bha.. .bha.. .an toiseach, achiad turas a bha sinn sa Ghearmailt cha robh telebhisean Bheurla idir againn, bha telebhisean Duitseach againn agus telebhisean aGhearmailt fhèin. So dhionnsaicheadh tu barrachd mar sin, dhionnsaicheadh tu gun fhiosta dhut fhèin Gearmailtis, agus sin mar a dhionnsaich mise. Agus a bhith adol an lùib na daoine.

EC―11 :32: Sin.. .sin a bha.. .an robh thu afaighinn cothrom a dhol a-mach cuideachd am measg na daoine sa Ghearmailt mar gum biodh?

S―11 :37: Gu seachd àraid an dàrna turas a bha sinn ann a chionns bha sinn.. .cha robh ann ach .. . shreath bheag de.. .sreath bheag de thaighean shaighdearain an lùib muinntir na Gearmailte fhèin, far an robh sinne afuireach, agus bha na bùithtean beaga mu chuairt oirnn is a h-uile sian, ’eil fhios agad, gu leòr dhiubh an uair ud cha robh.. .bha na seann daoine a bha a, ag obair as na bùithtean cha bhiodh Beurla aca so dhfheumadh tu. ..

EC―12 :00: Dhfheumadh tu bruidhinn riutha as achànan aca fhèin.

SS―12 :02: Aidh, so bha e furasta gu leòr. Thiginn fhathast dhan bhùth ann an Gearmailteas, ’eil fhios agad.

EC―12 :08: Dhèanadh tu an gnothach.

SS―12 :09: Dhèanadh aidh sin a tha mi aminigeadh aidh. Dìreachconversationcaran gu mathlimiteda-nist, tha mi air a dhìochuimhneachadh ach na dheaghaidh sin. Is bu toil leam e is bha e furasta ionnsachadh shaoil leamsa air sàilleibh gun robh Gàidhlig agam. Tha e.. .tha e car mar a tha aGhàidhlig tha an gràmarback -to- frontseach aBheurla so.. .agus na fuaimeannan, na ‘- ch’ fuaimeannan tha iad coltach ris aGhàidhlig so bha.. .shaoil mise gun robh e na bfhasa dhomhsa nas dòcha cuideigin aig.. .mar a bha Malcolm bha, bha.. .aig nach robh ach Beurla.

EC―12 :46: Cha robh Malcolm feuchainn ri Gearma. ..

SS―12 :47: Bha e afeuchainn ach cha robh e cho math idir, cha robh e adèanamh cu.. .cu.. .uimhir, cha robh uimhir de dhùidh aige anns a bhagamsa a chionns chòrd i rium mar chànan. Bfheàrr leamsa i na can Frangais na Eadailtis no sian mar sin. Can nam biodh tu afalbh air làith.. .làithean-saora bhiodh tu afeuchainn ri beag.. .facal no dhà ionnsachadh de Fhrangais no de dhEadailtis no sian mar sin, ach Gearmailt bu toil leam i.

EC―13 :11: Aguss e dùthaich a thann dìreach meadhan na Roinn Eòrpa, an dfhuair sibh cothrom a dhol gu dùthchannan eile cuideachd fads a bha sibh as aGhearmailt, an robh.. .?

SS―13 :19: Cha dfhuair cus a dhinnse na fìrinn cha dfhuair a chionns bhiodh esan cho trang fad an t-siubhail. Achs e dùthaich uabhasach snog a thann fhèin. Gu seachd àraid an dàrna turas a bha sinn thall fhuair sinn beagan.. .barrachd. ..

EC―13 :29: So bha sibh thuras uile gu lèir?

SS―13 :31: Bha. Bha mi.. .bha mi còrr is seachd bl.. .seachd bliadhna gu leth còmhladh, nan cuireadh tu còmhladh. An e trì bliadhna is ceithir bliadhna gu leth na mar sin bha sinn thall.

EC―13 :42: As aGhearmailt? An robh gu dearbh? ’S e cnap math ùine a tha sin.

SS―13 :44: Cnap math ùine de do bheatha, ’s e, nuair a bha thu òg. Agus fhuair sinn air siubhal mu chuairt aGhearmailt fhèin aguss e àite air leth snog a thann.

EC―13 :53: Bha sibh as gach ceàrnaidh dheth mar gum biodh.

SS―13 :56: Pìosan math dheth, ’eil fhios agad, mu chuairt, ’eil fhios, agad thigeadh tu a-mach air chuairt.

EC―13 :49: An dfhuair sibh cothrom a dhol chun an.. .chun an.. .chun an taobh an ear cuideachd?

SS―14 :02: Cha dfhuair, cha dfhuair an uair sin, bha.. .bha am balla fhathast ann an uair sin. Cha, cha do leag iad am balla gus an do.. .gus an robh sinn air tighinn a-nall.

EC―14 :13: Tha mi atuigsinn, tha mi atuigsinn. So bha sibh. ..

SS―14 :14: Bha an duine agam ann gun teagamh sam bith ach cha robh mise. Bhiodh esan.. . ’eil fhios agad a thaobh obrach.

EC―14 :20: Agus ciamar a bha e a thaobh.. .a thaobh beatha sòisealta, sa Ghearmailt? An robh, an robh rudan atachairt agaibh air an oidhche no.. .?

SS―14 :25: Bha rudan atachairt fad an t-siubhail as a’. . .as achampa, ’eil fhios agad, as a.. .can san t-sergeants ’ messbhiodh rudan adol fad an t-siubhail mar a bha an seo fhèin, as achampa seo fhèin nuair a bha an t-arm aig, aig ìre a bàirde ann an sheo ann am Beinn na Faoghla bha rudan adol san t-seargeants ’ messa h-uile h-oidhche. Agus bhiodh is thall an siud, bhiodh rudan adol.. .rudan.. .co.. .pàirt de na rudan cha bhiodh tu.. .cha bhiodh tu.. .abodraigeadh ri dhol ann is bhiodh.. .bhaWives Clubann cuideachd, ’eil fhios agad, rudan mar sin, pàirt de na rudaneil, fhios agad, carbingois rudan cha robh ùidh agamsa ann a shin is cha.. .ach rudan eile thigeadh tu ann is bhiodh. ..

EC―14 :59: Ach bha iad ann co-dhiù nam biodh tu ag iarraidh.

SS―15 :00: BhaFilmsann is bhiodh rudan mar sin bhiodh iad gan cur air dhuinn is rudan mar sin, nam biodh tu airson a dhol ann. Gu math tric, gu seachd àraid nam biodh an duine agad air falbh fad an t-siubhail, aghreiseag bheag a bhiodh e a-staigh bhiodh e airson a chur seachad còmhla rinn fhìn is bhiodh sinn.. .cha bhiodh sinn.. .ach air.. .air.. .air feasgar Didòmhnaich thigeadh tu a-mach ann.. . ’s dòcha thigeadh tu a-mach gulunchdhanmhessno rudeigin mar sin agus bhiodh tu greiseag den fheasgar.. .tha mi asmaointinn bhiodh rudan adol, bhiodhFamily Daysaca is rudan mar sin. Bhiodh iad acur air spòrs is rudan dhan chloinn is rudan mar sin, so thigeadh tu gu rudan mar sin. So bha.. .bha.. .bha.. . ’eil fhios agad, bhiodh daoine eile is bha thu adèanamh caraidean is bhiodh tu adol a-mach còmhla riutha is bhiodh tu adol a-mach gu dìnnear no bhiodh à-san agadsa gu dìnnear is rudan mar sin.

EC―15 :43: Is ciamar a bha e afuireach.. .afuireach ann an taigh-airm mar gum biodh? An robh tòrr riaghailtean ann?

SS―15 :48: O, bha, bha.

EC―15 :49: Bha mi.. .bha feadhainn ag innse dhomh gun robh.. .gun robh e gu math trom nuair a.. .nuair a bha thu afàgail an taighe, gum bi cuideigin atighinn agus acur a chorraig air a h-uile. ..

SS―15 :55: O, dhfheumadh a h-uile sian a bhith dìreach.

EC―15 :57: Dìreach gu math dòigheil.

SS―15 :58: Spotless. Dhfheumadh a h-uile sian a bhith dìreach. ..

EC―16 :00: Agus an e uallach a bha sineach air do shonsa mar gum biodh, an robh.. .an robh e.. .?

SS―16 :04: Uill, dhfheumadh tu a chumail suas co-dhiù. Achs e, tha cuimhnam aon turas, saoilidh mise turas.. .an e turas.. .turas.. .achiad turas tha mi asmaointinn a dhfhalbh sinn às aGhearmailt cha robh mise air a bhith gu math, bha mi an dèidhs a bhith as an ospadal is cha robh mi air chothrom, so thàinig mi dhachaigh. Agus rinn sinn suas gun tiginnsa dhachaigh agus chaidh Malcolm a dhfhuireach dhanmhessis bha sinn.. .cha leigeadh e leas apholisheadhan ùrlair air an oidhche, ’eil fhios agad, is bha.. .cha robh duine acoiseachd air. So dhobraich sin cho math is rinn sinn sineach a h-uile turas às.. .às a dheaghaidh sin.

EC―16 :37: Sos e rud mòr a bhann.

SS―16 :39: ’S e e fhèin a bha ga dhèanamh.

EC―16 :40: Marching outnach e a chanas iad, an e.. .an e?

SS―16 :42: ’S e. Bha sinn apacaigeadh suas an toiseachd mum falbhadh sinn, bhiodh tu apacaigeadh a h-uile sian a bhagad ann am bocsaichean is bha thu gan toirt leat. Ach pacaigeadh suas na bocsaichean is a h-uile sian, agus.. .ach bha esan adèanamh an obair throm uileadh. Chan e gun robh na h-uimhir sin ri dhèanamh, ’eil fhios agad, ach dìreach.. .dhfheumadh tueil fhios agad ancookera bhithspotlessa h-uile sian, ach air sàilleibh nam.. .nam biodh esan afuireach as a’ mhesscha bhiodh ancookerga ùisneachadh, cha bhiodh, ’eil fhios agad, sian de na rudan sin. So sin an tip a rinn sinn air, aguss ann dìreach.. .chan ann a.. .chan ann a dhaona ghnothach a rinn sinn.. .dìreach thachair e achiad turas air sàilleibh nach robh mise gu math is cha robh mi air chothrom a dhèanamh, thachair dhuinn gun do dhobraich e. So rinn sinn às a dhèidh sin e fad an t-siubhail. Ach bhiodh feadhainn de na boireannai.. .na nighnean òga is bhiodh mar a bha mi ag ràdh roimhid bhiodh an rèisimeid uileadh ga sioftadh còmhla so dhfheumadh à-san.. .is dhfheumadh iad a bhith afuireach ann, san taigh is ga dhèan.. .is tha e gu math doirbh ma tha clann agad, tha thu a’ polisheachadh. Is bha tòrr de dhùine ann a bhith air ampolisheachadh, ’eil fhios agad, seach.. .seachcarpetna sin. Noevenancarpetdhfheumadh e a bhith glan. So nampoliseachadhtu an t-ùrlar is cha robh math leigeil leis achloinn a bhith coiseachd air is gnothach mar sin. So bha e gu math doirbh dhaibh pàirt aca den fheadhainn òg. So.. .ach dhfheumadh dhan taigh a bhith.. . ’eil fhios agad, a chionns bha cuideigin eile adol a thighinn ann, a chionns cha chòrdadh e riut fhèin a dhol dhan taigh is e a bhith robach.

EC―17 :59: Dìreach a bhith reusanta tha mi acreidsinn, aidh.

SS―18 :01: O dhfheumadh e a bhith uabhasach fhèin.. .dhfheumadh e a bhith dìreach mar a chaidh thu ann. Dhfheumadh e a bhith dìreach.. .cha robh dìreach spot a bhith air idir, idir, idir. Bhiodh iad.. .feadhainn de na feadhainn bhiodh iad.. .bhiodh neapraig geal aige is bhiodh e ga chur tarsainn air mullach nan dorsan agus air.. .air a’ chookeragus a h-uile sian a bhann, bha iad. ..

EC―18 :22: Agus bhiodh ga dhèanamh, bhiodh atighinn mu chuairt mar gum biodh, an e RSM a bhiodh.. .a bhiodh ann?

SS―10 :26: O chan e ach.. .chan e ach fear.. . ’s e sin an obair a bhaige.

EC―18 :29: A dhaona ghnothach?

SS―18 :30: ’S e, ’s e. Cha robh, cha robh e san arm idir an duine sin achs e.. . ’eil fhios agad cuideigin a bha ag obair dhan arm is bha e ga dhèanamh, Housing Officer.. .bhaHousing Officercuideachd as an arm, bhiodh esan adol còmhla ris is bhiodh duine.. .dithis no triùir aca ann, ach bha an aon duine a bha seo is bhiodh e.. .sin an obair a bhaige a h-uile latha. Uill cha mhòr a h-uile latha bhiodh e ga dhèanamh nam be campa mòr a bhiodh ann, so bha feadhainn aca a bha uabhasachstrict. Bha iad uileadhstrictach bha feadhainn aca a bha dìreach.. .chan fhaigheadh tu dheth le sian idir idir. Agus dhfheumadh tu pàigheadh gu math daor air sin nam biodh sian.. .nam biodh iad air sian a bhristeadh na sian mar sin. Ach cha bhithinnsa ag ùisneachadh gin de na. ..

EC―19 :08: Fiùs.. .fiùs rud a thachair dìreach mar.. .mar thubaist mar gum.. .bha.. .rud sam bith a bhristeadh bha agad ri pàigheadh.

SS―19 :13: O, can nam bristeadh tu soitheach no sin.

EC―19 :15: Rud a thachradh co-dhiù mar gum biodh.

SS―19 :17: O, dhiabhal aidh dhfheumadh tu a phàigheadh. Ach mar.. .cha bhithinnsa ag ùisneachadh.. .bha soithichean aig an arm an sin, bha.. .bha a h-uile taigh bha is.. .rud annta. So dhfhaodadh tu roghnachadh gum biodh e ann no dhfhaodadh.. .bheireadh iad às e mun tigeadh tu ann is dhùisnicheadh tu anstuffagad fhèin. So bhithinnsag ùisneachadh an stuth agam fhìn fad an t-siubhail.

EC―19 :33: Bha e na bfhasa.

SS―19 :34: Bha e na bfhasa ach bha e na bfheàrr co-dhiù seach a bhith ag ùisneachadh.. .cha robh stuth ach gu math. ..

EC―19 :39: Gu math suarach, an robh?

SS―19 :40: Uill, bha, bha. Cha robh sian ceàrr air ach bha e cho plèin is bha e cho.. .bfheàrr leat anstuffagad.. .bha e na bfhasa dhut dachaigh a dhèanamh nam biodh do chuid fhèin mu chuairt ort, an stuth fhèin agad, bha e na bu choltaiche ri do dhachaigh fhèin.

EC―19 :53: So bha sibh sa Ghearmailt agus an uair sin, an deach sibh an uair sin?

SS―19 :58: Tha.. .chaidh sinn a Chatterick. Cha bu toil leam idir idir idir sin. Cha do chòrd e idir idir rium a bhith ann an Ca.. .bha mi.. .bha leithid de chianalas orm afalbh às aGhearmailt co-dhiù, bha mo chridhe briste. Agus thàinig mi dhachaigh an toiseachd, dheug mo mhàthair agus bha iad air taigh ùr a thogail is bha mathair is mo bhràithrean gun sioftadh a-staigh dhan taigh, so thàinig sinn.. .thàinig mise dhachaigh gus an taigheil fhios agad.. .cha robh fhios acaeven an dath a chuireadh iad air na ballaichean no sian mar sin so thàinig mi dhachaigh gus a bhith còmhla riutha is bha mi sia mìosan a-staigh, is chaidh sinn an uair sin a Chatterick ach cha do chòrd Catterick idir idir rium.

EC―20 :35: ris a bha e coltach Catterick, an e àite aonranach a bhann no air, air mòinteach no.. .?

SS―20 :39: Chan e, bha sinn faisg air bailtean gu leòr, air baile, bha.. .bha RichmondNorthYorkshires e am baile beag a bfhaisge oirnn agus bha sinn faisg air Darlington is air àiteachan mar sineach. Bha rudeigin mu dheidhinn, bha.. .bha mi.. .bha mi cho.. .mo chridhe briste afalbh às aGhearmailt co-dhiù is cha robh e acòrdadh rium a bhith atilleadh.. .chan eil fhios ams dòcha nach robh àite sam bith air còrdadh ach cha bu toil leam e is cha robh na daoine cho faisg ort. Cha robh iad idireil fhios agad tha. ..

EC―21 :10: Cho dàns dòcha.

SS―21 :11: Cha robh idir idir idir. Agus cha bu toil leam idir e so cha do dhfhuirich mi cho fada sin ann.

EC―21 :17: So cho fads a bhagaibh ri.. .dìreach.. .?

SS―21 :19: Bha mi.. .dhfhuirich mi an e beagan is bliadhna nos dòcha bhliadhna bha mi ann, agus bha sinn adol a shioftadh an uair sins ann a thàinig mise dhachaigh. Chaidh an nighean againn dhan sgoil an uair sin, chaidh i aBhoarding Schoola chionns bha i san àrd-sgoil, bha i dìreach adol dhan àrd-sgoil an uair sin, is air sàilleibh gum bitheamaid agluasad, bhiodh Malcolm agluasad mu chuairt a h-uile trì bliadhna no mar sin tha.. .cha.. .cha burrainn dhuinn a bhith ga slaodadh a-mach às an sgoil aig an ìre sin den fhoghlam aice. Agus chaidh ise dhan sgoil ann an Alba agus thàinig mise dhachaigh còmhla ris achòrr den teaghlach is fhuair mi obair an seo. Bha mi ag obair aig an arm a-rithist. Is aig an arm bhiodh tu ag obair ge bith càite am biodh tureally.

EC―22 :04: Agus nuair.. .nuair a bha thu air falbh bha thu afaighinn cothroman-obrach?

SS―22 :08: Bha. Nuair a bha mi ann an Catterick bha mi ag obair.

EC―22 :10: Agus as aGhearmailt?

SS―22 :11: As aGhearmailt an turas bho dheireadh a bha sinn ann, achiad turas bha an nighean ro bheag son a bhith ag obair ach san dàrna turas a bha sinn ann bha i san sgoil, agus.. .a chionnsbha sinn air a bhith a-staigh ann am Beinn na Faoghla eadar an thuras a bha sinn sa Ghearmailt. AGhearmailt achiad turas bhapostingaige air ais a Bheinn na Faoghla is chaidh sinn an uair sin air ais dhan Ghearmailt a-rithist. So bha i na bu shine an uair sin.

EC―22 :30: Seadh dìreach, agus an robh sibh ann an diofar baile sa Ghearmailt?

SS―12 :33: Bha sinn ann an diofar pìos dheth. Bha sinn na bfhaisge air.. .air a.. .bha sinn ann am Münster, bha sin faisg.. .faisg air.. .airthe Dutch borderso bu thoil leam sin cuideachd, ’s e àite laghach a bha sin cuideachd, àite uabhasach.. .baile mòr a thann am Münster ach cha robh sinne a-staigh sa bhaile fhèin, bha sinn dìreach air taobh a-muigh abhaile is bha e uabhasach.

EC―12 :53: Agus an robh cothrom agaibh a dhol gu àiteachan eile cuideachd aig an.. .an robh sibh adol dhan Òlaind uaireannan is.. .?

SS―22 :58: Bhitheadh, bhitheadh. ’S e dìreach thigeadh tu.. .thigeadh tu ann air feadh an latha leis achàr, dhfhalbhadh tu sa mhadainn is. ..

EC―23 :04: Cha robh astar mòr sam bith.

SS―23 :05: Chan eil is tha na rathaidean cho math, namotorwayscho math is bhiodh.. .bha e cho inntinneach bhiodh.. .bha.. .bhiodh.. .bhacheese marketas an Òlaind far am biodh sinn adol, bha sin inntinneach a dhol ann, ’eil fhios agad, na rudan sin fhaicinn is bhiodh an t-uabhas de chaistealan as aGhearmailt agus bhitheamaid adol a choimhead air rudan mar sin. So aidh thàinig sinn.. .nuair.. .nuair a bha sinn.. .mar a bha mi ag ràdh an uair sin chaidh sinn a Chatterick an dèidhs a bhith.. .an dèidhs a bhith as aGhearmailt is cha do chòrd e idir rium so thàinig mi dhachaigh. Is chaidh an nighean againn dhan sgoil so.. .bha Malcolm greis an Catterick, sia mìosan an Catterick mun.. .mun dfhuair e sioft an uair sin, is chaidh e a Bhirmingham an uair sin gu TA.

EC―23 :50: Agus an uair sin dhfhàg e mar gum biodh, dhfhàg e an t-arm?

SS―23 :52: No, bha.. .bha.. .bha e ann am Birmingham trì bliadhna is bha e an uair sin ceithir bliadhna shìos ann an Lunnainn, agus bha mise shìos còmhla ris aig deireadh gnothaich, a chionns an obair aig an robh mise dhùin i, ’s e achiad phìos dhan champa ann a sheo a dhùin, telephone exchangean airm, ’s e achiad phìos. ..

EC―24 :14: O, Exchange aig achampa?

SS―24 :15: Aig achampa fhèin, bhaexchangeaca dhaibh fhèin a bharrachd air anexchange, is sin far an robh mise ag obair, bha mi ag obair grunnan bhliadhnaichean ann, achs e achiad phìos dhan champa a dhùin. Agus thòisich an uair sin an campa adùnadh beag air bheag.

EC―24 :27: Beag air bheag, is tha e atachairt fhathast nach eil? Tha an campa adùnadh beag.. .?

SS―24 :32: Chan eil.. .chan eil greim air fhàgail dheth a-nist, chan eil iad ach ann an Gèirinis agus anOfficers ’ Messa-bhos an seo. An campa mòr.

EC―24 :40: Agus.. .agus.. .a bheil.. .a bheil a h-uile saighdear afuireach còmhladh as a’ mhessno .. .a bheil.. .nach?

SS―24 :45: Tha thogalach aca a-staigh sa champa, togalach anRAFagus togalach eile cuideachd, pìos denOfficers ’ Messach tha an còrr aca.. .is chan eil fhios am ciamar a bhios iad nuair a bhios units.. .cha chreid mi gu bheil na h-uimhir sin deunitsatighinn an seo, de shaighdearan fhèin a-nist. Ach tha e gu math diofrach seach mar a bha e.

EC―25 :06: Tha mi asmaoineachadh gu bheil feadhainn afuireach dìreach as an sgìre fhèin, bidh iad afuireachs dòcha as na taighean-òsta is.. .tha e coltach gu bheil co-dhiù.

SS―25 :12: Chan eil fhios am, chan eil fhios am a-nist.

EC―25 :13: IsDark Islandis sineach.

SS―25 :14: Is tha feadhainn.. .tha.. .chan eil mòran sam bith afuireach as na taighean ach muinntir anRAF.

EC―25 :18: Tha mi asmaoineachadh.

SS―25 :19: ’S e. Sin a thann.

EC―25 :20: Sin agad e. So mu dheireadh thall dhfhàg.. .dhfhàg Malcolm an.. .an t-arm agus thàinig sibh.. .agus an uair sin, thàinig sibh dhachaigh a Bheinn na Faoghla?

SS―25 :26: Bha sinn greis afuireach ann an Lunnainn.

EC―25 :29: Agus ciamar a chòrd sin ribh?

SS―25 :30: O, bu thoil leamsa Lunnainn, bu thoil leam gu h-uabhasach e. Tha. .. bha mi an toiseachd ag obair ann an.. .ann an.. .faisg air Reading ann an taigh mòr, agus bha sin uabhasach fhèin inntinneach.

EC―25 :41: An e sin mar taigh mòr duine uasal no.. .?

SS―25 :43: Uh - huh.

EC―25 :44: Seo a-nist.

SS―20 :45: Bha e uabhasach fhèin inntinneach sin. Agus bha tòrr airgid aig an duine a bhann agus bhiodh e.. .an taigh ud.. .bha tòrr thaighean aige cuideachd air feadh an t-saoghail, ach an taigh ud as an robh e ann an.. .as an robh mise ag obair, ’s e.. .bhiodh iad adol a shealgaireachd e fhèin is na feadhainn a bha.. .caraidean. Bhiodh an t-uabhas de.. .deroyalties , royaltyna Roinn-Eòrpa a chionns e den sin a bhinntese is bha esan uaireigin den t-saoghal ag obair.. .bha e as an arm còmhla ris anSultan of Omanagus.. .so bhiodh tòrr dhiubh sin atighinn a-nall is bha.. .bha.. . ’s e saoghal eile a bhann.

EC―26 :24: Inntinneach.

SS―26 :25: Agus bha e uabhasach inntinneach a bhith ag obair an sin.

EC―26 :28: Seo a-nist. Gun a bhith acur ceist ort mun.. .mun deidhinn ach an robh e furasta am biadhadh no an robh.. .an robh iad ag iarraidh biadh gu math spaideil no.. .?

SS―26 :33: O, chan ann adèanamh biadh a bha mise idir a chionns bha iad afaighinn biadh uabhasach fhèin spaideil. Bha chòcaire aca agus bha iad adèanamh a h-uile sian a bha iad ag ithe. In fact, ’s ann leis a bha am baile beag a bha mu chuairt air an taighe as an robh iad afuireach agus bha gàirnealaran aige, bha iad afàs a h-uile sian a bha iad ag ithe agus bhiodh an fheòil aca fhèin aca, so a h-uile sian. Agus bha am biadh a bfheàrr aca agus againne a bha ag obair aca, bhitheamaid afaighinn ar biadh ann an.. .can nam biodh tu airdutyair an oidhche gheibheadh tu do dhìnnear.. .gheibheadh tu mun.. .an gabhadh.. .agus bha.. .bha.. .bha àite-fuireach aca dhut cuideachd.. .gheibheadh tu mun tòiseachadh an gheibheadh tusa tràth, gheibheadh tusoupaguss dòchacan soupagussmoked salmon sandwiches, bha mise.. . ’s e sin an seòrsa.. .bha sinne afaighinn a cheart.. .an aon bhiadhs a bha iad fhèin afaighinn, bha iad uabhasach math dhanstaff. Agus mar a bha mi ag ràdhs e saoghal eile a bhann. Chitheadh tu.. .thachair mi rin uabhas de dhaoine ainmeil ag obair ann, san àite a bha sin, daoine.. .an aon duine nach do thachair mi ris a chionns ghoirtich mi mo chas, stepmi far sèithear, bha mi.. .is ghoirtich mi mo chas agus bha mi far mobrach nuair a thàinig Rìgh na Spàinne a-null, so cha robh.. .sin an aon duine nach do thachair mi ach thachair mi ri tòrr dhaoine eile cuideachd, is bha e uabhasach fhèin inntinneach.

EC―27 :59: Seo a-nist.

SS―28 :00: Ma tha ùidh agad ann an daoine mar sin, ’eil fhios, agad muinntirroyaltyis daoine mar sin, ’eil fhios agad, tha.. .bha.. .bha e inntinneach dhut a bhith ag obair ann, ach mura biodh ùidh agad ann, ’eil fhios agad, cha robh ann ach mar a tha obair eile, ach bu thoil leamsa e. So bha mi bliadhna an sin is an uair sin bha Malcolm atighinn a-mach às an arm so bha sinn fhathast ann an Lunnainn is bha esan ag obair.. .shioft.. .shioft mi a-staigh a Lunnainn, fhuair mi obair ann an sin ann, bha mi ag obair ann an taigh, bha mi acòcaireachd as an taigh sin. Bha esan ag obair airambulanceann an Lunnainn fad bliadhna gus an robh sinn adol a thogail an taighe ann a sheo, gus an robh an taigh dìreach air tòiseachadh air a thogail, a chionns bha mo bhràthair bha e adèanamh an obair-pàipeir dhuinn uileadh ann a sheo. A chionns mar a tha fhios agad fhèin ma tha thu atogail taigh tha an t-uabhas de dhobair-pàipeir adol leis an rud a thann agus bheir e greis mhòr. Aguss e mo bhràthair eile a bha adol a thogail an taighe dhuinn co-dhiù. So bha mo bhràthair adèanamh an obair-pàipeir dhuinn, agus cho luaths a bha e dìreach deiseil airson tòiseachadh air an taigh a thogail thàinig sinn dhachaigh, uill thàinig Malcolm dhachaigh an toiseach. So bha e adèanamhlabouradhcòmhla ri mo bhràthair nuair a bha iad atogail an taighe.

EC―29 :10: Seo a-nist. Agus dhfhàg e an t-arm an dèidh a bhith ùine mhòr ann.

SS―29 :15: Bha.. . a-nist an ùine a bha e ann? Bha.. .dhfhuirich e bliadhna na bfhaide, ’s àbhaist dhut a bhith.. .a bhith bhliadhna air fhichead ann ach dhfhuirich esan trì.. .dhiarr iad air fuireach bliadhnaextrason bha e adèanamh teagasg dhaibh is rudan, so bha e trì bliadhna ann.

EC―29 :32: Agus an dfhuair e cothrom mar gum biodh a bhith eadar arm agus beatha eile? An robh.. .an robh e adol air cùrsaichean no trèanadh son.. .son.. .son rud mar gum biodh.. .airson a dhèanamh deiseil airson beatha ùr a chruthachadh ann an.. .?

SS―29 :43: Aidh, aidh, ’eil fhios agad, gheibh thu cùrsaichean mar sin, feadhainn bidh iad.. .bidh feadhainn aca.. .a- rèir tha thu adol a dhèanamh às deaghaidh gnothaich. Feadhainn aca bidh iad adol airHeavy Goods Vehicle Coursema tha iad adol a dhèanamh rudan mar sin no, ’eil fhios agad, rudan mar sin. Rinn esanBusiness Coursemun do dhfhàg e, so sin an rud a rinn esan, Business Studiesair choreigin mar sin, chan eil cuimhnam an-dràsta, tha leithid de dhùine ann. Achs e sin an rud a rinn esan co-dhiù, agus so.. . ’eil fhios agad, son gun deigheadh aige air obair oifis is gnothaichean mar sin a dhèanamh nuair a thàinig e a-mach, aguss dòcha rudmanagerial.

EC―30 :19: So thill sibh a Bheinn na Foghla an uair sin nur dithis, agus an robh sibh ag obair le chèile, an robh.. .an robh thu fhèin ag obair ann an àite ann am Beinn na Faoghla?

SS―30 :26: Bha mise ag obair, fhuair mise obair sa mhionaid, ach bha esan ùine mhòr mhòr afeitheamh ri obair fhaighinn. Fhuair mise obair cha robh mi a-staigh ach trì latha. So ma tha thu.. . ’eil fhios agad, ma thu obair sam bith gheibh thu obair an seo, ach bha esan. ..

EC―30 :38: Agus an e obair còcaireachd a bhann no.. .?

SS―30 :41: Chan e, cha robh mi ach ag obair as anOfficers ’ Mess, bha mi ag obair as abhàr agus an uair sin shioft mi gu còcaireachd glè ghoirid às a dhèidh sin. Ach bha esan greis mhath gun a dhol a.. .gun obair fhaighinn agus nuair a bha e o.. .a’ labouradhcòmhla ri mo bhràthair, còmhla ri Eòghann, ’eil fhios agad, nuair a thòisich an obair sgileil is nach burrainn dhasan a dhèanamh, ’eil fhios agad, tha.. .chaidh e a dhobair chun anCitizens Advicea chionns bha e ag ràdh gus an eanchainn aige a chumail adol, ’eil fhios agad. Cha robh e afaighinn pàigheadh air a shon sin idirof courseach tha.. .bhiodh e adol sìos an sin dìreach.

EC―31 :21: So bha e ga chumail fhèin adol gus an tàinig an rud.. .rudeigin suas air a shon.

SS―31 :25: So fhuair e obair aig an arm an uair sin.

title2
internal date2020.0
display date2020
publication date2020
level
parent textSeonag Smith
<< please select a word
<< please select a page