P[àdruig] M[oireach]―00 :04: Glè mhath ma-thà, a Christine, mìle taing dhut airson tighinn a bhruidhinn rium an-diugh.
C[hristine] P[rimrose] : ―00 :09: O, ’s e do bheatha.
PM―00 :11: As an oifis againn ann an sheo anns an Eilean Sgitheanach ann an Sabhal Mòr Ostaig.
CP―00 :14: Is e cho brèagha.
PM―00 :15: Tha e cho brèagha, tha. Tha an t-earrach a’ tighinn. Ceart, ma-thà, tòisichidh sinn aig an toiseach ma-thà, agus cò às a tha thu agus cò leis thu?
CP―00 :24: Uill, is mise Christine Primrose agus ’s.. .rugadh agus thogadh mi ann an Càrlabhagh air taobh siar Eilean Leòdhais as na 50s. Agus ’s ann le Norrie an Laochain, nighean Norrie a chanas iad riumsa, chan e Christine Primrose ach nighean Norrie. Agus mo mhàthair Jean Anne ‘Boyce’, na dithis aca às an sgìre fhèin.
PM―00 :49: Ceart gu leòr, agus ciamar a bha Càrlabhagh an uair sin, cò ris a bha am baile coltach?
CP―00 :55: Cò ris a bha e colt.. .uill nuair a smaoinicheas mi air ais air, bha.. . ’s e coimhearsnachd uabhasach snog a bh’ ann, bha iad.. .bhiodh iad an-còmhnaidh a’ tighinn còmhla is cha robh.. .cha robh stràinnsearan nar measg idir, bha a h-uile duine cho eòlach air a chèile agus bha beart tha mi a’ creids’. . .taigh-beairt cha mhòr anns a h-uile.. .a h-uile taigh. A h-uile duine le bò, dìreach bhiodh daoine a’ dol a-mach a bhuain na mònach is a’ cur a’ bhuntàt’ is rudan mar sin, cho.. .dìreach beatha uabhasach snog nuair a, nuair a smaoinicheas mi air ais air bha.. .cha robh.. .cha robh càil eile agamsa a b’ urrainn dhomh dèanamh coimeas air, ’eil fhios agad.. .ris.. .ach coimhearsnachd glè dhòigheil.
PM―01 :40: Ceart, agus cia mheud a bha anns an teaghlach?
CP―01 :43: Tha triùir againn, tha mise as a’ mheadhan.
PM―01 :45: Tha thus anns a.. .as a’ mheadhan agus an e.. .an e bràthair agus piuthar. ..
CP―01 :48: Chan e, dà phiuthar agam.
PM―01 :49: Dà phiuthar eile. Ceart gu leòr agus chaidh thu dhan bhun-sgoil ann an Càrlabhagh?
CP―01 :54: Chaidh mise dhan bhun-sgoil ann an Càrlabhagh, cha robh mi ach dìreach ceithir agus trì mìosan nuair a chaidh mi ann.
PM―02 :01: Bha thu gu math òg a-rèist.
CP―02 :03: Bha mi uabhasach òg nach robh?
PM―02 :04: Bha, airson a dhol dhan sgoil. Ciamar a leig iad leat a dhol dhan sgoil aig an aois sin?
CP―02 :09: Cò aige a tha fios? ’S dòcha gun robh. ..
PM―02 :10: Ach rinn thu a’ chùis air co-dhiù.
CP―02 :11: Uill, tha mi an seo.
PM―02 :14: Agus an robh tòrr anns an sgoil nuair a chaidh thu innt’?
CP―02 :17: Uill, dhòmhsa, nuair a bha mi nam nighean bheag bha an t-uabhas dhaoine ann, ’eil fhios agad, bha i làn. Tha mi a’ smaoineachadh gun robh timcheall air seachdnar air a’ chlas agam agus cha do smaoinich mi a-riamh cia mheud duine a bh’ anns.. .a bh’ anns aig an sgoil aig an àm sin. Nuair a smaoinicheas mi air bha i.. .bha an sgoil làn.
PM―02 :37: Uh - huh. Cia mheud a bha innt’ uile gu lèir an uair sin?
CP―02 :41: Mu leth-cheud, dà fhichead ’s dòch’. . .an robh sin fhèin ann? Bha e a’ faireachdainn coltach ris co-dhiù.
PM―02 :47: Agus ciamar a chòrd an sgoil riut, a’ bhun-sgoil?
CP―02 :50: Uill, tha mi a’ smaoineachadh gun do chòrd math gu leòr. Bha e math gu leòr, cha robh càil cudromach no càil dona a thachair dhomh no càil mar sin. Bha mi dìreach a’ dol tro mo bheatha man a bha a h-uile duine eile.
PM―03 :02: Uh - huhagus an ann an uair sin, nuair a bha thu aig aois na bun-sgoile, an ann an uair sin a thòisich thu a’ seinn no.. .?
CP―03 :11: Uill, ’eil fhios agad air an seo, tha.. .chuir mi a’ cheist a tha seo air mo mhàthair bho chionn bhliadhnaichean air ais agus thuirt i gun robh mi air a bhith a’ seinn bho bha mi nam nighean bheag bhìodach agus chan eil càil a chuimhn’ agamsa air àm sam bith na mo bheatha-sa nach robh mi a’ seinn. Bha.. .tha e dìreach dhomh mar.. .mar phàirt dha.. .dha mo bheatha, ’eil fhios agad. tha mi air a bhith an sàs ann an seinn is amhrain is mar sin air adhart bho is cuimhne leam, agus tha cuimhn’ a’m a bhith a’ dol a-steach airson. .. ’eil fhios agad, bha an uair sin bha daoine gad chur a-steach airson a’ Mhòd, ’eil fhios agad ann an Steòrnabhagh agus bha tidsear.. .bhiodh tidsear a’ tighinn a-nullMrsMacLeod, ’s e ‘Screechy’ a bh’ againn oirr’. . .o nach eil sin cianail.. .agus bha i a’ tighinn a-null aon uair san t-seachdain agus bha thu.. .bha thu dìreach.. .chaidh cantainn rium ‘Tha thu a’ dol a-steach airson a’ Mhòd’, ‘OKma-thà, thèid mi ann’ is thòisich mi a’ dèanamh sin nuair a bha mi sa bhun-sgoil is lean mi.. .lean sin mi, mar gum biodh, nuair a chaidh mi dhan àrd-sgoil cuideachd. Dìreach seinn.. .is bhithinn a’ dol a-steach.. .tha cuimhn’ agam chan eil fhios a’m ciamar a bha seo a’ tachairt, ach tha cuimhn’ agam bha tòrr thaighean air an t-slighe dhan sgoil, bha taighean ri taobh an rathaid, is bhiodh taigh a’ Gheòidh mar eiseimpleir is chanadh iad ‘Thig a-steach is bheir dhuinn amhran’ agus bhiodh tu a’ dèanamh na rudan sin. Cha robh mi a’ smaoineachadh càil mu dheidhinn, às bith dè na h-amhrain a bh’ agam aig an àm. Bhiodh mo mhàthair a’ toirt dhomh amhrain an siud is an seo agusum.. .agus tha cuimhn’ a’m a bhith a’ dol a-steach dha na taighean sin is chaidh iarr.. .bhiodh iarraidh orm ‘Siuthad is gabh òran is dèan siud’ is ‘Seinn am fear ud’ is ‘A bheil am fear ud agad?’ is ‘Chan eil’. ‘O, uill, bu chòir dhut ionnsachadh am fear sin’ is ’eil fhios agad rudan mar sin. Agus sin man a.. .man a’ chuimhne a th’ agamsa mu dheidhinn a bhith a’ fàs suas aig an àm sin agus a thaobh an t-seinn agam.
PM―05 :05: Math dha-rìribh, agus an robh ceòl no seinn anns an teaghlach?
CP―05 :10: Uill, tha mise.. .tha mise a’ smaoineachadh gu bheil seinn as a h-uile teaghlach. ’S e dìreach nach robh iad a’ faighinn na cothroman gan cur fhèin air adhart, mar gum biodh. Thòisich rudan ag atharrachadh ri mo linn-sa, mar gum biodh. Bha, bha mo mhàthair bha guth brèagha aice. Bha m’ athair cha robh e dona ach cha robh e cho math sin. Bha a phiuthar, tha cuimhn’ a’m Ceitidh Anne, m’ antaidh Ceitidh Anne, bha ise.. .guth brèagha brèagha aic’, is tha cuimhn’ ’am i.. .ise a bhith a’ seinn bhiodh i an-còmhnaidh a’ seinn Tom an t-Searraich agus bha rud anns a’ ghuth aice a bha.. .nuair a smaoinicheas mi air ais.. .bha e glè annasach, bhiodh i a’ dol suas aig deireadh an loidhne glè thric, agus tha mi air cluinntinn sin thairis air na bliadhnaichean ann an guthan daoine aig.. .a’ dèanamh seinn òrainCountry. Tha e dìreach annasach, ’s bhiodh an rud a bha sa ghuth aice cha robh mi air a chluinntinn aig duine sam bith eile. Agus.. .ach co-dhiù bha sin taobh m’ athar. Nise, taobh mo mhàthar bhiodh mo mhàthair, man a thuirt mi, bhiodh i a’ seinn as.. .dìreach as an taigh ’eil fhios agad, nuair a bhiodh i a’ dol mun cuairt air a gnothaich. Ach ’s e.. . ’s e saoghal eadar-dhealaichte a bh’ ann an uair sin, ’eil fhios agad, a thaobh a bhith a’ seinn taobh a-muigh na coimhearsnachd. ’Eil fhios agad, bhiodhconcertsa’ dol, glè thric bhiodhconcertsanns an.. .as anhallmar gum biodh. Uair sa mhìos co-dhiù, agus mura biodh iad ann an Càrlabhagh bhiodh iad ann an Siabost agus ann an Nis is ann.. . ’eil fhios agad, sna h-àiteachan sin. Agus sin an seòrsa beatha a bh’ ann agus bhiodh an t-uabhas dhaoine a’ dol a-mach gu naconcertsbhon cha robh taigh.. .taighean-òsta ann an uair sin, agus dìreach tha e as an duine co-dhiù, ann an.. .ann an nàdar an duine a bhith.. .dìreach ag iarraidh a bhith a’ dol cruinn còmhla.. .a’ tighinn cruinn còmhla, còmhla ri daoine eile, agus bha sin a’ toirt dhaibh beagan faochadh bhon bha iad ag obair cruaidh, ’eil fhios agad, ’s e obair chruaidh a bh’ aca is bha.. .cha robh.. .bha iad an-còmhnaidh a’ dèanamh rudeigin, ’eil fhios agad. Ach tha cuimhn’ agam bhiodh iad ag iarraidh ormsa a dhol a sheinn aig naconcerts, dìreach dà amhrain no rudeigin.
PM―07 :14: Is dè an aois a bha thu an uair sin?
CP―07 :15: Ist cha bhiodh ach seachd no a h-ochd, ach tha cuimhn’ ’am a bhith.. .a bhith, a bhith a’ dèanamh sin agus bhiodh daoine.. .daoine mòra, ’eil fhios agad, a’ seinn Dòmhnall MacRath is na daoine sin is Katie Maggie is daoine mar sin, Anne ‘Spleen’ à Siabost, daoine o.. .guthan dìreach cumhachdach ac’. Is bha mise nam nighean bheag a’ smaoineachadh ‘O tha sin mìorbhaileach’ is bhiodh iad a’ dol ann an.. .mar a bha an talla ann an Càrlabhagh bha.. .bha.. .bha an t-àrd-ùrlar ann, ach air cùl an àrd-ùrlair, an dèidh.. .an dèidh dhut thighinn bhon àrd-ùrlar bha doras ann agus cha robh.. .chan fhaodainns’ a dhol a-steach an doras sin, ach bhiodh na daoine mòra a’ dol a-steach an doras. Bhithinns’ a’ coimhead an doras a tha sin a’ smaoineachadh‘ ’Eil fhios cò ris a tha sin coltach, a bhith a’ dol a-steach dhan doras.. .an doras sin’, is ’eil fhios agad, bha sin a’ comharrachadh dhomhsa nuair a bhiodh tu nad dhuine mòr ’eil fhios agad, nuair a bhiodh tu air fàs suas. Is tha cuimhn’ a’m a’ chiad turas a dhol a-steach, fhuair mi an cothrom a dhol a-steach air an doras, is cha mhòr gum b’ urrainn dhomh a chreids’ gun robh mi ann. Agus nuair a smaoinicheas mi air chan e.. .cha robh càil.. . ’eil fhios agad, a bha a-mach às an àbhaist ann, ach bha dìreach na daoine mòra ann, ’eil fhios agad. Agus tha cuimhn’ a’m a bhith a’ faireachdainn ‘O, tha mi sin a-nise aig an ìre seo’, ’eil fhios agad. Fhuair mi man, mar gum biodh togail math mar sin nuair a.. .nuair a thigeadh e gu bhith a’ cur.. .gad chur fhèin air adhart gu ìre. Bha thu a’ dèanamh seòrsa de dh’apprenticeship, ’eil fhios agad, le na h-amhrain, an rud a tha mi a’ smaoineachadh a tha a dhìth an-diugh, tha.. .tha, tha daoine.. .tha an siostam air atharrachadh cho mòr, chan eil iad.. .tha iad gan cur.. .air an cur air an àrd-ùrlar uaireannan ro thràth nam beatha. Agus.. .ach sin man a tha an saoghal againn, tha a h-uile càil air cho.. .a dhol cho luath mar gum biodh. Chan eil duine.. .daoine ag iarraidh a bhith foighidneach, ’eil fhios agad.
PM―09 :09: Tha mi a’ tuigsinn.
CP―09 :10: Agus sin man a tha e, uh yeah.
PM―09 :13: Agus nuair a bha thu beag bìodach agus tu a’ dol air an àrd-ùrlar agus a’ seinn, an robh.. .cha do chuir e càil a dhragh ort?
CP―09 :22: Uill, cha.. .cha chuimhnich.. .cha chuimhnich mi gun, gun do chuir, ’s e dìreach rud a.. .rud a bha mi a’ dèanamh.. .tha mi.. .tha mi gu an latha an-diugh is tha mi beagan iomagaineach a’ dol air àrd-ùrlar, a dh’aindeoin is cho.. .cho.. .cho tric is tha mi air a dhèanamh. Tha mi air a bhith a’ bruidhinn ri tòrr sheinneadairean a tha leis an aon bheachd is man a tha iad a’ faireachdainn mu dheidhinn. Cha.. .canaidh daoine ‘Och chan eil thusa nearbhasach an-diugh is cinnteach, tha thu air a dhèanamh cho tric’. Chan ann mar sin a tha e ag obair, bhon man as motha a nì thu e agus man as soirbheachaile a tha thu, ’s ann.. .tha barrachdpressureort, ’eil fhios agad, a bhith a’ cumail suas an ìre sin fad na tìde. Bhon tha mise uabhasach trom orm fhìn agus tha mi.. .sin mar a tha mi air a bhith fad mo bheatha a thaobh an t-seinn agam, ’eil fhios agad, tha fios agamsa dè ’s urrainn dhomh a dhèanamh, o tha e annam, is mura.. .mura tig e a-mach an dòigh sin, chan eil mise, chan eil mi air mo dhòigh idir. ’Eil fhios agad, chan eil e gu diofar, chan eil e gu diofar dè chanas daoine ‘O gun robh e siud math’ no gun robh.. .canaidh.. .bidh mise a’ cantainn rium fhìn ‘O tà, dh’fhaodadh e air a bhith na b’ fheàrr’. Tha mi a’ cur.. .tha mi a’ curpressuremòr orm fhìn.
PM―10 :29: Ceart. Sin as coireach gu bheil thu air a bhith cho soirbheachail.
CP―10 :32: ’S dòcha, ’s dòcha. Ach air an làimh eile, ’s e uallach mòr a th’ ann, ’eil fhios agad, uallach mòr. Ach saoilidh mi chan eil e, cha robh mi às aonais a-riamh, cha.. .cha, cha chuimhnich mi a bhith às aonais. Tha e mar gum bithinn.. .bha mi a’ cantainn rium fhìn ’eil fhios agad.. .uaireannan.. .tha mi dìreach air tighinn à Èirinn mar eiseimpleir, agus chaill mi mo ghuth, mo ghuth, ’eil fhios agad, thàinigvirusair choreigin orm, agus chaill mi mo ghuth an latha a bha mi a’ fàgail. Agus bidh mi an-còmhnaidh a’ gabhail an eagail, bidh mi an-còmhnaidh a h-uile madainn a’ feuchainn ri seinn agus cha robh càil a’ tighinn a-mach is cha robh càil a’ tighinn a-mach is bha mi a’ cantainn ‘O bhiodh seo dìreach uabhasach mura.. .mura fhaighinn mu ghuth air ais’, ’eil fhios agad, bha mi a’ cantainn ‘Dè dhèanainn?’ ’eil fhios agad, dè bhithinnsa a’ dèanamh mura fhaighinn mo ghuth air ais. So, so tha an uallach sin na chois, ’eil fhios agad, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil a h-uile seinneadair mar sin, tha.. .tha na seinneadairean gu lèir mar sin.
PM―11 :26: Is a bheil rudan àraid a bhios tu a’ dèanamh son coimhead às dèidh do ghuth?
CP―11 :29: Tha mi a’ creids’ gum bu chòir dhomh.
PM―11 :31: Dè bu.. .dè na rudan a bu chòir dhut a dhèanamh?
CP―11 :33: Chan eil fhios a’m, uill tha mi creids’ gum feum thu dìreach a bhith faiceallach gun a bhith a’ strèanadh, ’eil fhios agad. Can an-dràsta gum biodh tu.. .cha chaomh leam a bhith a’ dol gupubsna càil mar sin, bhon feum.. .tha an t-onghail a tha a’ dol mun cuairt ort. Agus feumaidh tu a bhith ag èigheachd, ’eil fhios agad, agus tha sin cho trom air navocal cordsagad. Agus chan eil mi airson a bhithpreciousmu dheidhinn ach tha.. .tha, tha e a’ dèanamh cron air navocal cordsma tha thu ag èigheachd, ’eil fhios agad. Bidh mi a’ feuchainn ri dìreach a bhith a’ coimhead às a dhèidh, dìreach a bhith.. .chan eil càil mar sin ga dhèanamh ach.. .achyeah, bidh mi dìreach a’ seinn.. .tha mi a’ smaoineachadh gu bheil seinn.. .air sgàth an obair a th’ agam an seo aig Sabhal Mòr Ostaig, tha am.. .tha e a’ ciallachadh gu bheil mi a’ cleachdadh an t-seinn agam a h-uile latha, ’eil fhios agad, tha mi a’ seinn a h-uile latha, agus tha sin na chuideachadh mòr, tha sin na chuideachadh mòr.
PM―12 :26: Ceart, chan eil sin fhèin a’ cur strèan air do ghuth?
CP―12 :28: O chan eil.
PM―12 :28: Gu bheil, gu bheil thu a’ seinn a h-uile latha a th’ ann?
CP―12 :30: Gu bheil mi a’ seinn a h-uile latha, ach ’s e rud eile a tha a’ cur strèan air an guth.. .air a’ ghuth.. . ’s e.. .ma tha thu a’ seinn as.. .as a’ ghleus nach eil freagarrach dhut fhèin, agus glè thric tha mi buailteach, ’eil fhios agad, nuair a bhios.. .nuair a bhios cùrsaichean goirid a’ dol, no clas air mo bheulaibh is chan eil iad.. .chan eil an gleus acasan cho àrd ris a’ ghleus agamsa, is bidh mi, bidh mise a’ toirt an gleus agamsa sìos, mar gum biodh. Tha sin a’ cur strèan air, air a.. .air a’ ghuth agam cuideachd, tha mi air mothachadh. Is bidh mi a’ cantainn riutha ‘O tha mi duilich, ach feumaidh mise seo a thoirt suas rud beag’.
PM―13 :03: Gus am bi thu fhèin cofhurtail leis.
CP―13 :04: Aidh, uh - huh.
PM―13 :05: Tha mi a’ tuigsinn. Agus an deach iarraidh ort ma-thà nuair a bha thu òg, a dhol an sàs ann an còisir, còisir Ghàidhlig?
CP―13 :13: Uill, bha mi ann an còisir san sgoil.
PM―13 :15: An robh?
CP―13 :15: Bha. Agus bha sin math, bhon bha thu ’eil fhios agad bha thu a’ fàs suas bha thu.. .bha a h-uile càil cho ùr, ’eil fhios agad, agus a’ dol dhan a’ chòisir bha e mar dìreach rud nàdarrach a dhèanamh, agus bha sin a’ còrdadh rium gu mòr. Is an uair sin nuair a chaidh mi a Ghlaschu, bha mi ann an còisirGovanagus ann an Comar nan Allt, Cumbernauld. Ach cha robh e a’ còrdadh rium, bha na daoine is, ’eil fhios agad, na caraidean a’ còrdadh rium, ach an t-seinn, bha mi a’ faireachdainn nach robh mi ro mhath. Cha ro.. .bhon feumaidh tu ann an còisir a bhith a’ cumail ris an.. .ris.. .fèir mar a tha e air.. .air a’ phàipear is cha robh sin, cha robh sin a’ tighinn ormsa idir. Is bhiodh an-còmhnaidh an neach-stiùiridh a’ cantainn ‘O stick to the notes, stick to the notes’, ’eil fhios agad, bhon bha mise buailteach a bhith ag iarraidh dèanamh rudeigin eadar-dhealaichte leis.. .leis an amhran, gu h-àraid ma bha.. .ma bha mi eòlach air. Agus leis an sin, och thuirt mi ‘Chan eil mi a’ dol faisg air na còisirean, chan eil e.. .chan eil e.. .chan e sin an.. .chan e sin an.. .an rathad a tha mi a’ dol sìos idir’.
PM―14 :22: Ceart gu leòr, so bha thu a’ faireachdainn ’s dòcha gun robh thu air do chuingealachadh gu ìre.
CP―14 :26: Bha, bha, o bha, bha is cha robh e a’ tighinn. ..
PM―14 :28: Leis na riaghailtean a tha an cois còisirean is eile.
CP―14 :29: Aidh, agus tha sinOK. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin ceart gu leòr is tha e math a bhith a’ cluinntinn nan còisirean is.. .tha mi an-diugh nam mo.. .a’ breithneachadh orra, ’eil fhios agad, agus tha sin.. .tha sin èibhinn dhomhsa.
PM―14 :40: Ceart agus cà’ an deach thu dhan àrd-sgoil ma-thà, a Christine?
CP―14 :44: Sgoil MhicNeacail.
PM―14 :44: Man mi fhìn.
CP―14 :45: Sin e.
PM―14 :47: Agus ciamar a chòrd sin riut ma-thà?
CP―14 :49: Uill, a-rithist bha mi.. .bha mi glè òg agus bha mi gu bàsachadh leis a’ chianalas man a bha gu leòr eile, son dhà no thrì sheachdainean no dhà no thrì mhìosan. Ach an uair sin bha thu a’ tachairt ri.. .ri.. .a’ dèanamh caraidean ùra, agus bha sin a’ còrdadh rium agus cha robh thu a’ cur a’ cheist air beulaibh càil bhon bha thu.. . ’s e sin dìreach an dòigh a bha, a bha iad a’ sùileachadh bhuat. Dh’fheumadh tu a dhol ann, cha robh ceist air a’ bheulaibh, ’eil fhios agad. Agus làithean dòigheil, ag ionnsachadh tòrr, ’eil fhios agad, dìreach rudan ùra a’ tighinn a-steach na do bheatha is rud.. .a h-uile càil a tha am measg sin.
PM―15 :26: Uh - huh. So chòrd an àrd-sgoil riut?
CP―15 :29: Cha do chòrdreally. Cha robh mi math, cha robh mi math san àrd-sgoil.
PM―15 :31: Ceart.
CP―15 :33: Cha, cha robh mi math.. .chan eil fhios a’m dè bh’ ann. Cha robh mi a’ dèanamh gu leòr obair, cha robh ùidh gu leòr agam as an rud, agus nuair a smaoinicheas mi air ais ’s e sin an aon rud a dh’atharraich.. .uill aon de na rudan a dh’atharraicheadh mi mu dheidhinn mo bheatha. Bhithinn air barrachd ùine a chur seachad a bhith ag èisteachd ris an rud a bha.. .na clasaichean is rudan, rudan a bha mìorbhaileach. Bha thu ag ionnsachadh is cha robh mise, o chan eil fhios a’m dè bha ceàrr orm. Fhuair mi troimhe co-dhiù!
PM―16 :05: Fhuair thu troimhe. Agus an uair sin ma-thà, às dèidh dhut an sgoil fhàgail, cà’ an deach thu no dè rinn thu?
CP―16 :10: O, chaidh mi a dh’Obar Dheathain is cha robh.. .bha sindisastrouscuideachd.
PM―16 :13: Ceart, OK. Dè.. .an ann ag obair ann a shin a bha thu?
CP―16 :17: Chan ann, bha mi ann an colaist’ ann a shin. Sin an aon àite tha mi a’ smaoineachadh a b’ urrainn dhomh a dhol ann, bhon an uair sin cha robh tòrr dhaoin’. . .chanadh iad riut mura robh thu gu bhith na do bhanaltram no na do thidsear, daoine man.. .a’ dol a-steach gu lagh noaccounts, cha robh sin.. .cha robh mòran bruidhinn air an sin, ’eil fhios agad, bha thu gu bhith na do bhanaltram no na do thidsear. ’S e sin an.. .na roghainnean a bha gu bhith agad, agus cha robh mise gu bhith aon seach aon dha na rudan sin. Agus chaidh mi guCommercial College, agus leis an fhìrinn innse chan eil fhios a’m dè dh’ionnnsaich mi ann.
PM―16 :53: Dè an cùrsa a bh’ ann?
CP―16 :55: Chan eil càil a chuimhn’ agam! Leis an fhìrinn innse, Commercial Collegechan eil i an-diugh ann, ach tha mi a’ smaoineachadh gun robh gu leòr dhaoine mar mi fhìn ann, cha robh fios aca dè dhèanadh iad le am beatha is chaidh sinn ann, agus. ..
PM―17 :05: Agus dè cho fad’ ’s a bha, ’s a bha thu ann a shin?
CP―17 :07: Bliadhna.
PM―17 :07: Bliadhna. Rinn thu bliadhna dheth. Agus fhuair thu.. .fhuair thu. ..
CP―17 :11: Fhuair micertificateair choreigin agus chaidh mi a Ghlaschu an uair sin. Bha antaidh dhomh agus bùth aice, piuthar mo mhàthar ann an Glaschu agus bha i.. .bha sin cho.. .o bha sin dìreach cho tarraingeach.
PM―17 :22: Dè seòrsa bùth a bh’ aic’?
CP―17 :23: Bùth a’ rèic tòrr shiùcairean is pàipearan-naidheachd is rudan mar sin. Is bha i fèir.. .cha robh.. .cha robh i.. .bha i ri taobh an ospadail ann an Glaschu is bhiodh tòrr dhaoine a-mach is a-steach is.. .co-dhiù, chaidh mise sìos a Ghlaschu agus fhuair mi obair ann an oifis ann an Glaschu agus bha mi ann a shin airson bliadhnaichean am bliadhnaichean.
PM―17 :50: An robh?
CP―17 :50: Bha.
PM―17 :41: Agus an e, an e.. .dè seòrsa obair a bh’ ann, a bh’ ann an uair sin?
CP―17 :54: Bha.. .cunntasachd. Bha mise as an oifis, cha robh mi a’ dèanamh cunntasachd ach bha mi.. .bha mi a’ dèanamh.. .bha mi a’ dèanamhtypingis rudan mar sin.
PM―18 :04: OK. Is chòrd an obair sin riut?
CP―18 :05: Uill, a-rithist cha robh mise a’ coimhead airson gun còrdadh obair rium. ’S e dìreach dòigh a bh’ ann faighinn.. .airgead fhaighinn gus an deighinn a-mach aig naweekendsis rudan, rudan mar sin.
PM―18 :15: Agus an uair sin bha thu.. .bha thu fhathast a’ seinn? An robh thu an sàs ann an consairtean no.. .?
CP―18 :19: Tha.. .bha gu ìre, bha gu ìre. Bha.. .bha e dìreach an-dràsta is a-rithist Comunn Leòdhais agus Na Hearadh is na.. .tòrr de na buidhnean sin a bha, bha cho làidir aig an àm is bha iad, bha iad dìreach.. .bha an-còmhnaidh rudeigin a’ dol, Comunn Uibhist is Bharraigh, is ’eil fhios agad rudan mar sin, agus bhithinn.. .bhithinn a’ cumail sin a’ dol, ’eil fhios agad. Bha mi an uair sinn ann an còisir cuideachd, sin nuair a bha mi ann an còisirGovanagus, Govanagus Comar nan Allt. Uill, Comar nan Allt às dèidh dhomh pòsadh, phòs mi ann an ’75.
PM―18 :50: Ceart.
CP―18 :51: No, ann an ’72 a phòs mi, ’72.
PM―18 :53: Agus an robh thu a’ dol a-steach dhan a’ Mhòd a’ seinnsoloan uair sin cuideachd?
CP―18 :58: Bha, timcheall an àm sin, bha, bha. Tha cuimhn’ agam a bhith ann an.. .aig Mòd ann an Sruighlea, Mòd ann an.. .càite an robh mi.. .Dùn Omhainn tha mi a’ smaoineachadh, bha.
PM―19 :13: Agus a’ chiad turas a bha thu aig a’ Mhòd no aig Mòd is tu a’ seinnsoloair an àrd-ùrlar, ciamar a chaidh dhut, ’eil cuimhn’ agad?
CP―19 :24: Uill, ’s e Mòdan ionadail a bh’ ann ann an Sruighlea tha cuimhn’ agam, ach tha mi a’ smaoineachadh gun deach glè mhath. Chaidh. O, chaidh, chaidh, tha cuimhn’ a’m faighinn bonn òr airson seinn as an t-seann nòs mar a chanas iad. Seo an rud a bhios agamsa mu dheidhinn an t-seann nòs, chan e seann nòs a th’ ann ach dìreach a bhith a’ seinn. Agus ’s e rudan ùra a thàinig a-steach.. .a tha a’ tighinn a-steach dhan a.. .dhan a.. . ’eil fhios agad, dhan a’ chultar, an t-seann nòs. Tha sin a’ toirt dhut an dealbh gun robh e cho.. .gun, gun e rudeigin mì-nàdarrach a th’ ann, ’eil fhios agad, an taca ri dè? An taca ri dè? ’S e dìreach dòigh nàdarrach a bhith a’ seinn.
PM―20 :02: Ceart.
CP―20 :02: ’S e bu chòir dhaibh fàgail dìreach seinn òrain Ghàidhlig agus an uair sin nòs ùr, ma tha iad a’ dèanamh rudeigin, ’eil fhios agad.. .chan e an t-seann nòs, saoilidh mise. Ach tha cuimhn’ agam a bhith ann an Dùn Dè agus chaidh mi a-steach airson an t-seann nòs agus. ..
PM―20 :19: Dè an t-òran a bh’ agad, ’eil cuimhn’ agad?
CP―20 :20: Tha cuimhn’ a’m ’s e ‘Aodann Shrath Bhàin’ agus ‘Tha M’eudail is m’ Aighear is mo Ghràdh’, dà amhran a bha.. .a fhuair mi anns an sgoil. Agus ’s e Mòrag NicLeòid agus Uilleam MacMhathain nach maireann na.. .na bha a’ breithneachadh. Cha robh mise eòlach air duine ac’. Ach bha Mòrag ag innse dhomh às dèidh làimhe nach robh ise ag iarraidh a thoirt dhomh idir, air sgàth ’s nach robh gu leòr rannan agam as an dàrna h-òran a sheinn mi, ach gun e Uilleam Mac.. .MacMhathain a thuirt gun robh, gun robh esan air a shon is bha mise a’ cantainn ‘Tha mise cho toilichte mu dheidhinn sin!’ Ach seo.. .seo mar a bha mise a’ faireachdainn mu dheidhinn, tha cuimhn’ agamsa an latha sin sheinn mi is dh’fhalbh mi, is bha mi a’ coiseachd sìos an t-sràid is cuideigin a thuirt rium ‘Bhuannaich thusa am farpais sin’ is bha mise ‘Dè?’ Cha robh càil a dhùil agams’, a Phàdruig, gun robh a leithid an rud a’ dol a thachairt.’ S e a’ chiad smaoin a bh’ agam ‘O, dash itfeumaidh sinn seinn aig a’ chonsairt a-nochd, bhon an uair sin bhaconcertsmòra mòra ann, ’eil fhios agad, ’s e rud mòr a bha sa Mhòd an uair sin, tha mi creids’ gun e an-diugh cuideachd, ach bha an uair sinconcertsna.. .na daoine a bhuannaich, ’eil fhios agad, na farpaisean. Is bha agam a dhol a dh’fhaighinn froc’.
PM―21 :23: Bhiodh.
CP―21 :24: Tha cuimhn’ ’am air an sin, agus bha sinn anns a’ Chaird Hall, ’s ann a.. . ’s ann an sin a bha e so tha cuimhn’ am.. .tha a’ chuimhne sin agam.
PM―21 :33: ’S e àite mòr spaideil a tha sin.
CP―21 :35: ’S e, ’s e, ’s e. Ach is fhada on uair sin.
PM―21 :41: Agus aon uair is gu, gu bheil thu.. .gu bheil thu air am bonn òr a bhuannachadh san t-seann nòs, an e sin e? Chan fhaod thu a dhol a-steach ann a-rithist, an ann mar sin a tha e?
CP―21 :49: Chan fhaod, tha e coltach. Tha mi.. .aidh. Tha, bidh mi.. .bidh mi an còmhn.. .bidh mi a’ smaoineachadh an-dràsta is a-rithist, ’eil fhios agad, mar a tha am farpais phìobaireachd, tha tòrr dha naformer prize winnersno.. .tha na pìobairean sin a’ cumail a’ dol, is a’ cumail a’ dol a-steach bliadhna às dèidh bliadhna. Nach biodh e inntinneach ann an dòigh a h-uile duine a bhuannaich na farp.. . ’eil fhios agad, thairis air na bliadhnaichean farpais airson sin a bhith ann, ’eil fhios agad, tha mi a’ smaoineachadh gum biodh sin inntinneach.
PM―22 :13: Man ‘Seinneadair nan Seinneadairean’ no rudeigin mar sin.
CP―22 :16: Chan eil fhios a’m dè th’ ann ach tha rudeigin mu dheidhinn an t-seinn tha daoine.. .tha iad a’ gabhail eagal mu dheidhinn, chan eil fhios a’m. . .chan eil fhios a’m dè th’ ann ach tha.. .cha deigheadh mise a-steach air a shon co-dhiù, tha sin cinnteach!
PM―22 :29: Ceart.
title | 1 |
internal date | 2019.0 |
display date | 2019 |
publication date | 2019 |
level | |
parent text | Christine Primrose |