PM―00 :05: Agus, agus so an e sin a chuir air, air an rathad thu mar gum biodh, aon uair is gun do bhuannaich thu am bonn òr? Tha mi a’ creidsinn an uair sin gum biodh iarrtas mòr ort tighinn gu cèilidhean agus seinn.
CP―00 :15: Uill ’s e sin.. . ’s e sin mar a bha iad an uair sin, duine sam bith a bhuannaich na farpaisean mòra a tha sin bha iad a’ faighinn fiathachadh a dhol a sheinn an siud is an seo, is rinn mi a h-uile càil dhan sin, ach ’s e an rud a dh’atharraich ann an seachdad ’s a h-ochd, 78, chaidh mise a-null gu FèisPhan-Cheilteach ann anKillarneyann an Èirinn, fhuair mi.. .o chan e, fhuair mi fiathachadh a dhol a-null gu Turas nam Bàrd a bha a’ dol aig an àm sin. Bhiodh dà.. .dà.. .bhiodh seinneadair a’ dol a-null, neach-ciùil agus dà bhàrd is bha iad.. .bha thu a’ faighinn taic bhoScottish Arts Councilaig an àm. Is bha thu a’ dol a dh’Èirinn, bha thu a’ curconcertsair as.. .ann an sgìrean na Gàidhealtachd ann an shin thall, Gàidhealtachd na h-Èireann agus bha an ceathrar acasan a’ dèanamh sin, dà bhàrd Èireannach, seinneadair no neach-ciùil agus mar sin air adhart is bhiodh ochdnar agaibh air an àrd-ùrlar a h-uile h-oidhch’. Agus fhuair mise cuireadh a dhol ann an turas a bha seo agus cha robh mi a-riamh air a bhith ann an Èirinn agus, ’eil fhios agad air an seo, cha.. .cha mhòr gum b’ urrainn dhomh a chreids’ mar a chòrd e rium, bha e cho eadar-dhealaichte ri rud sam bith eile. Seinn, sin a’ chiad turas a thòisich mi a’ seinn taobh a-muigh na Gàidheil, mar gum biodh, na Gàidheil againn fhìn. Agus bhuail e mi cho taiceil ’s a bha iad, an taic a bha iad a’ toirt.. .a’ sealltainn dhut, ’eil fhios agad, is ged a.. .bha sin gad fhàgail cho cofhurtail, bhon tha sinn buailteach an seo a bhith beagan ‘O, dè nise cho math ’s a tha thu?’ ’eil fhios agad, seall tha thu a’ faireachdainn gu bheil iadsan mì-chofhurtail is tha thusa a’ faireachdainn ‘O thia, seall oirrese, o tha esan a-staigh, O no’, ’eil fhios agad is tha thu buailteach a bhith.. .gu bheil daoine dìreach gu bheil iad gad sgrùdadh. Saoilidh mise co-dhiù, ’s dòcha gu bheil miseparanoid, ach co-dhiù tha cuimhn’ agam a’ chiad turas a chaidh mi a dh’Èirinn is cha robh càil dhan sin a’ tachairt is bha mi a’ faireachdainn cho cofhurtail is bha e.. .rinn e.. .o thug e buaidh mhòr orm. Is an uair sin chaidh mi a-null gu, an aon bhliadhna chaidh mi a-null gu FèisPhan-Cheilteach a bha an uair sin stèidhichte ann anKillarney, agus chaidh mi a-steach airson farpais ann a shin airson òrain traidiseanta bhon dùthaich, bhon bha sia dùthchannan Ceilteach ann. Agus bhuannaich mi sin. Nise, sin an rud a thug dhomhsa aithne taobh a-muigh a’ Ghàidhealtachd againn fhìn, bhon thàinig an uair sin tòrr, thàinig mi gu aire tòrr dhaoine mar gum biodh. Agus an uair sin thàinig mi gu aire Robin Morton àTemple Records, bhon bha e air mo chluinntinn air.. .air a.. .air a’ wirelessagus fhuai.. .thàinig e.. .fhuair e grèim orm, bha mi ann an Glaschu agus dh’fhaighnich e dhomh an robh ùidh agam gu.. .clàradh air anlabelaige is o dè fios a bh’ agamsa mu dheidhinn clàradh ‘Chan eil càil a dh’fhios agams’’ is thuirt mise ‘Oh well OK’ às bith dè mar a thuirt mi e, ach rinn mi e agus an uair sin thòisich rudan eile ag atharrachadh. Bha a bhean aigesan Alison Kinnaird a’ cluiche a’ chlàrsaich is thòisich sinn an uair sin mi fhìn is Alison, chaidh sinn gu Fèis Dhùn Èideann. Bha ise a’ dèanamhconcertsis thug i dhomhsa cuireadh thighinn ann is seinn is.. .an uair sin thòisich mi fhìn is Alison a’ dol dha na Stàitean a h-uile bliadhna airson deich bliadhna tha mi a’ smaoineachadh rinn sinn sin, airson ceithir seachdainean gach samhradh. Is anns an eadar-ama bhiodh sinn a’ faighinn fiathachadh a dhol a dh’àiteachan.. .a dh’àiteachan eile, bhon bha an uair sin.. .chan eil fhios a’m, bha.. .bha an rud ag atharrachadh mar a bhios co-dhiù. Bha tòrrchoncertsis fèisean is rudan mar sin a’ dol, festivalsis sin thòisich mi a’ seinn, ’eil fhios agad, còmhla ri tòrr dhaoine eile a bh’ air an àrd-ùrlar aig an aon àm, ’eil fhios agad daoine a’ dèanamhbluesis bhiodhrockann is bhiodh tòrr, ’eil fhios agad ceòl bho.. .dìreach bhon dùthaich aca fhèin is bha sinne dìreach.. .bha mise dìreach a’ seinn òrain Ghàidhlig agus bha daoine a’ gabhail ris, an rud a chuir iongnadh mòr orm. Is thug mi bliadhnaichean, is tha mi fhathast gu ìre ach.. .thug mi bliadhnaichean a’ smaoineachadh ‘Chan eil fhios carson a tha iad ag iarraidh, ’eil fhios agad, òrain Ghàidhlig, chan eil iad a’ tuigs’’ bhon ’s e sin a chaidh innse dhut. Tha cuimhn’ agam bhiodh iad ag ràdh sin aig an taigh ‘Och chan eil math dhut a bhith a’ seinn còmhla ri.. . ’eil fhios agad a’ dol dha na h-àiteachan sin, chan eil, chan eil iad a’ tuigs’ dè tha thu a’ seinn’, ’eil fhios agad? Tha mi a-nise a’ tuigs’, tha fios agamsa tha mi a’ tuigs’ carson a bha iad ag ràdh sin, cha robh iad a’ cur spèis sam bith no luach sam bith as na h-òrain. ’Eil fhios agad, ’s e dìreach rudeigin a bh’ ann dha.. .dhaibh fhèin, ach o, duine sam bith eile a’ tighinn bho thaobh.. .bho thaobh a-muigh sin, dè man a tha iadsan a’ dol.. .sin a’ dol a chòrdadh riuthasan? Bha iadsan ga fhaicinn eadar-dhealaichte, cha robh iad, cha robh iad dìreach a’ faicinn an rud a bha daoine eile a’ faicinn. Agus ’s e.. . ’s e rud ùr a bha sin dhomhsa, is thug e.. .thug mi bliadhnaichean mus.. .mus do chreid mi iad, ’eil fhios agad, gun robh iad.. .gun robh iad a’ faicinn. Ach tha mi a-nise leis an eòlas a th’ agam, ’s e.. .tha mi a’ dol a chleachdadh an fhacailauthenticity, ’s e rud uabhasachauthentic.. .chan eil fhios a’m dè a’ Ghàidhlig ceart a th’ airauthentic, dè chanadh tu?
PM―05 :29: Dualchasach no rudeigin?
CP―05 :30: Uill, chan eil sin làidir gu leòr.
PM―05 :32: Chan eil.
CP―05 :32: Chan eil. ’S e rudeigin mu dheidhinn òrain Ghàidhlig a tha bhon a’ chridhe is bhon a.. .bhon.. .tha e cho domhainn ann am mac an duine, is tha mi a’ smaoineachadh gu bheil daoine.. .gu bheil iad a’ dèanamh an ceangal sin, ris a h-uile càil a th’ ann eadar an ceòl agus na facail. Cha leig iad a leas a bhith ga chreid.. .ga thuigse. Tha iad dìreach ga fhaireachdainn.
PM―05 :55: Agus nuair a bha thu a’ dol timcheall na Stàitean agus a’ dol am measg nan daoine eile agus na dio.. .agus ann an Èirinn agus daoine a’ seinn can ann an.. .le.. .agus bha thu a’ cluinntinn diofar stoidhlichean de sheinn is bha thusa ann an shin, an robh thu a’ cumail ris.. .canaidh mi an, an t-seann nòs?
CP―06 :13: Bha.
PM―06 :13: An t-seann stoidhle. Ach an tug seòrsa stoidhlichean-seinn eile sin buaidh air.. .air an t-seinn agad fhèin no an do chùm thu ris an traidisean mar gum biodh?
CP―06 :25: O, tha mi a’ smaoineachadh gun do chùm mi ris an.. .ris an traidisean. An rud a thug e dhomh ’s e barrachd misneachd annam fhìn, ’eil fhios agad, agus dìreach misneachd anns an rud.. .as an rud a bha mi.. .a tha mi a’ dèanamh is a bha mi a’ dèanamh, a’ toirt dha spèis, a’ toirt dha àite, aithne, agus ga.. .ga fhaicinn mar rud cho prìseil agus gun robh mise cho fortanach gu bheil mise a’ cur seo.. .dìreach ag innse sgeulachd nan Gàidheal ann an dòigh agus ga dhèanamh cho.. .dìreach cho eirmseach ’s as urrainn dhomh, ’eil fhios agad? Chan eil.. .chan eil annamsa ach dìreach mar.. .mar rudeigin a tha ga chur.. .ga thoirt.. .ga thoirt dha.. .dha na daoine. Tha mi ga thoirt dha na daoine mu dheidhinn na daoine agam fhìn, ’eil fhios agad.
PM―07 :13: Nàdar de theachdaire a th’ annad?
CP―07 :15: Ann an dòigh, ach tha sin ga chur.. .ga.. .chan eil fhios a’m, ann am bocsa nach eil mi ag iarraidh. ’S e dìreach gu bheil mi ga dhèanamh airson nan daoine agam fhìn, ’eil fhios agad, agus ag innse an sgeulachd acasan gu ìre. Ged.. .tha na h-amhrain a tha sin feumaidh mi ràdh, cha robh iad air an dèanamh airson gum biodh iad air an t-seinn ann an Ameireagaidh no.. .bha na h-amhrain sin air an dèanamh.. .gun robh e a’ cuideachadh duine ach am bàrd no às bith cò rinn iad as an t-suidheachadh as an robh iad. Tha mise a’ bruidhinn mu na h-òrain a chaidh an cruthachadh bho, bho shuidheachaidhean glè dhòrainneach as an robh iad. Sin na h-amhrain a tha daoine a’ ceangal.. .a’ ceangal ris. Tha, tha.. .às bith dè bha iad a’ faireachdainn, tha, tha thu ga innse as a’ cheòl is as, as na briathran agus tha an dà rud a’ fighe còmhla. Is tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin, gu bheil daoine ga fhaireachdainn gun e rudeigin glè fhìrinneach a th’ ann, ’eil fhios agad. Agus.. .ach chan eil mise airson dì-meas a dhèanamh air.. .air na daoine sin is bidh mi an-còmhnaidh a’ cantainn, agus bidh mi an-còmhnaidh ag ràdh ri.. .ri na h-oileanaich ‘Feumaidh sibh a bhith mothachail gun deach na h-amhrain sin a dhèanamh as an t-suidheachadh seo, ’eil fhios agad, agus feumaidh sibh a bhith dìreach toirt dha spèis airson sin’, ’eil fhios agad. Agus ma chanas duine ribh ‘O, an e amhran brònach eile.. .’ cuir ceart iad, can ‘Tha, tha mise cho fortanach gun urrainn dhomh an leithid a thoirt dhuibh’, ’eil fhios agad, ’s e sin man a mise ga fhaicinn. ’S e.. . ’s e urram a th’ ann dhomhsa a bhith ag innse briathran a’ bhàird sin, ’eil fhios agad. Agus, ach ’s e rud glè.. .feumaidh tu a bhith faiceallach nach eil thu a’ leigeil leis na faireachdainnean agad fhèin a thighinn an-àirde cus. Feumaidh tu dìreach cumail.. .ga chumail.. .ann an, ann an dòigh feumaidh tu dìreach cumail smachd air. Bhon turas no dhà tha mise air a, air a dhol a-steach ro dhomhainn dhan an amhran agus tha na faireachdainnean tha.. .an rud, an rud a th’ annam fhìn, am bròn a th’ annam fhìn tha e a’ tighinn an aghaidh, ’eil fhios agad, tha.. .tha e a’ tighinn am bàrr agus chan urrainn dhomh seinn. So feumaidh tu dìreach a chumail, is cumail smachd air.
PM―09 :28: Ceart.
CP―09 :30: Tha e inntinneach.
PM―09 :31: Tha sin inntinneach, bhon shaoileadh tu, can an-dràsta nam biodh tu a’ seinn òran a tha brònach gum biodh.. .gum biodh tu ag iarraidh gum biodh an seinneadair fhèin a’ sealltainn. ..
CP―09 :41: Faodaidh tu a shealltainn.
PM―09 :41: . . .a’ sealltainn bròn na.. .na broinn mar gum biodh.
CP―09 :44: Chan urrainn dhut, chan urrainn dhomhsa. Tha.. . ’s e an rud nach urrainn dhut cur.. .chan eil faclan air a shon dhomhsa, agamsa. Ach chan urrainn dhomhsa seinn ma tha mi a’ faireachdainn brònach. Chan urrainn dhomh, tha e.. .tha e.. .tha e do-dhèante dhomh, chan urrainn dhomh a dhèanamh ma tha mise a’ faireachdainn brònach. Tha cuimhn’ agam aig tìodhlacadh mo mhàthar agus m’ athar mar eiseimpleir, no aig tìodhlacaidhean is ma tha thu a’ seinn na Sailm, rudeigin mar sin. Chan urrainn dhomhsa an seinn, tha iad, tha iad dìreach drùidhteach dhomh. Cha tig càil.. .tha mi dìreach a’ briseadh sìos, chan urrainn dhomh. Is tha e an aon rud leis na h-amhrain, ma leigeas tu leat fhèin a dhol dhan a.. .sìos an rathad sin. Ach tha mi a’ smaoineachadh gun urrainn dhut briathran a’ bhàird a lìbhrigeadh gun a dhol sìos.. .tha.. .tha pàirt dhìot fhèin annta, ach chan eil a h-uile pàirt, ’eil fhios agad, chan eil a h-uile pàirt, feumaidh tu.. .chan urrainn dhut.. .chan urrainn dhut sin a dhèanamh, chan e an sgeulachd agadsa a th’ ann.
PM―10 :37: Tuigidh mi sin, tuigidh mi sin. Ach nuair a tha thu ag ionnsachadh òran ùr, am bi thu a’ dèanamh rannsachadh air eachdraidh air cùl an òrain sin? No a bheil thu dìreach ag obair air, air an fhonn is na faclan, agus gu bheil na faclan fhèin ag innse dhut gu leòr mu dheidhinn?
CP―10 :56: Sin e. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil.. .nuair a, nuair a tha fonn agus na faclan a’ fighe còmhla, tha sin a’ toirt dhut an sgeulachd. Ma gheibh thu an sgeulachd dè th’ air a’ chùl, ’s e rud mòr a tha sin bhon glè thric chan eil e againn, ach tha.. .tha e cho làidir as na briathran is anns an fhonn tha e a’ toirt dhut ’eil fhios agad an sgeulachd fhèin.
PM―11 :20: Agus am bi thu fhèin a’ cur do dhreach fhèin air na seann òrain mar gum biodh?
CP―11 :26: O, bithidh, aidh.
PM―11 :28: Tha sin ceadaichte gu leòr ann an, ann an saoghal an t-seinn mar gum biodh. Tha mise a’ bruidhinn man pìob.. . ’s e pìobair a th’ annam fhìn is tha cuimhn’ agam fhìn nuair a bhithinn a’ dol dha na farpaisean aig Mòdan ann an Steòrnabhagh is eile. Bha leithid seo a dhòigh ann airson, airson leithid seo a phort a chluich, agus bha e mar gum biodh ann am bocsa, agus nan, nan deigheadh tu a-mach à crìochan a’ bhocsa sin chan fhaigheadh tu càil idir, cha, cha dèanadh e math dhut, cha robh e math dhut feuchainn ri do dhreach fhèin a chur air, air a’ phort, tha.. .ma tha thu gam thuigs’.
CP―12 :01: Tha mi gad thuigs’.
PM―12 :02: Agus an e an aon rud a th’ ann ann an saoghal an t-seinn, can, aig a’ Mhòd?
CP―12 :07: Uill, chan urrainn dhomhsa ach bruidhinn air mo shon fhìn, agus dha-rìribh tha mise a’ cur mo dhreach fhìn air. ’S e rud a th’ ann a thig le tuigse, agus ma tha thu a’ toirt urram agus tuigse agus aithne dhan an amhran, agus tha sin a’ tighinn gu nàdarrach. Tha thu a’ dol a.. .a’ dol a chur do dhreach fhèin air. Tha mi a’ tuigs’ dè th’ agad, tha.. .sin an rud a bhios am Mòd a’ dèanamh le amhran, tha iad gan cur, gan cur sìos, ‘Feumaidh tu a sheinn mar seo is na notaichean sin’, sin an adhbhar a dh’fhàg mise còisirean. Nis, chan eil càil ceàrr air an sin gu ìre, ach chan ann mar sin a.. .chan e sin.. .thàinig a h-uile h-amhran thugainn bho bheul-aithris, agus le beul-aithris tha a h-uile duine ag atharrachadh beag, rud beag an-còmhnaidh. Tha thu a’ dol a thoirt.. .a chur rud beag ann às bith cò ris a tha thu ag èisteachd. Chan ann.. .chan ann mar sin a chuala iadsan e, ’eil fhios agad? Is tha a h-uile duine a tha ga sheinn a’ dol a chur rudeigin ris, agus sin mar bu chòir le rud sam bith a thig bho bheul-aithris. Aon uair is gun tòisich thu a’ cur sìos rudan air pìos pàipeir, tha sin ag atharrachadh faireachdainn, faireachdainn an amhrain.
PM―13 :15: Tha mi a’ dol leat gu mòr tha mi a’ smaoineachadh, gu h-àraid le, le amhrain gun teagamh sam bith, agus ’s dòcha le ceòl eile cuideachd, ceòl na fìdhle is ceòl, ceòl, ceòl na pìoba is mar sin.
CP―13 :26: O, chanainn. ’S e sin a tha a’ toirt dha am blàths is.. .tha e ga dhèanamh.. .a’ toirt.. .tha e ga dhèanamh beò dhut agus tha thu ag innse sgeulachd nas fheàrr. Ma tha thu, ’eil fhios agad, ma tha thu a’ tuigsinn an amhrain, feumaidh tu a bhith a’ tuigs’ na briathran, agus ma tha thu ga thuigs’ tha ’mphrasingagad gu bhith eadar-dhealaichte tha.. .far a bheil thu a’ stad, sin an dòigh a tha thusa ag innse sgeulachd, bhon tha na h-amhrain a bhios mise a’ seinn, tha e dìreach mar gum biodh tu gan aithris ach gan toirt suas rud beag le ceòl, ’eil fhios agad. Bidh mise a’ feuchainn ri, ri, ri cumail ris an.. .ris na riaghailtean, dè mar a chanadh tu sin, can an-dràsta cha chanadh tu ‘An Eeielean Sgitheanach’, chanadh tu ‘An t-Eilean Sgitheanach’ ’eil fhios agad is tha tòrr dhaoine a’ dol.. .gan, gan cur fhèin mar sin ann an amhran, a h-uile loidhne dìreach mar sin. Ach chan eil e gu diofar, feumaidh tu cumail ri ruitheam nam facal, chan e ruitheam a’ chiùil. ’S e ruitheam nam facal, tha e.. .tha e a’ toirt.. .tha e a’ toirt dhut an amhran ga dhèanamh.. .ag innse sgeulachd, is le sin tha e ga.. .ga thoirt beò. Tha e ga dhèanamh beò dhut, tha.. .tha thu, tha thu ag innse sgeulachd nas fheàrr.
PM―14 :24: Ceart, is feumas e a bhith a-rèiste ma tha a’ Ghàidhlig agad tha thu a’ tuigsinn na faclan nas fheàrr agus tha.. .agus na faireachdainnean a tha air cùl an amhrain agus gum faod thu ’s dòcha an sgeulachd sin innse tòrr nas fheàrr?
CP―14 :38: Dha-rìribh, dha-rìribh. Agus ’s e sin an cunnart an-diugh tà, na daoine a tha an sàs anns na h-amhrain tha.. . ’s dòcha nach eil.. .chan eil, chan eil an tuigse aca agus chan eil an cànan aca. Tha iad dìreach ga ionnsachadh mar amhran. Is mura h-eil sin agad tha.. .tha thu a’ call, a’ call tòrr. Feumaidh iad a bhith faiceallach mu dheidhinn sin.
PM―14 :58: Agus bha thu a’ bruidhinn mu dheidhinnPan Celtic, nach robh?
CP―15 :02: Bha.
PM―15 :02: Agus bhuannaich thu sin.
CP―15 :03: Bhuannaich, bhuannaich.
PM―15 :04: Agus ’s ann an uair sin a thòisich do bheatha ag atharrachadh mar gum biodh.
CP―15 :07: Gu ìre bha e a’ dol a.. .tha mise a’ creids’ gu mòr gu bheil beatha a’ dol sìos rathaidean no a’ dol sìos rathad is tha e a’ dol a dh’atharrachadh leis fhèin, mar gum biodh. Tha a h-uile càil ag atharrachadh, chan eil càil a’ dol a dh’fhuireach an aon dhòigh. So feumaidh tu dìreach dol leis, dol leis agus cha chanainnsa gun do dh’atharraich e, ach ’s e dìreach gun e sin an dòigh a bha mo bheatha gu bhith.
PM―15 :31: Ceart. An robh thu ag obair làn-ùine ma-thà, nuair a bha seo a’ tachairt?
CP―15 :34: Bha, bha.
PM―15 :35: Is bha thu a’ faighinn cuiridhean a dhol a dh’Ameireaga is a dh’Èirinn is thall is a-bhos?
CP―15 :39: Uill, thàinig mi an seo ann an 82.
PM―15 :41: O, ceart an tàinig, uh - huh.
CP―15 :42: Thàinig mi an seo ann an 82, agus.. .smaoinich!
PM―15 :45: Thàinig thu dhan.. .dhan àite cheart a-rèiste airson.. .airson cead a bhith agad a bhith.. .a bhith a’ siubhal.
CP―15 :50: Bha mise fortanach bhon ’s e, ’s e Iain Noble nach maireann dha-rìribh a thug dhomhsa an cothrom a bhith an seo. Agus ’s e.. . ’s e thug dhomh an cothrom a bhith an seo. Agus nuair a thàine mi, bha.. .och bha cùisean cho eadar-dhealaichte an uair sin, ’eil fhios agad. Agus bha iad.. .bha iad a’ tuigs’ gum feumainn-sa faighinn air falbh, bhon bha iad gam fhaicinn mar cuideigin a bha, ’eil fhios agad, dìreach na mo thosgaire dhaibhsan, ’eil fhios agad. Bhon bha an uair sin, a Phàdruig, bha, bha cùisean glè ùr ann an saoghal na Gàidhlig, bha cùisean glè ùr agus bha a h-uile duine mothachail mar a bha cùisean a’ gluasad air adhart agus mar sin. Agus bha iad gam fhaicinn-sa mar chuideigin a bha a’ toirt dhaibhsan beagan aithne as an t-saoghal mhòr. Bhon bha tòrr dha na daoine sin air.. .far an robh mise a’ seinn cha robh iad a-riamh air cluinntinn mu dheidhinn Gàidhlig no fiù ’s mu dheidhinn na h-eileanan is bhithinn ag innse dhaibh mu dheidhinn sin is mu dheidhinn.. . ’eil fhios agad, rudan a bha ceangailte ris a’ chultar. Agus bha iadsan a’ faicinn.. .bha iad a’ toirt.. .toirt lua. .. bha iad a’ cur luach mhòr air an sin.
PM―17 :02: Ceart agus bhiodh Sabhal Mòr Ostaig a’ faighinn margaideachd a-mach às an sin cuideachd.
CP―17 :04: Bha, bha, o is mi a rinn e, is mi a rinn e glè thric son an fhìrinn innse dhut. Ach cha robh sin a’ cur càil sam bith ormsa. Bha mi a’ smaoineachadh gur h-e sin an dòigh a bu chòir dhomh a bhith.. .a bhith gam ghiùlan fhìn, ’eil fhios agad.
PM―17 :18: Agus tha thu air a bhith ann an sheo a-rèist greis.. .greiseag a-nis, canaidh sinn.
CP―17 :21: Tha, a Phàdruig, greiseag, cha mhòr dà fhichead bliadhna.
PM―17 :25: Cha mhòr dà fhichead bliadhna, gu sealladh orm. Agus tha thu a’ dèanamh an aon obair fhathast, is tha thu a’ cumail ort is.. .?
CP―17 :32: Uill, thòisich mi mar.. .mar a bhith a’ dèanamh rianachd is seinn, ach mar a bha cùisean ag atharrachadh a thaobh chùrsaichean is rudan mar sin tha mi a’ dèanamh barrachd a thaobh seinn.
PM―17 :41: Is a bheil thu a’ dèanamh teagasg cuideachd air na, namodules?
CP―17 :44: O, tha. Tha mi a’ dèanamhmodule.. .tha mi, tha mi a’ dèanamh a’ Chùrsa Chiùil againn agus Ceòl Traid.. .Traidiseanta agus tha mi a’ dèanamh.. .tha an t-uabhas oileanaich a-nise a’ sealltainn ùidh ann a bhith ag ionnsachadh òrain Ghàidhlig agus bidh iad a’ tighinn thugam glè thric, daoine nach eil a’ dèanamh a’ Chùrsa Chiùil. Tha iad.. .tha iad ga fhaicinn mar.. .tha.. .na chuideachadh mhòr dhaibh a thaobh a’ chànain. Agus ’s e dòigh snog a th’ ann a bhith ga ionnsachadh, a bhith.. .a bhith a’ bruidhinn, ’eil fhios agad, a bhith dìreach a’ dèanamh fuaimneachadh, a thaobh fuaimneachaidh. Agus tha e na chuideachadh tha iad ga fhaireachdainn, faireachdainn gu bheil e na chuideachadh dhaibh a bhith.. .a bhith a’ seinn na h-amhrain.
PM―18 :24: Agus a bheil oileanaich agad, uill is cinnteach gum bi, gu bheil oil.. .oileanach no dhà air a bhith agad a chaidh air adhart chun a’ Mhòid agus a bhuannaich bonn.. .bonn òr iad fhèin?
CP―18 :33: Chan eil càil a chuimhn’ agam! Leis an fhìrinn. ..
PM―18 :36: Tha na h-uimhir air a bhith ann.
CP―18 :37: Chan e sin e, ach na h-oileanaich.. .tha mi a’ creids’ gu bheil, ach chan e sin am prìomh rud nam beatha an-diugh. Tha tòrr dhaoine an-diugh, chan e am Mòd an aon àite airson an taisbeanadh. Tha tò.. .bhon tha telebhisean a-nise a’ tighinn a-steach is tha tòrr dhaoine air.. .air a bhith a’ dol sìos an rathad sin mar gum biodh, bhon tha cùisean air atharrachadh cho mòr. Agus chan eil Mòd mar sin mar phàirt mhòr – canaidh tòrr dhaoine, ‘O chan eil mise ag iarraidh a dhol a-steach airson a’ Mhòd, chan eil sin.. .’ agus tha mi a’ tuigs’, bhon tha an-diugh am Mòd ’s e.. .chan e rud furast’ a th’ ann a bhith nad sheasamh air àrd-ùrlar is chan e a-mhàin sin ach thatelevisionsann, television camerasann is iad gad chlàradh is tha sin a’ cur tòrr dhaoine dheth. Bhon tha cuimhn’ agamsa a bhith a’ bruidhinn ri, ri dhà na thrì dhaoine agu. .. airson.. .a’ cantainn riutha ‘Carson nach cuir thu a-steach airson a’ Mhòd? ’, ‘O chan eil mise a-dol a-steach son a’ Mhòd air beulaibh telebhisein’. Is tha fios a’m gum buannaicheadh iad mar siud, ’eil fhios agad. Ach tha mi a’ tuigs’ carson nach eil iad ga dhèanamh, ’eil fhios agad. Tha.. . ’s e.. .chan eil e furast’, chan eil e furast’.
PM―19 :41: Cuiridh mi geall, tha tòrr uallach air.. .air na daoine bochda a tha siud nuair a chì mise iad air an telebhisean a’ seasamh air àrd-ùrlar aig a’ Mhòd.
CP―19 :48: Sin an rud, agus cò chuireadh umhail orra? Cò chuireadh umhail orra gun a dhol a-steach air a shon. Agus leis an sin chan e am Mòd an rud as cudromaiche a th’ againn.
PM―19 :58: Ceart.
CP―19 :58: Ach ged a tha àite aig a’ Mhòd agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin gu math cuideachd.
PM―20 :02: Nuair a bha thu fhèin a’ fàs suas cò an seinneadair Gàidhlig a b’ fheàrr a chòrd riut?
CP―20 :06: Uill, bha dhà no thrì ann. Tha.. .cha robh mise a-riamh.. .bha daoine.. .duine sam bith a chluinninn a’ seinn, ’eil fhios agad. Tha cuimhn’ agam ann an.. .ann an Leòdhas a bhith a’ cluinntinn Dòmhnall MacRath aigconcerts, tè.. .bha tè ann Mina Matheson, tha mi a’ smaoineachadh ’s dòcha gur h-ann bhon a’ Bhac a bha i. Bha Anne ‘Spleen’, Anna NicPhàil à Siabost.
PM―20 :29: Chuala mi a h-ainm.
CP―20 :29: Uh - huh. Katie Maggie, tè tha mi a’ smaoineachadh gur h-ann à Borgh a bha i. Bha ùidh mhòr agamsa an-còmhnaidh chan ann dìreach ann an, ann an Gàidhlig ach ann an diofar.. .diofar òrain, òrain Beurla is rudan mar sin, bha iad.. .ach bha.. .bha sin a-riamh ga mo leantainn.
PM―20 :53: Agus am bi thu a’ seinn òrain ann an Gàidhlig na h-Èireann?
CP―20 :57: Cha bhi idir. Cha bhi idir. Chan e nach.. .chan eil fhios a’m, chan eil fhios a’m tha.. .tha gu leòr Èireannaich gan seinn! Cha leig mise leas a bhith gan seinn! Agus chan e, ’eil fhios agad ach tha.. .tha na h-amhrain acasan cho àlainn. Ach bha mi a’ cantainn ri cuideigin fhad ’s a bha mi ann an Èirinn, chan e airson a’ chiad turas a mhothaich mi dhan an seo. Tha na h-Èireannaich uabhasach math air a bhith cho cofhurtail air an àrd-ùrlar a’ seinn, chan eil e gu diofar dè. Tha sinn buailteach ann a sheo ann an Alba a bhith a’ cur daoine ann am bo.. .ann am bucais, ’eil fhios agad. Agus ann an Èirinn chan eil sin a’ dol idir. Cluinnidh tu gun e seann-nòs, seinneadair seann nòs a th’ inntese, no tha ise ann an shin, ach an uair sin thèid iad suas, nì iad rudan mar ‘Will you go Lassie go’, ’eil fhios agad? Ann an Gàidhlig an h-Èireann no.. .chan eil iad air an cuingealachadh man a tha sinne. Agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin cho fallain. Faod.. .bidh iad a’ seinn rud sam bith, ’eil fhios agad. Seinnidh iad.. .ag èisteachd ri seinneadair mìorbhaileach ann a shin, cha chuimhnich mi dè an t-ainm a bh’ air ach nuair a bha mi thall, agus bha e cho dòigheil bha e a’ seinn ‘The Dawning of the Day’. Dhèanadh e amhran cho brèagha agus dhèanadh e rann ann an.. .ann an Gàidhlig na h-Èireann is dhèanadh e rann as a.. .as a’ Bheurla is bha a h-uile càil dhan an sin dìreach air a ghabhail cho dòigheil. ’Eil fhios agad ann an sheo cha bhiodh ach ‘A thia, cluinn oirrese a’ seinn ann an.. .’ no rudan eile a chuir iongnadh ormsa, tha cuimhn’ agam nuair a bha mi ann an.. .ann an Ameireagaidh bhiodh iad a’ seinnspiritual songs, ’eil fhios agad, òrain ’eil fhios agadspiritualsa chanas iad riutha tha mi a’ creids’. Is ann a sheo thall, nan tòisicheadh tu a’ seinn an-dràsta rudan man ‘Mìorbhail a’ Ghràis’ ann an Gàidhlig no ‘Amazing Grace’, ‘O tha an cùram air a’ chreutair sin, cuin a thàinig an cùram oirr’? ’, ’eil fhios agad, bidh mi a’ cantainn ‘Gu sealladh nì math orm, ’eil fhios agad, carson a tha sinn.. .tha, tha sinn dìreach gar cumail fhèin ann an rud nach eil ceart, ’eil fhios agad?
PM―22 :46: No chanadh iad ‘Chan eil an cùram air.. .oirrese, carson a tha i ga, ga seinn?’
CP―22 :50: ’S e, sin e. ‘Carson a tha an creutair sin a’ seinn amhran mar sin? Chan eil an cùram.. .chan fhaca mi a-riamh i san eaglais i!’ ’Eil fhios agad? So tha seo a’ dol, ’eil fhios agad.. .tha e.. .tha e a’ fàs.. .chan eil e cho domhainn ’s a bha e, ach tha, tha e fhathast annamsa.
PM―23 :08: Is tha fèill mhòr air do chomasan fhathast ma-thà, a Christine, cuin a.. .dè an ath chuairt a bhios agad?
CP―23 :13: Uill, tha mi, ann a sheo fhèin tha mi, tha mi a’ teagasg an ath-mhìos aig Cùrsa aig àm na Càisg’, cùrsa ghoirid agus tha sin an-còmhnaidh a’ còrdadh rium agus cùrsaichean goirid, agus tha mi an uair sin a’ dol.. .tha mi a’ dol sìos guDorset actually, ann an.. .san Òg-mhìos. Fhuair mi cuireadh bhon am fear a tha seo tha.. .bidh e a’ ruith.. .no tha e a’ ruithsong weekend, weekend, song weekendagus tha mi a’ smaoineachadh gun do rinn ereviewair a’ chlàr, aon de na clàran agamsa ann anFolk Rootsno rudeigin, agus tha e air a bhith a’ feuchainn ri mo thoirt sìos an seo airson greis mhòr agus tha mi a’ dol sìos ann am mìos no dhà agus tha sin.. .tha mi a’ coimhead air adhart ri sin bhon tha tòrr dhiofar sheinneadairean ann, ’eil fhios agad. So bidh sin glè inntinneach.
PM―24 :06: Bidh gu cinnteach.
CP―24 :08: ’S e sin a tha agad an-dràsta an ath-rud a tha mi a’ smaoineachadh air.
PM―24 :13: Cumaidh sin a’ dol thu.
CP―24 :14: Cumaidh. Tha cùisean air atharrachadh gu mòr, a Phàdruig, a thaobh a bhith a’ taisbeanadh òrain Ghàidhlig, bhon ged a tha mi gu mòr airson an òigridh, a bhith gam brosnachadh, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil iad a’ faighinn gu leòr brosnachadh. Tha iad a’ faighinn an t-uabhas brosnachadh. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil daoine mar mi fhìn, a tha air a bhith ga dhèanamh airson bliadhnaichean am bliadhnaichean, tha sinne air ar cumail air falbh, ’eil fhios agad, chan eil guth oirnne aig amannan, ’eil fhios agad. Tha sinne ro aosta a-nis, ’eil fhios agad? Agus tha.. .seo rud eile nach eil a’ tachairt ann an Èirinn saoilidh mi, chì thu air àrd-ùrlar na daoine òga, òga agus an spèis a th’ aca dha daoine man, ’eil fhios agad, aig an aois agamsa ann an.. .thall ann an Èirinn. Agus chan eil, chan eil càil mì-nàdarrach mu dheidhinn, tha, tha sin a’ tachairt glè thric. Tha iad.. .is nuair a tha iad a’ dol gan coimhead fhèin mar ‘Dè dh’ionnsaicheas mi bhuat? ’, ’eil fhios agad? Thall an seo, tha e.. .saoilidh mi gu bheil e beagan.. .feumaidh sinn a bhith faiceallach nach eil sinne a’ toirt cus dhan òigridh ro luath, bhon tha cuimhn’ a’m a bhith ag èisteachd ri Donal Lunny, neach-ciùil glè glè ainmeil ann an Èirinn agus thuirt e.. . ’s dòcha gur h-e Donal Lunny a thuirt e.. .chan eil mi.. .chan eil mi a’ gabhail ris gun cuir na daoine òga a tha sin no na còmhlain òg a tha sin air àrd-ùrlar ro luath, bhon nuair a bhios tu a’ cluich ann an còmhlan chan eil thu a’ cluinntinn na mearachdan agad. ’Eil fhios agad, bu chòir dhaibh dèanamh barrachd leis an ionnstramaid ac’ às bith dè th’ ann, mas e an guth no an e ionnstramaid-ciùil, a bhith a’ cur barrachd ùine seachad a bhith ag ionnsachadh mus.. .mus eil iad gan cur fhèin air adhart, gu bheil iad aig an ìre nach eil a, nach eil a’ chòrr aca ri ionnsachadh bhon tha thu ag ionnsachadh fad na tìd’, tha mise ag ionnsachadh fad na tìd’ air an àrd-ùrlar. Ach tha tòrr dhan òigridh buailteach an-diugh, chan eil iad a’ cur.. .a’ toirt an aire. ..
PM―26 :07: An e nach eil foighidinn gu leòr aca?
CP―26 :09: Tha.. .chan eil fhios a’m dè th’ ann, tha mi a’ smaoineachadh gur h-e an siostam a tha gan dèanamh mar sin. Tha iad air an cur a-steach dhan an t-siostam, ’eil fhios agad, air telebhisean is tha iad an uair sin aigfestivalis tha iad an siud is an seo is chan eil ùine aca a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn, mu dheidhinn dè na mearachdan a rinn iad, ’eil fhios agad.
PM―26 :45: Ceart agus tha e, tha e tòrr.. .uill, tha e fada mhòr nas fhasa ma tha thu airson thu fhèin a phutadh air adhart agus margaideachd, thu fhèin a reic chun an t-saoghail mhòir, tha siud tòrr nas.. .mòran nas fhasa an-diugh na bha e a-riamh, leTwitter , Twitteris an eadar-lìon is mar sin.
CP―26 :40: O, gu deimh.. .tha thu.. .sin an.. .aidh. Na rudan sin, absolutely. Chan eil mise a’ dèanamh càil den sin, tha rudeigin annamsa ’s nach urrainn dhomh a chur mi fhìn air adhart. Tha mi ag iarraidh a dhèanamh ach chan urrainn dhomh, ’eil fhios agad, sin an adhbhar tha mi a’ smaoineachadh thamanagersaig daoine, bhon chan eil thusa ag iarraidh a bhith gad fhaicinn ga do phutadh fhèin bhon tha sinn cho luath a bhith a’ cantainn ‘Cluinn oirrese.. .dè?. . .cò ise ga cur fhèin air adhart mar sin?’ ’eil fhios agad. So tha sin ann ceart gu leòr ach feumaidh tu, tha e, tha e coltach. Ach chan eil mise math air, a bheil thu ag iarraidh a bhith nam mhanaidsear, a Phàdruig?
PM―27 :13: Uill, chan eil fhios a’m an e manaidsear uabhasach math a bhiodh annam! Ach tuigidh mi glè mhath dè th’ agad an sin.
CP―27 :18: ’Eil fhios agad chan eil mise math, chan eil mi cofhurtail leis.
PM―27 :20: Tha mise.. .tha mise coltach riut, agus chan eil mi a’ bodraigeadh le na meadhanan-sòisealta mi fhìn, chan eil mi a’ sgrìobhadh càil airFacebook, chan eil mi airFacebookno chan eil mi airTwitterno càil sam bith mar sin.
CP―27 :27: Chan eil no mise.
PM―27 :31: Bheir mi sùil airTwitteran-dràsta is a-rithist a dh’fhaicinn dè tha a’ dol sna naidheachdan, ach gu dearbh chuireadh e gairiseachadh orm mi fhìn a phutadh air adhart mar sin. Cha.. .cha tigeadh e gu, gu nàdarrach thugam, cuiridh mi mar sin e. Ach sin an seòrsa saoghal anns a bheil sinn beò gun teagamh.
CP―27 :48: ’S e, ’s e gu dearbha, ’s e gu dearbh. Agus chan eil mi, chan eil a’ cur sìos air na daoine a tha ga dhèanamh, ma tha thu a’ faireachdainn cofhurtail gu leòr leis.. .ach chan eil mi a’ faireachdainn cofhurtail, b’ fheàrr leam gun robh barrachd fèin-misneachd agam.
PM―27 :59: Agus air ais gu Càrlabhagh ma-thà, a Christine, agus am bi thu tric, tric a’ dol air ais?
CP―28 :04: Uill, bho dh’fhalbh mo mhàthair is m’ athair chan eil e.. .chan e an aon àite a th’ ann, ’eil fhios agad, tha mi a’ faireachdainn.. .chan. . .tha.. .chan eil fhios a’m, chan eil e furast’ dhomh a bhith dol ann, chan eil e furast’ dhomh. Tha mi, tha mi air a bhith ann, ach chan eil mi airson a dhol ann ro thric. Bidh mi.. .tha mo phiuthar fhathast ann an Steòrnabhagh is tha gu leòr càirdean agam mun cuairt is mar sin, is tha e a’ còrdadh rium gu mòr ach ’s e rud glè dhuilich a th’ ann dhomh a dhol a.. . .nuair a bhios mi a’ dol a.. .nuair a chì mi an taigh, ’eil fhios agad, is o tha e dìreach gam chur troimh-chèile.
PM―28 :43: Ceart. Is dè na diofaran as motha a tha thu a’ faicinn anns a’ bhaile nuair a thèid thu air ais san latha an-diugh an taca ri mar a.. .mar a bha e nuair a bha thu fhèin òg?
CP―28 :49: Uill, chanainnsa fuaim a’ bheairt. ’Eil fhios agad, tha cuimhn’ agamsa a bhith a’ dol, tron a’ bhaile is gliogadaidh-gliog, gliodadaidh-gliog ’eil fhios agad as a h-uile taigh cha mhòr, is cha mhòr gu bheil sinn ann an-diugh. Chan eil duine.. .thacousindhomh fhathast, chan eil.. .tha e ag obair air a’ bheart ach ’s e glè bheag bhon tha muilinn ann an Càrlabhagh a-nise tha mi.. .cuideachd ach sin, sin aon de na.. .tha e mar gum biodh rudeigin uabhasach sàmhach mu dheidhinn, ’eil fhios agad, nuair a thèid mi tron bhaile an corra uair a bhios mi ann. Ach ’s e sin an rud as motha.. .tha mi a’ faicinn na daoine is a’ cluinntinn a’ bheairt is a’ cluinntinn m’ athair is a h-uile duine de na daoine sin.
PM―29 :29: Uh - huh, agus tha an sgoil fhèin air dùnadh sìos bho chionn fhada.
CP―29 :31: Tha an sgoil fhèin air dùnadh, aidh, tha.
PM―29 :34: Agus atharraichean.
CP―29 :37: Och atharraichean anns a h-uile h-àite.
PM―29 :38: Tha.
CP―29 :39: Feumaidh sinn dìreach gabhail ris, ’s e sin an rud as doirbhe mu dheidhinn beatha is mo bheatha no beatha an duine, a bhith a’ gabhail ris na h-atharraichean a tha a’ dol a thighinn co-dhiù. Is tha sin doirbh, nach eil? Saoilidh mise gu bheil, gabhail riutha.
PM―29 :52: Uh - huh. Ceart gu leòr ma-thà, a Christine, uill, thug thu gu leòr dhuinn an sin agus mìle mìle taing dhut airson bruidhinn rinn an-diugh.
CP―29 :59: O, thia mhòr!
PM―30 :00: Agus nì seo feum mòr dhan.. .dhan a’ phròiseact againn agus dha na daoine a bhios ag èisteachd riut. Bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn na meadhanan sòisealta, uill, bidh mi fhìn is tu fhèin air na meadhan sòisealta nuair a thèid seo a gheàrradh is a sgioblachadh.
CP―30 :12: O, thia mhòr!
PM―30 :17: Agus mìle taing dhut. Tapadh leat.
CP―30 :18: ’S e do bheatha, ’s e do bheatha, tapadh leat.
title | 2 |
internal date | 2019.0 |
display date | 2019 |
publication date | 2019 |
level | |
parent text | Christine Primrose |