P : Uh - huh. Agus tha thu air a bhith an sàs ann an dràma cuideachd a Mhagaidh, son bliadhnaichean.

M: O bha. Bha mi an sàs ann an dràma. Tha.. .chan e an seòrsa a thannamsa a thèid a-mach a chur.. .gam chur fhìn air beulaibh dhaoine, achs e, ’s e an cànan a tha atoirt orm a bhith ga dhèanamh, a thaobh, a thaobh dràma.

Agus tha.. .tha mi ag obair le sgrìobhadair Eric Dòmhnallach, a tha asgrìobhadh mu dheidhinn muinntir nan eilean, mu dheidhinn an suidheachaidhean, mu dheidhinn an eachdraidh, mu dheidhinn an latha an-diugh, agus bidh e atighinn le sgriopt an-dràstas a-rithist. Tha.. .tha e gu math duilich air sgàth na tha de dhaoine air falbh a dhfhaighinn cosnadh, mar buidheann-dràma a chumail adol, is le sins e aon dòigh air a bhith acur air adhart dràma, ’s e a bhith adèanamh dràma aon-ghuthach, monologues. Aguss e sin an dòigh air a bheil sinn afaighinn air a bhith acur an dualchas air beulaibh dhaoine. Agus nuair a thòisich sinn an toiseach, ach tha thairis air deich bliadhna ann co-dhiù, agus rinn sinn dealbh-chluich anns aGhàidhlig. Agus bhiodh.. .aig an àm sin bha timcheall air deich buidhnean a bhiodh acoinneachadh gach seachdain. Daoine a bha thairis air trì fichead a bha acruinneachadh air.. .dìreach airson copan teatha air feasgar, aon fheasgar anns an t-seachdain. Agus tha.. .bha sinn atoirt an dealbh-chluich thucasan, agus bha e gu math iongantach mar a dhobraich e.

Bha feadhainn is cha robh iad eòlach air dealbh-chluich. ..

P: Uh - huh.

M: . . .agus uaireannan bhiodh daoine abruidhinn riut ann am meadhan an dealbh-chluich, ’eil fhios agad, ag aontachadh riut is.. .agus rudan, rudan dìreach iongantach a thachair rinn. Seach gun robh sinn atoirt an dualchas aca fhèin am measg buidheann dhaoine a bha dìreach air cruinneachadh airson copan teatha. Aguss e àm cho prìseil a bhann.

Agus cuideachd rinn sinn dealbh-chluich mu dheidhinn clann-nighean an sgadain. Nise, bha -eigin a bha air a bhith aig an sgad.. .aig an iasgach anns a h-uile teaghlach a bha seo. Agus gun iarraidh, gun càil a ràdh, tha.. .thòisich daoine atoirt thugainn rudan a bha san teaghlach aca fhèin a bha ceangailte ri àm an iasgaich. Sgiortaichean is cleocaichean is truinnsearan, rudan a bha aca sanchina cabineta thugs dòcha an seanmhair e à Yarmouth no rudeigin den t-seòrsa sin. agus mar pròiseact-coimhearsnachd.. .mar rud anns achoimhearsnachd, chan e pròiseact a bhann ach mar rud a thachair anns achoimhearsnachd bha e.. .bha e dìreach asealltainn dhut an doimhneachd, an t-èolas a tha aig a h-uile duine a tha timcheall oirnn agus na seanchasan a bhiodh aca mu dheidhinn na làithean sin is na rudan a thachair dha na boireannaich sin a chaidh chun an iasgaich. ’Eil fhios agad rudan èibhinn a thachair, a bhaca nuair a thill iad is na rudan a chunnaic iad is thug e an eachdraidh aca beò.

Bha mi air a bhith abruidhinn ri a bha aig an iasgach agus chaidh i ann nuair a bha i.. .bha sin anns na naochadan, bha mi air a bhith abruidhinn rithe. Agus bha i air a bhith aig an iasgach timcheall air 1930 agus tha.. .bha mise an sin asgrìobhadh agus chleachd an sgrìobhadair dealbh-chluich Eric Dòmhnallach, chleachd esan sin mar stèidh air an rud a sgrìobh e. Agus tha.. .chaidh a dhèanamh an toiseach 2009, thairis air deich bliadhna agus bhiodh sinn ga dhèanamh.. .bha an dealbh-chluichs eOs mo Chionn Sheinn an Uiseaganns abhàrdachd aig Màiri Mhòr, ’s e sin an tiotal a thug e air agus bha fhichead mionaid ann agus bha sinn ga dhèanamh anns aGhàidhlig, adol timcheall nam buidhnean agus chaidh sinn an uairsin.. .rinn sinn e anns aBheurla agus chaidh sinn an uair sin air ais ga dhèanamh sa Ghàidhlig son mìos no dhà, agus tha e anochdadh an-dràstas a-rithist. Chaidh.. .chaidh a chlàradh airson.. .anns aBheurla, chaidh a chlàradh anns.. .anns aGhàidhlig airson rèidio cuideachd, agus bho chionn ghoirid chaidh a chlàradh airson.. .marfilmson Blas. Tha.. .tha e dìreach ann an shiud air an sgeilf aguss e.. . ’s e rud uabhasach math a thann, oir bidh daoine ga iarraidh an-dràsta is a-rithist.

Ach tha sinn air a bhith adèanamh rud trolockdowncuideachd, rud a tha.. .dìreach abhuaidh a bhaig, a bhaige air na daoine air, air an eilean abhliadhn a bha seo. So le sin, tha e asgrìobhadh fad na h-ùine agus tha mise uabhasach fortanach gu bheil e ann is e acumailscriptsrium!

P: Uill nach e sin, is tha thu.. .tha thu air a bhith acruinneachadh sgeulachdan is bàrdachd is mar sin timcheall.. .son bliadhnaichean cuideachd, nach eil?

M: Tha, tha mi air a bhith an lùib cruinneachadh bàrdachd ann an sgìrean eadar-dhealaichte aguss e.. . ’s e na pìosan bàrdachd a tha ann an cùl drathair no ann am.. .anns aphreas ann an taighean, ’s e sin a tha luachmhor a thaobh cainnt, a thaobh suidheachaidhean anns an robh daoine ged a bann air am fuadachadh a bha iad, no aig muir no anns achogadh no air, air.. .air.. .air am fàgail nam banntrach noeil fhios agads e.. .tha.. .tha ùidh agam anns an.. .anns an.. . na faireachdainnean is na h-abairtean a bhaig na daoine sin is na rudan a tha, a tha atighinn an-àirde ann am bàrdachd agus na fuinn aca, na fuinn a chaidh a chleachdadh airson bàrdachd eadar-dhealaichte airson na.. .òrain a thàinig à bàrdachd. Tha.. .chaidh sin a chruinneachadh, chaidh abhàrdachd a chruinneachadh. Ach a-nise, tha mi air a bhith mothachail mu dheidhinn na seanchasan a bha sinn adèanamh dhan an sgoil, Sgoil nan Loch ann an sheo agus thuirt miO càite bheil na seanchasan airson na sgìre seo?’ agusO tha iad ann an shiud agus ann an sheoagus thuirt mi ‘Right, feumaidh mi tòiseachadh acruinneachadh’, agus tha.. .rud a tha uabhasach math a bhith ag obair anns achoimhearsnachd, tha thu afaighinn bloigh de sheanchas ann an shin agus bloigh ann an sheo, agus tha an cothrom agad air a bhith alìonadh nam beàrnan leis an dòigh-beath agus atoirt fiosrachadh seachad mar phàirt den t-seanchas. Agus tha sin acòrdadh rium gu mòr.

Tha mi asmaoineachadh anns na làithean a tha romhainn gum bi an dualchas air a lìbhrigeadh.. .chan eil fhiosam.. .tha.. .chan eil fhiosam am feum mi a chur dhan Bheurla, ’s e sin an rud, ach tha an doimhneachd gu bhith ann dha na daoine a thig ga lorg.

P: Ceart, agus tha.. .tha thu fhathast adèanamh an obair sin troZooma bheil, tronlockdownagus a h-uile càil den sin a thàinig oirnn am bliadhna?

M: Tha mi air a bhith an lùib.. . .bho thàinig an glasadh an seo tha.. .tha mi air a bhith fortanach an lùib rudan air-loidhne agus tha.. .tha mi asmaoineachadh gu bheil barrachd cothroim agam a bhith ag innse agus atoirt seachad rudan às an dualchas bho thàinig an glasadh na bhagam ron an shin.

P: So tha cothroman na lùib cuideachd, dhfhaodadh tu a ràdh.

M: Uill tha.

P: Leis an teicneòlas ùr a thagainn.

M: Tha, gun teagamh. Tha.. .a thaobh.. .a thaobh a bhith ag innse seanchasan, ’s e.. .tha.. .tha trì rudan eadar-dhealaichte ann. Tha seanchasan-sgìre, agus tha ag obrachadh eadar a bhith adèanamh rud beò agus a bhith acruinneachadh fiosrachadh air leithid Facebook, agus an uair sin ga chur cruinn agus ga thoirt seachad. Aguss e an rud a tha iongantach gu bheil iarrtasan ann bho daoine a tha air a thighinn dhan sgìre cuideachd, miann acasan air a bhith acluinntinn nan seanchasan, seanchasan an sgìre. Agus rud sam bith a tha adol a dhfhosgladh an inntinn gu an àrainneachd no an cleachdadh no an dòigh-beatha a bhann agus tha sònraichte mu dheidhinn an àite seo, feumaidh tu a ghabhail.

P: Mm .. . hmm.

M: Ach nuair a dhfheumas tu a ghabhail, nuair a ghabhas tu an cothrom sin tha tòrr a thaobh an dòigh-beatha agus dòigh nan Gàidheal a dhfheumas tu a mhìneachadh, oir chan eil iad eòlach air. Agus tha cunnart ann nach tuig iad, no gun, gun.. .gum falbh iad le beachdan a tha gu tur ceàrr mura dèan thu sin. So sin seanchas na sgìre. Cuideachd, a thaobh luchd-ionnsachaidh tha na cothroman sin ann, tha iadsan ag iarraidh seanchasan cuideachd agus feumaidh mi tòiseachadh adèanamh mar liostaichean de.. ... . na seanchasan a bhiodh feumail airson suidheachaidhean eadar-dhealaichte. Nam inntinn.. .uill a chur sìos air pàipear, agus an uair sin a bhith agam nam inntinn , an fheadhainn a bhiodh, uill a bhiodh freagarrach.

Ach cuideachd tha.. .bha mi an lùib cruinneachadh, cèilidh a bhann a h-uile h-oidhche Haoine. Tha.. .thòisich sin air bho chionn.. .uill bha trì bliadhna ann rolockdownagus tha.. .cha robh càil ach. .. bhiodh daoineeil fhios agad atighinn a-steach, agus bha a h-uile duine gu math càirdeil agus gu math dòigheil. Agus an uair sin bha an glasadh ann agus tha.. .cha robh.. .cha robh àireamh-fòn, cha robh post-dealain againn dha na daoine a bàbhaist a bhith atighinn air sgàths gur e rud uabhasach neo-fhoirmeil a bhann, is cha robh dòigh againn air fios a chur thuca gun robh sinn afeuchainn ri daoine a thoirt cruinn air-loidhne agus tha sinn ag obair air, adèanamh ceumannan beaga air. .. alorg na daoine sin agus afaighneachd a bheil fòn aca a thèid air-loidhne noiPadnotabletagus afeuchainn rin cuideachadh airson, airson a dhol gu cèilidh a tha sinn adèanamh gach seachdain air-loidhne.

Aguss ann acruinneachadh coimhearsnachd air ais a tha sin, agus tha sinn acruinneachadh daoine ùr cuideachd. Sin aon de na rudan air a bheil mi ag obair an t-seachdain seo, afeuchainn ri ceangal a dhèanamh a-rithist ri na daoine a tha leotha fhèin, aonranach. Bàbhaist dhaibh a bhith atighinn a h-uile h-oidhche Haoine agus tha sinn.. .no eòlach orteil fhios agad.. .gum bu chòir dhut feuchainn ri grèim fhaighinn air na daoine sin a thighinn a-steach a-rithist. So tha seanchasan atighinn a-steach ann an shin cuideachd.

P: Glè mhath, tha gu leòr ann an shin a chumas adol thu eadar a h-uile càil a thann.

M: Tha, tha.

P: Agus tha.. .tha thu fhèin, uill bidh thu aseinn a Mhagaidh agus tha guth gu math binn agad.

M: O!

P: A bheil, a bheil seinn aruith.. .aruith anns an teaghlach mar gum biodh?

M: Uill tha mi acreids’. . .tha mi acreidsinn gu bheil.. .uill bhiodh mathair adèanamh òrain agus cha bhiodh e aseinn tric ach nuair a thigeadh an teaghlach dhachaigh as t-samhradh, nuair a bhiodh iad atighinn a chèilidh. Na daoine a bha ann an Glaschu is a bhiodh atighinn dhachaigh a Leòdhas as t-samhradh, agus bhiodh iad air chèilidh agus bhiodh òrain adol an uair sin agus seanchasan, agus bhiodh sinn acluinntinn daoine eadar-dhealaichte aseinn.

Bhiodh mathair acluiche a’ mhelodeoncuideachd, achs ann aig aBhliadhnÙir a bhiodh e.. .a bhiodh e acluiche a’ mhelodeon, cha bhiodh e a-tighinn a-mach ach an uair sin. ’S e sin an ionnstramaid a bhann nam latha-sa agus tha, tha.. .tha òran ann a tha.. .anns a bheil an t-uabhas fiosrachadh agus a tha adèanamh dealbh iongantach de suidheachaidhean agus de dhàite agus tha.. .achs e an trioblaid nach eil mar gum biodh luchd-èisteachd ann air a son an-diugh.

P: Mm . . hmm, seadh.

M: Tha mi ag obair air rud bho chionn bhliadhna a-nis aguss ann.. .le daoine a bha acall an cuimhne, aguss e sin an luchd-gabhail pàirt agus an luchd-èisteachd a bfheàrr a chunnamise bho chionn bhliadhnaichean.

P: Seadh dha-rìribh!

M: Dìreach iongantach! Thòisicheadh tu aseinn agus bhiodh tu air an.. . ’s dòcha an dàrna sreath agus chluinneadh tu na guthan atighinn a-steach agus chluinneadh tu anns an.. .anns an dachaigh. .. taigh, dachaigh-fàsgaidh tha.. . às a bha daoine, chluinneadh tueil fhios agad mu dheidhinn.. . ’s dòcha gur e cuideigin à.. .às An Rubha a bhann agus tha.. . ’s dòcha ged nach biodh fhios agad idir às a bha iad, dhaithnicheadh tu air an èigheachd aca an ceangal a bhaca ris an òran sin. Bha e mar gum biodh dìreach an aithne, tha mi acreidsgur e aithne a bhann, agus gun robh sin gan toirt air ais. ..

P: Is adùsgadh cuimhneachain is gnothaichean mar sin.

M: Agus bha, bha e.. .bha e atoirt fosgladh air choireigin dhaibh, bha iad.. .bhiodh iad acòmhradh agus tha, tha.. .thachair e uair no dhà mi adol a-steach a dhàiteigin agus tòiseachadh aseinn, agus cuideigin nach robh air a bhith acòmhradh aseinn, agus a fheadhainn eile a bhanns an rùm ga choimhead le uabhas. Agus tha.. .tha rudeigin gu math domhainn mu dheidhinn an t-seinn, is tha fhiosam gu bheil daoine arannsachadh mu dheidhinn agus tha e dìreach mìorbhaileach, agus tha e cumhachdach agus bu dheagh chaomh leam barrachd a dhèanamh a thaobh an obair sin. Nuair a thàinig an glasadh, ’eil fhios agad chaidh.. .chaidh stad air a h-uile càil a bha sin, agus tha feagal orm nach tachair e a chaoidh tuilleadh.

Aguss e.. . ’s e dìreach a dhol a-steach a mheasg dhaoine, tòiseachadh aseinn, agus bha duine an siud is an seo atòiseachadh nad chois. Bha thu ag ionnsachadh rannan ùra a bhathas acleachdadh, agus atoirt leat na rannan sin a bha abuntainn ri sgìre air choireigin chun an ath dachaigh-cùraim dhan robh thu adol. Agus chitheadh tu daoine ga aithneachadh ag ràdhO seo òran às an sgìre againn fhìn’, agus bha.. .tha mi acluiche a’ mhelodeoncuideachd, agus tha an ceòl sin gan toirt air ais gus dòcha tac an teine no dannsan rathaid no rudeigin. Tha fèir.. .fuaim a tha cho ceangailte agus cho faisg air na Gàidheil, tòrr acas e òrain Ghàidhlig a thanns na puirt co-dhiù. ’S e, ’s etooluabhasach cumhachdach a bhann nuair a thòisich mi air an obair seo, aguss e sin.. .bha mi mothachail nuair a bha mi acluiche gun robh daoine aseinn aguss e sin a thug orm dìreach seinn, seinn fheuchainn, agus abair thusgun do dhobraich e.

P: Tha.. .obair gu math feumail a tha thu adèanamh an sin a Mhagaidh, dhan.. .dha na seann daoine, agus cuideachd airson dualchas an eilein a chumail, a chumail adol. Agus tha thu air a bhith ris an obair sin son.. .son dreiseag a-nis tha mi acreids’, bho thòisich thu acruinneachadh bàrdachd agus òrain agus rudan mar sin.

M: Tha. Tha mi air cruinneachadh, cruinneachadh a dhèanamh mu dheidhinn an iasgach cuideachd.

P: Uh - huh.

M: ’S e sin an rud air a bheil mi air a bhith ag obair bho chionn bliadhna, abruidhinn ri na h-iasgairean anns aGhàidhlig mu dheidhinn.. .uill thòisich mi leis an fheadhainn bu shine, an fheadhainn a bha ceithir fichead no nas sine na sin, aguss ann adol a bhruidhinn mu dheidhinn eachdraidh.. .uill, na cleachdaidhean a bhann anns an latha acasan agus na cleachdaidhean a bhann anns na linntean a bha rompa. Agus tha.. .thàinig rudan iongantach a-mach à sin a thaobh an iasg, a thaobh càite am biodh iad ag iasgach is na h-eathraichean is mar a dhatharraich amhargaidh airson siud is seo, agus an uair sin dìreach mu dheidhinn an obair eile a bhiodh iad adèanamh adeasachadh airson a dhol a dhiasgach, agus lìn is dubhain is.. .agus tha e gu math farsaing, agus tha, tha mi.. .tha stòras fhacail ann nach eil sa chumantas an-diugh. Tha mi uabhasach toilichte gun dfhuair mi air bruidhinn ri uimhir aca, aguss ann anns aGhàidhlig a tha amhòr-chuid.

P: Sin thu fhèin a Mhagaidh, mar a thuirt mi tha thu adèanamh obair gu math feumail an siud. Tha sinn faisg air.. .air deireadh an agallaimh no deireadh ar còmhraidh, ach tha mi airson ceist no dhà eile a chur ort. na h-atharraichean as motha a chunnatu air an AchaMhòr bhon a bha thu fhèin òg?

M: Uills e, ’s e an t-atharrachadh as motha tha mi acreidsinn, chan eil thu acluinntinn clann a-muigh acluiche, chan eil thu afaicinn daoine air na lotaichean mar a bàbhaist, chan eil thu afaicinn caoraich atighinn a-steach abhlàr. ’S e fèidhs dòcha tha thu afaicinn. Chan eil na daoine adol a mheasg a chèile, chan eil thu eòlach air thanns na taighean. Cha chluinn thu na beartan, cha chluinn thu meadhail nan caoraich. Tha crodh againn an seo is tha iadsan, cluinnidh tu iadsan ceart gu leòr nuair a thèid thu a-mach. Tha.. .dìreach cho prìseils a bha an dòigh-beatha, agus mar a bha daoine atighinn cruinn nuair a bha mise òg. Tha ionndrainn mòr an sin, tha sin air gu tur atharrachadh.

P: Tha, tha.. .a bheil tòrr strainnsearan mar a chanas iad afuireach sa bhaile a-nis?

M: Tha. Tha grunn strainns.. .tha grunn shrainnsearan ann cuideachd, aguss e an rud as duilghe tha.. .ma bhios bàs anns abhaile agus uaireannan cha chluinn thu e airson latha no dhà. Tha e mar gum biodh an, annetwork, an lìonra a bàbhaist a bhith ann, tha sin air.. .tha sinn air sin a chall agus daoines dòcha a dhfhalbh às abhaile agus a tha afuireach am badeigin eile, chan eil thu acluinntinn nan naidheachdan sin, agus gu h-àraid bho thàinig an glasadh tha.. .air sgàth mar a bha na tiodhlacaidhean, cha robh fios adol a-mach mu dheidhinn na tiodhlacaidhean air sgàth gun robh iad.. .gum feumadh iad a bhith cùiseach mu dheidhinn cia mheud duine a bha, a bha ationndadh an-àirde agus rudan den t-seòrsa sin, agus tha.. .tha sin air buaidh mhòr a thoirt air.. .a thoirt oirnne mar dhaoine cuideachd, nach eil fhios againn. Mar a tha na Gàidheil an-còmhnaidh, is caomh leotha a bhith.. .fios a bhith aca is mar a tha adol dhaibh agus rudan den t-seòrsa sin, is acumail dàimh ri daoine. Agus tha.. .tha mi an dòchas nach bi buaidh aghlasadh a thaobh cleachdaidhean na coimhearsnachd, nach, nach sìol e sin às ri linn aghlasadh.

P: An do rinn.. .abruidhinn air.. .air aghlasadh, , an diofar a rinn e ann am beatha dhaoine air an AchaMhòr, a bheil.. .a bheil thu afaicinn gun do rinn e diofar mhòr a thaobh mar a tha daoine gan giùlan fhèin no an robh, an robh daoine.. .tha sibhs dòcha, ’s dòcha nach eil sibh cho faisg air a chèile sin, na taighean, agus nach do rinn e uimhir a dhiofar. do bheachd?

M: Tha mi asmaoineachadh gun, gun do ghabh daoine ris na riaghailtean is nach robh iad adol mòran a mheasg a chèile, ach tha mise bho chionn ceala-deug tha mi dìreach air a ràdhTha mi adol a sheasamh aig daoine’, agus mar as.. .a h-uile taigh ach aon tha.. .bha mi afaireachdainn gun robh fàilte, agus gun robh a h-uile càil a thaobh nighe do làmhan agus rudan den t-seòrsa sin ann an.. .ann.. .dìreach goireasach, agus gun robh iad deiseil airson, airson daoine a bhith atighinn a-steach ach a bhith agabhail ri na riaghailtean.

Tha a h-uile duine ag ràdh an aon rud, nach eil fhios aca tha atachairt agus cuideachd tha.. .a thaobh na meadhanan, tha na meadhanan a thagainns e meadhanan nàiseanta a thann, agus chan eil meadhanan ionadail againn, uill chan eil anGazetteann mar a bàbhaist airson a bhith acluinntinn nan naidheachdan, tha adol. Tha tòrr air an eadar-lìon, na naidheachdan air an eadar-lìon, ach chan eil iad ionadail. Agus na naidheachdan a tha rudeigin ionadail tha iad, chan eil iad ann an ath-latha.

P: Ceart, so tha.. .tha sibh air ur gearradh dheth gu ìre bho.. .bho bhith afaighinn a-mach tha adol anns, anns an sgìre agaibh fhèin, a dhaindeoins dòcha fònaichean aig a h-uile duine agusinternetaig a h-uile duine is mar sin.

M: Tha, is tha mi acreidsgu bheil daoine acoimhead a-mach a thaobh.. .ma chanas tu do naidheachd’, os e, ’s e rudeigin a bhair an rèidio a bhanneil fhios agad aguss dòcha gu bheil, gu bheil daoine a-staigh agus chan eil iad.. . ’s e sin na naidheachdan a tha atighinn thuca, na rudan a tha atachairt aig ìre nàiseanta, nach.. .aguss e sin an rud air am bruidhinn iad, ach tha tòrr de rudan adol fon an sin a tha cudromach agus aig am biodh ùidh aig na Gàidheil ann, na dhà no thrì againn a tha air fhàgail againn air an eilean.

P: Uh - huh. So tha.. .tha rùm ann son, son cuideigin a sgaoileas barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn tha adol anns na sgìres dòcha.

M: Uill tha.. .anns na sgìrean tha mar pàipear-naidheachd ionadail ann, ann an.. .ann an tòrr de na sgìrean agus tha feadhainn aca a tha glè mhath agus tha feadhainn eile nach eil atighinn a-mach ach uair anns an ràith, agus sin mar a tha am fear a thagainn air na Lochan. Tha fhiosam, àiteachan mar Nis agus An Rubha gu bheil pàipearan acasan atighinn a-mach nas trice, ’s dòcha uair sa mhìos no uair anns acheala-deug tha mi asmaoineachadh ann an Nis. Tha feum air.. .dhèanadh sin feum ann an coimhearsnachd nam biodh an ceangal sin ann. Dhfheumadh e a bhith.. .dhfhaodadh e a bhith air an eadar-lìon agus dhfhaodadh e a bhith air pàipear cuideachd.

P: Sin obair eile agad dhut a Mhagaidh, ma bhios ùine agad! Agus acheist mu dheireadh a thagam dhut, suidheachadh na Gàidhlig ma-thà, agus an t-atharrachadh a chunnaic thu fhèin anns an sgìre.

M: Uill tha mi asmaoin. ..

P: Bha thu ag ràdh nuair a bha thu òg gun robh Gàidhlig aig a h-uile duine is gur ann anns aGhàidhlig a bha iad beò is mar sin, tha sin air atharrachadh tha fhios.

M: Tha, tha e air.. .air atharrachadh gu tur, tha sinn air tòrr a chall a thaobh eòlas is cainnt, de sheòrsa.. .de sheòrsaichean, seòrsan cainnt is abairtean agus briathrachas agus seanfhacail nach cluinn thu an-diugh, agus bu mhòr am beud. Tha feadhainn aca air pàipear ach cha dèan e tòrr feum air pàipear, tha.. .feumaidh daoine a bhith acluinntinn achànain, daoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, an òigridh tha.. .adol tro, tro mheadhan na Gàidhlig, tha tòrr de rudan.. .thuirt mise ri, ri fear de na h-oghaichean an latha eile, ‘Am faca tu an tàinig làraidh cairt na luathadh?’ agus sheas e gam choimhead, agus thuig mi an uair sin a liuthad facal a thann bho thòisich.. .bha mi ag ràdh ris gu bheil cuimhn’ ’am nuair a thàinig cairt na luathadh agus gur e luath a bha adol dha na crogain, agus bha mi an uair sin ag ràdhUill, chan eil luath aig duine an-diugh, agus an fheadhainn aig a bheil luath tha iad ga chur dhan aghàrradh’, agus mar a tha facail ag atharrachadh agus rud a thathas acall nuair a thèid facal atharrachadh. Tha dìreach eiseimpleirean beaga den t-seòrsa sin, agus tha mi an uair sin ag ràdhOh, tha sinn acall uimhir agus tha uimhir ann a dhfhaodas sinn a thoirt seachadnam biodh dìreach na suidheachaidhean ann airson a bhith abruidhinn air facail agus air ais is air adhart. Tha cùisean air atharrachadh anns na bailtean tha.. .is mòr am beud tha na.. .mar a thathas atoirt.. .adèanamh leasachadh air aGhàidhlig, nach eil e abuntainn ris na coimhearsnachdan. Tha e gu math fuadan, gu math fadàs bhuainne, agus chan eil sinne afaicinn ach an cànan acrìonadh.

P: Agus bu chaomh leat fhèin fhaicinn ma-thà a Mhagaidh? .. . an t-slighe as fheàrr a thann son a dhol air adhart?

M: Uill, tha mi asmaoineachadh gu.. .nan gabhadh daoine a tha fileanta anns aGhàidhlig ris an t-suidheachadh gu bheil sinn acall an cànain ach gun gabh rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn, tha.. .bheireadh sin tòrr neirt dhuinn. Chan eil fhiosam a bheil.. .tha tòrr leigeil seachad ann, saoilidh mi, nach eil iad mothachail air cho luachmhors a tha an cànan, cho prìseils a tha e agus gu bheil daoine air feadh an t-saoghail a-nis ag iarraidh faighinn a-mach agus a bhith ag ionnsachadh mion-chànanan, agus tha iad.. .daoine a tha fileanta, nach eil acur luach innte tha iad.. .tha mi acreidsinn dìreach nach e.. .nach e.. .chan eil eòlas aca air cuid de na rudan sin. Chan eil iad acoimhead farsaingeachd an t-saoghail, am feum a dhfhaodadh iad a dhèanamh dhan aghinealach a tha atighinn agus tha.. .bhithinn an dòchas.. . ’s e sin an dòchas a bhiodh agamsa, gum fàsadh na daoine a tha.. .aig an robh aGhàidhlig bho thùs, gun suidheadh iad an-àirde is gun canadh iadUill, feuchaidh sinn ri rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn seo, is fhiach seo a dhèanamh, ’s e seo na daoine.. . ’s e seo an cànan a bhaig na daoine againne, aguss e sin sinne’.

P: A bh.. .a bheil sin atachairt gu ìre an-dràsta?

M: Tha na daoine cho sgapte. Tha mi mothachail air dhà no thrì dhaoine a tha atuigsinn an t-suidheachadh agus a bhiodh ag iarraidh rudeigin a dhèanamh airson adhartas a thoirt air an t-suidheachadh. Aguss mathaid gu bheil daoine eile a-muigh an sin a thig an taobh againn tro thìde. ’S e dìreach nach do lorg sinn iad fhathast.

P: Uill, tha mi an dòchas gun lorg sibh iad agus sin gu luath a Mhagaidh! Tapadh leat dha-rìribh airson bruidhinn rium an-diugh, bha e sgoinneil, bha e dìreach sgoinneil a bhith ag èisteachd riut agus tha thu ag obair gu math cruaidh son.. .air adhbhar na Gàidhlig, agus tha, tha thu adèanamh obair air leth feumail, agus gur math thèid leibh leis an obair sin!

M: Ceud taing a Phàdruig!

title3
internal date2019.0
display date2019
publication date2019
level
parent textMagaidh Smith
<< please select a word
<< please select a page