[57]

[Vol . 5. No. 9. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

VOL. V. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 29, 1896. No. 9.


ACHREITHLEAG.

Tha oibre achruitheir mìorbhuileach annta fein, araon thaobh nan nithe aig am bheil beatha agus nan nithe aig nacheil. Chaneil aghrian, aghealach, agus nan reultan afoillseachadh cumhachd, maitheis, agus gliocas an Tighearna air mhodh na soilleire, na tha na feartan sin air am foillseachadh ann an cleachdannaibh, nàdar, agus buaidhibh nan créutairean as meanbha air am bheil sinn asaltradh for casaibh. Mar aon eiseimpleir air so, am measg mhìltean eile, gabhamaid beachd air achuileig bhig, nimhnich sin air am bheil eòlas againn uile, agus is i sin achreithleag. nach robh gu minig air a chlaoidh leis na lotaibh guineach aice air feasgar blàth samhraidh? Is iongantach da rìreadh an dòigh air am bheil an créutair beag so air a bhreith agus afàs gu inbh. Tha na cruthatharraichean troimh am bheil an dealbhan-, agus iomadh créutair beag eile dhen ghne sin adol anabarrach neònach, ach a thaobh so bheir aChreithleag buaidh orra uile.

Cha mhor de mo luchd-léughaidh gu sònraichte dhiubhsan a tha chòmhnuidh air an dùthaich, nach minig a chunnaic an ionnsuidh chruaidh a bheireadh na creithleagan air an each bhochd air grianach samhraidh. Bhiodh iadnan sgaothaibh ag iadh mun cuairt da, adol an sàs na chliathaichean, agusna chosaibh, agusga chlaoidh gu searbh. Tha e air fhaotuinn a mach gur i a mhàin achreithleag bhoirionn a lotas an t-each truagh air an dòigh so, agus carson? Tha achuileag bhochd adeanamh so gun fhios, gun aire dhi féin, chum a gnè fein a chumail suas. Tha iga tilgeadh fein gu cruaidh am measg fionnaidh an eich, far am bheil i asuidheachadh nan uibhean aice, agus air doibh a bhi air an comhdachadh le stuth de nàdar glaoidh, tha iad aleantuinn gu teann an sàs ann an ròine an eich. Ann sin laidhidh iad beagan làithean, gus am fàs daolag bheag annta. Tha ena chleachd aig an each a bhiga imleachadh fein gu tric, agus an uair a bhios e deanamh sin, tha e bristeadh nan uighean meanbha sin, agus tha na daolagan a bha annta adol an sàs na theangaidh, agus air an giulan sios do bhroinn an eich maille ri a lòin. Tha iad adol gu teann an sàs ann an stamaic an ainmhidh bhochd, far am bheil iadg an ceangladh fein gu cruaidh le da dhubhan a ta air gach taobh dhem beul. Tha iad afantuinn gu stòldasan àite iongantach sin mhiosan agheamhraidh, far am bheil iad air am beathachadh gu seasgair le stuthannaibh àraidh a tas an stamaic. Aig deireadh an earraich, tha iad acall an greim fein dhen chraiceann, air an robh iad co fada an sàs, agus tha iad air an tilgeadh a mach ann an innear an eich a thug caidreamh co fada dhoibh. A cheann so tha iadgan nochdadh fein ann an cruth eile mar chn imh eagan beaga, cruinn, agus tha iad agabhail fasgaidh, ann sin, ’san talamh. Mar so, tha iad nan laidh gun charachadh gus an tig am blathas. An sin, dùisgidh iad suas nan lan neart agus beothalais mar chuileagan a tha cuimearnan dealbhadh, a tha ro làidir a réir am meud, agus ro neo-bhàigheil ri duine agus ainmhidh len gathannaibh géur.


IOMRADH AIR MO THURAS DO CHEAP BREATUINN.

Dhùraich mi meòlas air cuid dem chàirdean is de chàirdean a MHAC-TALLA mo chuairt ghoirid an Sidni. Ben Di-màirt ud latha na h-elections bha inntinn gach neach làn de pholitics. Is fior an radh gur ann á pailteas a chridhe a labhras am beul. Bha comhradh gach neach a co-chordadh ri staid an inntinn. Ach their mi so, nach cuala mi guth mor no droch fhacal fad an latha, agus nach fhaca mi aon neach air an robh coltas misg. Cha robh fois no tamh ann an oidhche ud gus an dfhuaradh a mach co an taobh a choisinn a bhuaidh. Dhfhàg sud mise gun mhoran fois, agus tha mi creidsinn gur h-iomadh neach a bha coltach rium am Mor-roinn Chanada an oidhche ud. Dhfhag mi Sidni air an ath latha agus thàinig mi air ais an taobh a dhfhalbh mi cho fad ri Orangedale. Co choinnich mi an sud ach gum be mo sheana charaid Calum mor Gillios. ’S fhadon bha eòlas math againn air a chéile. Fhuair mi cuireadh fialaidh gu dol maille ris an oidhche ud, ni bha mi toileach a dheanamh. Is mac Calum do dhAonghas Gillios a chaochail an uiridh. Bha Aonghas Gillios ceithir bliadhna deug a dhaoisnuair thainig long Mr. Aonghais, am Polly, do dhEilean a Phrionnsa. Bha sin anns a bhliadhna 1803 agus dhfhàgadh sin esan ceud bliadhnasa còig aig àm a bhàis. Rugadh is thogadh e air an Taobh Sears an Eilean Sgiathanach. Bhathursa chuimhnesa neart aige ann an tomhas iongantach math gus an latha mu dheireadh. Thainig e letheaghlach do Cheap Breatuinn o chionn leth cheud bliadhnasa còig agus thainig e aHogamah far am bheil Calum a mhac agus cuid eile de theaghlach a chòmhnaidh. So mar a shloinneadh iad Calum coir nam biodh e ann an Albainn; —Calum, Mac Aonghais, Mhic Iain Bhuidhe, Mhic Ghilleaspuig Ruaidh. Thachair Gaidheal gasdeile rium a tha faotainn a MHAC-TALLA gach seachdain bhon thàinig e mach; ’se sin Lachlainn Mac Shomhairle Chaimbeil an Gleann naSgiathanach. Bha mi toilichte fhaicinn agus a chluinntinn bhuaithe fhéin gun robhm paipear naidheachd Gàidhlig a faighinn aoidheachd na thigh. Ach feumaidh mi stad dhe mchòmhradh mu thimchioll na chualas na chunnaic mi air mo thuras an Ceap Breatuinn neo fàsaidh do luchd-leughaidh seachd sgith dhiom. Cha bhiodh ioghnadh sam bith orm ged bhiodh cuid aca air sin a dheanamh mar tha. Ach stadaidh mi nise. Dhfhàg mi Ceap Breatuinn air a 25mh latha de Iun agus air an ath latha ràinig mi gu sàbhailte mo theaghlach agus mo chàirdean gràdhach an Strathalba, an t-aon ionad air uachdar an t-saoghail mhòir mun iath a ghrian ris an urrainn mi mo dhachaidh a radh, agus mar sin an t-ionad thar gach uile ionad eile air an talamh, ris an ceangailte minntinn. Tha mo thuineachadh nis bho cheann àireamh bhliadhnachan a measg mo luchd-duthcha, Gaidheil Strathalba. Carson nach bithinn riaraichte lem staid, agus socrach am inntinn oira measg mo shluagh fein tha miam chomhnaidh.”

Tha iomadh beannachd prìseil
A teachd oirnn gun dibradh, o
S ged bhiodh rud a dhìth oirnn
S olc a ni bhi talach.
C. C.

A CHRIOCH.


Bha Henri M. Stanley gle thinn air an t-samhradh so. Tha e nise dol am feobhasach tha e fada o bhi slàn fhathast. Bha an tinneas ag obrachadh air riamh on thill e á Africa. Tha siubhal ann an Africa anabarrach buailteach air galair bàis a thoirt do dhuine. Bha deichnear eile còmhla ri Stanley air an turus mu dheireadh air an robh e ann, agus dhen deichnear sin, tha triùir a cheana marbh, ged nach ròbh gin dhiubh nach robh fichead bliadhna na bòige na Stanley fhéin.



[58]

[Vol . 5. No. 9. p. 2]

ISEABAIL ODHAR AGUS MONAGAN

Ann an co-thràth an fheasgair, ’nuair a shaoil leis a bha e fada gu leor air falbh o Iseabail, ’s on bhaile, rinn e air a shocair, agus smaoinich e gum bu chòir dha anail a leigeil mun rachadh e ni bfhaide. Shuidh e air lethoir cnuic. Thug e mach an leabhar pòcaids thoisich e air cunntais an airgid. Bha beachd maith aige air meud na suime, ach bha toil aige làn-riarachadh athoirt da inntinn mun chùis. ’Nuair a bha e ullamh a chunntais bha aoibhneas nach bu bheag air, oir bha ochd ceud agus tri fichead punnd Sasunnach air a shiubhal! Sgìths mar a bha e, an déigh na rinn e ruith mar gum biodh fiadh reubtann, cha burrainn e cumail air fhéin gun éiridh a dhannsas a leumnaich mar gum biodh duine as a chiall ann; oir bha e glan air mhisg le h-aoibhneas. Thoisich e air gabhail phort mar so:—

S maith a dhannsadh Uisdean Friseal,
Uisdean Friseal, Uisdean Friseal,
Smaith a dhannsadh Uisdean Friseal,
Leis an fhichead maighdeann;
Ceathrar roimhagus na dhéigh,
Ceathrar roimhagus na dhéigh,
Ceathrar roimhagus na dhéigh,
Seisear air gach làimh dheth.

Nuair a bheireadh e greis air dannsadh leis a phort so thòisicheadh e ri port eile:—

Bodachan aphinnt leanna,
Phinnt leanna, ’phinnt leanna,
Bodachan aphinnt leanna,
Bidh e air an daoraich.
Bodachan hori horò, ri orò, ri orò,
Bodachan horò ri, bidh e air an daoraich.

Nuair a thug e greis air a chaitheamh so thog e airs dhfhalbh e. Fada no goirid ga robh Glaschu uaithe cha robh bheag a mhoillena cheum a dhoidhche nolatha gus an dràinig e. Air a cheud chòmhdhail a fhuair e sheol e do Mhanainn.

Rud a bha nadurra gu leòr, bha Iseabail car trom-inntinneach am feasgar a dhfhalbh Monagan. Bha tlachd aice dheth mar bu chòir a bhith aig gach mnaoi da fear, agus bha a h-inntinn car neo-fhoiseil le bhi smaoineachadh air a liuthad galair bàis a bhanns an t-saoghal, agus gun robh fear a tighe buailteach a dhiomadh aon diu. Bha i o làithibh a h-òige atoirt làn chreideis don bheachd a than Sgriobtuir acur an céil a thaobh oibre freasdail Dhe; mar an ceudna, bha fhios aice gum be a dleasnas, aig uair na trioblaids na h-iomaguin, a h-athchuinge chur suas risan a bha comasach air gach neach a dhion o chunnart: mar so bha i ghnath, re an fheasgair, aguidhe airson turus shoirbheachail agus pilleadh shàbhailte do Mhonagan. Ach mo thruaighe, cha daithnich i fhathast bhaicebha i tur aineolach fhathast nach robh ann am Monagan caomhn ach an sionnach ann an craicionn na caorach. “Ge be nach bi olcna aire cha smaoinich e air lochd neach eile.” So mar a bha Iseabail bhochd.

Coma leat, cha bfhada gus an robhCaochladh cuir air clò Challuim.” An àm a bhi gabhail mu thàmh thug i mar a bàbhaist làmh air a h-uaireadair gus a thachras, ach ma thug cha robh sgeul oirra. Cha robh aice, mun dubhairt iad, ach an gad air an robh an t-iasg! Cha robh mìr dhi rifaighinn shios no shuas, thall no bhos. Ciod e dheireadh dhi? “ bheireadh air falbh i,” arsIseabal. “Cha chuireadh Màiri meur oirre. Tha i nis sia bliadhna agams cha do ghoid i fiach suip riamh. Tha i, ’n creutair, cho onarach ris na glasan. Ach cha robhs an t-seomar son diugh ach i fhéins Monagan, agus chan fheud e bhi gun tug esan leis is uaireadair aige mar tha. Mo chreach mhòr so thàinig! Uaireadair mathar! An ni mu dheireadh ris an dealaichinn a mhaoin an t-saoghail so.” Ghrad chaidh Màiri ghairm feuch am faca no an dfhairich i neach sam bith a tighinn an còir an tighe. Chan fhaca, ’s cha dfhairich Màiri creutair beò atighinn an rathad an tighe, ach dhionndrainn i an t-uaireadair an uair a bha icàradh na leapas a mhaduinn beagan an déigh a Mhonagan falbh, agus shaoil leatha gun do chuir Iseabailna pòcaid i mar is minig a rinn i.

Bhachuis a nis ro choltach gur h-e Monagan fhéin a thug leis i; “ach air an t-saoghal,” smaoinich Iseabail, “ciod am feum a bhaige air da uaireadair?” Ciod e thagam air ach nach tugadh neach sam bith a chreidsinn oirre nach robh Monaganna dhuine cho tréibhdhireachs cho onarach ri neach a sheas am broig. An déigh so gu leir, bha, mar gum beadh, a h-inntinn atoirt sainis dhi nach robh gnothaichean air am fagail le Monagan cho dòigheils bu chòir dhoibh a bhi. Chaidh i luidhe, ach cha dthànig lochdadh codail air a sùil fad na h-oidhche.

Thainig amhaduinn air a socair fhéin, agus maille rithe thainig sgeul air muin sgeil gu Iseabail a thug làn-dearbhadh dhi nach robh ann am Monagan ach an rògaire as air an do shil deur á athar. Thàinig caochladh chùnntasan a steach airson bathair a bha Monagan a cur an céil dhi a bha pàighte mios roimhe sin. Bha so dona gu leor, ach beagan na dhéigh sin thàinig sgeul moran ni bu mhiosa. Am feasgar roimhe sin, an uair a bha Monagan ag cunntas an airgids a dannsa, ged a bha dùil aige nach robh duinega fhaicinn, thuit e mach gun robh nigheann òg aig an robh iomadh eolais air Iseabail ann an sgairt-am-folach, agus chuala i Monagan abruidhinn ris fhéin. Thuig i mar a bha, agus cho mochs gan dthainig an bu mhoiche na sin a dhéirich ise gu dhol a thoirt brath a dhIseabail mar a bha chùis. Nuair a fhuair Iseabail am brath so thuig i gu maith co ris a bha a gnothach. Thug Monagan caomh an car aisde cho glans a ghabhadh deanamh. Bha i nis lom falamh. Cha phàigheadh am bùths na bhann na cunntasan a thainig a steachs amhaduinn. Bha na h-uile rud a bhann gu maith gearrta leatha, ach ciod e am feum a bhann dhi teannadh ri caoidhs ri bualadh bhas? Smaoinich i nach robh aice ach feuchainn ris a bheairt a bfhearr a dheanamh den bheairt bu mhiosa. “Beannachd leis gach ni dhfhalbhas, chan e dhfhoghnas.” Bha i gun fhios aice ciod a dheanadh i. Mu dheireadh thalls e bhuails a cheann aice gum falbh adh i as a dhéigh, ’s gun leagadh in ruith air an ruaig gu bràth gus am faigheadh i greim air, air neo gus am bàsaicheadh i air a thòir. ’S ann mar so a bhà.

Mun gann a thàinig an latha, an lathr-na-mhaireach bha i deas airson a turais. Dhfhalbh i, mhic a chridhe, ’s an colg sin oirre, ach ma dhfhalbhs ann aice bhan ceum làidir, fearail. Bha i cheart cho aigeannach ri Cas-shiubhail-an-t- sléibhe aon ga robh i riamh. An àm dhi bhidìreadh bheanns atearnadh ghleann shaoilte air a ceum nach robh i fichead bliadhna, dhaois. Bha cuid a dhamhrus aice gur h-ann a Mhanainn a chaidh Monagan, agus rinn i suas a h-inntinn gun gabhadh i ball-gacha-dìreach gu ruige Glasachu air acheud chrathadh rithe, an dòchas gum faigheadh i beachd-sgeul air n taobh a thug e air. Ge bfhada bha uaithe cha bfhada bha ruidhinn. Cha robh i fadan Glasachu gus an do thachair bana-charaid oirre a chuir failte oirre le mor chridhealas.

Fheudail, fheudail, ’s mi tha gle thoilichte gun do thachair sibh orm. ’S fhada on uair sin. Ach ciod e mar a tham pòsadh acòrdadh ribh? Chaneil sibh ag amharc cho maiths a babhaist duibh.”

Nis cha robh Iseabail deonach gum faigheadh neach sam bith a mach mar a bhachuis gus am bfheadar e, agus fhreagair i gu ciuin, socrach gun robh gach ni ag cordadh rithe glé mhaith, ach nach robh iga. faotainn fhéin cho maiths bu mhaith leatha o chionn beagan làithean; agus do bhrigh nach robh i riamh cleachdta ri bhi air falbh on tigh, gun robh i ga faireachduinn fhéin car beag troimh a chéile.

Ach, eadar dha sgeul, arsa bana-charaids iongantach gum bheil sibh fhéin agus fear an tighenar dithis on tigh. Chunnaic mi sealladh dheth an , ’s bha eg radh rium gun robh e direach adol a sheòladh a Mhanainn. Bha eg innseadh dhomh gum faighear gach seòrsa bathair am Manainn mòran nis saoire na gheibhear en àite sam bith eile. Tha duil aige moran bathair a thoirt dhachaidh, bha eg radh rium. Ach co ris a dhearb sibh am buth?

Fhreagair Iseabails thubhairt i gum beiginn di fhéins a Mhonagan am buth fhàgail, luachmhors mar a bha e, on bha gnothaichean ro chudthromach gan gairm on tigh. “Ni gach duine glic,” arsise, “a dhichioll air maorach maith a dheanamh fhadsa bhios an tràigh ann. Tha fhios agad fhéin gun robh mise riamh dichiollach air son rud a chur ma seach fa chomhair latha na coise briste, agus, mas maith mo bharail, tha Monagan a h-uile buille cho



[59]

[Vol . 5. No. 9. p. 3]

deidheil air airgiod a chur ma seachs a tha mise. Tham bùth an earbsa ri Màiri, agus cumaidh i gach ni gu ceart gus an tig sinn air ais.”

Chaneil feum a bhig aithris achorra den t-seanachas a bheadar Iseabailsa bana-charaid, ach a dhaon ni fhuair i mach n taobh a thug Monagan air. Thug so misneach bheag dhi. Sheol bàta do Mhanainn an ceann latha no dha, agus ghabh i a turus oirre. Nuair a ràinig iad am baile puirt chaidh i air tìr, ’s thoisich i ri feorach mu dheidhinn Mhonagain. An toiseach cha robh ifaotainn duine a bheireadh dad a bheachd-sgeula dhi mu dheidhinn. Mu dheireadh thall, thachair neach oirre a dhinnis dhi gum facas coslas an dearbh dhuine mun robh i feòrach a falbh a mach as abhaile gle mhochs a mhaduinn. Gun mionaid dàlach dhfhalbh is ghreis i a ceum mar a burrainn i. Lean in rathad mor fad an t-siubhail, ach chan fhaca i na bha uaipe. Bham feasgar aciaradhs na speuran afàs gruamach le coslas gaoithe agus uisge, ’s bha i fas gle sgith. Bhiodh in dràstas a rithist asmuaineachadh gum baimeadach an gnothuch dhi bhi falbh mar so gun fhios caite an robh i dol, agus nan tigeadh an oidhche oirre mun ruigeadh i tigh gum faigheadh i bàs leis an fhuachd. Bha fhios aice nach robh dad a bfhear dhi na cumail air a h-aghaidh gun fhios ciòd a chuireadh am fortan oirre.

An co-thràth na h-oidhche a biongantaiche leatha fhaicinnna shuidhe air cloich ri taobh an rathaid mhòr na Monagan caomh? Bha mo laochan an duil gun robh, air a chuid bu lugha, an cuan Manainneach eadar e agus Iseabail, agus air dha bhi car sgith shuidh e a leigeil analach. Chunnaic e Iseabail, sùil gan dthug e air a ghualainn a dlùthachadh ris, ach cha robh uine teichidh aige. De thagam air ach gun déirich braideans aoigh a mhealltair air a ghnùis, ’s ghabh en coinneamh Iseabails thug e sgaile pòige dhi. “A shùigh mo chridhe Iseabail, ’s mise ghabh an t-aithreachas air son mar a rinn mi on dhfhàg mi thusa. Bhuail esa cheann agam roid a thoirt a Mhanainn a dhamharc air mo mhàthair, agus bha duil agam a bhi air ais an ceann beagan laithean; ach bha mo chridhe gu bristeadh leis an aithreachas a chionn so a dheanamh air eagal gum biodh tusa gabhail fadachd. Tha mig iarraidh moran mathanais ort. Bithidh gach ni gu ceart gun dàil nuair a ruigeas sinn mo mhàthair. Ach de air an t-saoghal a ghluais on tigh thu? Tha eagal mòr orm gun dfhuair thu moran o dhfhàlbh thus gun cuir e galair do bhais air do shiubhal. Biodhmaid a falbh.”

Se fior bheagan a chreid Iseabail bhochd ma chreid i dad idir, de na briathraibh so. Bha a beachd fhein aice air Monagan, ach cha do leig i dad oirre mun airgiod no mun uaireadair. Bha duthar na h-oidhe ateannadh ri còmhdachadh gach ni, agus bha eagal a beatha oirre. Cha robh fhios aice nach tugadh e oidhirp air a mort, agus bha sgian ludhaidh fosgailtena pòcaid air an earalas. Bha iad mar so acoiseachd air an aghaidh mar gum biodh iad cho còirdte ri da cheann eich. Cha robh son seach aon ag ràdh a bheag. Ach mun canadh tu h-aon s a dha thug Monagan caomh cruinn leum thar an rathaid a steach don choille, ’s cha robh an t-ath shealladh aig Iseabail dheth. Thug i oidhirp air a leantuinn, ach on bha choille cho tiugh cha burrainn i dad a dhastar a churna déigh. Lean i roimpe mar a bfhearr a burrainn di an duil an dràstas a rithist gun ruigeadh i iomall na coille. Mu dheireadh thall chaill i a cùrsa gu buileach, ’s cha robh fhios aice càiten robh idol, mar nach bioghnadh, an déigh na rinn idhastar an latha, bha i air fàs gle sgìth agus airsneulach. Bha na h-uile rud na h-aghaidh, agus ged a bha deagh mhisneach aice riamh bha i nis air thuar a thréigsinn gu buileach. Cha robh aice ach am bàs roimpes na deigh; nan stadadh i far an robh i bhàsaicheadh i leis an fhuachd, oir bhan oidhche fliuch agus fuar; nan cumadh i air a h-aghaidh cha b fhada gus an tugadh i thairis leis an sgìos. ’S e rud a rinn i, chum i air adhart mar a bfhearr a burrainn di. Chunnaic i solus beag mùgach fada uaipe, agus rinn i dìreach air. Ràinig-a- cheart-air-éiginn. Ach ciod a biongantaiche leathanuair a bha idlùthachadh ris abhothan uaigneach so na guth Mhonagain achluinntinns caithream aige air gabhail phort. Thàinig i gu fàilidh gu uinneig bhig a bhair cùl a bhothains dhamhairc di gu caol a steach. Chunnaic i air ball cur an tighe. Bha Monagan an sin agus triùir no ceathrar eile de bhalagairean bhalach maille ris, agus cailleach mhòr fheusagach, ghlas, air an robh coltas air leth dalma agus dannarra. Chlisg i leis an eagal nuair a chunnaic i iad. Bha iad gu léir air an dall daoraich, ’s bheireadh iad greis air gabhail phorts air dannsadh, ’s treis eile air trods air sglàmhachd. Mu dheireadh thall thuit iad uile seachadnan codal thalls a bhos timchioll an teine ach Monagan agus achailleach mhòr, amhàthair. A reir coltais cha robh leaba astigh ach an t-aon, agus fhuair Monagan a dh urram, on bha e air ùr thighinn dhachaidh agus sluim mhath airgid aige, a dhol a luidhe innten oidhche sin. Nuair a dhòl e-fhéinsa mhàthair làn no dha na slige air a chéile chaidh e luidhe. Chunnaic Iseabail e cur an sporain agus an uaireadair focheann. Smuainich i on a rinn i na rinn i air toir an airgid gun tugadh i aon oidhirp eile fhathast mun tugadh i suas achùis. ’Nan rachadh an gnothach leatha bu mhaith, ach nam beireadh iad oirre bha i cinnteach gun rachadh a cur as an rathad air dhòigh eigin. Bha i air acur thuige cho mors gun robh i coma co dhiu bhitheadh i beò no marbh, agusse bhann gun rinn i suas a h-inntinn gum feuchadh i ris an uaireadair agus an t-airgiod a thoirt gun fhios o cheann Mhonagain. Dhealaidh i steach gu bog, balbh nuair a shaoil leatha gun robh iad uile nan suain chodail. Ràinig in leabas thug in t-uaireadair leathas thug i na buinn di. Bha i mar gum faigheadh i neart as ùr. Bha i glé thoilichte, ach bhan t-eagal oirre. Cha robh i ro chinnteach cia mar a gheibheadh i air a h-ais a dhionnsuidh a bhaile-phuirt, a thaobh gun robh an oidhche ann agus nach robh beachd mhath aice air an rathad air an dthàinig i. Coma co dhiu, chum i roimpe, ’s ghreas icas, oir bha eagal oirre nan duisgeadh Monagans gun iondraineadh en t-airgiod gum biodh e air a tòirsa mhionaid. Gu fortanach dhaimis i air an rathad mhor ann an tighinn an latha. Cha robh i fad air adhart gus an drug fear aig an robh eachus cairt oirre. Ghuidh i air a toirt don bhaile phuirt agus gum faigheadh e làn phaigheadh. Rinn e so. Ràinig im bailes fhuair i mach gun robh long adol a sheoladh air an fheasgar sin fhein gu ruige Glasachu. Fhuair i air bòrd, agus mun deachaidh aghrian fodha bha i far nach ruigeadh Monagan air dad a dhragh a chur oirre. Fhuair an long soirbheas glé fhàbharach, agus cha luaithe ràinig i Glasachu, ’sa fhuair Iseabail a cas air tir na thug i a h-aghaidh air a dachaidh. Bha gach ni gu dòigheil aig Màiri.

Ged a fhuair Iseabail bhochd mòran allabain agus moran dragha inntinn as deigh Mhonagain, bha i toilichte gun dfhuair in t-uaireadair sàbhailte, agus an t-airgiod gu léir ach ceithir no còig puinnd Shasunnach. Cha chuala i guth riamh a chrioch a chaidh air Monagan caomh, ’s cha mho na sin a bha iarraidh aicair. Chum im bùth air aghaidh mar a bàbhaist di, agus bha i gu comhfhurtail fhads bu bheò i. Cha do dhealaich Màiri riamh rithe. Rinn isa gniomh màthar ri Màiri nuair a shiubhail i rinn i dìleabach dhi.

So, ma ta, mar a chaidh am pòsadh a dhIseabail. Bha i da fhicheads a dha mun do phos i, agus fad na h-uine sin bha i gu maith saoras dragh inntinn Ach on la phòs i gus an latha bhàsaich i cha robh mòran toileachaidh aice. Cha ni glé ghlic do thé sam bith sgaomaire òg a phòsadh, ’nuair a theid i thar an da fhichead bliadhna. Agus bu chòir do na h-uile , seanus òg, smuaineachadh da uair mum pòsadh i neach sam bith. Ach chan ann mar sin a tha. ’S e thann cha smuainich iad idir air a chùis gu ceart. “Am fear nach seall roimhe seallaidh ena dhéigh.”

PEANNSDUBH. ’sa Ghaidheal.


Sean-Fhacail.

An rud a ghabhas isena h-aire, cha chuir an righ fhéin as e.

An rud as fhiach a ghabhail, is fhiach eiarraidh.

An rud a Domhnull dona, millidh Domhnull Dona.



[60]

[Vol . 5. No. 9. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
PublisherMac-Talla,’
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, OGUST 29, 1896.

Thugadh luchd-gabhail MHIC-TALLA an airenuair a bhios iad acur air adhart a phàighidh, nach cuir iad notaichean Geancach ugainn, oir anns an dùthaich so tha còig senticheanga chumail bhar gach dolair dheth. Iadsan a bhios acur airgeid ugainn as na Stàitean fhéins fhearr dhaibh òrdugh posta fhaotainn; le sin a dheanamh cha chaill aona chuid iadsan no sinne.

Bhatar ataghadh bhall don àrd pharlamaid ann an da shiorrachd Di-màirt sa chaidh. Bha aig dithis de mhinisteirean a chrùin ri aiteachan suidhe fhaotainn, —Blair agus Patterson. Thagh siorrachd Ghrey, an Ontario, Patterson le còrr us ceithir cheud bhòt a bharrachd air Wilmot a bha ruithna aghaidh, agus fhuair Blair astigh ann an siorrachdan Queens-Sunbury, an New Brunswick, le sia ceud a bharrachd air an fhear a bharuith na aghaidh féin, MacLaughlin. Tha na ministeirean a nise air an taghadh uile, agus deiseil gu dhol a dhobair.

Chaidh lagh a dheanamham Breatunn air an t-samhradh so, a deanamh mi-laghail a bhi toirt crodh beo a stigh dhan duthaich; feumaidh iad an deigh so a bhi air am marbhadh mun cuirear air falbh iad as an duthaichs an deach an togail. ’Sen reusan a thatar a toirt air son so a dheanamh, gu bheil eagal orra gun toirear galairean a stigh a sgaolas am measg spreidh na duthcha, ach tha daoine air an taobh so dhen chuan adeanamh a mach gur e fior aobhar an lagha, gu robh an Riaghladh air son cothrom na bfhearr a thoirt do na tuathanaich Breatunnach. Roimhe so bha lan chead air crodh beò a thoirt á dùthchannan eile, ’s bha e cho soirbh an creic ri crodh na dùthcha fhéin. Ach bheir an lagh ùr so caochladh mor air sin. Cuiridh e call nach beag air Canada, oir bha icur moran cruidh a null na h-uile bliadhna.

Tha Prionnsa Bismark dom àbhaist a bhi na àrd fhear-dreuchd anns aGhearmailt an dràstagabhail air fhéin fàidheadaireachd a dheanamh, gu bheil an Fhraing agus Ruisia adol an guaillibh a chéile gus an Iompaireachd Bhreatunnach a chur bun os ceann! Tha feadhainn adeanamh a mach nach eil anns an fhàidheadaireachd sin achaisling caillich air a dùrachd.” “Ach ged a thigeadh i gu crich, theagamh nach rachadh aig Ruisias aig an Fhraing air an dòigh fhein fhaighinn. Chaidh oidhirp dhen t-seòrsa sin a thoirt le cuid de rioghachdan na Roinn-Eòrpa uair no dha roimhe, agus cha do shoirbhich leotha ro mhath; ’nuair a bhan t-strith seachad, bha iadsan an iochdars Breatunn an uachdar.

Bha reis bhirlinnean aca ann am Breatunn air an t-seachdainnsa chaidh, agus bha birlinn aig Iompaire na Gearmailte, agus eile aig fear de uaislean, Baran von Zedwitz, anns an réis. Am feadhsa bha iad aseòladh anns an réis Di-màirt, bhuail birlinn an Iompaire ann am birlinn a Bharain, agus rinn i milleadh mòr oirre. Bha am Baran fhéin air bòrd, agus fhuair e leònadh a dhaobharaich a bhàs am beagan ùine, Bha an sgioba gu leir air an tilgeadh dhan uisge, ach fhuaradh an sàbhaladh. Sguir an réis air bàll an latha sin. Bha am Baran na dhuine inbheach na dhùthaich fhéin; bha ena bhall dhen phàrlamaid Ghearmailteach o chionn coig bliadhna fichead.

Tha iadsan aig am bheil fios ag radh gu bheil aig Cruger, fear riaghlaidh an Transvaal, an aon àireamh oghaicheansa thaig Ban-righ Victoria. Eadar chloinn us oghaichean, lem mnathans am fir-phòsda, tha seachd fichead pearsasa dha ann an teaghlach Chruger.

Tha duine ann an Stàit New Jersy, ag obair air ionnsachadh falbh aìr rothair, ged a tha en deigh ceud bliadhnasa tri dhe bheatha chur seachad. Nach en diùmhlach e.


AN CRANN TARA

(Am Fiery Cross. )

PAIPEAR MIOSAIL AIR SON ALBANNAICH CANADA, anns am bheil air a chlo-bhualadh Dealbhan agus Beath-Eachdraidhean Gaidheil Chanada; Eachdraidh nam Fineachan agus dealbhan an snaicheantais; Ceol, Bardachd, agus Sgeulachdan; agus sgriobhaidhean mu iomadh ni eile. Pris: — $1 .00sa bhliadhna, no sia miosan air son 50c. Sgriobh us cuir airgead guT . D. MACDONALD, 2591 St. Catherine Street, Montreal.


G. H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
Uaireadairean Oir us Airgid agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.
SIDNI, - - - C. B.


F . W. MORLEY,
DOTAIR FRADHAIRC

An aon fhear dhe sheòrsa thair Eilean Cheap Breatunn.

Faodar fhaicinn anns an stòr aigF . & J. Morley.

Neach sam bith aig am bheil droch fhradharc, no tha cosg speuclair nach eil a freagairt dhas coir dha toghal air.

Tha stoc math de speuclaireans de ghlaineachan sùil aige, agus ni e suas nungaidhean air son leigheas agus ceartachadh shuilean.

Sidni, C. B. Feb. 1, ’96.


C . H. HARRINGTON & CO.

Soithichean Dinnearach, Soithichean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe gach seorsa, SAOR.

Caiseart dhe gach seorsa, Brogan, Botainnean, Rubbers, &c , &c . Iad uile maths na prisean ceart.

Amhlan, Flur, Min, Ti, Siucar, Siabunn, Molasses, Olla, Mart fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. An seorsas fhearr.

Fiodh, Buird, Laths, Clachan-creadha, Aol, agus iomadh ni eile air am bi feum an am togail thaighean.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.


H. D. MAC ILLE-MHAOIL,
NYANZA , C. B.

THA e creic CLOTH, DROGAID, agus PLAIDEACHANEUREKAair a cheart phris air am beilearg an creic aig na muillin.

Tha Factoridh Eureka air aon den fheadhain as fhearr an Canada. Choisinn na Plaideachan a thatar adeanamh innte DUAIS AIRGEID aig Exhabition Chanada da uair.

Chreic e an uiridh fiach cheithir cheud deug dolair ( $1400 .00) dhe na h-aodaichean so an coinneamh Clòimhe, agus tha dùil aige barrachd air sin a chreic am bliadhna.

Tha luchd-gnothuich(agents)aige mar a leanas: —Ann an Siorrachd Inbhirnis, Niall Mac Ille mhaoil, aig Loch Ainslie, agus D. D. Mac Fhionghain, (Taillear,) an Orangedale; an Siorrachd Cheap Breatunn, Tearlach E. Clark, aigCross Roads Leitches Creek.Tha mu dheich air fhichead sampull aodaich aca, agus theid aca air seòrsa sam bith a thoirt dhuit ochd lathan deigh a chloimh a chur air falbh. Am bheil iad math? THIG AGUS FAIC.



[61]

[Vol . 5. No. 9. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Dhfhosgail na sgoilean air an duthaich Diluain sa chaidh. Bidh iad afosgladh anns na bailtean an ceann seachdain eile. Tha seachdain taimh a chorr air a thoirt daibh am bliadhna.

Chaidh nighean a mhuinntir Nobha Scotia, Caitriona N. Shiosal a chur à cochall a cridhe le tàirneanach ann am Boston air an t-seachdain sa chaidh. Chaidh i ann an laigse as nach do dhuisg i riamh.

Dhiùlt duine thafuireach ann an cearna dI stàit Indiana, leigeil lebhean a dhol dhan sgoe Shàbaid an la roimhe, agus thug i mach dagas loisg i air. Cha diult e leigeil leatha dhoil anni tuilleadh.

Tha fios á Port Hood ag innse gun deachaìdh naohdonar a thoirt gu cùirt an sin air an t-seachdain sa chaidh air son a bhi glacadhs a marbhadh bradain gu mi-laghail ann an Amhuinn Mhargaree, agus anns an Amhuinn Bhig, aig Cheticamp. Fhuaireadh an naodhnar ciontach.

Tha nighean ann an Charlestown, Mass., Carrie M. Keating, a mhuinntir Eilean aPhrionnsa, an deigh fear a mhuinntir Shina a phòsadh. ’Ses ainm dhaGoon Ming Yen,” agus tha ena cheannaiche ti anns s bhaile sin. Tha feadhain a deanamh a mach nach fhada gus am bi an dealachadh ann.

Chaidh coignear iasgairean amhuinntir cearna de Chuibec a chall air an t-seachdain sa chaidh. Dhfhàg iad an dachaidh air an 18mh latha dhen mhios, agus Di-Satharna sa chaidh fhuaireadh corp fear dhiubh air an tràigh. Cha dfhuaras sgeul air càch, agus thatar deanamh cinnteach gu robh iad uilair am bàthadh.

Thainig duine ann an cearna de Arkansas ri bheatha fhéin o chionn ghoirid air doigh glé gharg. Stob e e-féin le sgian ceithir uairean, agus an sin leum e ann an tobar domhainn, far an deach e à cnaimh na h-amhach. Chan fhoghainn le cuid a dhaoine cur as dhaibh fein, gun e bhi air an dòigh air am miosan gabh e deanamh.

Bha stoirm mhor le tàirneanaich us dealanaich ann an siorrachd Antigonish a sheachdain gus an Di-ciaduins an Diar-daoin sa chaidh. Bha sabhal le fear Uilleam Boudrot, air an Amhuinn a Deas, air a bhualadh leis an dealanachs air a losgadh, cuide ris gach ni a bha na bhroinn, innealan tuathanachais, each, carbad, agus am fiar uile.

Bha teine ann an Gaspereaux, an Nobha Scotia, a sheachdain gus an diugh. Bhrìst e mach ann am factoridh bharailtean, agus bha e air faighinn cho fad air adhart mun tugadh an aire dhas nach gabhadh stad cur air, agus bha a dha no tri de thaighean eile air an losgadh. Than call air a mheas eadar coig ceud deug us da mhile dolair.

Chaidh àireamh mhor de luchd-obrach as na mor-roinnean iseal do Mhanitoba air a mhsos so a dhionnsuidh na buana. Tham bàrr cho trom ann am Manitobas gum bfheudar còrr us da mhile duine thoirt à àiteachan eile gùs a chur gu feum. Gheibheadh duine bha air son a dhol a dhobair ann, air aiss air adhart à Nobha Scotia air son ochd dolair fhichead.

Tha Li Hung Chang, fear de dhard uaislean Shina air an t-samhradh so a cur cuairt air an Roinn Eòrpas air America. Thug e sgriob air feadh na Roinn Eòrpan toiseach agus toiseach na seachdain so sheòl e gu New york. Tha àireamh de dhuaislean eile comhla ris, agus tha moran lmrich adolnan cois; tha mu thri cheud bocsa a falbh leothaa gach taobh an teid iad. Am measg nithean eile tha Li a giùlan leis, tha ciste-laidhe, gu bhi deiseil nan tachradh sgiorradh sam bith a dhaobharaicheadh a bhàs.

An deigh a choigeamh latha deug dhen ath mhios, bidh cead aig daoine na cearcan-tomain a shealg. Than lagh a bacadh gin dhiubh a mharbhadh dadar a cheud latha de Dhecembers an coigeamh latha deug de September. Faodar ian seilg sam bith eile a mharbhadh an Ceap Breatuinn eadar an fhicheadamh latha dhen fhoghars acheud latha dhen Mhàrt.

Tha seann Ghaidheal ann am Pictou, Alasdair Mac-an-Tòisich, a tha bhliadhna seachad air acheithir fichead, agus ged a tha, cha do chuir e speuclair uime riamh, agus tha eg obair gu sùrdail a h-uile latha. ’Ses ceaird da bhi deanamh chuidhlichean-sniomha; chuir e crioch air cuidheal ùr air an t-seachdain sa chaidh, agus chàraich e àireamh de sheann chuidhlichean.

A sheachdain gu la na Sàbaid sa chaidh bha triuir nigheanan beaga ann am bata dol thairis air amhuinn bhig aig Napanee, an Ontario, ’s iad a dol dhan sgoil Shàbaid. Bha stoirm thairneanach ann agus bhual an dealanach air a bhàta; chaidh dithis de na h-igheanan a mharbhadh, agus chaidh an treas fhagail gu math leòinte. Cha robh gin dhiubh thar tri bliadhndeug adhaois.

Tha e coltach nach e aon duine bochd air am bheil fortan atighinn. Fhuair fear Uillean H. Stephens, a tha cur seachad an t-samhraidh anns na Stàitean, fios o dhachaidh ann am Montreal ag innse gu robh piuthar athar no màthar dha air caochladh, ’s gu robh a cuid an t-saoghal ri bhi air a roinn eadar e-fhèin ua dithis eile. Thatar ag radh gur fhiach an dileab àireamh mhuilleanan.

Chaochail Sir Daibh. Mac-a- Phearsain a sheachdain gus an Di-dònaich sa chaidh, air bord an t-soithich Labrador, a tighn a nall a Sasunn. Bha lighiche air bòrd ach dhfhairtlich air feum sam bith a dheanamh dha. Rainig an soitheach Cuibec Di-haoine. Rugadh Sir Daibhidh ann an Albas a bhliadhna 1818, agus thainig e mach a Chanada nuair a bha e seachd bliadhndeug a dhaois. Bha e na bhall den t-Seanadh on chaidh na mor-roinnean aonadh, agus bha e treis a bhliadhnaichean ann an dreuchd àird an riaghladh na dùthcha. Rinneadh ridire dheths a bhliadhna 1884.

Chaidh soitheach-smùide am Moldavia, a chur a ghrunnd a chuain eadar sos an t-seann dùthaich, a sheachdain gus an Di-ciaduin sa chaidh, le meall deighe annsn do bhuail i. Bhristeadh toll a stigh na toiseach, agus lionadh i le uisge gu luath. Ghreas na bha air bòrd oirre do na bàtaichean, agus beagan an deigh dhaibh a dhol annta, chaidh an soitheach fodha. Bha iad ann da dhuine fichead air fad, agus bha iad anns na bataichean fad deich uairean fichead; chaidh an sin an togail le soitheach eile thainig an rathad, ’s a thug gu New York iad. Bha am Moldavia air a turus a Wales gu Halifax le luchd guail.


POSAIDHEAN.

Anns anAberdeen House, ”an Sidni Tuath, air a25mh latha dhen mhios, leis an Urr. D. Drummond, Caiptean E. W. Hickey, Sidni Tuath, us Euphemia Churrie, nìghean Dhomhnuill Churrie nach maireann.

Aig New Campbellton, air an 26mh latha, leis an Urr. D. Drummond, Gilleasbuig Mac Fhearghais, fear-sùl na mèinne, us Ceit Anna, nighean Aonghais Chaimbeil, fear-gleidhidh an t-soluis air Eilean nan Ian.

BAS.

Air taobh tuath Loch Chatalone, air acheud latha de dhOgust, Eobhan Ailein, mac Alasdair us Cairistiona Nic-an-t- Saoir, sia miosan a dhaois. “Fuilingibh do na leanabaibh teachd a mionnsuidhsa, agus na bacaibh iad, oir is ann dan leithidibh sin rioghachd Dhe.”


OGUST, 1896.

1 Di-sathairne An Liunasdal.
2 DI-DONAICH 9mh Donach nn Trianaid.
3 Di-luain (2)An Cr.mu dheir.den t-Sol. 2. 20 F,
4 Di-màirt (2)Bas an Ollaimh Mac Thomais, ’52
5 Di-ciaduin Bas Rob Dhuinn, 1778.
6 Dior-daoin (5) Blar Traigh Ghruinneart, 1598.
7 Di-haoine A Ghrian ag eiridh, 4,58,
8 Di-sathairne Duibhre air a Ghréin.
9 DI-DONAICH 10mh Donach na Trianaid.
10 Di-luain (9) An Solus Ur, 0.48. M.
11 Di-màirt Blar Dhailrigh, 1306.
12 Di-ciaduin A Ghrian alaidhe, 7.6,
13 Dior-daoin Bacadh na Deise Ghaidhealaich 1746
14 Di-haoine Bas Mhorair Chluaidh, 1863.
15 Di-sathairne A cheud Chrtl. dhen t-Solus, 4.49, F
16 DI-DONAICH 11mh Donach na Trianaid.
17 Di-luain Bas Fhearchair Mhor, Phruisia, 1786
18 Di-màirt Blar Preston, 1649.
19 Di-ciaduin Bliadhna Thearlaich, 1746.
20 Dior-daoin BasIc Coinnich (Sar Obair. ), 1849.
21 Di-haoine Blar Dhunchaillinn, 1689.
22 Di-sathairne (23) Bas Uilleim Uallais, 1305.
23 DI-DONAICH 12mh Donach na Trianaid
24 Di-luain (23) An Solus Lan, 2.50, M.
25 Di-mairt Pongannan Pheairt, 1618.
26 Di-ciaduin A Ghrian ag eìridh, 5.20.
27 Dior-daoin Sealg Bhraight Mhair, 1714.
28 Di-haoine A Ghrian a laidhe, 6.39.
29 Di-sathairne Blar Loch-Aillse, 1722.
30 DI-DONAICH 13mh Donach na Trionaid.
31 Di-luain AnCartl mu dheir.den t-Sol.6 41M


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Ioseph A. MacGillios, Q. C., M. P.
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, &c .
SIDNI, . . . C. B.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: —Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, C. B.


So a Mhic!
Ciamar a tha dUaireadair?
Ma tha e am feum càraidh air doigh sam bith, their e gu
Rhodes & Gannon,
SIDNI & SIDNI TUATH.
Cha chosg a ghlanadh ach 75c., Mainspring ,75c. An da chuid, $1 .25.
Agus theid iad an urras air an obair.


Am bheil thu gabhail Mhic-Talla?
MUR EIL
Cuirga iarraidh
$1 .00 sa bhliadhna.



[62]

[Vol . 5. No. 9. p. 6]

TUS AGUS NADUR DIBHE LAIDIR.

(Air a leantuinn.)

Tha na daoine ris an abrar Quakers comharaichte air son a bhi seachnach air deoch laidir; agus uime sin tha am beathasa, a reir a cheile, ceithir bliadhna deug nis fhaide na beatha a chuid eile den t-sluagh. Tha cuid de ghalaraibh sgrathail dom bheil misgeirean a mhain buailteach. Chan fhaod daoine a bhi smuaineachadh nacheil deoch laidir adeanamh coire dhaibh ach nuair a tha ig an goirteachadh; oir tha leighean ag innseadh gum bheil i deanamh coire an cònaidh air cho beags gan gabhar dhi, agus gum bheil neach cuid de dhuairibh gun ghoirteas sam bith, nuair a tha taobh a stigh a ghoile air iongrachadh le dibhe. Mar so tha morang am mealladh fhein mar a bha fear a thubhairt gu robh esa na ioma shlàinte ged a bha eg òl moran leanna car fhichead bliadhna, agus bhasaich e leis an t-ath latha.

Chan eil beathachadh idir an uisge beatha no deoch laidir a thair a tarruinn mar sin; agus chan eil beathachadh an leann ach na thanns an leann-loisgte, a bheirtheir do na mucaibh. Chan fhearr fion no portair.

Tha cor moran sheoladairean agus dhaoineile a leig dhiu deoch laidir gu tur, a dearbhadh gur ro mhearachd barail nan daoine a tha smuaineachadh gum bheil alcohol a neartachadh neach; oir tha iad uile ag radh gum bheil iad nis treises nis cruadalaiche, agus nis murraich air mòran obair a chur troi laimh na bha iad an uair a bha iad ag òl a bheag no mhor dhi.

Tha mile mhiltean punnd Sasonnach leth-cheud uair thairis air a chosdadh gach bliadhnas na rioghachdaibh so air deoch laidir, suim, a chumadh suas na bheil de shluagh an Albainn car thri bliadhna. Chuireadh na thatar acur a h-aithne dheorna am Breatunn comhdach, slat air dhoimhnead, air rathad mòr, coig slat air leud agus da cheud agus sea mile deug air fad.

Tha deoch laidir a toirt moran tuille call air an rioghachd na than stuth a cosdadh oir tha i toirt moran dhaoine gu bochdainn as laigse, a than sin a tighinn beo air daoin eile, agus tha na miltean a tha i toirt gu cionta nan eallaich air an duthaich, ai dhoigh no doigh. ’S is aobhar air moran de na losgachaibh caillteach a tha tachairt tric air feadh na rioghachd, agus air iomadh long-bhriseadh, far am bheil moran bathair air a chall an cònaidh, agus iomad uair beatha dhaoine. A bharr air a so, tha i tarruinn air dhaoine moran ghalaran agus chuisean lagha, a tha mar an ceudna a cosd ro mhoran airgid.

Math a dhfheudte gun abair thu gum bheil leighean gu tric ag comhairleachadh do dhaoine deoch laidir a ghabhail, air son feum an slàinte. Ach tha mise ag radh riutsa gum bheil leighean mar so a toirt iomad neach gu dubh mhisg. Cha bu choir dhaibh so a chomhairleachadh uair air bith oir cluinn ciod a thubhairt Johnson, leigh ainmeil an Lunnuinn. “Tha mise ag radh gum bheil iad( ’s e sin deochan laidir) anns gach cuis cronail mar dheoch, agus nach eil feum orra mar leigheas, a cheann gum bheil stuthan eile againn a ni an gnothach a cheart cho math, mur dean nis fhearr.” Ach tha leigheang a thoirt do shluagh euslan iomad uair, cheann gum bheil iad furasd am faotainn, agus taitneach don ghoile a thug iad fon leigh.

Thachair do mhoran de leighibh mu alcohol mar a thachair dhaibh o chionn fada mu lotaibh. Bha a chleachda aca olla goileach a thaomadh orra agus theireadh iad nach gabhadh lot leigheas ceart gun so. Thachair do Fhrangach dom bainm Paré aon uair nach burrainn da olla fhaotainn; agus mar sin fhuair e doigh air lotan a leigheas nib fhearr gun olla idir. ’S e thubhairt leigh Gallda ri brathair-ceird da an Dun-eidin: “Cha bu choir dhut a bhi cho dian an aghaidh dibhe, oirs ann orra a tha sinn a deanamh moran der cosnaidh.” Tha so a leigeadh ris aon aobhar air son cuid de leighibh a bhi air taobh an òil. Tha cuid de na leighibh as fhearr an Dun-eidins an Lunnuinn air leigeadh dhiù bhig orduchadh dibhe an cuis air bith. Ma bha daoine a faotainn a chuid a bfhearr de na h-eugailibh air son an robh na Gaidheil a toirt uisgebeatha dhaibh, ’s ann a dhaindeoin air an leigheas mar bu trice, ’s cha bann le chònadh, mar a chi neach air bith a smuainicheas air buaidhibh alcohol.

Chan ann air pearsa agus air sporan duine a mhain a tha deoch laidir a drughadh: tha i milleadh a chinn agus a chridhe cuideachd. Tha mheamhair a failneachadh, agus an t.uigse air a h-anfhannachadhs air a dalladh; agus tha an cridhe a fas fuar gun fhaireachdainn. Tha gach aon duine a bha riamh trom air an deochna dhearbhadh air a so. Tha iad a fas clannail gun seagh, gun fhirinn, gun onair; agus ma gheobh iadsa pailteas dibhes coma leotha ged rachadh an saoghal a dhìth. Nach uamhasach an sealladh duine tapaidh, gasda, teobh-chridheach fhaicinn air a thoirt chum na staid so!

Ach ma a dhfheudte gun abair thu— “O, ’sann bho anameasarrachd tha so uile a tighinn; nam fanadh daoine air cuimse, cha bhiodh ni am mearachd.” ’S ann an so agus earail a ghabhadh toirt dhaibh, thainig an lathas an robh milltean diu nan dubh a tha chealgaireach dair am bheil Solamh a labhairt. Mur blaiseadh daoine boinne idir, tha e soilleir ri fhaicinn gun rachadh a mhisg agus gach diubhal a thana lorg air chul a dhaona bheum. Ach ged a bha an langan so, fanaibh air cumse, an cluasaibh dhaoine bho cheann còr as da mhile bliadhna bha a mhisg a sior neartachadh gus an do theann sluagh ri leigeil dhiu a bhiga bhlas. Bha gach neach lan dearbhte nach dtigeadh an lathas am bitheadh esa na mhisgeir; ach a dhaindeoin gach comhairle mhisgeirean. Tha e furasd fhaicinn car son a bha na comhairlean ud gun fheum. “Fanaibh aig cuimse,” ars iadsa; ach cha dinnis iad daibh ciod e cuimse, oir cha burrainn daibh; cha robh dhaibh tomhas sonraichte ainmeachadh; oir cuiridh tomhais nach aithnich fear aige misg air fear eile; agus chan e tomhas a chuireadh misg air fear an uiridh a chuireas misg air am bliadhna. Cha mhugha burrainn daibh a radh, mar a dhfhaodas iad a radh a thaobh biadh as deoch, iad a ghabhail gus nach bitheadh deigh aca air tuille; oir mar is mugha a dhòlas neachs ann is mugha a dheigh air tuille. Cha robh math a radh iad a dhòl gus am faireadh iad an cinn a fàs aotrom; oir air cheann sin bitheadh daorach bheag orra.

Achs ni faoin a bhi a bruidhinn air cuimse an leithid so de chuis. Se cuimse, gu leor de ni feumail. Chan urrainn cuimse a bhi an nithe cronail. Bamaideach do neach a radh nach robh eucoir cronail nam fanadh daoine air cuimse; agus tha e cheart cho amaideach a bhigradh nach eil cron an deoch laidir ma dhfhanas daoine air cuimse, nuair a tha i deanamh cron air cho beags gan olthar dhi.

S ann o bhig òl beagan an dràstsa rithist a thainig gach misgeir a bha riamh air an talamh gu fas deidheil air an deoch, agus gu bhig ol moran. Cha chualas iomradh air neach riamh a thainig gu bhi na mhisgear a dhaona bheum.

On a tha nadur an duine agus buadhan na dibhe direach mar a bha iad, an ni a bhase a bhìtheas. Fhadsa bhios daoinega bhlasad, thig moran diu gu bhi nam misgeiribh. Tha gach neach deas air a bhin duil gun teid esa as, on a chaidh daoine eilas: ach beachdaicheadh e air a chuis gu geur, gun chlaon-bhreith, agus chi e nach eil dearbhadh air bith aige nach bi e air aon den dream air an toir an dibhe buaidh. ’S e thug air moran fas trom air an òl gun robh iad am barail nach tigeadh an latha a thig iadsa gu bhi mar so. Tha duine cinnteach nach ionnsaich en t-òl fhads nach blais e boinne, ach ma tha ega bhlasadh chan urrainn da bhi cinnteach.

Cha ruig mise leas ni a radh mun dòigh anns a bheil daoine carach mealladh dhaoine eile troi mheadhon deoch laidir, agus a faotainn uapa brath air iomad ni nach bu choir dhaibh innseadh; oir chan eil moran aig nach eil fhios air a so a cheana.

Na biodh daoine a smuaineachadh nach dean dibhe coire dhaibh mur òil iad uair air bith gus am bi an dall daoirich orra: oir tha daoine foghluimte ag innseadh gu sònraichte gum bheil a bhig a bhlas tric nis miosa na bhig òl moran corr uair, agus gur luaithe bheir e bas duine a thag òl beagan gach latha na bas fir a dhòlas aon, uair sa mhios gus a bheil e call a bheachd agus lus nan cas. Chunnacas daoine don do thog a bhlaisemeineachd so an galair ris an abair leigheansa Bheurladelirium tremens,no am boile critheanach eucail sgàthach, nach



[63]

[Vol . 5. No. 9. p. 7]

fhacas riamh-air neach a bha seachnach air deoch.

Dhinnis mi dhuit gun oibrich sugh mheasan nuair a dhfhagthar iad sgaoilte fon aile. ’S ann mar so a reir coltais, a fhuaras a mach deoch laidir an toiseach. Nuair a thug Noah an sugh as na fion-dhearcaibh, chaidh leigeil leis seasamh an saothach fosgailte; agus mar sin dhoibrich e. Nuair a dhòlse dheth, thug en aire gun dfhas e beothailna dheighe: agus mar sin mheallthar e, mar a mhealltharcho lion mile da shliochdna dheighe. Shaoil daoine nach deanadh e coire air bith mur oileadh iad gus am bitheadh iad air mhisg; oir nuair nach oladh iad ach beagan cha robh an t-olc cho mor na cho soilleir; agus tha daoine deas air a bhi leigeil as am beachd nan dubhailcean a tha tighinn an lorg ni a tha toirt toileachadh dhaibh aig an àm; agus mar sin lean daoine air a bhig òl alcohol gus an latha an diugh.

Cha robh eolas aig daoine air stuithibh tarruingte mar uisge-beatha gu naoi ceud bliadhna an deigh teachd ar Slanuighear. Mun am sin bha daoine am barail gun gabhadh stuth fhaotainn a theanndadh gach ni gu-hòr; agus uime sin smuainich ollamh Arabach gum feuchadh e ri fion a tharruinn gun fhios nach fodhnadh an stuth a thigeadh as; oir bha iad eolach air tarruinn roimhe so agus bha fios aca gun robh an stuth tarruingte mòran ni bu treise na an stuth as an dthainig e. Rinn e sud, aguss ann mar sin a fhuaras a mach branndi no uisge beatha an toiseach. Cha deanadh e airgiod no òr de ni a chiuthrear ann; ach bha e moran ni bu treise gu daoine a bheothachadh na fion. ’S ann air son so a thugadh uisge beatha mar ainm airachse uisge báis ainm bu fhreagarraiche gu mor. Chaidh buaidhean an stutha a mholadh thar tomhas; cha mhor nach tugadh e beo na marbh, a reir na h-aithris. Bha daoines an àm sin ro aineolach, agus deas gu bhi creidsinn gach ni a dhinnsear dhaibh, a bha idir dealbhach, gun a bhig iarraidh dearbhadh pongail gun robh e fior; agus mar sin chreid iad gum bu leaghas ro fheumail alcohol. Achsann mar leigtheas a mhain a ghnathaichthear e car sheachd ceud bliadhna, agus cha robh e ri fhaotainn ach am buthaibh nan leigheas-reiceadairean. Ach chomharraich cuid de na h-Arabaich mar a chuireadh branndi daoine air bhoile car seal; agus uime sin thug iad alcohol no al goril mar ainm air, ’se sin, air eadar-theangachadh, an droch spiorad, agus lean an t-ainm sin ris gus an lathan diugh.

Fhuaras a mach a rithist gum faidhtear stuth co-ionnan a leann no ni air bith mar sin; agus their na Gaidheil amse uisge-beatha ris an stuth a gheobhair a leann bracha. Bho cheann còrr us da cheud bliadhna thoisich cuid ri smuaineachadh gur cinnteach gun robh e feumail do dhaoine slainnteach, cho maths do dhaoine tinn, ged a tha dearbh fhios aig gach leigh gum bheil gach leigheas cronail do dhaoine slainnteach; agus mar sin, uidh airn uidhe, thainig daoine gu bhig a òl air gach tachartas.

P. MAC GRIOGAIR.


Than Ti Uile-chmhachdach sin aig am bheil uachdaranachd os ceann nan uile, ’ga dheanamh feinna sheirbhiseach dhoibhsan as ìllse agus as lugha de na creutairibh aige fein. Am bu chòir don chinne-daoine, uime sin, a bhi co uaimhreach agus co àrd-inntinneach, is nach dean iad cuideachadh le aon a, chéile? Am bu choir doibh tair a dheanamh air an dleasnas sin trid an compairtich iad an cumhachd, an treòir, agus an co’ -fhulangas fein riùsan as lugha agus as sùaraiche dhen co’ -chréutairibh fein? Ma bhios an nàdur so ann an aonnar measgne, nach tur suarach e ann an sùilibh an Ti Bheanaichte sin. dam bheil cunntas aig gach neach ri thabhairt suas.


Aodaichean Deante dhe gach seòrsa, Adan, Curraichdean, Leintean agus Brogan, aig D. J. Domhnullach. Tha a phris iseal, ’s tha gach ni a gheibh thu aige math.


C . P. MOORE.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Bathar Tioram.

20 paidhir de bhrogan bhan, 65c am paidhir.
Seall air Deiseachan fhirionach a tha sinn a creic air $3 .25.
Tha sinn a dol a sgur a chreic Bathair Tioram, agus creicidh sinn na thagainn gle shaor.
IAIN A. Mac COINNICH & CO.


CARADH
Uaireadairean
Glanadh, $0 .50
Mainspring , .60
An da chuid, 1.00
W . H. WATSON
Air an t seann Laraich.
Baddeck , C. B.


Tha so air a chumail do Niall Mac Fhearghais, Taillear.
Ma tha aodach a dhith ort, feuch nach teid thu seachad air.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar uthcha thanar beachd


A. J. G. MacEachuinn,
Fear-tagraidh. Comhairliche
Notair, &c .
Fear-ionaid ard chuirteanNova Scotia
QuebecagusNewfoundland .
SIDNI, - - - - C. B.


Siosal & Crowe,
Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.



[64]

[Vol . 5. No. 9. p. 8]

Oran do Thobar an Traigh Loch Eridol.

LE MAIRI NIC-EALAIR.

Ciod a chuir thu, Thobair fhior-uisg’,
Dhiarraidh anns an tràigh do chuaich’,
Far nach tig an t-eun a dhòl dhiot,
S nach cinn feoirnein air do bhruaich?

Gur miliss gur grinn thu Fhuarain,
S air leam fheìn gur cruaidh do dhàn,
Am folach am broileach na mara,
Fhads a mhaireas am muir-làn.

Bfhearr leam dfhaicinn anns an fhireach,
No an innis gharbh nan craobh,
Far an òiltthu moch us feasgar,
Leis an Eilid is a laogh.

Far an tigeadh an Damh cabrach,
Oleabaidhs a chreachunn fhuar,
Dhòl gu deòthasach den fhior-uisg,
Rinn fhalluinn co sgiamhach tuar.

Far an iarrtthu leis an t-sealgair,
Sgiths an anmoch tighinn on bheinn,
Sn uair a dhòladh e a leòir dhiot,
Cha lùbadh ém feoirnoin bhuinn.

Far an tigeadh eoin abigil,
Fhliuchadh ribhead nam ponc binn,
Seal mun dùisgeadh iàd a choille,
Le coireall nan laoidhean grinn.

Farm bu mhiann le maighdinn bhòidhich,
Bhi cumail na còmhdhail àigh,
G eisdeachd as ùr cliu na maise,
Chuir lasadh an cridha gràidh:

Igoid seallaidh tric adsgàthan,
Den àilleachd mun drinn e sgéul,
Sn uair a chromadh i a dhòl diot,
Emaoidheadh dhut pòig obéul,

Bannsa leam an sud thu, Thobair,
Nabhi feadh nan clachan garbh.
Dòrtadh do shruthanan soilleir
Am broilleach nan tonnan searbh;

Dortadh dfhior-uisge gu diomhain,
S ged dhfhiachadh tu gu La-Luain,
Cha dean thun cladach nas grinne,
S cha dean thu milis an Cuan.

FREAGAIRT AN TOBAIR.

Ciod a chuir thu, ’bhean, ’g am chumha
Ged is garbhs is dubh mo chuach,
Ged nach e grinneal is grunnd dhomh,
S nach cinn flùran air mo bhruaich.

Tha mi anns an traigh cho suaimhneach,
Ag éisdeachd ri nuallan nan tonn,
S ged bu cheol dhomh na h-àrd langain
Aig leannan nan aighean donn.

Chan eil grinneas na mna-uaisle
Ceangailte ri luach a séud,
S ged bhios riomhadh daor mun fhiodhuill,
Cha dean sud nas binnan téud.

S ged bhiodh ròsan, feur, us biolair,
Mu mbhiles an aonach àrd,
Se na bfheairrd ni fhein sud agam,
Bhi maiseach an sealladh Bàird’,

S ioma bean tham bothan brònach,
Aig abheil sòlasn a crann,
Nach eil aig bain-tighearna mhòrail,
Aig am bheil an t-òr neo ghann.

S ioma bean a tha mar mise,
A dòrtadh ionmhas a gaoil
Far nach faigh i meas no pris air,
Gus an ruig i crioch a saoghail.

S ged tha mise leth mo latha
M folach am broilleach an loch,
Eadar tràghadh agus lionadh
Bheir mi don iotmhor a dheoch.

S ged nach tig a ghreadhan uallach,
Dhiarraidh fuarain feadh nan clach,
S tric ag òl dhem shruthain fhior-uisg
An eala, an gèadh, us an lach.

S ged bhithinn gu flurachs na tolmain,
No an innis ghuirm na tùs,,
Cha deanadh tu fhein dhomh òran,
S chan fhaiceadh tu boidhchead nam ghnuis.

Cha dean n cladach nas grinne,
S ris a chuan cha bhi mistri,
Ach bheir mi mo shruthan gu milis
Don àite anns na chuireadh mi.

St. Petersburg, as t-fhoghar, 1875.


STOR UR TAILLEARACHD
ANN AN
StorW . E. Peters.

Aodaichean Mathadhe gach seorsa.
Gearradair air ur-ionnsachadh ann an Sgoil ghearraidh Mhitchell, an New York.

Theid sinn an urras air an obair.
MacCoinnich & Co.
Sidni, C. B.


SANAS.
Ma tha thu air son Deise mhath dheante fhaotainn air pris iseil, rach a choimhead air
D. J. DOMHNULLACH


D . A. HEARN.
Fear-Tagraidh, Notair &c . &c .,
SIDNI, - - C. B.


NUAIR THEID THUBHADDECK
taghail an stor
Albert I. Hart.
Tha Stoc mor aige dhe na h-uile seorsa bathair.
Bathar Tioram, Bathar Cruaidh
Amhlan, Aodaichean, Caiseart,
Adan, Curraichdean, agus iomadh ni eile.
An seorsas fhearrs aphris as isle.
ALBERT I. HART.
Baddeck, Aug. 1, ’90.


NIALL DOMHNULLACH,
CEANNAICHE.
Ti, Siucar, Amhlan, Milseanan, &c .
Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa.
Mu choinneamh Tigh-Osda Dhunlap.
BADDECK , C. B,
Tha e na fhear-gnothuich don MHAC-TALLA, agus faodar pris a phaìpear, agus ainmean luchd-gabhail a thoirt dha.


McDonald Hanrahan & Co,

Tha sinn afosgladh stoc mor de Bhathar Tioram a fhuair sinn direach
A ALBA.

Tha ar prisean iosal, agus tham bathar dhen t-seorsas fhearr. A bharrachd air stoc mor de Bhathar Tioram,tha sinn a cumail
GACH SEORSA CEANNACHD.

MACDONALD HANRAHAN & Co
Mai 4. ’95;


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a MHAC-TALLA. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach nam prisean.

titleIssue 9
internal date1896.0
display date1896
publication date1896
level
reference template

Mac-Talla V No. 9. %p

parent textVolume 5
<< please select a word
<< please select a page