DAIN AGUS ORAIN.
FEAR SGIATHABOST.
LUINNEAG:—
Olaidh sinn deoch-slàint’ an uasail,
Chum an Iubilee le suaimhneas,
A thug saorsa d’ a chuid tuath’,
’S a thog an t-uallach bharr an cìnn.
Chuir thu onair air a’ Bhan-righinn,
Riamh nach cuala neach a shamhladh,
Air a dhèanamh fo ’comannda,
Bho ’n là fhuair i snaim a crùin.
Chuir thu onair air na Gàidheil,
Air do chinneadh, ’s air do chàirdean;
’S fhad’s bhios anail aig na bàird,
Gum bi do chliù le gràdh ga sheinn.
Olar i ’s na h-uile ceàrna
Far an cruinnich Clann nan Gàidheal,
’Guidhe beannachd o na h-Ardaibh
Bhith air d’ àl, o lìnn gu lìnn.
Olar leis gach sean is òg i,
Anns gach ceàrna dhe ’n Roinn-Eòrpa,
’Dh’ fhalbh a Eilean uaine ’Cheò,
A’ guidhe sòlais air do cheann.
’S iomadh ceàrn ’s an téid a gléusadh,
Ann an Gàidhlig ’s ann am Béurla,
Crathadh làmhan aon a chéile—
Slàint’ an diùlnaich thréin a chaoidh!
Tha gach bantrach agus truaghan,
Tha air d’ oighreachd is m’an cuairt di,
’Guidhe slàinte ’s saoghail buain duit,
Agus suaimhneas aig a cheann.
’S iomadh bliadhna bha thu monmhur,
’S, na do chridhe, làn de dhoilgheas;
Do chuid tuath’ a’ falbh a dhorbhach,
Is am mor-ghath ac’ na’n laimh.
Ach thug thu saorsainn daibh is fuasgladh,
Nach ’eil cainnt aca ni luaidh air,
’N uair a thug thu ’n t-srian o ’n truaghan
’Chuir trì duail oirr’ agus snaim.
Olar i le stubh na Tòiseachd,
An t-Ileach, Talasgair is cròic air;
Lìon an t-slige, ’n gliog ’s an crònan,
Slàinte Lachlainn Oig an Uird!
Olaidh sinn deoch-slàint’ an uasail,
Chum an Iubilee le suaimhneas,
A thug saorsa d’a chuid tuath’,
Gun òl sinn suas i gus a’ ghrùnnd!
title | Fear Sgiathabost |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |