[39]

AIRGIOD-CINN ALASDAIR BHAIN

AIR MAIRI, NIGHEAN IAIN BHAIN, AGUS I AIR CHALL.

Fhreagair Màiri air ais:–

Tha mi gu mòr ad chomain, Alasdair, air son a bhith a’ feoraich air mo shon troimh ’n Ard-Albannach choir. Ged chuireadh a’ Bhàn-righinn fhéin fios mu m’ thimchioll anns na paipearan Gàllda cha bhiodh na bu mhò thoil-inntinn agam. Ach tha fios agadsa agus agamsa, Alasdair, nach ann ann am mòr phailteas nan nithe tha e a’ sealbhachadh tha beatha an duine. Na ’m bithinn cho beairteach ’s a tha mi cho bochd, Alasdair, bheirinn pùnnd Sasunnach gun robh thu ann an talla mhor nan Gaidheal ann an Glaschu an oidhche bha a’ choinneamh ann. An uair a chunnaic mi an t-Ard Albannach fhéin a’ tighinn a stigh, le cheann cnuacach dubh, agus a dha shùil cho biorach ’s gun saoileadh tu gun rachadh iad troimh ’n bhalla, shaoil mi gum bu leam fhéin an tigh agus na bh’ ànn. Ach innsidh mi dhuit mu ’n choinneamh, Alasdair, anns na rannan a leanas; agus so mar their mi:–

Gum b’ aoibhneach an sealladh leat fhaicinn,
’San fhàrdaich ’n uair thionail na sùinn,
An comunn is uaisle tha ’n Glaschu,
No chithear air faiche no fònn,


[40]

Le ’m féileadhnan-beag’ air am pleatadh,
’S an calpannan taiceil cho crùinn,
’S am mnathan ’s an clann anns an fhasan,
A’ dannsadh ri caismeachd nam piob.

Buaidh le comunn mo ghaoil,
Piseach air comunn mo ghaoil,
’S gun soirbhich gu math leis a’ chomunn,
Dha ’n suaicheantas monadh is fraoch.

’N uair ràinig mi dorus an talla,
’S a dh’ fhairich caithream nam pìob,
’S a chuala mi Ghàidhlig ga labhairt,
Toirt crathadh dhe’n lamhan domh fhìn.
Cuin thainig thu Glaschu, Mhàiri,
Gur fhada o dh fhàg thu Port-rìgh,
’S math b’ aithne dhuit m’ athair ’s mo mhàthair,
’N uair bha sinn a’ tàmh anns na glìnn.”

Cha mhor gun d’ tharruing mi m’ anail,
’N uair chruinnich na Gàidheil mu m’ cheann,
A dh’ fhoighneachd dhiom, “Ciamar a tha thu,
No bheil thu na d’ shlàint aig an àm?
Nach tusa bha deanamh nan òran
Chuir onair cho mòr air ar clànn,
Thug a leithid a stialladh do ’n Bhàillidh,
’S do churaidhean Bheàrnaraidh tàing?”

Fagaidh sinn sin mar a tha e,
Bho choisinn na h-àrmuinn an geall,
A’ seasamh cho duineil an àite,
Is ordugh a’ Bhàillidh cho teànn,


[41]

Tha fios aig na ciàdan mar thà,
Nach ’eil mis’ ann am fàbhor nan Gàll,
Ach ’s coma leam ’s d’ athair na Ghàidheal,
Ged thigeadh do mhàthair o ’n Fhràing.

’N uair shuidh mi ’s a chunna mi ’n sluagh,
Thainig seorsa de thuaineal am cheànn,
A’ faicinn nan ciadan m’ an cuairt domh,
Cho modhail ’s cho stuama na ’n càinnt;
Gun ghin ann ach gineal na tuatha,
A choisinn a’ bhuaidh anns gach àm,
Rinn na Sasunnaich fhuadach a Ghlaschu,
’S nach cluinn iad ach glagadaich Ghàll.

Thig mi air ais leis an fhacal,
Ach mathanas mise cha ’n iarr,
Chan e Sasunnaich uile bu choireach,
Ach uachdarain dhona nach b’ fhiach;
A’ cosd an cuid stòrais an Lunainn,
Nach b’ aithne dhaibh fuireach aig rian,
A’ reic an cuid fearainn air faoineis,
’S na ’n éiginn gu saoradh nam fiach.

Ma ghabhas sibh comhairl a’ churaidh,
Tha seasamh cho duineil ur taobh,
’S a’ fèuchainn an gluais e chlach-mhuilinn
A chuireadh air muineal nan laoch;
Cuiribh litrichean ciallach a Lunainn,
Is dearbhaibh ur n-urram ’s ur maoin,
Agus faighibh ur fearann air ais,
Agus nochdaibh ur gaisge dha ’n t-saogh’l.


[42]

Bha aon fhear is coltas ro shuairc air,
Le boineid, is cuaille na làimh,
Is cromag mar chitheadh tu buachaill,
A’ glacadh nan uan anns an fhàng.
’S ann shaoil leam ’n uair sheall mi m’ an cuairt domh,
Gun robh mi air cruachan nam beànn,
Ach innsidh mi fhathast an duan duibh,
Co e an duin-uasal a bh’ ànn.

Chan urrainn domh ’n ainmeachadh uile,
Oir chosdadh e cus dheth ar tìm,
Bha fear dhiubh na Fhrisealach duineil,
’S chan aithne dhomh duine cho grìnn;
Tha leithid a’ ghaol aig air Gàidhlig,
Is guth agus tàlant gu séinn,
’S air son Bhlackie, is Cluainidh, is Teàrlach,
Chan eagal do ’n Ghàidhlig a chaoidh.

Beannachd leat, Alasdair Bhàin,
Agus innis do m’ chairdean gu léir,
Gu bheil mi gu math na mo shlàinte,
Am beannachd is fhearr tha fo ’n ghréin;
Tha mòran de dh’ òranan Gàidhlig,
Bha mise a’ tàthadh r’ a chéil,
’S ma chaomhnas am Freasdal mo shlàinte,
Gum faigh sibh an àireamh gu léir.

Buaidh le comunn mo ghaoil,
Piseach air comunn mo ghaoil,
’S gun soirbhich gu math leis a’ chomunn,
Dha ’n suaicheantas monadh is fraoch.

titleAirgiod-cinn Alasdair Bhain
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page