FAIGHE NA CLOIMHE.
Ged a tha mi ’n so air m’ aineol,
Ann am Baile Ghrianaig,
’S cho fad o ’n dh’ fhàg mi Tìr nam Beann
Gu bheil mo cheann air liathadh;
Gu bheil mo chridhe cheart cho blàth,
’S tha ghrian an àird’ na h-iarmailt,
Do ’n tìr ’s na dh’ àraicheadh na sàir,
’S na blàir nach deanadh striochdadh.
’N uair chuimhnicheas mi làithean m’ òige,
Thig mo bhròn gun iarraidh,
’Dol air ais do Thìr a’ Cheò,
Far ’n robh na h-òlaich fhiachail;
Na gruagaichean a’ cuallach bhò,
’S na h-òganaich ag iasgach,
’S am màithrichean cur aird air clò,
G’ an còmhdach o na siantan.
Ach cuiridh mi gu taobh am bròn,
Bho ’n ’s leòn a rinn mo phianadh,
Is fiachaidh mi ri seinn a’ cheòil,
Thug Oisean mòr o chian duinn;
Bho ’n a tha mi nis am chòmhnuidh,
Am measg òigridh Ghrianaig,
Sliochd nan sonn, ’s a’ mhuinntir chòir,
Chaidh fhògar cian bho ’n criochan.
’S ged a chaidh an cur air fògar,
Dh’ fhàs am pòr cho lionmhor,
’S ged tha an aithrichean fo ’n fhòid,
Cha teid an glòir air diochuimhn’;
’S ged nach faic sinn bileag fheòir
Air sràidean comhnard Ghrianaig,
Gun cuir sinn cuimhn air càinnt am beòil,
Cho fad ’s is beò an iarmad.
Na ’n cuirear leam an dealbh air seòl,
Theid ceathairlean mòra shniomh leam,
Is ma bhios inneach air a’ chlò,
Gum faigh sinn clòimh le h-iarraidh;
’S ma bhios an dath air iomadh dòigh,
’S nach bi sibh còrdte, rianail,
A’ h-uile fear nach Gàidheal còir
Chan fhaigh aon sgòd gu dhianadh.
Bho ’n a theann sinn ris a chlò,
Gun cuir sinn dòigh is rian air,
Is ni sinn deis’ o cheann gu shàil,
Do Theàrlach Bàn mar b’ fhiach dhuinn;
Chan ’eil bean ann an Cinn-tàile,
’N Gearrloch ’s fad nan criochan,
Nach cuireadh thugainn miarag ’s tlàm,
De ’n chlòimh is fheàrr, gu fialaidh.
Ach cuiridh sinn fios a Dhun-tuilm,
Far am bi chuirm ga riaghladh,
Gu siol nan Stiùbhartach o Athull,
Nach teicheadh as la miapadh.
C’ àite ’m faicteadh fear a lòd
A sheas am bròig le iallan?
Is ghabh na Gàidheil beachd air còta
’N t-seòid ’n uair bha e ’n Grianaig.
Cuiridh sinn fios gu na Cuidrich,
Gus a’ chuideachd fhiachail,
Far am faigh am bochd ’s an nochd,
Am biadh ’s an deoch gun iarraidh;
Bheir Clow dhuinn rùsg a’ mhuilt
Is fhearr ’san stoc gun ghiomh air,
’S gheobh sinn maighdeanan gu chàrdadh,
’S càirdean chum a shniomh dhuinn.
Gabhaidh mi ’n t-aiseag gu Uig,
’S theid mi nùll do Liandail,
Far bheil Dòmhnullach mo rùin,
’S tha chliù cho fad’s bu mhiann leam;
Ged a dh’ iarrainn fichead rùsg,
Cha bhiodh a shùil na dhianamh,
Ach ni aonan duinn a’ chùis
’S gach taobh san dean sinn iarraidh.
Is iomadh iad tha seinn do chliù,
Le dùrachd mar a b’ fhiach dhaibh,
’S ann chuir thu onair air do dhùthaich,
H-uile taobh na thriall thu;
Ni creagan Atadail a dhearbhadh,
Nach teid d’ ainm air dhiochuimhn,
Fhad ’s bhios tonnan uaine a’ chuain,
Dol sios is suas mu Liandail.
’N uair a thogas mi mo shiùil,
Gun seòl mi null gu Liandail,
’S ’n uair a ruigeas mi Dun-bhuirbh,
Cha bhi mo chuirm ri iarraidh;
’S ged a chrìonadh leis a’ bhàs
Na craobhan dh’ fhàs cho fiachail,
Dh’ fhag iad meanglain air an làraich
A ni ’n àite lionadh.
Gheobh mi rùsg dhe ’n chlòimh is fhearr
Bho ghràidhein, Dotair Caimbeul,
Nach do theannaich riamh a làmh,
Air neach an càs no ’n teanntachd;
Mar a bhrùchdas fuaran fior-uisg
Os a chionn ’s an t-samhradh,
Tha do chaoimhneas is do ghaol,
A’ taomadh suas fo ’n doimhne.
’S ged tha Sròn-nan-Aighean buan,
Cha d’ fhàg mo lùth ’s mo thriall mi,
’S o’n tha ’n obair air mo chùram,
Cha bhi tùrn gun dianamh;
’S ’n uair a choinn’cheas mi’ san Fhàsach,
’N t-àrmunn tha cho ainmeil,
Bho ’n a dhearbh e ’spéis do ’n Ghàidhlig,
Cha bhi ’thlàmsan cearbach.
’S iomadh iad dha ’n shìn thu làmh,
Le taobhachdas de dh’ airgiod,
Riamh nach cualas bho do bhèul,
’S ga léughadh ann an searmoin;
’S o’n ’s tu Ailein Mac-a’-Mhàidseir,
Ardaichear le d’ ainm thu,
’S chan ’eil ceàrna fo na Chrùn,
Nach bi do chliù ga sheirm ann.
’S o’n a tha mi falbh mo chùrs’,
Gun till mi null air m’ fhiaradh,
’S theid mi Sgiathabost mo rùin,
Far bheil am fiùran fiachail;
Chi mi Lachlain Og an Uird,
’S cha diùlt e dhomh na dh’ iarrainn,
Caraid is cul-taic na Gàidhlig—
’S dh’ àrdaich thu i ’m bliadhna.
Tha thu nis air ceann mo shluaigh,
Na d’ uachdaran ro chiallach,
’S chuir thu onair oirnn an Glaschu,
Le do thaic is d’ fhialachd;
Rinn na Sgiathanaich riut sòlas,
’S deòir an sùl a’ lionadh,
’N uair chunnaic iad fear do shuilbh,
Air ceann an cuirm ga riaghladh.
Gheobh mi eithir anns an Aird,
A null do ’n àite thìorail,
’S theid mi Sgairinir nan dùn,
’S am faic mi gnùis na fialachd;
Is bho ’n a chuala sinn do chliù,
Cho fad o ’n ùin’ an Grianaig.
’N uair bheir esan duinn deagh rùsg,
Ni sinn a’ chùis am bliadhna.
’N uair a chrunnicheas sinn a’ chlòimh,
Gun tòisich sinn r’ a riaghladh,
’S ni mnathan gasd’ a Ghlinne-mhòir,
An cur le ’n deòin a shniomh dhuinn;
Bheir nighean an Dotair Bhàin duinn,
Cuibhl’ is càrd is lionradh,
’S cuiridh baintighearna an Dùin,
An dlùth dhuinn air crois-iarna;
Gheobh mi eithir a Port-Rìgh,
Gu Peigh’nn-a- Phìleir thìorail,
’S gun dean oghachan Neill Phéutoin,
An coir fhéin a shniomh dheth;
’S o ’n tha duinealas is càirdeas,
Nàdurra do ’n fhriamh ud,
Dhearbh iad e ’s na h-uile ceàrna.
’S na tha tàmh dhiubh ’n Grianaig.
Cuiridh sinn teachdair gu Bean Ois—
Cha choir dhi bhith air diochuimhn—
Bho ’n chuir Freasdal oirre stòras,
’S ciall gu leòir gu ’riaghladh;
’S o ’n tha iomradh air a chlòidhnein,
’M Baile-Bhòid ’s an Grianaig,
Innsidh ise dhuinn le deòin,
An dòigh ’s an teid a dhianamh.
’N uair a gheobh sinn air ar dòigh,
’S a bhios an clò is criòch air,
Cruinn’chidh sinn na mnathan-luaidh,
’S bidh fuaim ac air a’ chliathair;
’S a chuid a bha a’ deanamh tàir’,
Air Gaidhlig ’s i cho fiachail,
Cuiridh luadh a’ chlò aig Teàrlach,
Pàirt diubh as an t-sliabh oirnn.
title | Faighe na Cloimhe |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |