[91]

CUIMHNEACHAN AIR BEAN OIS,

An deigh dhi Gleann-Ois fhagail, agus tilleadh a dh’ Australia.

AIR FONN:— “’S i nighean mo ghaoil an nighean donn, òg.”

LUINNEAG:—

Bidh mise ri smaointinn
Tric air Bean Ois,
’S na m’ bithinn ri ’taobh,
Cha bhithinn fo bhròn.

Shar Albannaich shuairce,
Cùl-taice na tuath-cheath’rn,
Thoir beannachdan uainne,
Thar chuan, gu Bean Ois.

Nach i ni ’n toil-ìnntinn,
Ri naidheachd an aoibhnis,
Gu bheil Eachainn na oighre,
Fo shighne na croic.

’N uair léughas i ’n eadhlain
Mu Dhòmhnull Bhail-Ailein,
Gur h-ise bhios sona,
Gun bhuidhnig a’ chòir.


[92]

Bean d’ uirghill is d’ àbhachd,
’N uair chruinn’cheadh na càirdean,
Cha shuidh i na d’ àite,
Gu bràth, an Tigh Ois.

Ceann-uidhe gach créutair,
Gach bochd agus féumnach;
’S cha chluinnt’ o do bhèul e
Ga éigheach le bòsd.

Cha b’ e sgàile de dhiadhachd,
Gun sùgh anns an fhriamhaich;
Chuireadh tusa le d’ ghniomharan
Fiamh air a pòr.

Tha m’ aigne riut fuaighte,
’S e ’m bàs a ni fhuasgladh;
’S gun seòlainn an cuan
Aic son uair bhith na d’ chòir.

Thoir ar beannachdan uile
Gu Flòraidh is Aili,
’S am fear beag th’ air a shloinneadh
Air an duine bha còir.

Ar beannachd gu Crìsdein,
An t-òganach sìobhalta;
’S math leinn a chluintinn
E chìnntinn an stòr.


[93]

Gun bhòsda gun sgaiream,
Gun tàir air neach eile;
Cha d’ fhag iad an co-math,
An Eilean a’ Cheò.

Tha Sìne cho cianail,
Is Ian ’s Catriona,
’S gach duine ga d’ iarguin,
Dhe ’n iarmad tha ’n Os.

Thainig cuid as an àite,
Bha ’g ìnnseadh le cràdh dhomh,
Nach fhac iad an làrach,
Bho ’n dh’ fhàg thu Gleann Ois.

’S Aili mòr Mac-’Ill-Innein,
An t-òganach loinneil,
Cha d’ fhag thu, dhe d’ chinne,
Cho duineil ga d’ chòir;

Chunnaic mis’ e aon oidhche,
Agus dreòdag ’s a’ cheann aig’,
’S na ’n labhradh neach foill ort,
Bu chinnteach dha ’n dòrn.

Mur b’ e Fullarton loinneil,
Bha cuid anns a’ chomunn,
’N uair labhair iad umad,
Bhiodh duilich m’ am bòsd.


[94]

’S ann labhair an diùlnach,
’S an dòrn aige dùinte,
Cha deanadh an triùir aca
Fùidse ’Bhean Ois.”

’S ged bhiodh iad le chéil ann,
Is bean Aonghais Phéutoin,
Cha seasadh an tréud ac’,
An éideadh Bean Ois.”

titleCuimhneachan air Bean Ois
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page