[118]

LITIR GU DOMHNULL DOMHNULLACH,

Ciobair ann an Sgalpaidh, bho ’mhnaoi, agus i ann am Port-Righ a’ freasdal d’a nighinn, far an robh i na laighe ’s an teasaich.

LUINNEAG:—

Cuiribh naidheachd shùnndach
A dh’ ionnsaidh mo Dhomhnuill;
Thuirt Màiri, nighean Iain Bhain, rium
Nach biodh càil air Seònaid.

’S gur iomadh oidhche thùrsach
A bha mi air mo ghlùinean
Ag achanaich ’s ag ùrnaigh
Gun caomhntadh dhomh Seònaid.

Ach taing do Rìgh-nan-dùl,
Bho ’n ’s e bheannaich di gach cùngaidh
Rinn an lighich iùlmhor
Le dhùrachd dhi òrduchadh.

B’ e fhéin an lighich gràdhach;
Chan ’eil a leithid ’s an àite;
Bho ’n dh’ fhalbh an Doctair Bàn,
Gun deach fhàgail na ònar.


[119]

Gur còir dhuinn a bhith taingeil
Gun d’ fhàgadh air ar ceann e,
Seach beadaganan Gallda,
’S gun gheall ac’ air tròcair.

’S ged dheanadh iad ar marbhadh
Le cungaidh nach do dhearbhadh,
Ma gheobh iad ar cuid airgid
Gum falbh iad le sòlas.

’N uair thig iad gu ar fiachainn,
Tha an cànainn duinn cho dìolain,
’S nach tuigeamaid ged dh’ iarradh iad
Fion a thoirt ri òl dhuinn.

Ach tuigidh sinn a’ chànainn
A dh’ ionnsaich sinn o ’r màthair
Thugaibh bainne blàth dhaibh,
Is àraichidh feòil iad.”

’S na ’m b’ ann ’n iomadh àite thachair i
’N uair a bhuail a h-acaid i,
Gun rachadh a cur dhachaidh
Ann an cairt, ged bhiodh i reota.

Cha b’ ann mar sud a rinn iad,
Ach gabhail rith’ gu caoimhneil,
Cur lighiche ga faoighneachd,
Is guide a chur fo sheòl di.


[120]

Cha b’ ioghnadh ged bhiodh càirdeas
An sliochd is clann a màthar,
’S nach faicinn air na sràidean
A leithid a chàraid phosda.

Nach iomadh ceàrn ’s an cual sibh
Iomradh air na h-uaislean,
Clann-an-t-Saoir o Chruachan,
Dh’ an dual a bhi mòralach.

Nach iomadh fear chuid-oidhche
Rinn tamh an Ceann Loch Eidhnort;
’S chan ioghnadh ged tha caoimhneas
Gun fhoill anns an t-seòrsa.

Saoil nach mi bha amaideach
’S mi ’n duil gun deanann d’fhalaire;
Ach ni mi fhathast banais duit,
’S bidh caithream air na h-òrain.

A Dhòmhnuill, tog do mhisneach ort,
Tha crioch air a cuid trioblaidean;
Chan fhada gus an ruig sinn thu,
’S biodh sgiob agad ’n ar còmhdhail.

Cuiribh naidheachd shùnndach
A dh’ ionnsaidh mo Dhòmhnuill;
Thuirt Màiri, nighean Iain Bhàin, rium
Nach biodh càil air Seònaid.

titleLitir gu Domhnull Domhnullach
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page