[121]

DUILLEAG BHO BHEALACH-NAN-CABAR

GU COMUNN CAMANACHD NAN SGIATHANACH AN GLASCHU.

LUINNEAG:—

Mo ghaol na Gàidheil fhiachail,
A dh’ fhàg an t-Eilean Sgiathach;
’S a h-uile taobh g’ an triall iad
Le ’n gniomh gun teid am faithneachadh.

Gun soirbhich leis na fiùrain
Tha fad o thir an dùthcha,
An Glaschu mor nam bùithean,
Ag ùrachadh na camanachd.

’S ged thugadh uaibh ur n-àitean
’S na glinn ’s an deach’ ur n-àrach,
Cha d’thugadh uaibh ur càirdeas,
Ur bàighealachd, ’s ur carantas.

’S ’nuair chuireadh an t-slat-sgiùrsaidh
Fo chruthannan Mhic-Uisdein,
’S ann shìn e air cur cùl ribh,
Is dh’ fhag e Uige falamh dhibh,

B’ e chìad air na chròm e,
Bhi plùcadh sios nam bàntrach,


[122]

’S Fear-togalach an cinn,
Gun do sheall e roinn d’a amaideachd.

Co ’n neach riamh a theann ris,
Nach d’ fhairich fuachd na h-oidhche,
’S nach deachaidh sios gun choinnlean,
Na ’m bloighdean leis na bearrannan?

’S chaidh innseadh dhomh le càirdean,
Nach cuireadh briag air nàbaidh,
Gur ann air an t-Sàbaid
A rinn e ’n àird a phlanachan.

Nach b’ iad adhairean gun chùram
A chum am beòil cho dùinte,
A’ faicinn sliochd nan diùlnach
Ga ’n sgiùrsadh as am paraistean.

’S ged thog thu aitreibh luachmhor
Air làrach na mna-uaisle,
Na mairbh a bha ’s an uaigh,
Gun do sguab iad sios do ’n ghaineimh i.

Gun dh’aithnicheadh a chuid rìomhachd
Air cladaichean Chinn-tìre,
’S cuid eile dhiubh na ’m mìrean
A’ dol air tìr an Talasgair.

’S a’ chuid a bha e pianadh,
’S nach fàgadh e leth-bhliadhna,


[123]

Gun d’ thug an cuirp an fhianuis
Gun do dhìoladh an cuid fala air.

’S gun smaoinich e a pluimb
Gun robh nis an lach air cheann aig’,
’N uair a dh’éubh e mìle bonn
Air an dream a bha cur sgannail air.

’S an àite nan deich ciad
A dheanadh pàirt d’ an chall a lìonadh,
Cha robh ach leith-chiad spìocach,
’S gun d’rinneadh fhiach de dh’fhanoid air.

’S gur e mo chrìdh tha cràiteach,
A’ faicinn dol mo chàirdean,
Ga ’m pianadh ris an àiteach,
’S nach dean am bàrr an fhallaid dhaibh.

An uair a thig an sàmhradh,
Ga ’n riasladh air a’ Ghalldachd,
’S na gheobh iad a chur cruinn,
Ga thoirt dhà an geall nam feannagan.

’S na ’n robh muir is mòinteach
Air fhàgail mar bu chòir dhaibh,
Bhiodh éideadh agus lòn aca,
’S dòigh ann air am fanadh iad.

Beannachd leibh, a chàirdean,
’S gun soirbhich anns a’ bhlàr leibh,


[124]

”S ma thig sibh mu Fhéill-Màrtainn,
’S e Uig ur n-àite camanachd.

’S ma chumas mi mo shlàinte,
’S gun ruig mi Ghlaschu sàbhailt,
Gun teid mi stigh g’ur fàrdaich,
Chur fàilt oirbh s g’ur beannachadh.

Mo ghaol na Gàidheil fhiachail,
A dh’ fhàg an t-Eilean Sgiathach;
’S a’ h-uile taobh g’ an triall iad
Le ’n gniomh gun teid am faithneachadh.

titleDuilleag bho Bhealach-nan-cabar
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page