MARBHRANN DO’N URRAMACH ALASTAIR MAC-GRIOGAIR.
Na’m faighinn ciall leis an taghainn briathran,
Gu ’n cuirinn sios dhuibh iad ann an dàn,
Mu’n teachdair’ fhiachail tha nis air triall uainn,
Gu tìr na diochuimhn’ le àithn’ a bhàis.
’S ann oidhche Chiadaoin a bhàrc an t-sian oirnn
Nach tiormaich grian duinn rè iomadh là,
’S gu bheil na ciadan ’san Eilean Sgiathach
Tha’n diugh ga d’ iarguin—’s ann daibh nach nàr.
’S ann doibh nach nàrach am basan fhàsgadh,
’S na deòir a theàrnadh fo rasg an sùil,
’S a liuthad ceàrnaidh ’s na sheas thu ’n àite,
Bho’n là a dh’fhàg thu iad air do chùl;
Le d’ghnìomh ’s le ’d chànain, le ciall is gràdh dhaibh,
Nach gabhadh àireamh gu bràth dha’n taobh,
’S fhad ’s a bhios tuinn a’ bualadh ri chreagan uamhraidh,
Bidh t’ainm ga luaidh ann le uaill is mùirn.
Cha’n ann air tuairmse tha sinne luaidh ort,
Ge’d tha sinn gruamach air son do bhàis,
Tha thus’ aig suaimhneas, taobh thall gach truaighe
’S gach saighead fhuar bho luchd-fuath do ghràdh.
Gur tric a chuala mi, le mo chluasan,
Bho bhèul nan uaibhreach nach d’fhuair an gràs,
An teanga ghuamach, toirt béum ’san uaigneas
Air son do thruais ris gach truaghan bàth.
Ach bu tusa an Criosduidh ’bha suilbhear, iasgaidh,
Cha b’ann le diadhachd gun dad dheth bhlàth;
Do chridhe tìorail, ’s do làmh cho fialaidh,
’S cha’n fhacas riamh ort ach fiamh a ghair’.
Gur iomadh dùil ’bhios an cridhe brùite,
’Nuair théid an ùir air an t-sùil bu bhlàth,
’S cha chum a chùdainn na theid a shrùladh
Do dheòir ga d’ ionndrann—’s ann daibh nach nàr.
Cha’n ioghnadh nàire ’bhi air cuid dheth d’bhràithrean,
Is tric thug sàth dhuit le teanga lóm,
Nach seasadh t’àite le neach fo àmhghar,
Ged dh’fhàgadh àithn aca leis a’ Cheann;
’Nuair chaidh mise chàradh air sgeir gu’m bhàthadh,
Le truaghan Bàillidh, gun ghràdh na chóm;
Chuir thusa bàta, le sgioba ’s ràimh dhomh,
’Nuair dh’fhàg a phàirt ud mi bhàn sa’ pholl.
title | Marbhrann an Urr. Alasdair Mac-Griogair |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |