[158]

TUIREADH AIR CLUAINIDH MAC-A- PHEARSOIN.

AIN FONN:— “Cuachag nan craobh.”

Oidhche Di-luain thainig glaodh na mo chluais,
Farum le fuaim tàimhidh,
’Thuigeas an sluagh, chuir beachd iomadh uair,
Gum biodh teachdair’ bho’n uaigh teann air.
’Sa’ mhaduinn Di-mairt, nuair dh’éirich mi’n àird,
Bha’m posta fo chràdh, làimh rium,
’Cur litir nam làimh le sgiala do bhàis,
’Chinn-chinnidh nan sàr ainmeil.

Thionndaidh mi thaobh ’thoirt furtachd do’n taom,
’Dh’éirich bho chaomh t’ ainme,
Chinn-fheadhna nan laoch, Clann-Mhuirich mo ghaoil,
Cha b’ioghnadh dhomh thaobh leanmhuinn;
Cha ’n e moladh nam marbh, an déighe dhaibh falbh,
Riamh nach do dhearbh crudal;
Tha lainnir do bhéus, t’uaisl’ agus t’éuchd,
Cho fad ’sa theid sgèul seanchaidh.

Bheir sinn taing do gach aon ’thug caismeachd dha’n t-saoghl’l
Le t’eachdraidh gun chlaon chearb oirr’,


[159]

Bho t’oige gu t’aois, a Chluainidh mo ghaoil,
’S gun mheath ort a thaobh dealbha;
Gun robh ’n t-sùil san robh ’m beachd, ’sa’ ghnùis ’san robh ’n dreach,
’S am beul o’m bu bhlast’ seanchus,
Fo ghlais aig a’ Bhàs, do charaid a b’fheàrr,
Thug dhachaidh thu làn earbsa.

Chuir filidh, le loinn, t’ eachdraidh an rainn;
Seinnear a’ phuing shuaibhneach,
Le lìnn an déigh lìnn theid àrach ’s na glìnn,
A dh’ùrachadh cuimhne ’n uasail.
Aonghais [The late Angus Macdonald, author of poem in praise of Cluny.] mo ghraidh, nuair a leugh mi do dhàn,
Mu Chluainidh is àird’ inbhe,
Chuirinn le bàigh, clach air do chàrn,
Fhìr-chinnidh nam bàrd ainmeil.

Cha b’ ann idir air tuair’m, mar umha ni fuaim,
Bha iad a’ luaidh t’ ainme;
Dh’fhàg thu do d’ shluagh claidheamh nam buadh,
’S gun smal air le ruaidh meirge;
Chum thu faobhar cho glan, ’s gach gnìomh san robh math,
Le ciall agus neart t’eanchainn,
’S fear eile do chliù, a dhearbh e le thùrn,
Cha d’fhàg thu fo Chrùn Alba.

titleTuireadh air Cluainidh Mac-a-Phearsoin
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page