CONALTRADH
Eadar dithis no triuir a ghillean Chille-Mhoire a’ tilleadh a thìr an dùthchais, an uair a chual iad nach robh lèud a bhròige de thalamh Sgiathanach aig Mac-Uisdein a bha cho fada a’ sàrachadh na tuatha.
LUINNEAG:—
Cha laigh liunn-dubh idir oirnn;
Cha laigh liunn idir oirnn.
Fhuair sinn naidheachd as ar dùthaich
A thog sùnnd is misneach oirnn,
Gun robh Phàraoh ’rinn ar fuadach
Dh’ ionnsuidh cuan nan trioblaidean
Air a bhàthadh ’s a’ Mhuir Ruaidh,
’S gun cualas nach robh diog aige.
Togaidh sinn air falbh a Grianaig,
Bho’n tha’n t-sian cho tric againn,
Leis an each dha ’m biadh an gual,
Oir ’s e is luaithe ruigeas leinn.
Fàgaidh e sinn aig an t-Stròm,
Is gheobh sinn stòp o Iseabal.
Coisichidh sinn mar a b’ àbhaist
Dha na sàir gun chiogailteachd.
’N àm teàrnadh le Bealach Asgaird,
Ghabh sinn blàths an Sligeachan.
Dìreadh suas uchd Dhruim-Aoi,
Gun robh sinn sunndach, suigeartach.
’N uair ràinig sinn Ceannsal-Eidhre,
Gun d’ rinn Oighrig priobadh oirnn.
Dh’ iadhaich i sinn dha na phàrlour,
’S thug i làn na slige dhuinn.
Bha Coinneach shuas aig a sàil,
Mar b’ àbhaist, gus a sgioblachadh.
’N uair ràinig sinn Séumas Ruadh,
Mo shuairc air, cha bu mhisde leis.
Fhuair sinn biadh is deoch gun chaomhnadh,
’S cha do mhaoidh e pribid oirnn.
Fhuair sinn fàilte o ar càirdean,
’S dùil gu bràth nach tigeamaid.
Cha laigh liunn-dubh idir oirnn,
Cha laigh liunn idir oirnn.
title | Conaltradh |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |