[168]

COMUNN CHLANN-DOMHNUILL.

Rinneadh an t-òran so air son ciad choinne Comunn Chlann-Dòmhnuill ann an Glaschu air an 30 de mhios January, 1891.

AIR FONN:— “An Domhnullach urramach.”

Na Dòmhnullaich urramach!
Gur deonach a chruinnich iad,
’S bha eibhneas air an càirdean
’S gach ceàrn nuair a chunnaic iad
Na Dòmhnullaich urramach.

’S ann maduinn na bliadhn’ ùire
’Thainig fios ga m’ ionnsaidh
Chuir m’ aigneadh ann an sùnnd
Gus na thionndadh mi ’n iorram
Air na Dòmhnullaich urramach.

Bho’n ’s e smior an t-seòrsa
Chuir spionnadh na mo phòran,
Gun cuir mi ann an òrdugh
An t-òran bheir furan
Air na Dòmhnullaich urramach.


[169]

’S Dòmhnullaich mo shìnnsir,
Bho Eilean nam beann lionmhor,
’S bidh chathair air a lionadh
Le siad dhiubh, ’s cha b’fhuilear leam,
Na Dòmhnullaich urramach.

O thog thu onair t-ainme
Bho Chinnse-burg ainmeil;
Tha sliochd nan sonn a dh’fhalbh
Agus seilbh aca fuireach ann,
Na Dòmhnullaich urramach.

’S i ogha an fhior dhuin’-uasail
’S na baiteil sheas an cruadal,
’S nach tilleadh riamh le fuathas
A’ bhuaidh gus am buinigeadh,
Na Dòmhnullaich urramach.

B’ aithne dhuinn a sean-mhathair,
’S a mathair, bha i ainmeil,
’S ged thug am bàs air falbh i,
Bidh h-ainm air a chumail
Leis na Dòmhnullaich urramach.

’S cuimhnichidh sibh Flòraidh,
Aig cruinneachadh Chlann-Dòmhnuill,
’S bidh ’h-onair air a h-òl
Mu na bhord leis gach urra
Dhe na Dòmhnullaich urramach.

Dhìon i Prionnsa Teàrlach
Bho chunnartan nan nàmhaid


[170]

’S cha dealaichidh i gu bràth ris
Air sàil’ gus na chuir i e,
Bhan-Dòmhnullach urramach.

Theid fios a null thar sàile
Gu Canada is àirde,
Gu Dòmhnullaich mo ghràidh
Agus àireamh dhiubh fuireach ann,
Na Dòmhnullaich urramach.

Sir Ian dhaibh na cheannard
’S iad uile fo chommand ann;
’S gur mi rinn an toil-ìnntinn
An raoir nuair a chunna mi
Mu’n Dòmhnullach urramach.

E deich ’s tri fichead bliadhna
’S a cheann a nis air liathadh,
’S a chéum a cheart cho éasgaidh
Ri fiadh anns na monaidhean,
An Dòmhnullach urramach.

Tha Dòmhnullaich ro fhiachail
A tamh ’san Eilean Sgiathach,
’S tha fear dhiubh ann an Liandail
Rinn miorbhuil neo-chumanta,
An Dòmhnullach urramach.

Rinn e rathad dha’n each iaruinn
Troimh bheanntaichean ro iargalt’
’S theid coisichean gun phianadh
Mar ian thar nan tulaichean,
Na Dòmhnullaich urramach.


[171]

’S bho na chuir e ’n t-srian ann,
Na tugaibh dheth an diollaid
Dhun-bheagain gus an triall e,
’S tha biadh ann a chumas ris,
Na Dòmhnullaich urramach.

Albannaich [Alexander Mackenzie, the author of the History of the Macdonalds and Lords of the Isles.] nam mòr-bheann,
Thug eachdraidh mu Chlann-Dòmhnuill,
Cuir fhathast air a dòigh dhuinn,
An còir air a Chruinneachadh,
Na Dòmhnullaich urramach.

Nuair dh’ fhalbhas mi gu h-aotrom
A choinneachadh mo dhaoine,
Gun toir mi eallach fhraoich leam,
’S bidh craobh aig gach urra
Dhe na Dòmhnullaich urramach.

’S e suaicheantas ar n-armachd
Fraoch is bradan tarra-gheal,
Long is leòghann meamnach
’S làmh-dhearg gus an uilinn
Air na Dòmhnullaich urramach.

’S ma bhitheas mise air doigh,
Nuair thig an latha mòr ud,
Gun teid mi na ur còmhdhail
’S cha bheò e na chumas mi
Bho na Dòmhnullaich urramach.

titleComunn Chlann-Domhnuill
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page