[183]

CAMANACHD GHLASCHU

AIG A’ BHLIADHN’ UIR, 1876.

Tha an litir a leanas a’ mìneachadh ciod a ghluais a’ bhana-bhàrd gus an t-oran a dheanamh:—

[LITIR GU IAN MAC-ILL-EATHAIN, BHEARNASDAIL.]

Iain, a charaid,— Tha mi a’ sgrìobhadh so ad ionnsaidh a leigeil fhaicinn duit gu bheil mi slàn, an dòchas nach ’eil thu fhein tìnn. Na ’m bithinn cho beirteach ’s a tha mi bochd, bheirinn pùnnd Sasunnach gum biodh tu far a bheil mise nochd, ann an Talla Mor nan Gaidheal ann an Glaschu; mo dha mhuilichinn gu m’ ghuaillean, ’s am fallus ga m’ dhalladh a’ fuineadh agus a’ bruich bhonnach dha na gillean-Callainn; ceann-suidhe na fàrdaich na shuidhe ann an teas-meadhoin trì fichead caman, ga’n cur air dòigh air son an la màireach. Innsidh mi dhuit m’ an chamanachd an uair a bhios i thairis. Bheir i ann ad chuimhne laithean ar n-òige, an uair a b’àbhaist do thuath Sgiathabost is Charabost a bhith air a’ bhuth-mhór le buideal air gach ceann dhe’n raon, agus pailteas bhonnach agus càise. Tha sinne a’ falbh am màireach gu Pàirc na Ban-Rightrì fichead gille tapaidh Gàidhealach; deich thar fhichead fo’n fhéile, agus deich thar fhichead le brigisean glùine, le’n cuid camanan air an guaillean, pìobairean romhpa agus as an déigh, agus mi fhéin le each agus càrn làn chliabh bhonnach, mulchag chàise, uiread ris a’ ghealaich, agus dèur beag d’ an Tòisidheachd a chur


[184] spreigidh anns na gillean. Slàn leat air an àm. —Is mi do bhana-charaid dhìleasMAIRI, NIGHEAN IAIN BHAIN.

LUINNEAG:—

’S i so a’ Bhliadhn’ ùr thug sòlas duinn,
’S iad gillean mo rùin
A thogadh mo shùnnd;
’S i so a’ Bhliadhn’ ùr thug sòlas duinn.

’S iad gillean mo ghràidh,
Tha n Glaschu nan sràid,
Is fhada bho àit an eòlais iad.

’S ann goirid roimh ’n Challainn,
A chruinnich an comunn,
’S a chuireadh an iomain an òrdugh leò.

’N uair thàinig an t-àm,
Gun chruinnich na suinn,
’S bha caman an làimh gach òigeir dhiubh.

Aig aon uair diag,
A rinn iad an triall,
Le piob ’s bu bhriagh an còmhlan iad.

’N uair rainig na sàir
Gu ionad a’ bhlàir
Gun chuireadh gun dàil an òrdugh iad.

Bha glaineachan làn
Dha’n Tòis’eachd a b’fheàrr,
Is aran is càise còmhla ris.


[185]

Bha bonnaich gun taing,
Is pailteas dhiubh ann,
’S clann-nighean nan gleann ga’n còcaireachd.

’N uair roinneadh na laoich,
’S a ghabh iad an taoibh,
Bha mis air an raon toirt -dhail dhaibh.

’S e sealladh is briagh’,
A chunnaic mi riamh,
Gach òigear gun ghìomh ’s a chota dheth,

Gach fleasgach gun mheang,
’S a chaman na làimh,
’S a’ chnapag le srann ga fògar leo.

Bha cuid diubh cho luath,
Ri feidh air an ruaig,
’S cha chluinnt’ achA suas i, Dhòmhnuill,” leo.

S ann ann a bha’n eadhlain,
Le glagadaich chaman,
’S gach curaidh cur fallais is ceòthain deth.

Bha duine gun chearb,
Le sìosa-cot dearg,
’S cha bhiodh am boc-earba còmhla ris.

Fear eile gun ghìomh
’S a chiabhagan liath
Chuirtighi bharr fiacail mòran diubh.


[186]

’S e duine gun tùr,
Nach faiceadh le shùil,
Gun robh iad fo thùs an òige ris.

’N uair chuireadh am blàr,
Gun choisich na sàir,
Le piob gu Sràid an Dòchais leo.

Suidhibh, a chlann,
Is gabhaidh sinn rann,
Gu’n cuirear an dram an òrdugh dhuibh.

Gun dhealaich na suinn,
Mar thainig iad cruinn,
Le’n cridheachan caoimhneil, ’s b’òrdail iad.

’S iad gillean mo ruin
A thogadh mo shùnnd
’S i so a’ Bhliadhn ùr thug sòlas duinn.

titleCamanachd Glaschu
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page