CAMANACHD GHRIANAIG
Aig an t-Seana Challainn, 1877, eadar tri fichead de Ghaidheil Ghlaschu agus an t-aireamh ceudna de Ghaidheil Ghrianaig.
AIR FONN:— “’S i so a’ Bhliadhn’ ùr thug sòlas duinn.”
LUINNEAG:—
’S i ’n t-Seana Bhliadhn’ ùr thug sòlas duinn;
’S iad gillean mo rùin
A thogadh oirnn sund,
’S i ’n t-Seana Bhliadhn’ ùr thug sòlas duinn.
’S i na dh’fhuilig mi phian
Le Sasunnaich chrìon
Chuir gun cluinneadh sibh riamh ri òran mi.
Chaidh m’ inntinn a shniomh
Le Bàillidh gun chiall,
Ach phàidheadh le riadh a’ chòmhstri dha.
Mu’n taca so’n uiridh,
Gun rinn mi dhuibh iorram,
’S gum fèuch mi ri tuilleadh chur còmhla ris.
Chan fhaca iad riamh,
A leithid a thriall,
Air sràidean Ghrianaig còmhla ribh.
Bha h-uile fear riamh,
’S a chaman ri chliabh,
’S gum b’eireachdail fiamh nan òganach.
Bha ’m Pìobaire Bàn
Air thoiseach air càch,
’S Mac-Ranaild ’s Mac-Phàrlain, ’s b’òrdail iad.
’S iad baigearan crìon’
Nach fhaca dad riamh,
Nach cuireadh an ìomhaigh sòlas orr’.
Bha moran a chàch,
A choinnich ri ’n sàil,
’S a ràinig a’ phàirce còmhla ruinn.
Bu toigh leam na seòid,
A leanadh an tòir—
A Eilean-a- Cheò bha mòran diubh.
Gur toigh leam na suinn,
A bhuidhnig an geall,
Bha deagh Mhac-Cuinn agus Bògle ann.
Tha mòran de sheòid
An Grianaig nan seòl,
A Eilean-a- Cheò na’n d’ thainig iad.
’S am beagan a bh’ ann,
Mar lean iad am ball,
’S mar shìn iad an eang bha pròis orm.
’S iad Clann-Asguil bhith gann,
Nach do bhuidhnig sibh ’n geall,
Ach nochd na bha ann diubh mòralachd.
Bha fleasgach gun chearb,
Le stocainean dearg’,
’S bu luaithe na earb air mòintich e.
Cha teid mi g’ur roinn—
’S sibh uile mo chlann—
’S ged tha mi ri rainn tha bròn orm.
Bho’n chaill sinn am fearann,
Gun chaill sinn an iomain,
’S cha mhòr gu bheil duin’ ann tha eòlach oirr’.
Chaill sinn a’ Challainn,
Is chaill sinn a’ chaithream,
Is chaill sinn na bannagan còmhla ris.
’S ’n uair rach’maid na mhonadh,
Air los chaorach-Nollaig.
’S na mnathan cho sona ga’n còcaireachd.
Chan fhaca sinn riamh,
Ach pailteas dhe’n bhiadh,
’S an drama ga riadhladh còmhla ris.
Na bannagan-Callainn,
A gheobhadh na gillean,
Bhiodh leith-pheice mhìne is còrr annta.
Ged bha iad an uiridh,
Gle thiugh air am fuineadh,
Bha ’m bliadhna tuilleadh is òirleach annt’.
Bha cuid diubh car cruaidh,
Le teothad a’ ghuail,
Ach am bliadhna fhuair sinn mòine dhaibh.
Gun soirbhich gu bràth,
Le buidheann mo ghràidh,
’S gum faigh sibh ur n-àit le chòraichcan.
’S iad gillean mo ruin
A thogadh oirnn sùnnd,
’S i ’n t-Seana Bhliadhn’ ùr thug sòlas duinn.
title | Camanachd Ghrianaig |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |