[214]

FIOS GU CLACH ARD UIGE.

AIR FONN:— “Chunna mi ’n damh donn ’s na h-éildean.”

LUINNEAG:—

’S muladach mi ’n diugh ’s ’g éirigh,
’Chaoidh mo dhùthcha ’o luchd réubainn,
’S muladach mi ’n diugh ’s mi ’g éirigh.

Fhir a shiùbhlas gu mo dhùthaich
’S a theid seachad Clach Ard Uige,
Innis dhi gu bheil do dhiùlnaich
Air a cùl nach dean a tréigsinn.

Tha ’n t-Ard-Albannach le cùram,
Daonnan duineil air ar cùl-thaobh,
Seinn a rithist dhuinn na trompaid,
Chum ar dlùthachadh r’a chéile.

Bho ’n a dh’ fhàg sinn tìr nan àrd-bheann,
Fhuair sinn naidheachd a chuir cràdh oirnn,
Leughadh Ogh’ an Doctair Bhàin,
’S ainm a bhàn far nach robh féum air.

’S iomadh Gàidheal duineil, cliùiteach
A tha fad’ bho thìr a dhùthcha,
Dha ’m bheil ’ainm na fhàileadh cùbhraidh,
’S dhoibh na ’s dlùithe na tha léine.


[215]

Ach cuimhnich thusa nis, a dhiùlnaich.
Tir do sheanar is do dhùthchais,
’S feuch gun cum thu suas an cliù,
’S nach caog thu ’n t-sùil air taobh na h-éucoir.

Chuala sinne ged nach fhaca,
Cliù an laoich d’ an ainm an Caiptin,
’Cur fo chuing nan daoine sgairteil,
Anns na batail nach d’ rinn géilleadh.

Ged a lion thu suas do shaibhlean,
Le fòirneadh nan daoine caoimhneil,
Gheibh thu fhathast duais na thoill thu,
’S cha dean saibhreas sion do dh’ fhéum dhuit.

Cum ’n a d’aire gniomh nam fiùrain,
Muinntir Bhearnra, na diùlnaich,
Chuir an Rothach air a ghlùinean
Anns a’ chùil ’s nach dean e éirigh.

Tha luchd-teagaisg cho beag cùraim,
’Faicinn càramh mo luchd-dùthcha,
’S iad cho balbh air anns achùbaid,
’S ged bu bhrùidean bhiodh ga ’n éisdeachd.

Beannachd leibh a nis, a chàirdean,
Seasaibh duineil air ur làraich,
Ma théid caiptin, maor, no bàillidh,
A chur sàradh air an spréidh dhiubh.

Tha mòran do Ghàidheil thapaidh,
Eadar Grianaig agus Glaschu,


[216]

A théid suas a chumail taic ruibh
Anns a chasgairt, ma thig feum orr’.

’S e na dh’ fhuiling mi do thàire;
Spògan easbuigean is bàillidh,
’Chuir am faobhar air mo nàdur,
’S ola chràidh g’ a dheanadh geur dhomh.

Bha mi fada bho mo chàirdean
’N uair a thuit mi anns an àraich,
’S ged nach cualas riamh mo bhàrdachd,
Chuir an tàmailte ri chéil’ i.

titleFios gu Clach Ard Uige
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page