CLO NA CUBAID.
EARRANN I.
LUINNEAG:—
Tha caochladh cur air clò na cùbaid,
Neoil nan trioblaidean a’ dùsgadh,
Easbuigean a’ faotainn gnùis’,
A’ spuilleadh cliù ar n-aithrichean.
Thog mi teaghlach aig a’ Chùdainn,
’S gun neach riamh a chreach no spùinneadh,
’S chan ’eil dèur a thuit o ’n sùilean,
Nach do dhruigh air m’ fhaireachdainn.
Ach, fhir a shiùbhlas gu mo dhùthaich,
’S a theid rathad Clach-na-Cùdainn,
Innis dhi gun d’ fhàg mi ’n tùrsa,
’N cùil aig cùl an doruis aic’.
’S o tha brìgh is cliù na Gaidhlig
Faodainn aoidheachd anns gach àite,
Thòisich mis’ air deilbh an t-snàth’
Air fuaidnean nàduir m’ anshocair.
Innsidh mi dhuibh anns a’ chànain,
Dh’ ionnsaich mi ri linn mo mhàthar,
Cliù luchd-aideachaidh gun ghràs,
A ghabh am fàth air m’ aineolas.
Gun d’ fhuair fear dhiùbh ùghdar Bàillidh,
’S thog e chas air beart an àrdain,
’S ’n uair a fhuair e ’n spàl na làimh,
Gun d’ rinn e ’n snàth a theannachadh.
Dhùin e shùilean ris an àithne,
’S dh’ fhosgail e le sannt a mhàileid,
’S lion e suas le spruidhleach chàich i,
’S dh’ fhalbh am màs gu talamh aisd’.
Chum e taic ri druim nan naimhdean,
Bha cur smal air cliù na bantraich,
Chumadh suas ris neò-ar-thaing,
Do’n h-uile dall a theannadh ris.
’N uair chaidh lagh is sannt is àrdan,
Thaosgnadh suas an eanchainn Bàillidh,
Lion e dhòmhsa spain dhe’n chàl,
’S a bhlas gu bràth cha dealaich rium.
’S ged a fhuair thu suas am fàradh,
Céum no dhà thar d’uile chàirdean,
Cuimhnich ’n uair a thig am bàs,
Gun toir e’n t-stràic fo’n talamh leat.
Is iomadh duine math chaidh ceàrr,
Le gaol an t-saoghail ’s eagal tràilleil,
’S a dh’fhàg dìleab aig a chàirdean,
An déigh am bàis nach glanar dhiubh.
Ach seinneam daonnan cliù Mhic-Aigh,
Ged a dh’fhàg e mi ’s an àrfhaich,
’S na tha chòrr ann dhe’n t-seann nàdur,
B’fheàirrde pairt a cheannach uaith.
Bha mi seachd is fichead bliadhna,
Fo éisdeachd an duine dhiadhaidh;
Shéid an t-àrdan le gaoth ’n iar,
’S m’ an d’rinn e fiath gun dhealaich sinn.
Thog mi orm mar chaora-thuaineil,
’N déigh a dalladh leis an tuaicheal,
Dh’éisdeachd teagasgan nan uaibhreach,
Anns nach robh buaidh no fallaineachd.
Thàinig fear a nall air chuan diubh,
’S craiceann caorach air a ghuailnean,
’S mur a dèanadh esan nuallan
’Bòdhradh chluasan tachasach,
Fhuair e gairm o chomhlan uaislean,
Air an seideadh leis an uabhar,
’S ’n uair a dh’ éirich tuinn a thruaighean,
’S iad bu luaith a dhealaich ris.
EARRANN II.
LUINNEAG:—
Tha caochladh cur air clo na cùbaid,
Neòil nan trioblaidean a’ dùsgadh,
Feallsanaich a’ sniomh an dlùth,
’S a’ milleadh cliù ar n-aithrichean.
Is iomadh fear le foghlum dùbailt,
’S mùsg an aineolais mu shùilean,
Thòisich air a’ Chréud a spùilleadh,
Bho ’n là chùinneadh fallain i.
Ach tha’n cùmhnanta cho sìorruidh,
An Tri Pearsachan na Diadhachd,
’S nach séid gaoth bho ifrinn shìos
A spìonas de na charaig i.
’S iomadh fear a chaidh an chùbaid,
Nach do dh’altaich riamh a ghlùinean,
Dh’fhag na caoraich o’n a mhùr,
Ma fhuair e’n rùsg gun cheannach dhiubh.
Is cuid dhiubh ’n Eaglais Shaor na h-Alba—
’S duilich leamsa dol ga sheanchus—
Dh’ ith an fheòil ’s a dh’ òl an eanraich
’S thug iad oilbheum ’s sgannal oirr’.
Ach mìle beannachd aig na Murachaidh,
’S fada chluinnear fuaim an urchair,
Ga losgadh ann am briathran cuimseach,
Air gach furbaidh ceannairceach.
’S ’n uair a thàras muinntir Rònaidh,
Nall gu Ratharsaidh nan Leòdach,
Ma bhios iomrall anns a’ chlò,
Gun stroicear bhàrr nam bannan e.
’S ’n uair a chruinn’cheas muinntir Gheàrr-loch,
Suas gu Leaba-na-bà-bàine,
So mo làimh gun innis Bàillidh
Dhaibh gun dàil na mearachdan.
Ach fàgaidh sinn air cùl a ghàraidh,
A’ chuid a chùm am beòil cho sàmhach,
’S ged a leag na nàimhdean beàrna,
Cas no làmh cha d’charaich iad.
Tha caochladh cur air clò na cùbaid,
Neòil nan trioblaidean a dùsgadh,
Feallsanaich a’ sniomh an dlùth,
’S a’ milleadh cliù ar n-aithrichean.
title | Clo na Cubaid |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |