[243]

GED THA MI LEAM FHEIN.

Ged tha mi leam fhéin,
Chan aithris mi brèug,
Gun innis mi sgèula tràth dhuibh,
Na dh’fuiling mi fhéin,
Bho chuid a luchd bhrèug,
’S chan urrainn daibh fhéin ga àicheadh.
Bho}n ghlais iad mi suas,
An talla nan stuadh,
Le’n cumhachd, ’s le’n cruadhs, ’s le’n àrdan,
Le Bàillidh gun tuar,
Gun tuigse, gun bhuaidh,
’S ann o sheanair a fhuair e’n tàlant.

’N uair chaidh mi ort suas,
A dh’iarraidh a ghuail,
’S ann thuirt thu cho fuar ri Nàbal
Gun d’ innis do ghruaidh,
Do phearsa ’s do shnuadh,
Gur beag tha de dh’fhuachd na d’fhàrdaich.”
Ach na’m bithinn ri ròic,
Ag itheadh ’s ag òl,
’S a’ cur mo chuid bhròg an phàna,
Gum faighinn uait gual,
Is airgiod ’s a luach
Iallan fad’ o luchd-truais ’s o chàirdean.


[244]

’S na’m biodh agad o shuas,
An cumhachd ’s a bhuaidh
Tha agad ’s an uair mar Bhàillidh,
Gun cuireadh tu’n sluagh,
A chladhach dhomh uaigh’,
’S gum bithinns’ fo stuaidh a’ bhàis leat.
N’ uair a thig e le spòig,
A dh’agar a chòir,
Cha seall e ri deòir do phàisdean,
’S chan fhaigh thu de ghlòir,
Ach anart is bòrd,
’S gheobh an daolag gu leòir na d’fhàrdaich.

Ged is iomadh déur bùirn
A shil o mo shùil
’S a thug thu o ghnùis mo phàisdean,
Gun thaisgeadh iad suas,
Am buideal a thruais,
’S gheobh thusa do dhuais na’n àite.
Ge b’e neach a bhios beò
Gu aithris an sgeòil,
Ged bhithinns’ fo’n fhòid am màireach,
Gum faic iad do chlann,
Fo shnaimeannan teann,
Cheart cho cinnteach ’s tha’n rann ga ràidhtinn.

’S ged chum thu do chluas,
Ri Bòland ’s ri shluagh,
Ma chuir e ri d’bhuannachd fàirdein,
Na creideadh an sluagh,
Gur ceartas a fhuair,
Mi fhìn ’s am fear ruadh, Seoc Ghearrloch


[245]

Ged chuireadh tu suas,
Ciad not air mo chluais,
Gum faighinnse fuasgladh tràth dhiubh,
Gu bheil ’s an taobh tuath,
Na phàidheadh mo luach,
’S nach fàgadh mi uair fo smàig dhuit.

’S ma smaoinich thu uair,
Air do sheanair bochd, truagh,
’S a charraig o’n d’fhuair thu d’àrach,
Cha deanadh tu uaill,
Ged gheobhadh tu suas,
Chiad duine ri cluais na Bàn-righ.
Na smaoinichibh uair,
Gu bheil mi cho truagh,
’S air m’ fhàgail fo chruadhs an nàmhaid,
’S mi ’g ìnnseadh dha’n t-sluagh,
Mar chaidh do bhuain;
’S ann le onair a fhuair mi m’ àrach.

titleGed tha mi leam fhein
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page