SORAIDH GU EILEAN A’ CHEO.
AIR FONN:—
A bhith ga’n cuimhneachadh ’s ga’n iondrainn,
Na fir ùra dh’fhalbh air sàile;
Bhith ga’n cuimhneachadh ’s ga’n iondrainn
Soraidh gu Eilean a’ Cheò,
Far an robh mi òg am phàisde.
Far na dh’àraicheadh na gaisgich,
Anns na batail sheas ar nàire.
Far na thogadh iomadh Crìosdaidh,
Dhealraich mar a’ ghrian na h-àirde.
’S iomadh car thig air an t-saoghal,
’S air an laogh noch saoil a mhàthair.
’S ann o’n chuireadh car dhith dhòmhsa,
Thoisich mi ri òran Ghàidhlig.
Ann an duil gun dean iad féum,
A neach na éiginn ’n déigh mo bhàis-sa.
Dh’fhiachadh ri mo chuid ’s mo chliù,
Aig seorsa cùirt le ùmaidh Bàillidh,
’S bho’n a dh’aontaich thu mo dhìteadh
Ni mi rainn nach faod thu àicheadh,
’S ged a chual thu brigh na cùise,
Rinn thu dhiùltadh mar rinn Nàbal.
Na’n d’fhuair mi leth uair a dh’ùine,
Rachadh a thionndadh air an àilghios.
Ach ’s iomadh Pharasach mòr, fuar,
A thog a chuaill’ air taobh an t-Sàtain.
Tha thu caitheamh còt an fhìrein,
Leugh do Bhìobul ’s chì thu’n àithne.
’S ’n uair a theid thu air do ghlùinean
Cuimhnich brùidealachd do nàduir.
’Leum a’ ghàraidh far am b’ìsl’ e,
Cur nan dìlleachdan gu nàire.
Chan ’eil dèur a thuit o’n sùilean
Nach bi dùbailt air a phàidheadh.
’S o’n a dh’fhèuch thu rium cho teann,
Tha cùis na bantraich ri do shàiltean.
Ach ma bhios agam cridhe fuar dhuit,
’S cruaidh a’ chluasag leabaidh-bàis e.
Ach fhuair mi na bha mi ’g iarraidh
Gun do thiodhlaiceadh tre ghràs e.
’S a chaoidh ma thachras sinn ri chéile,
Cha bhi d’éucoir air mo laimh-sa.
Gur iomadh duine math chaidh clì,
Le gaol an t-saoghail ’s aigne tràilleil.
Bidh mi cuimhneachadh nam fiùran,
A rinn Clach-na-Cùdainn fhàgail
An Tri-fichead-’s-a- h-aon-diag,
A chum an crìoch ri fiacail nàmhaid.
Cuimhneachadh nan gillean tapaidh,
Ann an Malta fad o’n càirdean.
’S iad fo ghath is teas na gréine,
’S chan ’eil feum air éideadh sgàrlaid.
Bidh mi cuimhneachadh le aiteas,
Air mo mhac ’s air Seòras Gàlla
’S bho’n a dh’fhàgadh mi na m’ bhantraich,
’S e mo chlann an taobh is fheàrr dhiom.
Bhi ga’n cuimhneachdadh na m’ ùrnaigh,
Righ-nan-Dùl a bhith ga’n teàrnadh.
Mur a tachair sinn r’a chéile,
Fo na ghréin m’ an sgar am bàs sinn.
title | Soraidh gu Eilean a’ Cheo |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |