BEALACH NA BEISTE
Latha Bealltainn, 1878.
AIR FONN:— “Chùnna mi’n damh donn ’s na h-éildean.
LUINNEAG:—
Dh’fhalbh mi fhìn ’s mo thriuir le chéile,
’S dhirich sinn Bealach-na-Béiste.
Dh’eirich sinn moch madainn dhriùchd,
Is thug sinn biadh leinn ann an sgùlan,
’S mo chuid òganach cho sùnndach,
Gearradh shùrdag thar gach féithe.
’N uair ràinig sinn bonn a’ Bhealaich,
Bha sinn air lòchradh le fallus,
’S ged a bha mo cheann mar chanach,
B’fhearr leam fannachadh na tréigsinn.
’N uair a dh’fhairich sinn an t-acras,
Chuir sinn cuibhrig air na clachan,
Dh’iarr sinn beannachd air na bh’againn,
Thug e neart dhuinn ’s rinn sinn éirigh.
Gu bheil corr is leith-chiad bliadhna,
Bho nach deachaidh neach ga fhiachainn,
’S thuirt gach neach a chual an sgiala,
“Leig i ’n t-srian le dìth na céille.”
’S ’n uair a sheall mi air mo chùladh,
’S leith-chiad aitheamh air gach taobh dhomh,
Bheirinn mìltean ged bu leam iad,
Gun robh ’n triùir air bharr an t-sléibhe.
’N uair a chunnaic mi mar bhà sinn,
’S gun d’fhuair sinn slan as a’ ghàbhadh,
’N uair a ràinig sinn gu h-àrd,
Gun thog sinn càrn na Ebenéser.
Dh’ shliochd Shasuinn bheir sinn dùlan,
A’ toirt cnaimhe dhaibh fo’n cùlaig,
Bhios na athais air an dúthaich,
Fhad’s bhios Crùn ann an Dun-éideann—
Mile gini ruibh mar chùmhnant,
’S theid a phàidheadh dhuibh le dhùbladh,
Ma thig baintighearn as ur dùthaich,
A ni’n tùrn ud as mo dhéigh-sa.
title | Bealach na Beiste |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |