[280]

TOBAR DHRUIM-A’-MHARGAIDH.

AIR FONN:— “Ho rò, gur laghach na mnathan.”

LUINNEAG:—

Ho rò, gur aoibhneach an naigheachd,
’S na Gàidheil le aighear ’g a sheinn,
Gu’n d’nochd sibh an spiorad ’s an Oban,
A chumail a chòir ri ’ar clann.

Na ’m faigheadh luchd-càrnadh an fhortain,
An cead gus an cosgadh am miann,
Cha’n fhaigheadhmaid’ òirleach de’n talamh,
No sealladh de ’r faileas fo’n ghrian.

Na’n gabhadh an iarmailt a mhalairt,
Mar ghabhas am fearann a roinn,
Cha’n fhaiceadhmaid’ riannag no gealach,
No tarruing ar n-anail dhe’n ghaoith.

’N uair sheulaicheadh laghan an fhearainn
Gu spuileadh gach anam dhe roinn,
Gun d’dhùin iad na sruthanan glana
Rinn diùlnaich cho fallain dhe ’r linn.

Ma chuireas neach cas as an rathad,
Ged ’bhitheadh am pathadh ’ga chlaoidh,


[281]

Tha bhinn air a sgriobhadh mu choinneamh,
Le òrdugh an t-Siorraim, ’s na maoir.

Tha litrichean mòr air an tarruing
Air bordaibh geal os a chionn
Anns a chànain nach tuigeadh mo sheanair,
Thoir aire gun d’cheannaich mi ’m fonn.”

Tha an t-Oban làn chraobhan ro fhiachail,
A fàs gus an iarmailt gun mheang,
Cha’n fhacas riamh coille gun chrionaich
’S dh’fhàs droighionn a friamhaibh nan Gall.

Na ’m bithinns’ a tàmh anns an Oban,
’S mo chòir mar tha cuid dhe na ’th ’ann,
Gun seallainn an dorus do’n chóignear,
A thionndaidh an còt’ air an druim.

titleTobar Dhruim-a-Mhargaidh
internal date1890.5
display date1872-91
publication date1891
level
reference template

Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p

parent textDain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin
<< please select a word
<< please select a page