BUAIN NA FEAMANN.
Oran Luaidh a rinneadh an Grianaig.
AIR FONN:— “Cleòc Iain Mhorro.”
Ged tha sinn ann an Grianaig,
B’e ar miann bhith aig a’ bhaile,
’N àm an earraich, hì ri ó;
Hì ri ó, sinn bhiodh fallain,
Buain na feamann, hì ri ó.
Sinn bhiodh fallain leis an fhàile
’S tric a rinn an sàil ar glanadh,
Cleas nan tunnag.
’N uair a thiormaicheadh an tràigh,
Gun falbhamaid a mhàn le corran,
Bhuain na feamann.
H-uile bean o Roinn-na-h-Airde,
’S Mairghread Bhàn, nigh’n Iain-’ic-Calum,
Bho na choille.
’N uair a dheanamaid an ràth,
Gum fanadh pàirt againn ga fhaireadh,
’G itheadh bhonnach.
’S ’n uair a dh’eireadh am muir làn,
Gun rachadh bàtaichean ga tharraing,
Dh’ionnsaidh fearainn.
’S ’n uair a roinnteadh cuid gach nàbuidh
Rachadh a chàramh air an talamh—
Cleibh ga tharraing.
’S ’n àm bhith cur an t-sìl san làr,
Gum biodh gach aon ’s a làmh an tarraing,
Blàth le fallus.
’S ’n uair a chriochnaicheadh an t-àiteach,
Dh’fhalbhamaid gun dàil an mhonadh,
Bhuain a chonnaidh.
Buain an fhraoich ’s a’ tarraing mòna,
’S cha b’e ’m bròn bhiodh air ar n-aire,
Falbh a’ mhonaidh.
’N uair a dhèanamaid na cruachan,
Bhiodh deir-bhuana ’n ceann gach baile,
’S piob ga srannadh.
’S ’n uair a thigeadh a’ bhliadhn ùr oirnn,
Bhiodhmaid mùirneach, sùnndach, fallain,
Falbh air Challainn.
title | Buain na Feamann |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |