AM MEASG NAN GALL.
LUINNEAG:—
Och-òin, och-òin ’s mo chridhe tróm,
’S mi nise tamh am measg nan Gall,
’S cho fad o’n dh’fhàg mi Tir nam Beann,
’S nach mór gum faithnichinn duine th’ann.
Cha’n ioghnadh ged tha m’ inntinn tróm,
Bho’n chaidh ar fuadach as na glìnn,
’S cuid de na suinn bu chòir bhith ann,
Toirt am beòlaind as na tuill.
’S ged tha mi’n Grianaig mhòr nan seòl,
’S gach nì dhomh geilleadh mar is còir,
Gum b’fhearr leam a bhith cuallach bhò,
’S an tìr an d’fhuair mi m’ àrach og.
Thig caochladh air gach nì fo’n ghréin,
’S thig caochladh oirnne mar an céudn’,
Ach fhad’s bhios grian an aird nan spéur,
Bidh cuimhn air dàimh is cliù ar tréubh.
’S e bainne blàth bho ùgh nam bò,
A fhuair sinn ’n uair a bha sinn òg,
A dh’fhàg ar cnàimh cho lan de fheòil,
’S a dh’fhàg ar smear cho làn de threòir.
Cha chluinn sinn nuallaich bhinn nam bò,
’S na laoigh ga’m freagairt mu na chrò,
Na banachagan le’n eallachan feòir,
A’ falbh ga ’m bleoghann aig tràth-neòin.
Cha chluinn sinn ceileir binn nan ian,
A’ chiabhag-ghlas no’n trian-ri-trian,
An uiseag ghrìnn air barr a sgiath,
Dol as ar fianuis suas ’s an nial.
Chan fhaic sinn feadag air an tóm,
Robaidh-ruadh no’n dreathan-dónn,
’S cha chluinn sinn seillean breac ri srann,
A’ giulan mil gu ’aite taimh.
Chan ioghnadh ged tha m’ inntinn tróm,
A’ cuimhneachadh gach cruinneig dhonn,
Bha falbh leam fhìn air feadh nam beann,
’S an clann an diugh air cabhsair lóm.
Ged tha sibh fad am measg nan Gall,
’S a liugha toibheum gheobh sibh ann,
Gum faithnichinn sibh am measg an clann,
Oir chan ’eil fiacail slàn na’n ceann.
Och-òin, och-òin ’s mo chridhe tróm,
’S mi nise tamh am measg nan Gall,
’S cho fad o’n dh’fhàg mi Tir nam Beann,
’S nach mór gum faithnichinn duine th’ann.
title | Am measg nan Gall |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |