GAISGICH LOCH-CARUINN,
A chothaich cho duineil as leith sìth agus sàmhchair na Sàbaid.
LUINNEAG:—
Fàilte dhuibh is slàinte leibh;
’S i ’n t-slàint a chuirinn as ur déigh,
Fàilte dhuibh is slàinte leibh.
Beannachd uam gu Stròm Loch-caruinn,
’S do gach caraid anns a’ chléir,
Nochd an eud air taobh na Sàbaid,
’S an àithue na h-aite fhéin.
Leugh sinn le aoibhneas ’s aiteas,
Sibhs’ a dhol dhachaidh gun bhéud,
’S nach d’fhagadh aon spuaic de mhi-chliu,
Air a linn a thig ’n ur déigh.
Chi gach neach dha’n aithne facail,
’S acarachd an lagh gu léir,
Gur a dream a rinn an ceartas,
Ghiùlaineas am masladh fhéin.
Ged a bha mo bhinn-sa tàireil,
’S tàmailteach greis de m’ ré,
Cha d’thug i ach truaghan Bàillidh,
’S cha b’aithne dha àite fhéin.
Ach bha e sgainnealach r’ a chluinntinn,
’S mi-chiatach ri chur an céill,
Gun robh Breitheamh anns an rioghachd,
Bheireadh binn oirbh cho géur.
’N uair gheobh mortairean is meàirlich,
Cead an tàlant fad an ré,
Ma theid neach a dhìon na Sàbaid,
Theid an Ceathramh Aithn’ fo sgéith.
Dream a chreach ’s a spuill an rioghachd,
’S a chuir miltean as am féum,[The City of Glasgow Bank Directors.]
Gheobhadh meairleach othaisg bhragsaidh,
Fhichead fhad ’s a fhuair iad fhéin.
’S e ’m beachd a bh’aig daoine dìleas,
Anns gach lìnn gu nise fhéin,
Gur e’n cùram riamh do’n t-Sàbaid,
Choisinn do na Gàidheil éuchd.
Ged a tha bhur Rioghachd peacach,
Air a meudachadh le féin,
Tha fhathast beo de na seann diùlnaich,
Chumas an cursa réidh.
Tha Mac-Cola us Mac-Aidhe,
’S Maighstir Ard, an diùlnach tréun,
Is Mac-Cuinn ara frìth Srath-Narann,
Chumadh e ’m balla leis fhéin.
Measg na cuid a rinn ur comhnadh,
Bha’n Gordanach, an curaidh treun,
Na sheanaileir air Gaidheil Ghlaschu,
’S na chul-taice dhaibh na’m féum.
Dhearbh an t-Olla Begg do’n t-saoghal,
A chaonnag air ceann a thréud,
Chuir e batail leibh gu dìleas,
’S dh’fhag e dhìleab as a dhéigh.
An t-Ollamh Ceanadach, an saighdeir,
’S tric chuir aoibhneas air a thréud,
Dheanadh air an t-Sabaid fialachd—
Sàbaid shiorruidh aige fhéin.
’S fhad o’n dh’innis Maighstir Lachlann,
Anns an eachdraidh aige fhéin,
Gun eisdeadh creagan Locha-carunn,
Ris an sgannal so na dhéigh.
Dh’innseadh so le Seumas Stiùbhart,
Bha’n Slumbo, ’s nach deanadh bréug,
Gun d’eisd e fhéin ris na facail,
Bho bheul Mhaighstir Lachlann fhéin.
Thubhairt e ’s na deoir na shùilean,
’S a chridhe brùchdadh le èud,
Gum fàsadh craobh anns a’ chùbaid,
Mar cho-dhùnadh air a sgèul.
Fada’n deaghaidh bas an diùlnaich,
Dh’fhas a’ chraobh gu h-ùrail réidh,
Tha i nise’n deaghaidh lùbadh,
’S a gluinean am beul a cléibh.
Soirbheachadh le fir Loch-carunn,
Sheas cho duineil anns an t-stréup,
’S aig a’ bhaile ’s o’n a bhaile,
Seasaibh daingean ri ur crèud.
Fàilte dhuibh is slàinte leibh;
’S i ’n t-slàint a chuirinn as ur déigh,
Fàilte dhuibh is slàinte leibh.
title | Gaisgich Loch-Caruinn |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |