DUILLEAG GU DOMHNULL STIUBHART, AM MARSANTA ANN AM PORT-RIGH.
Gheall Dòmhnull duais do’n Bhana-bhàrd na’n deanadh i òran. Chuir i an teachdaireachd a leanas an cois an òrain :— Tha mi gu mór ann ad chomain, a Dhòmhnuill, a charaid, air son na tairgse ghrìnn a chuir thu am ionnsaidh le searbhantan Sgairinis. Tha fios agam nach bu mhath leat m’ fhaicinn air dhroch còmhdach, a Dhòmhnuill, agus cha mhó a chì; oir ged tha mi cóig troidhean agus naoi oirlich a dh’airde, sia clachan déug agus dà phunnd a chudthrom agus a cheart cho tomadach ’s a bha Màiri mhór Nic-a- Chléirich ’n uair a bha i na làn chalaidh, tha fios agam nach biodh e mor ann do shùilean mo chòmhdach; ach an déigh sin ’s na dhéigh, tha fios aig gach aon d’an aithne Màiri nighean Iain Iain Bhàin gu ceart, nach do rinn i òran riamh air son criomag a chuireadh i na bèul no luideag a chuireadh i m’ a druim. Air an aobhar sin gheobh thu beagan de m’ ìnntinn anns na rannan a leanas.
AIR FONN:— “Och mar thà mi.”
Thoir mo bheannachd do luchd mo dhùthcha,
’S na h-uile taobh ’s a bheìl neach dhiubh còmhnuidh,
Is beannachd dùbailt do Dhomhnull Stiùbhart,
Oir gheall e gùn domh na’n deanainn òran.
Bho’n tha thu, Dhòmhnuill, na d’dhiùlnach suairce,
Chan ’eil mi’n gruaim riut ged rinn thu boid domh,
Ach ’s fhad o’n chuala tu le do chluasan,
Nach gabhainn duais air son dèanamh òran.
Ged a ghealladh tu fichead gùn domh,
’S a dhlighe dh’fhùirneis ga chur air dòigh dhomh,
Cha dèanainn òran do neach nach b’fhiach e,
Ged gheobhainn ciad air mo bheuladh còmhla.
Ach, a Dhòmhnuill, ma bheir thu’n gùn domh,
Chan ann air chùmhnaut gun dèan mi’n t-òran,
Oir tha e dùbailte na mo lùirich,
’S mo leth na Stiùbhart fo chliù Chlann-Dòmhnuill.
’S ged nach fhaicinns’ thu chaoidh le m’ shùilean,
No bonn dhe d’chùinneadh, no gùn, no còta,
Mar bha Flòraidh air taobh a’ Phrionnsa,
Gu bheil mo dhùrachdsa dhuit, a Dhòmhnuill.
’S e mo dhùrachd gun dean thu saibhreas,
Le riochd is loinn ’s gun an fhoill na chò-dhail,
Is onair dhùbailte na do dhùthaich
Gu’n teid an ùir air do shùil, a Dhòmhnuill.
’S an uair bhios òigridh a’ cur an t-snaim,
Ann an tùs a’ gheamhraidh, ’s a’ dol a phòsadh,
Ma bhios ùigh ac’ an cuid a chaomhnadh,
Gun toir iad sùrdag a dh’ionnsaidh Dhòmhnuill.
Tha h-uile nì anns an fhasan ùr aige,
’S taghadh cùnraidh de’n h-uile seòrsa,
’S ma ni sibh iarraidh gum faigh sibh diant’ e,
Bho ’r boineid sios gu bar-iall ur bròige.
Tha agad ceile tha bainndidh ciatach,
’S a chumas rian air taobh stigh do sheòmair,
Bho’n mhathair ghaolaich [Mrs. Murchison, Caledonian Hotel.] bu mhath gu daonnachd,
A dhearbh do’n t-saoghal nach robh i gòrach.
Nis, a Dhòmhnuill, tha agad oighreachd,
Tha air a roinn ann an iomadh dòigh dhuit,
D’aghaidh aoibheil, do chiall, ’s do chaoimhneas,
Is cliù na muinntir a dh’àraich og thu.
title | Duilleag gu Domhnull Stiubhart |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |