AN NIGHEAN DUBH, GHUANACH.
Oran a rinneadh do’n té a b’oige de theaghlach Viewfield, a tha nise pòsda aig an Urramach Mr. Reid, aon de Scotaich na Tulaich.
LUINNEAG:—
Ho-ró mo nighean dubh, ghuanach,
Hi-rì mo nighean dubh, ghuanach,
Mo nighean chruinn, dubh, ghuanach,
Gur h-uallach mo nighean dubh.
Tha móran diom a’ foighneachd,
“A Mhàiri, bheil thu cluinntinn,
Deadh iomradh air a’ bhaintighearn
Bu chaoimhneal’ a dh’fhag an slios?”
Tha cuid nach tuig an t-àite,
Ga ainmeachadh ’s a’ Ghàidhlig,
An ‘Raon-an-t-seallaidh’ àluinn,
A dh’àraicheadh òg a’ chruit.
Gur ann tha coltas m’ éiteig
Mar driùchd air madainn chéitein
Is dealradh bho no ghréin
A’ cur sgèimh oirr air bhar nan lus.
Gun d’rinn mo chridhe suaimhneas,
’N uair dh’ìnnseadh dhomh ’s an uaigneas,
Gun robh thu air do bhuannachd,
Aig uasal le tuaiream ’s cuid.
Meas bharr bàrr na craoibhe,
’S an Tulaich dh’fhàs fo meanglain,
Gum bi an cliu air chuimhne,
Cho cinnteach ri Walter Scott.
Ogha na deadh sheanamhar [Mrs. Scott of Tulloch, so famous for her charity.]
Tha fad’ is farsuinn ainmeil,
Nach leigeadh bochd air falbh
Gun an t-airgiod is làn an sgiort.
’N uair sheòl thu air na cuaintean,
Gun robh ar guidh’ an uaigneas,
Nach biodh tu air do thuairgneadh,
A luaidh, le tinneas na muir.
Tha beannachd do luchd-eòlais
An Eilean uain’ a’ Cheòtha,
’Nan cuallach ’na mo stòras,
Air dòigh na’m b’aithne dhomh’n cur.
Ach cuiridh mi fo bhann,
Air an càradh le mo laimh dhuit,
Na dh’ùraicheas do chuimhne,
Le aoibhneas, ’n uair chi thu’n cruth.
Badan fraoich ro bhòidheach,
De shuaicheantas Chlann-Dòmhnuill,
A bhuain mi ann am fròig
Taobh an lòin far am mire ’n sruth.
Agus neònain Samhraidh,
’Bhuain mi’n tùs a’ Gheamhraidh,
Fo chruachan Suidhe-Fhinn,
Far am campaich na laoich gun ghuin.[The Viewfield family.]
Bad de bhorran dealbhach,
A bhuain mi air Srath-Bharagail,
Far ’m biodh na diùlnaich chalma,
Ri sealgaireachd, ’s fada muigh.
Duilleag rainich uaine,
A bhuain mi ann am bruaich dhuit,
Far ’n tric a dh’éisd do chluasan
Le suaimhneas ri fuaim an t-sruth.
Agus duilleag àluinn,
A dh’ùraicheas do nàdur,
Is dòcha chuir do làmh
Anns a’ chàrn a tha shios fo’n taigh.
Agus gille-guirmein,
A bhuain mi air an tulachan,
Far ’n robh sibh ’na ar leanaban,
Cho meanmnach a’ ruag ’s a’ ruith.
Agus feòrnein àghmhor,
A dh’fhàs air uaigh do mhàthar,
Nach tréigeadh tu gu bràth
Gus an càireadh iad i ’san dust.
Agus clach ro dealbhach,
A fhuair mi as a’ Chuilidheann,
A nithear dhuit ’nam failbheagan
Dearbhta nach caill an cruth.
Tha ròsan [The grandchildren of the beloved “Dotair Bàn. ”] cùs ni ’s àille
Na chinnich riamh an gàradh
’Toirt aoibhneas dha ar càirdean
’S an àite’n ro’m bàrr ’s am bun.
Tha bhantrach ann an Triaslan,
’Cur bheannachd dhuit ’n an ciadan,
’S i ’n duil nach eil thu cianail,
’S nach liath thu am measg nan dubh.
Tha mi tric a’ cluinntinn
Gach bochd is nochd ga d’ fhoighneachd,
Is fadachd oirnn gu’n till thu
Le saoibhreas nach ruig thu ’bhun.
Beannachd leat an dràsta;
’S mur fhaic mi thu ’s an fhàsach
Gu’n coinnich sinn ’s an àite
Gu bràth nach ’eil gradh a’ sgur.
Ho-ró mo nighean dubh, ghuanach,
Hi-rì mo nighean dubh, ghuanach,
Mo nighean chruinn dubh, ghuanach
Gur h-uallach mo nighean dubh.
title | An Nighean dubh, ghuanach |
internal date | 1890.5 |
display date | 1872-91 |
publication date | 1891 |
level | |
reference template | Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig %p |
parent text | Dain agus Orain Ghaidhlig le Mairi Nic-A-Phearsoin |